(Air a leantuinn bho t.-d., 472.)
CEANN I.
ATH-GHINEAMHUIN.
“Air dhuibh bhi air bhur n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shioll truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mhaireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.
Cunnuil. Ma’s ann mar so bhios a’ chuis, cha ruig sinn a leas aon dleasnas diadhaidh a dhèanamh idir. Freag. Chan ‘eil am beachd sin ceart: Chan urrainn do d’ neo-chomas-sa d’fhuasgladh o’n dleasnas a ta lagh Dhé a ceangal ort; agus tha ni’s lugha de chron ann thu dhèanamh do dleasnais, no a ta ann an dì-chuimhn a dhèanamh air. Ach tha eadar-dhealachadh eadar dleasnas a dhì-chuimhneachadh, agus a bhi ‘ga dhèanamh mar a ta thusa dèanamh. ‘Nuair bheir duine òrdugh do chlachairean tigh a thogail: ma ni iad tur dhì-chuimhn air an obair, cha ghabhar ri sin: ma thoisich iad air togail air an t-seann steidh ghroth, cha mhó a thoilcheas sin: ach is éiginn doibh an t-seann steidh a thoirt air falbh, agus togail air bunait dhaingean. Imich thusa agus dèan mar sin. Aig an àm cheudna, cha ni diomhain dhuitse, eadhon dhuitse, an Tighearn iarraidh: oir ged nach ‘eil spéis aige dhuit, feudaidh e gidheadh spéis a bhi aige d’a òrdugh féin agus maith a dhèanamh dhuit, mar a thubhradh roimhe.
‘S an dara àite, As eugmhais ath-ghineamhuin, chan ‘eil co-chomunn ri Dia. Tha cuideachd air an talamh aig am bheil an “eomunn ris an Athair, agus ri a Mhac Iosa Criosd,” 1 Eoin i. 3. Ach as a’ chuideachd sin tha na h-uile a ta neo-iompaichte air an dùnadh a mach; oir tha iad uile ‘nan naimhdean do Dha, mar a chuala sibh gu farsuinn roimhe. “A nis am feud dithis imeachd le chéile mur bi iad réidh?” Amos iii. 3. Tha iad uile mi-naomha: agus “ciod an co-chomunn a ta aig solus ri dorchadas, no aig Criosd ri Belial?” 2 Cor. vi. 14, 15. Feudaidh dath agus coslas na naomhachd a bhi aca, ach tha iad ‘nan coigreich do fhlor-naomhachd; agus uime sin tha iad
gun Dia anns an t-saoghail! Cia brònach an staid so, a bhi dol mu ‘thimchioll dleansnais dhiadhaidh, ach gun cho-chomunn ri Dia annta! Cha bhiodh sibh toilichte le ‘ur biadh mur beathaicheadh e sibh; no le ‘ur n-eudaichean mur cumadh iad bláth sibh: Agus cionnus a dh’fheudas sibh sibh féin a thoil-eachadh le ‘ur dleansnais, fhad ‘s nach ‘eil iad eifeachdach gu eo-chomunn a thabhairt duibh ri Dia?
‘S an treas àite, Feumaidh tu bhi air t’ath-ghineamhuin mu ‘m bi thu comasach air nèamh a mhealtuinn. Cha téid neach do nèamh ach iadsan a ta air an dèanamh iomchuidh air a shon, Col. i. 12. Mar a bha e anns an teampull as àirde; “tha e air a thogail de chlachaibh air an cumadh mu ‘n toirear d’ a ionnsuidh iad,” eadhon de chlachaibh beò, 1 Pead. ii. 5. “air an oibreachadh air son an ni cheudna,” 2 Cor. v. 5. oir chan fheud iad a bhi air an suidheachadh anns an togail ghloirmhoir sin, ceart mar a thàinig iad á cloich-shlochd an nàduir thruailidh. Chan ‘eil seudan òir iomchuidh air son mhuc, agus is ro-lugha na sin a tha seudan glòire iomchuidh air son pheacach neo-iompaichte. Chan ‘eil bochdan ‘nan luideagaibh iomchuidh air son tighean righrean; no peacaich iomchuidh an dol a steach “do luchairt an Rìgh,” a dh’ easbhuidh an “trusgain de obair ghrèis,” Salm xlv. 14,15. Có an duine glic a bheireadh iasg as an usge gu bheathachadh air lòn; no ehuireadh a dhaimh a dh’ionalttradh ‘s an fhairge? ‘S eo neo-iomchuidh as sin a tha na daoine neo-iompaichte air son nèimh, no nèamh iomchuidh air an son-san. Cha bhiodh tlachd gu bràth ac’ innte.
Cha bhiodh na daoine neo-iompaichte réidh ri nèamh air son iomadh aobhar: Mar (1.) Gur dùthaich choigreach i. Is i nèamh tìr dhùthchais an duine iompaichte: tha Athair ann an nèamh; is i ‘n “Ierusalem a ta shuas” a mhathair, Gal. iv. 26. Tha e “air a bhreith o’n àirde,” Eoin iii. 3. Is i nèamh a dhachaidh, 2 Cor. v. 1. Tha e air an aobhar sin ‘ga mheas féin mar choigreach air an talamh so, agus tha ‘aghaidh r’a dhachaidh, Eabh. xi. 16. Tha deidh aca air duthaich as fheàrr, eadhon, dùthaich nèamhaidh.” Ach is e an duine neo-iompaichte “duine
na talmhainn,” Salm x. 18. “sgrìobhar ainm anns an talamh.”
Ier. xvii. 13. A nis, is dachaidh an dachaidh, ciod air bith cho
suarach ’s a blitheas i; uime sin “tha aire air nithibh talmhaidh,”
Philip. iii. 19. Tha milseachd àraidh ’nar fearann dûthechais;
agus is doilich daoine tharruing uaithe, agus còmhnuidh a
dhèanamh ann an dûthaich choigreach. Chan ’eil ni ’sam bith
anns am mó am bheil so a’ tachairt, na anns a’ chùis so; oir
bheireadh daoine neo-iompaichte thairis an còir de nèamh mur
faiceadh iad nach urrainn doibh na’s fheàrr a dhèanamh dheth.
(2.) Chan ’eil ni ’sam bith ’san àite sin d’ am bheil tlachd
aca, mar an ni as taitniche leis a’ chridhe fheòlmhor, Taisb. xxi.
27. “Cha téid air chor ’sam bith a steach innte ni air bith
a shalaicheas.” ’Nuair a nochd Mahomet nèamh mar ionad
toilinntinne feòlmhor, ghabhadh r’a chreidimh le mór-chiocras;
oir is i sin an nèamh a ta daoine gu nàdurra a’ roghnachadh.
Nam faigheadh an duine sanntach sporain òir an sin, agus nam
b’ urrainn an duine sòghar a thoilinntinne feòlmhor a ghealltainn
da féin an sin; dh’ fheudta an dèanamh réidh ri nèamh, agus
iomchuidh air a shon mar an ceudna: Ach do bhrigh nach ’eil
a’ chùis mar sin, ged dh’ fheudaig iad focail mhaith a ràdh mu
timchioll, gu cinnteach is beag a tha d’ an eridhe innte. (3.)
Tha na, h-uile oisinn de nèamh, air a lionadh leis an ni sin, d’
am bheil beag tlachd aca-san; agus is e sin naomhachd, fior-
naomhachd, naomhachd iomlan. Nam biodh neach aig am bheil
fior fhuath do mhuie-fheòil air a chuireadh gu féisd, far am
biodh na h-uile mias de’n t-seòrsa bhidh sin, ach air an deasachadh
air doighean fa leth; gheibheadh e coire do na h-uile mias air
a’ bhord, ged a chaidh na h-uile innleachd a ghnàthachadh gu’n
dèanamh blasda. Is fior, gu bheil aoibhneas naomh e: tha
toilinntinne ann an nèamh, ach is toilinntinne naomh iad: tha
ionadan seasaiddh ann an neamh, ach is ionadan naomh iad.
Dhèanadh an naomhachd a ta taisbeanadh anns na h-uile àite
agus anns na h-uile ni an sin, an t-iomlan a mhilleadh do ’n
mhuinntir neo-iompaichte. (4.) Ged a bhiodh iad air an giùlan
do ’n ionad sin, chan e mhàin gu’n atharraicheadh iad an àite,
a bhiodh ‘na bhriseadh eridhe mór dhoibh, ach dh’ atharraicheadh iad an euideachd mar an ceudna. Gu firinneach cha bhiodh tlachd aca do ‘n chuideachd a ta an sin, aig nach ‘eil tlachd ann an co-chomunn ri Dia an so; no aig nach ‘eil meas air comunn a luchd muinntir, gu h-àraidh ann am beatha na fior dhiadhachd. Tha móran dhaoine gun amharus, ‘gan ceangal féin ris na daoine diadhaidh air thalamh, a dh’ fhaotainn doibh féin deagh ainn, agus a chòmhdaichadh gràineileachd an eridhe; ach cha b’ urrainn doibh a’ cheaird sin a chleachdadh gu ceart ‘san àite sin. (5.) Cha bhiodh spéis aca do ‘n obair a ta ann an nèamh tha cho beag suim aca dhi a nis. Bhiodh obair nan naomh, an sin ‘na h-uallach do-ghiùlan doibh, do bhrìgh nach ‘eil i taitneach d’ an nàdur. A bhi a’ caitheamh an aimsir, ann am beachdachadh, ann an gabhail iongantais, agus ann am moladh an Ti sin a ta ‘na shuidhe air an rìgh-chathair agus an Uain, bhiodh sin ‘na obair neo-fhreagarach, agus uime sin neo-thaitneach do anam neo-nuadhaichte. ‘S an àite mu dheireadh, Gheibheadh iad an coire so do’n obair, gu bheil i a’ mairsinn gu siorruidh. Bhiodh so ‘na bhoinne marbhtaich innte dhoibh. Cionnus a dhèanadh iadsan a ta nis a’ meas là na Sàbaid ‘na h-uallach, eur suas le Sàbaid shiorruidh a chaithe anns na nèamhaibh?
‘S an àite mu dheireadh, Feumaidh tu a bhi air t’ath-ghineamh mu’n téid do leigeadh a steach do nèamh, Eoin iii. 3. Chan ‘eil nèamh ann as a h-eugmhais. Ged fheudadh daoine feòlmhor blas a bhi aca air na nithean sin uile, a ta dèanamh nèamh cho neo-fhreagarach dhoibh; gidheadh ean fhuillingeadh Dia dhoibh gu bràth teachd an sin. Air an aobhar sin is éiginn duibh a bhi air bhuir breith a ris, no ean fhaic sibh nèamh gu bràth; bithidh sibh air sgrìos gu siorruidh. Oir (1.) Tha litir dhruididh a muigh ‘nur n-aghaidh ann an cuirt nan nèamh, agus an aghaidh na h-uile a ta d’ ur gnè: “Mur beirear duine a ris, chan fheud e rìoghachd Dhé fhaicinn,” Eoin iii. 3. Ann an so tha bacadh air a chur roimhich nach urrainn daoine agus ainglean ag ghlusad. Agus a bhi ag altrum dòchais dol do nèamh an aghaidh na binn chumhaichdaich so, is e sin a bhi ag altrum dòchais gu ‘n toir Dia ‘fhocal air ais, agus gu ‘n cuir e
cùl ri fhirinn agus a cheartas gu sibhse a thèarnadh; ni gu mór is mó na dòchas a bhi agaibh gu gu’n treigear an talamh air bhur sonsa, agus gu’m bi a’ charraig air a gluasad as a h-àite. (2.) As eugmhais ath-ghineamhuin chan ‘eil naomhachd. Is e sin “an nuadh dhuine, a tha air a chruthachadh ann am fìor naomhachd,” Eph. iv. 24. Agus chan ‘eil nèamh as eugmhais naomhachd: “Oir, as eugmhais naomhachd chan fhaic neach air bith an Tighearn,” Eabh. xii. 14. Am bi geatan nan nèamhnaidean air am fosgladh, a leigeadh eon agus mhuc a steach? Cha bhi, tha ‘n còmhnuidh-san an taobh a muigh, Taisb. xxii. 15. Cha ghabh Dia a steach an leithide sin maillle ris gu co-chomunn naomh an so; agus an gabh e steach iad do’n ionad as ro-naomhe ‘na dhéidh so? An gabh e clann an diabhuil, agus an toir e dhoibh suidhe maillle ris air a chathair? No an toir e an neo-ghlan do’n bhaile, aig am bheil a shràidean de òr fior-ghlan? Na bithibh air bhur mealladh, chan ‘eil ann an gràs agus glòir ach dà thinne de’n aon slabhruidh, a cheangail Dia ri chéile, agus cha chuir duine ‘sam bith as a chéile iad. Chan ‘eil neach air a shuidheachadh ‘s a’ Phàras ta shuas, ach a mach á altrum a ghràis ‘san t-saoghal so. Ma bhios sibh mi-naomha am feadh a ta sibh ‘san t-saoghal so, bithidh sibh gu siorruidh truagh ‘san t-saoghal a ta ri teachd. (3.) Tha na daoine neo-iompaichte uile as eugmhais Chriosd, agus uime sin air dhoibh a bhi gun dòchas, fhad ‘s a tha iad anns an staid sin, Eph. ii. 12. An ulluich Chriosd àite-comhnuidh glòire air an son san a dhiult gabhail ris ‘nan eridheachan? Chan ulluich, nach an a ni e gàire ri ‘n leir-sgrios a ta nis a’ cur uile chomh-airlean an neo-bhrìgh? Gnath-fhocail i. 25, 26. ‘S an àite mu dheireadh, Tha coimheangal neo-atharruichte eadar staid neo-iompaichte agus damnad, ag òirigh a nàdur nan nithe an féin, agus o òrdugh nèimh, a ta suidhichte agus neo-chaochlaideach, mar bheannta ùmha, Eoin. iii. 3. Rom. viii. 6. “Oir an inntinn fheòlmhor, is bàs i.” Is i staid neo-iompaichte, ceud-toiseach ifrinn! Is i sgrios siorruidh i, ‘na ceud-flàis, a’ fàs gach là, ged nach ‘eil thu ‘ga bhreithneachadh; tha iomadh aghaidh mhaiseach anns a’ bheatha so air am bheil dath a’ bhàis.
Tha truaillidheachd nàdur a’ dèanamh daoine iomchuidh air a bhi ‘nan luchd eo-pairt de oighreachd na muinntir a ta air an damnadh, an iomall dorchadais! (1.) Tha’n eridhe eloiche an taobh a stigh dhiot, ‘na chudthrom a chuireas fuidhe thu: Mar a theid clach gu nàdurra le leathad, mar sin, tha’n eridhe cruaidh eloiche ag aomadh a sìos gus an t-slochd gun iochdair. Tha sibh air bhrur eruadhachadh an aghaidh achmhaisain: ged tha bhrur cunnart air innseadh dhuibh, gidheadh chan ‘eil sibh ‘ga fhaicinn, cha ebreid sibh e! Ach cuimhnichibh, air bhi do ‘n choguis a nis air a losgadh mar le iarrunn, gu bheil e ‘na roimh-chomhara truagh air losgadh siorruidh. (2.) Tha bhrur neothorachd fuidh mheadhonnan nan gràs, ‘gur deanamh iomchuidh air son tuagh breitheannais Dhé, Mat. iii. 10. “Ge b’ e crann nach toir a mach toradh maith, gearrar e, agus tilgear ‘san teine e.” Tha gheug a ta air erionadh ‘na connadh air son an teine, Eoin iv. 6. Criothnaichibh roimhe so, sibhse a ta dèanamh tàir air an t-soisgeul. Mur bi sibh leis an t-soisgeul air bhrur dèanamh iomchuidh air son nèimh, bithidh sibh “cosmhuil ris an talamh fhalamh, a tha toirt uath droighinn agus drisean; fagus do mhallachadh; d’ an deireadh a bhi air a losgadh. (3.) Tha na gluasadan ifrionmail inntinn, a ta ‘gan taisbeanadh féin ann am mi-naomhachd caithe-beatha, ag ullachadh a’ chiontaich air son dùthaich an uamhais! Bithidh aig caithe-beatha mi-naomh, crìoch through: “Cha sealbhaich iadsan a ni an leithide sin rioghachd Dhé mar oighreachd,” Gal. v. 21. Smuainichibh air so, sibhse muinntir gun ùrnuigh, sibhse luchd-fanoid air diadhachd, sibhse luchd-mallachaidh agus mionnachaidh, sibhse luchd na neo-ghloine, agus a dhaoine eucorach, aig nach ‘eil urrad de bheusan na modhalachd as a chumas sibh o bhreugan, o mhealltaireachd agus o ghadachd! Ciod an seòrsa craoibhe a shaoleas sibh i bhi air am bheil na measan sin a’ fàs? An craobh fireantachd i, a shuidhich an Tighearna? No nach craobh i, a ta fàsachadh na talmhainn, a spionas Dia a nìos gu connadh do theine fheirge?
Rì leantuin.