Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1935 » January 1935 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

(Air a leantuin bho t.-d., 354.)

CEANN I.

ATH-GHINEAMHUIN.

“Air dhuibh bhi air bhur n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mhaireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.

  1. Chor, Tha mi fuidh amharus nach ‘eil mi air m’ ath-ghineamhuin, a chionn nach ‘eil fios agam air a’ cheart àm ‘san robh mi air m’ iompachadh; ‘s cha’n urrainn mi na ceuma fo leth a lorgachadh anns an robh e air a thoirt mu ‘n cuairt. Freagrath, Ged tha e ro-thaitneach, a bhi comasach air cunntas a thoirt air tòiseachadh, agus air teachd air aghaidh obair an Tighearn’ air ar n-anama, mar is urrainn cuid de naoimh gu soilleir a thabhairt, (gidheadh tha ‘n seal air am bheil an Spiorad ag oibreachadh, fathast ‘na dhiomhaireachd,) cha’n ‘eil so gidheadh feumail gu bhi dearhadh fior-ghràs. Is sona dha-san is urrainn a radh, anns a’ chor so, mar a thubhairt an duine dall anns an t-soisgeul, air aon ni tha fios agam, air dhomh a bhi dall gu bheil mi nis a’ faicinn. Cosmhuil ris, ‘nuair a chi sinn lasraichean, tha fios againn gu bheil teine; ged nach ‘eil fios againn cionnus no e’ uin’ a tòisich e: Mar sin feudar firinn a’ ghràis fhaicinn annainn; ged nach ‘eil fios againn cionnus no e’ uin’ a bha e air a dhortadh ‘nar cridheachaibh. Ma’s urrainn dhuit an t-atharrachadh gràsmhor, a ta air oibreachadh air t’anam a breithneachadh; mu dh’ aithnicheas, tu gu bheil
    t’inntinn air a soillseachadh, do thoil air a h-aomadh gu aontachadh ri toil Dhé anns na h-uile nithibh, gu h-áraid ann an gabhail ri slighe na sláinte trid Fir-shaoraidh air a cheusadh: is ann an diomhain a ta thu eur trioblaid ort féin, agus a’ diultadh, comhfhurtachd a ghabhail, a chionn nach ‘eil fhios agad, cionnus no ciod an rathad ‘san robh e air a thoirt mu ‘n cuairt.

  2. Cor. Nam bithinnse a’ m’ chreutair nuadh, cha b’ urrainn peacadh buadhachadh a’ m’ aghaidh mar tha e deanamh. Freag. Ged nach fheud sinn cluasag a chur fuidh chealgairean, gu ‘n ceann a shoerachadh oirre, eadhon iadsan a ta gabhail saorsa dhoibh féin ‘dol air an aghaidh ‘nam peacaidhean, agus a ta deanamh gràs Dhé freagarach d’ an ana-mianna, a’ luidhe sios gu toilichte ann an cuibhreach na h-aingidheachd, cosmhuil ri daoine aig am bheil tlaechd ann an cuibhrichean òir; gidheadh is éiginn aideachadh, “gu ‘n tuit am fírean seachd uairean ‘san là, agus feudaidh euceart buadhachadh an aghaidh clann Dhé.” Ach, ma tha thu ag osnaich fuidh throm-uallach cuirp a’ bhàis, truaillidheachd do naduir, a’ gabhail gràin diot féin air son peacaidh do chridhe agus do bheatha, a’ deanamh strì chum t’ana-mianna a mharbhadh, a’ teicheadh gach là gu fuil Chriosd air son maitheanais, agus ag amhare r’a Siorad chum naomh-achaidh, ged is éiginn duit a radh leis an t-Salmadair, thug eucearta buaidh orm; gidheadh feudaidh tu radh leis-san mar an ceudna, “m’usaontais glanaidh tusa uam,” Salm lxx. 3. Cha’n ‘eil an nuadh chreutair fathast a’ sealbhachadh an tighe ‘na aonar, tha e chomhnuidh ann an droch coimhearasnachd, eadhon, fuigheall na truillidheachd, fuigheall an naduir thruailidh: tha iad sin a’ strì ri chéile chum na buadha, “Tha ‘n fheoil a’ miannachadh an aghaidh an Spioraid, agus an Spiorad an aghaidh na feola,” Gal. v. 17. Agus tha air uairibh truaillidheachd a’ buadhachadh, a’ tabhairt leanabh Dhé ann am braighdeanas do lagh a’ pheacaidh, Rom. vii. 23. Na tugadh uime sin an truaillidheachd, a ta buadhachadh an taobh a stigh dhiot, ort a cho-dhunadh anns a’ chor so nach aon de chlann Dhé thu; ach bi air t-rioslachadh leis, gu bhi ni’s mó air
    t’ fhaicill, agus gu tart ni’s durachdaiche bhi ort an-déigh fola Iosa Criosda agus Spioraid: Agus dearbhaidh a’ cheart ghnè sin gu bheil bith gràis annad a ta ‘g iarraidh am peacadh a ta buadhachadh cho tric a’ t’aghaidh, a bhi air a sgrios.

  3. Cor. Tha mi mothachadh gluasadan a’ pheacaidh ann am ehridhe ni ‘s déine, o na thòisich an Tighearn air oibreachadh air m’ anam, na bha iad roimhe sin. An urrainn so a bhi co-sheasmhach ri atharrachadh air mo nadur? Freag. Is uamhasach cor mhóran, eadhon iad sin ris an do bhuin Dia gu comharrachte r’ an anama, a chum an ath-leasachaidh, a thilg dhiubh gach uile cheangal, agus a dh’ fhàs neo-gheamnuidh agus truaillidh, mar gu ‘m pilleadh an diabhl gu ‘n eridheachan, le seachd spiorada ni ‘s miosa na e féin. ‘S e na their mi ris a’ mhuiintir sin, gu bheil an staid anabharr cunnartach: tha iad ann an cunnart peacachadh an aghaidh an Spioraid Naoimh; uime sin, gabhadh iad aithreachas mu’m bi e tuilleadh is anmoch. Ach, mur ‘eil a’ chùis mar so leibhse, ged tha truaillidheachd ‘ga gluasad féin ni’s laidire na rinn i riamh roimhe, mar, gu’m biodh uile armaitl ifrinn air éirigh a chumail greim teann, a thoirt air ais fogarraiche; a deir mi gu ‘m feud na gluasada sin a bhi co-sheasmhach ri atharrachadh do nàduir. ‘Nuair a ta bacadh gràis air tüs air a chur air truaillidheachd, cha’n iongantach ge do dh’ oibricheas an truaillidheachd sin ni’s beòthaile na rinn i riamh roimhe, a’ cogadh an aghaidh lagh na h-inntinn, Rom. vii. 23. Feudaidh gun amharus gluasadan a’ pheacaidh a bhi ni’s déine, ‘nuair a ta beatha nuadh air a tabhairt a steach gu thilgeadh a mach. Agus mar a ta a’ ghrian, ‘nuair a ta i eur a gathan tre ‘n uinneig, a’ nochdadh nan eaimen ‘san tigh, agus an gluasadan, nach robh air fhaicinn roimhe; mar sin feudaidh solus a’ ghràis gluasadan agus gnìomhara na truaillidheachd a nochdadh air sheol eile na chunnaic an duine riamh roimhe iad, ged nach ‘eil iad da rireadh ag éiridh no ag oibreachadh ni’s déine na rinn iad roimhe. Cha’n ‘eil am peacadh gu tur marbh anns an anam ath-nuadhaichte, cha’n ‘eil e ach a’ bàsachadh; agus a’ bàsachadh bas fadalaich,
    air dha bhi air a cheusadh; cha’n iongantach ged a bhios geur chomhraig ‘nuair a ta e tinn aig a chridhe, agus a ta ‘m bàs aig an dorus. Thuilleadh air so, feudaiddh buairidhean a bhi ni ‘s lionmhoire, agus ni ‘s laidire, am feadh ‘s a ta Satan ri strì sibhse thabhairt air bhur n-ais, a ta air dol as, no bha e ‘nuair a bha e ‘mhain a’ deanamh dichioll air ‘ur cumail; “An déidh dhuibh bhi air bhur soillseachadh, dh’ fhuiling sibh gleachda mór fulangais,” ars’ an t-Abstol chum nan Eabhruidheach, caib. x. 32. “Ach na tilgibh uaibh bhur muinghinn,” (r. 35). Cuimh-nichibh gu bheil a ghràs foghainteach air bhur son: Agus bruthaidh Dia na siothehainnt Satan fo ‘ur eosaibh gu h-aithgearr. Cha robh Pharaoh agus a chuid Eiphteach riamh co-uamhasach do na h-Israelich, as a bha iad aig an Fhairge Ruaidh, an deidh dhoibh a bhi air an tabhairt a mach as an Eipht; ach is ann an sin a bha ‘n luehd-torachd ni bu dlùithe do leir sgrios, Ecsod. xiv. Na tugadh an cor so, uime sin, oirbh a’ bluwait a thilgeadh; ach bithibh air bhur falmhachadh dhibh féin, agus bithidh laidir anns an Tighearn, agus ann an cumhachd a neart, agus thig sibh as le buaidh.

  4. Cor. Ach, ‘nuair a choimeasas mi mo gràdh do Dhia, ri m’ ghràdh do chuid de sholasan cruthaichte, tha mi mothachadh euisle m’ aignidhean a’ bualadh ni’s laidire chum a’ chreutair na chum a’ Chruithear. Cionnus air an aobhar sin, is urrainn mise m’ athair a ghairm dheth? Ni h-eadh, mo thruaighe! tha na tionndaidhean eridhe so an taobh a stigh dhiom, agus an teas aignidhean dha, a bh’ agam air uairibh air falbh; air chor, as gu bheil mi fuidh eagal, nach robh anns a’ ghràdh uile a bh’ agam riamh do ‘n Tighearna ach boilsge agus lasair a dh’ aignidhean, a leithid ‘s a tha gu trie aig cealgairean? Freag. Cha’n fheudar aicheadh nach ‘eil gràdh an t-saoghail so, ‘nuair a ta e riaghladh ‘san duine, ‘na chomhara cinnteach air staid neo-iompaichte, 1 Eoin ii. 15. “Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, cha’n ‘eil gràdh an Athar ann.” Gidheadh cha’n iad do ghnath na h-aignidhean a’s treise, a’s gluasadaiche. Feudaiddh aigne duine bhi ni ‘s mó air gluasad air cuid a dh’
    uairibh le cuspair, air nach ‘eil ach beag suim aige, no le cuspair, eile, d’ am bheil mór-ghrãdh aige; ceart mar a ni sruthan beag air uairibh tuilleadh fuaim na ni abhainn mhór. Tha neart ar n-aignidhean ri bhi air a thomhas le daingneachd agus le suidheachadh an fhreumh; chan ann le teas an gnìomhara. Saoilemaid gu bheil neach a’ coinneachadh a charaid, a bha fada as an rioghachd, tha e mothachadh a ghaoil ni’s déine d’ a charaid anns an àm sin, d’ a mhnaoi agus d’a chloinn féin; an’ abair e air an aobhar sin, gu bheil tuilleadh grãdh aige d’ a charaid no ta aige dhoibh-san? Gu cinnteach chan abbair. Eadhon mar sin, ged fheud an Criosduidh e féin fhaotainn air a ghlusad ‘na ghrãdh ni’s mó do ‘n chreutair no ‘na ghrãdh do Dhia; gidheadh chan fheudar air an aobhar sin a radh, gu bheil tuilleadh grãdh aige do ‘n chreutair, na ta aige do Dhia, do bhrigh gu bheil grãdh do Dhia do ghnath ni’s daingean ann an eridhe gràsmhor, na grãdh de shòlas ‘sam bith eruthaichte, mar a tha soilleir ‘nuair a ta strì ag éirigh air a leithid de dhoigh, is gur éiginn dealachadh ris an dara aon diubh. Am b’ àill leibh uime sin fios fhaotainn air bhuir staid, rachaibh a steach d’ ur eridheachan féin agus an sin cuiribh an dithis anns a’ mheidh, agus feuchaibh có dhiubh, a chothromaicheas sios an aon eile: Feòraich diot féin, mar ann an lathair Dhé, có dhiubh a dhealaicheadh tu ri Criosd air son a’ chreutair, no ris a’ chreutair air son Chriosda, nam bitheadh tu air t’fhàgail gu d’ roghainn anns a’ ghnothueh! Ma gheibh thu mach gu bheil do chridhe toileach dealachadh ris an ni as ionmhuinne leat anns an t-saoghal air son Chriosda, aig a ghairm, chan ‘eil aobhar agad a cho-dhunadh gu bheil thu grãdhachadh a’ chreutair ni’s mó na Dia; ach, air an laimh eile, gu bheil do ghrãdh do Dhia ni’s mó na do ‘n chreutair, ged nach ‘eil thu mothachadh glusad cho dian ann an gràdh do Dhia, as a ta ann an gràdh do ni-eiginn eruthaichte, Mat. x. 37. “Ge b’e ghrãdhaicheas athair no mathair ni ‘s mó na mise, chan airidh orm e.” Luc. xiv. 26. “Ma thig neach air bith do m’ ionnsuidhse, agus nach fuathaich e ‘athair, agus a mhathair,
    chan ‘eil e’n comas da bhi ‘na dheisciobul domhsa.” O na Seriobtuir sin air an coimeas ri chéile, feudaidh sinn fhaicinn gu bheil esan a dh’ fhuathaicheas (‘se sin, a ta ullamh gu dealachadh ri) athair agus mathair air son Chriosda, ann am meas ar Tighearn, ‘na neach a ta ‘g an gràdhachadh ni ‘s lugha na esan; agus nach neach e a ta gràdhachadh athar agus mathar ni ‘s mó na esan. Thuilleadh air so, tha sibh ri thoirt fainear, gu bheil gràdh dà fhillte do Chriosd. (1.) Tha gradh mothachail dha, a ta air a mhothachadh mar shaghead anns a’ chridhe, agus a’ deanamh tinneas gràidh naoimh ‘san anam, ag éirigh an dara cuid o easbhuidh sòlais, mar ann an cor na ceile, Dàn-Shol. v. 8. “Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheana Jerusalem, ma gheibh sibh fear mo ghraidh, gu ‘n innis sibh dha, mar a ta mi tinn le gràdh!” no air an làimh eile o’n lànaechd a ta ann, mar anns a’ chor sin, Dàn-Shol. ii. 5. “Cumaibh suas mi le cornaibh, sgapaibh ubhlan mu ‘m thimechioll, oir a ta mi tinn le gràdh.” Tha na teasan aignidhean so gu gnathaichte ann am muinntir a ta air an ùr iompachadh, a ta toirt orra “seinn ann an làithibh an òige,” Hos. ii. 15. Am feadh ‘sa tha faobhar teine air an iompachan òg, tha e ag amharc air muinntir eile, a ta air am meas ‘nan naoimh, agus nach ‘eil a’ faicinn annta a leithidh de ghné agus do bheòthalaichd ris féin, tha e ullamh air an coireachadh, agus tha e smuaineachadh gu bheil ni ‘s lugha de dhiadhachd anns ann an t-saoghail. no da rireadh a ta ann. Ach ‘nuair a ta chupan féin a’ teachd gu soerachadh fuidh bheul, agus a tha e faotainn sin ann féin, a thug air amharus a bhi aige mu muinntir eile, tha e ni ‘s mó air irioslachadh, agus tha e mothachadh an tuilleadh feum air teachd gach là gu fuil Chriosda air son maitheanais, agus gu Spiorad Chriosd air son naomhachaidh; agus mar so fàsaidh e sìos ann an irioslachd, ann am féin-ghràin agus ann am féin-aicheadh. (2.) Tha gràdh reusanta do Chriosd, a ta as eugnais nan gluasad inntinn sin a bha air am mothachadh anns a’ cheud chor, ‘ga dhearbhaidh féin le meas dleasdanach do ùghdarras agus àithne Dhé. ‘Nuair a ta aig neach a leithid de ghraidd do
    Chriosd, ged tha e dh’eaibhuidh nan gluasad dian do ghràdh, gidheadh tha e da rireadh faicilleach roimh’ oilbheum a thabbhàirt do Dhia gràsmhor; a’ deanamh dìchioll air imeachd ‘na lathair chum gach uile thoileachadh; agus tha doilgheas air aig a chridhe, air son an ni sin a ta mi-thaitneach dha, 1 Eoin v. 5. “Oir is e so gràdh Dhé, sinn a choimhead àitheanta.” A nis, ged nach ‘eil an gràdh mothachail sin a’ mairsinn do ghnath maillle ribh, gidheadh ehan ‘eil aobhar agaibh a mheas gur ceum cealgach e, am feadh a ta ‘n gràdh reusanta a mairsinn maillle ribh, ni ‘s mó na tha aig mnaoi fhlirinnich agus ionmhuinn, air teagamh a chur ‘na gràdh g’a fear-posda, ‘nuair a ta a teas-ghràdh air traoghadh.”

Rì leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice