SUIPIER an Tighearna agus neach air am bheil amharus mu thimchioll e féin a bhi ann an Criosd. Céist. An còir do neach air am bheil amharus mu thimchioll e féin a bhi ann an Criosd, no e bhi air ‘ullachadh gu h-iomchuidh, teachd a dh’ ionnsuidh Suipeir an Tighearna? Freagradh: Feudaidh neach air am bheil amharus mu thimchioll féin a bhi ann an Criosd, no e bhi air ullachadh gu h-iomchuidh fa chomhair Sàcramaid Suipeir an Tighearna, fior chòir a bhi aig’ air Criosd, ged nach ‘eil e fathast dearbhte mu dheibhlinn, agus ann am meas Dhé, tha so aige, ma tha a’ bhreithneachadh mu thimchioll féin e bhi dh’ easbhuidh Chriosda ‘ga ruigheachd gu h-iomchuidh; agus e gu neo-chealgach ag iarraidh bhi air ‘fhaotainn ann an Criosd, agus a’ pilleadh o aingidheachd, agus anns a’ chor so, (do bhrigh gu bheil geallaidhean air an òrduchadh, a chum furtachd, eadhon do Chriosduidhibh anfhann, agus amharus aca mu’n staid féin) is còir dha a neo-chreidimh féin a chàradh, agus saothair a chaitheadh a chum an ni a ta mar chéist air ‘fhuasgladh; agus air dha so a dhèanamh, feudaidh e, agus is còir dha teachd gu Suipeir an Tighearna, a chum gu’m biodh e ni ‘s mó air a neartachadh.—An Leabhar-Ceasnachaidh Farsuinn.
Buaidh air a’ bhàs. Is leis a’ Chrìosdaidh am bàs. Cha leis a’ bhàs esan, ach is leis-san am bàs. Tha Pòl ag ràdh, “Na h-uile nithe is leibhse, ma’s beatha no bàs.” Ach is leis a’ bhàs na h-eucoraich; tha iad ‘nan creich dha, agus bithidh iad ‘nan creich dha gu siòrruidh. Tha e ‘na ni cudthromach do’n chreidmheach gu tric a dhol fo sgàil a’ bhàis agus a tighinn faisg le aodainn uamhasaich agus làmhan fuara, ach chan urrainn am bàs esan a chìùrradh oir thug Criosd an gath as dha. Tha am bàs gu tric dha mar bha slat Mhaois, a bha air a h-atharrachadh gu bhi ‘na nathair; chlìsg agus chriothnaich an duine roimpe; ach an uair a chuir e mach a làmh agus ghlac e air a h-earball i, thàinig i gu bhi ‘na slait bhuaidhaich ‘na làimh; mar sin tha’ m bàs air a thionndadh gu bhi ‘na mheadhon mór-mhaith do’n chreidmheach.—An t-Urramach Alastair Macadam, Nigg.
Teachd a’ Bheireithimh :—
‘M feadh tha gach ni an glacaibh ‘n éig,
‘S a’ chruitheachd gu léir dol bun-os-cionn,
Teannaidh am Breitheamh oirnne dlùth,
A chum gach cùis a chur gu ceann.
‘N sin gluaisidh e o àird nan speur,
Air cathair a Mhórachd féin a nuas,
Le greadhnachas nach facas riamh
‘S le ‘Dhiadhachd sgeudaichte mu’n cuairt.
Ta mìle tàirneanach ‘na làimh,
A chum a nàimhde sgrios am feirg,
Is fonn-chrith orr’ gu dol an greim,
Mar eoin air éill ri h-àm na seilg.
Ta aingle gun àireamh ann a chùirt,
Le’n sùlean suidhicht’ air an Rìgh,
Chum ruith le òrdugh-san gun dàil,
‘S a h-uile àit’ gu’n eur an gniomh.
—Dùghall Buchanan.