Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1935 » March 1935 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Filte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Filte

(Air a leantuin bho t.-d., 433.)

CEANN I.

ATH-GHINEAMHUIN.

“Air dhuibh bhi air bhur n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truaillidh, ach neo-thruaillidh, le focal an Dé bheo agus a mhairesas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.

An cor mu dheireadh, Tha na trioblaidean tha coinneachadh rium, iongantach, agus neo-ghnàthaichte: Tha e ‘na cheist orm ma bha leanabh le Dia riamh air fheuchainn le leithid de nìthibh ann an cùrsa fresdail is leis am bheil mise. Freag. Feudar mórán de na chaidh a ràdh anns a’ chor roimhe so, bhi air a thoirt a steach anns a’ chor so: Bha Iob naomh air fheuchainn leis a’ bhuaireadh so, Iob v. 1. “Cia de na naoimh b’ ris an tionndaidh thu?” Ach ghléidh e daingean a thréibhdhireas. Tha’n t-abstol a’ saoilsinn gu ‘m feud Criosduidhean a bhi air am buaireadh gu, “iongantas a bhi orra thaobh na deuchainn theinntich,” 1 Pead. iv. 12. Ach tha feum acasan air tuilleadh fiosrachaidh no bha aig Solamh, a ghabhas orra a ràdh, “Feuch, tha e so nuadh,” Eccles. i. 10. Agus a thaobh frithealaidh an fhreadail o’n taobh a mach, ciod ged thachradh dhuitse a reir obair an aingidh? Feudaidh tu gidheadh a bhi ceart; a reir mar a thug Solamh fainear, Eccles. viii. 14. Tha sinn air uairibh ag imeachd ann an slighibh, far nach urrainn dhuinn lorg coise duine no beathaich fhaicinn; gidheadh cha’n fheud sinn uath sin a shaoilsinn, nach robh a h-aon riamh romhainn an sin; mar sin, ged nach urrainn dhuitse lorg-coise na treud fhaicinn ann an slighe do thrioblaid-se; chan fheud thu nime sin, a cho-dhunadh, gur tusa a’ cheud neach a dh’ imich riamh air an t-slighe sin. Ach, ciod ged bu tu a’ cheud neach a dh’ imich innte? Dh’ fheumadh naomh éiginn a bhi air thoiseach, a dh’ òl gach cupan searbh, a dh’ òl cach. Ciod am barantas a ta agadsa no agamsa, crìoch a chur roimh Thi naomh Israeil ‘na rathad gnathaichte, ‘na fhrithealadh d’ ar taobhne? “San fhairge bha do shlighe, agus do cheumanna anns na h-uisgeachan mór; agus cha d’ aithnicheadh lorg do chos,” Salm lxxix. 19. Nan tugadh an Tighearna thusa gu nèamh air slighe dhìomhair àraid, agus gu ‘n leigeadh e stigh thu air dorus cùil (a’ labhairt mar sin) cha bhiodh aobhar gearain agad. Ionnsaich àit’ a cheadachadh do ard-uachdranachd Dhé; bi thusa aig do dhleasnas; agus na leig le amhghar ‘sam bith sgàil a chur air comharran a dh’ fheudas tu air dhòigh eile bhi agad air thu bhi ann an staid a’ ghràis; oir “cha’n aithne do dhuine ‘sam bith aon chuid gràdh, no fuath, leis na h-uile nithibh a ta fa ‘n comhair,” Eccles. ix. 1.

II. Feum.

Sibhse a ta ‘nur coigreich do ‘n nuadh bhreith so, biodh e dearbhta dhuibh am mór-fheum a ta air. Am bheil na h-uile a ta ann an staid nan gràs air am breith a ris? Ma tha, cha’n ‘eil cuid no chrannchur agaibhse ann, nach ‘eil air ‘ur breith a ris. Is éiginn domh innseadh dhuibh ann am briathraibh ar Tighearn agus Slanuighir, (agus O gu ‘n labhradh e iad ri ‘r cridheachan.) Is éiginn duibh a bhi air ‘ur breith a ris, Eòin iii. 7. Agus a chum dearbhadh a thoirt duibh, thugaibh fainear na nithibh a leanas.

Air tús, Feumaidh tu bhi air t-ath-ghineamhuin mu’m bi thu comasach air ni ‘sam bith a dheanamh, a ta da rìreadh maith agus taitneach do Dhia. Am feadh ‘s a ta sibh gun a bhi air ‘ur breith a ris, cha’n ‘eil ‘n ‘ur n-oibrichean as feàrr ach peacaidhean fo dhath sgiamhach: Oir ged fheud iad a bhi maith annta féin, tha iad gu tur air am milleadh ‘nan dèanamh. Thugaibh fainear. (1.) As eugmhais ath-ghineamhuin nach ‘eil creidimh; agus “as eugmhais creidimh nach ‘eil e comasach Dia a thoileachadh,” Eabh. xi. 6. Is e creideamh gniomh beò an anama ta air a nuadh-bhreith. Air do ‘n t-Soisgeulaiche, bhi nochdadh na h-aoidheachdan fa leth a fhuair ar Tighearn Iosa o mhuinntir fa leth, cuid a’ gabhail ris, cuid ‘ga dhiùltadh, tha e comharrachadh a mach gràs na h-ath-ghineamhuin, mar fhìor aobhar an eadar-dhealachaidh sin, as eugmhais nach gabhadh aon neach gu bràth ris. Tha e ag innseadh dhuinn, gu’m b’ iad a mheud ‘sa ghabh ris, iadsan a bh’ air “an gineamhuinn o Dhia,” Eòin i. 12. Feudaidh daoine neo-iompaichte danadas a bhi aca; ach creideamh fior cha’n urrainn dhoibh a bhi aca. Tha creideamh ‘na lus nach fàs ann am machair nàduir. Mar nach urrainn a’ chraobh fàs a dh’ easbhaidh freumh, cha mhó is urrainn do dhuine creidsinn a dh’ easbhuidh an nàduir nuadh, d’ am bheil ceud-thoiseachadh a’ chreidimh ‘na earrann. (2.) As eugmhais ath-ghineamhuin, tha oibrichean duine ‘nan oibrichean marbh. Mar a tha ‘n fhreumh, mar sin is éiginn do’n toradh a bhi: Ma tha ‘n cliabh lobhta, bithidh an t-anail bhreun: agus esan, a ta air a chuid is feàrr marbh ann am peacadh; cha bhi ‘oibrichean air a chuid is feàrr, ach ‘nan oibrichean marbh: “Dhoibhsan a ta salach agus mi-chreideach, cha’n ‘eil aon ni glan air dhoibh bhi gràineil, agus eas-umhal, agus a thaobh deagh oibrichean as eugmhais tuigse,” Tit. i. 15, 16. Ge do b’ urrainn dhuinn a ràdh mu dhuine, gu bheil e ni’s neo-chiontaiche ‘na chaithe-beatha no neach sam bith eile san t-saoghail: gu bheil e clàoidh a chuirp le trasgadh, gu ‘n d’ rinn e ‘ghluinibh mar adhaircean, le gnàth-urnuigh: ach nach ‘eil e air a bhreith a ris: mhilleadh an aon uireasbhuidh sin a’ chùis uile. Mar gu ‘n abradh neach, is corp sin air a dheagh chumadh, ach tha ‘n t-anam air falbh; chan ‘eil ann ach meall marbh. Is brònach an ni so rì smuaineachadh; tha thu dèanamh mòran de nìthibh a ta annta féin maith, ach tha Dia ag ràdh, chan ‘eil éifeachd ‘sam bith ‘san nìthibh sin, cho fad ‘sa tha mi faicinn an seann nàdur a’ riaghladh anns an duine, Gal. vi. 15. “Oir ann an Iosa Criost chan ‘eil éifeachd air bith ann an timchioll-ghearradh, no ann an neo-thimchioll-ghearradh, ach ann an cruthacadh nuadh.”

Mur ‘eil thuaire do bhreith a ris, (1.) Tha t’ uile ath-leasachadh-‘na ghràineileachd ann an sealladh Dhé. Dhruid thu an dorus, ach tha ‘n gaduiche fathast ‘san tigh. Theagamh nach ‘eil thu mar bha thu aon uair, gidheadh chan ‘eil thu an ni as éiginn duit a bhi, ma chi thu nèamh gu brath: Oir, “Mur beirear duine a ris chan fheud e rioghachd Dhé fhaicinn,” Eòin iii. 3. (2.) Tha t’urnuighean ‘nan gràineileachd do ‘n Tighearna, Gnàth-Fhoc. xv. 8. Theagamh, gu bheil meas aig muinntir eile air do dhiadhachd! tha thu ag éigheach mar air son do bheatha; ach tha Dia a’ meas fosgladh do bheòil, mar a mheasadh neach fosgladh uaigh, làn de lobhadh, Rom. iii. 13. “Is uaigh fhosgailte an scornach.” Tha meas aig muinntir eile air t’urnuighean; a ta ‘nam beachdsan, mar gu ‘n reubadh iad na nèamhan: Ach tha Dia ‘gam meas mar dhonnallaich coin; “Cha do ghlaodh iad riumsa le ‘n cridhe, ged rinn iad donnallaich air an leabaichibh,” Hos. vii. 14. Tha muinntir eile ‘gad ghabhail mar ghleachdair agus mar fhear-tagraidh ri Dia; ach chan urrainn dhasan tlaichd a ghabhail aon chuid annad féin no ann ad ùrnuighean, Isa. lxvi. 3. “Tha esan a mharbhas damh, mar gu ‘m mortadh e duine, esan a dh’ iobras uan, mar gu ‘n cuireadh e ‘n ceann de mhadadh:—esan a loisgeas tùis, mar gu ‘m beannaicheadh e iodhol.” C’ arson, ach a chionn gu bheil thu fathast ann an domblas na seirbhe, agus fuidh chuibhreach na h-eucorach? (3.) Tha gach ni a rinn thu air son Dhé agus air son aobhair anns an t-saoghal, ged a dh’ fheadas iad bhi air an leantuinn le duaisean aimsireil, gidheadh caillte, thaobh gabhail riu le Dia. Tha so soilleir o chor Iehu; a bha gun amharus air a dhuaiseachadh le rioghachd, air son e chur an gniomh dioghaltas dligheach air teaghlach Ahaib; air dhi sin a bhi ‘na h-obair mhaith innte féin, a chionn gu robh i air a h-àithne le Dia, mar a chì sibh, 2 Rìgh. x. 13. Bha e gidheadh air a smachdachadh air a son ‘na shliochd, do bhrigh nach d’ rinn e i air dhòigh cheart, Hos. i. 4. “Diolaidh mise fuil Iesreel air tigh Iehu.” Tha Dia ag amharc gu h-àraidh ris a’ chridhe; agus ma tha chùis mar sin, gu cinnteach ged bhiodh do choslas o’n taobh a mach ni’s sgiamhaiche na móran eile, gidheadh tha duine folaichte do chridhe gràineil: Tha thu a’ taisbeanadh gu maith an làthair dhaoine, ach chan ‘eil thu mar a bha Maois sgiamhach do Dhia mar dh’fheudadh na briathran bhi air an tionndadh, Gniomh. vii. 20. O ciod an t-eadar-dhealaichadh a ta eadar Asa agus Amasiah! “Cha d’ atharraicheadh na h-àitean àrda, gidheadh bha cridhe Asa iomlan leis an Tighearna ré a laithean uile,” 1 Rìgh. xv. 14. “Rinn Amasiah an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearn, ach cha b’ ann le cridhe iomlan,” 2 Eachd. xxv. 2. Theagamh gu bheil thu ‘gan comhairleachadh chum an dleasnais, agus ‘gan cronachadh air son am peacaidh; agus tha fuath aca dhuit a chionn gu bheil thu dèanamh do dhleasdanais: Ach is éiginn domh innseadh dhuit, gu bheil fuath aig Dia dhuitse mar an ceudna, a chionn nach ‘eil thu ‘gan dèanamh air dòigh cheart; agus sin chan urrainn duit gu bràth a dhèanamh, fhad ‘s nach ‘eil thu air do bhreith a ris. ‘Sam àite mu dheireadh, Tha d’ uile strì an aghaidh peacaidh, ann ad chridhe agus caithe-beatha ‘m ghràineileachd. Shàruich am Phairiseach uaibbreach a chorp le trasgadh, agus bhuail Dia ‘anam aig an àm cheudna le binn dìtidh, Luc. xviii. Ghleachd Balaam ri inntinn shanntach gu inbhe cho àrd as, ged ghràdhaich e duais na h-eucorach, nach cosnadh e i le Israel a mhallachadh; ach bhàsaich e bàs an aingidh, Aireamh xxxi. 8. ‘S ann air do shon féin, a tha thu dèanamh gach ni, am feadh ‘s a tha thu ann ad staid neo-iompaichte: agus uime sin tachraidh dhuit, mar a thachras do iochdaran, neach air dha luchd na ceannaire a sgapadh, a chuireas an crùn air a cheann féin, uime sin caillidh e a dheagh sheirbhis uile, agus a cheann mar an ceudna.

Ri leantrinn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice