Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1935 » February 1935 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

(Air a leantuinm bho t.-d., 393.)

CEANN I.

ATH-GHINEAMHUIN.

“Air dhuibh bhi air bhuir n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mhaireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.

5. Cor.

Tha ‘n àirde gus am bheil cealgairean agus muinntir a thuit air falbh o’n chreidimh a’ ruigheadh, ‘na uamhas domh, agus a’ teachd mar chrith-ghluasad doinionn orm, ‘nuair tha mi togar a cho-dhunadh a chomharan a’ ghràis a ta choslas orm a bhi faotainn annam féin, gu bheil mi ann an staid gràis. Freag. Bu choir do na nithe sin gu cinnteach ar brosnachadh gu ceasnachadh firinneach agus suidhichte dheanamh oirnn féin; ach cha bu chor dhoibh ar eumail ann an gnath-amharus mu thimechioll ar staid. A chuideachd, tha sibh a’ faicinn an taobh a mach de chealgairean, an dleasdanais, an gibhtean, agus an deòir; ach chan ‘eil sibh a faicinn an taobh a stigh; chan ‘eil sibh a’ faicinn an cridheachan, aomadh an spiorada. Air na tha sibh a’ faicinn annta, tha sibh a’ tabháirt breith na seire, a thaobh an staid; agus is maith a ta sibh a dheanamh, a bhi tabháirt breith sheirceil ‘na leithid sin de chor, do bhrigh nach urrainn dhuibh aithne bhi agaibh air a’ ghnè o’m bheil iadsan ag oibreachadh, ach tha sibh a’ labháirt, agus bu chòir dhuibh breithneachadh cinnteach bhi agaibh, a thaobh bhur staid féin; agus, air an aobhar sin, tha sibh ri amharc a steach anns an earrann sin de’n diadhachd, nach urrainn neach anns an t-saoghail ach sibh féin aithneachadh annaibh, agus is eòr beag is urrainn sibhse aithneachadh ann an dream éile. Feudaidh diadhachd a’ chealgair a bhi taisbeanadh móran ni’s mó na ta diadhachd an anama thréibhdhirich: ach an ni sin a ta mór ann am beachd dhaoine, is e gu tric is lugha fach an lathair Dhé. B’ fhearr leam aon de na h-osnaich sin a luaidh air am bheil an t-abstol a labháirt, Rom. viii. 26. na deòir Esau a shileadh, no spiorad faisneachd Bhalaaim a bhi agam, no aoibhneas luchd-eisdeachd an fhearainn chlochaich. An teine a dhearbhhas obair gach uile dhunne, dearbhaidh e, chan e a meud, ach ciod is gnè dhi, 1 Cor. iii. 13. A nis fheudaidh sibh fios a bhi agaibh ciod e meud na diadhachd a ta aig neach eile: agus ciod ged a bhiodh e ni ‘s mó ann an tomhas no ar diadhachd féin? Chan ann air sin a tha meas aig Dia. Ciod uime, air an aobhar sin, a ta sibh a’ deanamh na h-urrad obair mu thimchioll? Tha e neo-chomasach dhuibhse gu cinnteach, as eugmhais foillseachadh o Dhia, fios a bhi agaibh ciod a’ ghnè d’ am bheil diadhachd duine eile; ach feudaidh sibh gu cinnteach fios a bhi agaibh ciod a’ ghnè diadhachd a ta agaibh féin as eugmhais foillseachadh araid o neamh, no chan earalaicheadh a t-Abstol na naoimh, na h-uile cinnteach, 2 Pead. i. 10. Uime sin, cha bu chòir do’n àirde gus am bheil cealgairean agus iadsan a thuit o’n creidimh a teachd, mi-shuaimhneas a chur oirbh, ‘nur geur-fhiosrachadh mu’r staid féin: Ach innsidh mi dhuibh dà ni, anns an toir an naomh is lugha barrachd air na cealgairean is seolta a ta ann. (1.) Ann iad féin àicheadh, ann an cùl a chur ris na h-uile earbsa annta féin, agus ‘nan oibre féin: ann an aontachadh ri innleachd sláinte Dhé tre Iosa Críosd, a bhi lán-thoilichte leis, agus an anama a thilgeadh air, Mat. v. 3. “Is beannaichte iadsan a ta bochd ‘nan spiorad, oir is leo rioghachd neimh.” Agus Caib. xi. 6. “Is beannaichte an ti nach faigh oibheum annamsa.” Is sinne an timchioll-ghearradh, a ta deanamh aoraidh do Dhia ‘san Spiorad, agus a’ deanamh gairdeachais ann an Iosa Críosd, agus nach ‘eil a’ cur muinghinn ‘san fheoil,” Phil. iii. 3. (2.) ‘Ann am fior fhuath do na h-uile peacadh; air dhoibh a bhi toileach dealachadh ri gach anamiann, gun leth-phairt, agus ag aontachadh ris gach uile dhleasdanas a rinn, no ni an Tighearn aithnichte dhoibh, Salm exix. 6. “An sin cha ghabh mi nàire, an uair a bheir mi speis do t’ àitheanta gu leir.” Feuchaibh sibh féin leis na nithibh so.

6. Cor.

Tha mi ‘gam fhaicinn féin a’ teachd fada goird air na naoimh a ta air an ainmeachadh ‘s na scriobtuir, agus air cuid de dhaoine maith de m’ luehd-eolais; air ehor, as an uair a dh’ amhairceas mi orrasan, gur gann is urrainn mi amharc orm féin mar neach a ta de’n aon teaghlaich sin. Freag. Tha e gun amharus ‘na aobhar irioslachaidh, nach faigh sinn air ar n-aghaidh gus an tomhas gràis agus naomhachd, a ta sinn a’ faicinn air am fendar ruigheachd anns a’ bheatha so. Bu chòir dha so a thoirt oirnn an tuille dian-ruith a dheanamh a dh’ ionnsuidh a’ chomhara. Ach is cinnteach gur ann o’n diabhul a ta e, gu bheil Críosduidhean anmhunn a’ deanamh pian doibh féin air son na h-inbhe gus am bheil a’ mhuinntir laidir a’ ruigheachd. Agus, tha strìochdadh do’n bhuaireadh so, cho mi-reusanta, ‘sa bhiodh e do leanabh a dhàimh d’a athair a chur an amharus, a chionn nach ‘eil e air teachd gus a’ cheart mheudachd r’a bhràithrean a’s sine. Tha naoimh de mheudachd fa leth ann an teaghlaich Chriosd; cuid ‘nan aithriche, cuid ‘nan oganaich, agus cuid ‘nan cloinn bheag, 1 Eoin ii. 13, 14.

7. Cor.

Cha do leugh mi riamh ann am focal Dhé, is cha b’ aithne dhomh gu robh aon de chloinn Dhé air a bhuaireadh, agus air fhàgail da féin (le Dia) mar tha mise; agus air an aobhar sin do bhrigh nach robh staid aon de na naoimh cosmhuil ri m’ staidse, chan urrainn mi gun bhi meas, nach ‘eil mise d’ an àireamh. Freag. Tha’n t-amharus so ag éirigh an cuid de dhaoine, o’n aineolas air na Seriobtur, agus air Criosduidhean a fhuair fiosrachadh. Tha e feumail anns a’ chor so, a’ chùis a leigeadh ris do charaid Criosduidh, no do mhinisteir diadhaidh. Bha so ‘na mheadhon beannaichte gu sìth a thabhairt do chuid, ‘nuair a bha’n staid ‘nam beachd féin gun choimeas, agus rinn e soilleir dhoibh gu’m b’e so corcuid eile de na naoimh. Tha’n Seriobtur a’ toirt doibh eisimpleir air buairidhean gle uamhasach, leis an robh na naoimh air an saruchadh. Bha Iob air a bhuaireadh gu toibheum; b’ e so an ni mór a bha ‘n rùn an diabhuil, a thaobh cor an naoimh mhóir sin, Iob i. 11. “Mallaichidh e thu as an eudan,” Caib. ii. 9. “Mallaich Dia agus faigh bàs.” Bha Asaph air a buaireadh gu smuaineachadh gu ‘m bu diomhain a bhi diadhaidh, agus b’ ionnan sin agus gach uile choslas diadhachd a thilgeadh air falbh, Salm. lxxiii. 13. “Da rireadh gu diomhain ghlàn mi mo chridhe.” Seadh, bha Criosd féin air a bhuaireadh gu e féin a thilgeadh sios o bhinnein an teampuill, agus gu aoradh a dheanamh do ‘n diabhul, Mat. iv. 6, 9. Agus bha mórán de chloinn Dhé, cha’n e ‘mhain air an feuchainn, ach mar an ceudna gheill iad do bhuaireidhean mór, car uair. Dh’ àicheadh Peadair Criosd, agus mhionnaich agus mhalluich e nach b’ aithne dha e, Marc. xiv. 71. ‘N uair a bha ‘na Pol ‘na fhear geur-leannhuinn, cho-eignich e na naoimh gu toibheum a labhairt, Gniomh. xxvi. 10, 11. Is urrainn mórán de na naoimh o ‘m fiosrachadh brònach teisteadh a thabhairt air buairidhean uamhasach, a chuir buaireas air an spioraid, a thug air am feoil criothnachadh, agus a rinn an cuirp tinn! Ni saighdean teinnteach Shatain obair uamhasach; agus costaidh e mór-shaothair am bàthadh; eadhon le gnathachadh beòthail a dheanamh de sgiath a’ chreidimh, Eph. vi. 10. Bheir e air uairibh ionnsuidhean cho laidir, có nach robh neach rianh ni bu mhó air a chur thug, ann an ruith a null agus a null gun stad, a mhuchadh aithne teine, a ta gun sgrur air an tilgeadh d’a thigh le namhaid, air am bheil a rùn an tigh a losgadh mu thimchioll; no tha’n naomh bochd buairte, air a bhi cur an aghaidh saighdean an diabhuil. Ach na saighdean sin, na buairidhean uamhasach sin, ged tha iad ‘nan trioblaid eagalach, cha’n iad peacadh na muinntir a ta air am buaireadh, mur geill iad dhoibh le aontachadh rin. Bithidh iad air an cur as leth a’ bhuaireadair a mhain, mur aontaichear leo; agus cha mhò chuirear as leth na muinntir a ta air am buaireadh iad, na ni leanabh diolain, a bhi air fhàgail aig dorus an duine neo-chiontaich, cionta a shuidheachadh airsan. Ach, ged nach urrainn minsteir no Criosduidh diomhair gus an teid thu, innseadh dhuit mu aon neach a bha ann ad staidse, gidheadh cha bu chòir dhuit a bhi smuaineachadh gu bheil do chor-sa gun choimeas, no idir do dhochas a leigeadh dhiot: oir cha’n fheudar a smuaineachadh, gu bheil aig na h-uile minsteir diadhaidh no aig Criosduidh diomhair, fiosrachadh air na h-uile cor anns am feud leanabh Dhé a bhi. Agus cha ruig sinn a leas amharus a chur, nach robh trioblaidean aig cuid, a bha aithnichte ‘mhain do Dhia agus d’ an coguisean féin; agus mar sin, tha na trioblaidean sin do muinntir eile, mar nach bitheadh iad riamh ann. Seadh, agus ged a ta seolan iomehuidh anns an Seriobtur air son na h-uile cor anns an urrainn leanabh Dhé a bhi; agus ged tha iad sin air an deanamh soilleir le àireamh iomehuidh de eis-eimpleiri; gidheadh cha’n fheudar a smuaineachadh, gu bheil an Seriobtur a’ toirt eis-eimpleir air na h-uile cor fa leth d’ am bheil na naoimh buailteach. Air an aobhar sin, ged nach urrainn thu eis-eimpleir fhaotainn anns an Seriobtur air do chor; thoir, gidheadh do chor d’ an ionnsuidh, agus gheibh thu leigheas freagarach air a chur sios ann air do shon. Agus gu ma feàrr leat feum a dheanamh de Chriosd air son do chor, aig am bhail ioeshlaint air son gach eucail, no fios a bhi agad an robh neach riamh ann ad eorsa. Ge d’ b’ urrainn neach eis-eimpleir a thoirt dhuit air do chor, ann an aon dhearbhta de na naoimh, gidheadh cha b’ urrainn neach a ghealltuinn gu tugadh e gu cinnteach fois dhuit: oir gheibheadh coguis amharusach a mach eail-éiginn do eadar-dhealachadh. Agus mur dean ni ‘sam bith do thoileachadh, ach co-fhreagrath iomlain do chor neach eile, bithidh e doilich, mur bi e neo-chomas-ach do thoileachadh. Oir tha eoran muinntir, mar a tha’n aghaidhean nàdurra; ged tha aghaidhean nan uile dhaoine de’n aon deanamh, agus ged tha cuid cho ro-chosmhuil ri muinntir eile, air chor, as, air a’ cheud sealladh, gu bheil sinn ullamh gu’n gabhail air an son, gidheadh, ma ghabhas tu beachd ni’s dlùithe dhiubh, chi thu ni-éiginn anns na h-uile aghaidh, ‘ga h-eadar-dhealachadh o mhuinntir eile, ged nach urrainn dhuit a bhi comasach air innseadh eod e: Uime sin, co-dhunaidh mi, ma ‘s e ‘s gur urrainn dhuibh comharan da h-ath-ghineamhuin a ta air an nochdadh anns an fhoceal, fhaotainn annaibh féin, gu’m bu chòir dhuibh a cho-dhunadh gu bheil sibh ann an staid gràis, ged bhiodh bhur eor gun choimeas; ni a ta ann féin neo-choslaich.

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice