THA mi riarachte Criosd a ghabhail thugam mar m’ fhàidh, agus a bhi air mo theagasc leis ‘n am dhleasdanas, a chum gu’n géill mi dha; tha mi riarachte aithne fhaotainn ciod e mo pheacadh, a chum gu’n tionndaidh mi bhuaith; agus troimh ghràs a tha fhios agam ann an tombais ciod a th’ ann feum a dhèanamh do Chriosd anns a’ chùis seo; is e mo mhiann fòghlum uaithsan, mar an t-aon Mhaighstir, ciod e toil Dhé, agus dìomhaireachd a bhi tréigsinn mo ghliocais féin a tha mi meas mar laigse agus amaideas.
Tha fhios agam agus is dearbh leam gur e a th’ ann dhion creutair faillte; gu feum ceartas a bhi air a riarachadh; gu bheil Criosd comasach, gu bheil sàsachadh foghainteach ‘na bhàs agus ‘na uile chudthrom; ‘se so mo dhòchas agus m’ aon earbsa. ‘Se mo bharail mu thimchioll nan dleasdanasan as fheàrr a rinn mi, gu ‘n diteadh iad mi gu siorruidh, gu ‘m bâthadh iad mi anns an t-slochd as isle, agus gur éiginn daibh a bhi air an glanadh anns an fhuil luachmhor sin, oir cha ghabh Dia riu, air aon ‘sam bith, ach troimh eadarghuidhe-san.
Cha toil leam gnothaich a bhi agam ri Dia, dealaichte bho Chriosd, chan àill leam labhairt ris ach troimh Chriosd a mhàin. Tha mi faireachail nach ‘eil ni agam a mholas mi ann a làthair Dhé, no do Chriosd, a dh’ aobhairicheadh dha mo chùis a thagairt. Ged a dhiteadh mi gu siorruidh cha dèanadh E eucoir orm, ach tha còrd a’ ghràidh air a leagadh sios, eadhon an cumhnant ‘na fhuil. Is e so creideamh ge b’ oil leis na deamhnan, agus tha mo chridhe làn-thoilichte le innleachd ghlòrmhor slàinte dhaoine, troimh Chriosd, a’ toirt an urrainn gu lèir do shaor ghràs gun a bhi fàgail moladh ‘sam bith aig a’ chreutair.
Tha m’ anam riarichte gabhail ris mar mo Rìgh; agus ged nach urrainn mi bhi saor bho pheacadh, tha fhios aig Dia féin gu bheil E làn dith-beatha m’ ana-miannan a sgrios agus mo dhèanamh naomh. Chan aithne dhomh anamian nach ‘eil mi deonach a thréigsinn. ‘Se mo mhìann, mo thoil, gu h-iomlan ceangailte, a chàradh aig a chasan; agus ged a dhèanadh e strì a dheòin no a dh’aindeoin, tha mi creidinn ciod air bith a ni Dia rium gur e sin an ni as fheàrr.
Ged nach ‘eil àmhgharan annta féin ‘nan comharran air gràdh an Tighearna, gidheadh a thaobh gur e toradh nàdurrach àmhgharan agus buillean, a thig bho làimh an Tighearna, a bhi ruagadh a’ chiontaich bhuaith-se; ‘nuair a tha ni faicinn nach ann mar so a tha e do mo thaobh-sa, ach gu bheil mi air mo tharruing a dh’ ionnsuidh Dhé leo, ri pògadh na slaithe, agus ri gabhail ri peanas m’ aingidheachd, a ghràdhachadh Dhé na’s motha, a’ eur barrachd earbsa ann, a’ gabhail beachd uasal air a’ Shlighe agus a’ faighinn mo chridhe ri dlùthachadh na’s fhaigse dha, chan urrainn domh ach a bhi smuaineachadh gu bheil a leithid so de àmhghar ‘na comharr air gràdh.
Choinnich mi ri mórán thrioblaidean, agus tha na h-àmhgharan a thachair orm iongantach ‘na staid-san. ‘S trie a chunnaic nu e, agus a nise aon uair eile tha e air fhìreanaichadh ‘na mo chrannchur, (I Cor. iv. 9), “Oir rinneadh sinn ‘n ar ball-amhairc do ‘n t-saoghal, agus do ainglean, agus do dhaoine,” agus mar sin air adhart. A nise tha mi mar leanabh a chuireadh o chich a mhàthair anns a’ chùis. Dèanadh an Tighearna a ni a tha maith ‘n a shùilean.—Eadar-theangaichte le U. M.