(Air a leantrunn bho t.-d., xxxix, 510).
CEANN I.
ATH-GHINEAMHUI.
“Air dhuibh bhi air bhur n-ath-ghineamhuin, cha’n ann o shiol truailidh, ach neo-thruailidh, le focal an Dé bheo agus a mhaireas gu siorruidh.” 1 PHEAD i. 23.
(4). Tha bhi marbh ann am peacadh, ‘gur dèanamh iomchuidh air a bhi air bhur filleadh suas ann an lasraichean pronnise, mar ann an eudach mairbh; agus gu bhi air bhur n-adhlacadh ann an slochd gun iochdar, mar ann an uaigh. Bu mhór an éigh a bha ‘san Eiphit, ‘nuair a bha cheud-ghin anns na h-uile teaghlach marbh; ach nach iomadh teaghlach, ‘sam bheil iad gu léir marbh? Ní h-eadh, tha móran a tha “dà uair marbh, air an spìonadh as am freumhaibh! Bha iad uair-eiginn d’am beatha air an dùsgadh le grabhan bàis agus na tha ‘na dhéidh, ach tha iad a nis cho fad air an slighe gu tìr an dorchadais, as gur gann a tha’n leus is lugha aca de sholus o nèamh. (5.) Tha dorchadas bhur n-intinn ‘na roimh-chomharra air dorchadas sìorruidh! O an t-aineolas uamhasach fuidh ‘m bheil cuid de dhaoinne ‘nan luidhe mar fuidh phlèighibh! am feadh a ta cuid eile a fhuair beagan de dhaerrsa solus-maidne ‘nan cinn, tur-fhalmh de solus spioradail ‘nam cridheachan! ‘Nam b’ aithne dhuibh bhur staid, ghlaodhadh sibh a mach. Och, dorchadas! dorchadas, dorchadas, a ta dèanamh rathaid air son dubhe an dorchadais gu sìorruidh! Tha’n còmhdach-aghaidh oirbh cheana mar mhuintir a ta fuidh bhinn bàis; ‘s cho fagus as sin a ta sibh do dorchadas sìorruidh! Is e Iosa Criosd a mhàin as urrainn stad a chur air a’ bhinn o bhi air a eur an gniomh, an neapaicean a spìonadh o aghaidh a’ chiontaich dhìthe, agus maithneas a chur ‘na làimh, Isa. xxv. 7. “Agus sgriosaidh e air a’ bheinn so an còmhdach a chòmhdach aghaidh nan uile shluagh.” Is e sin, còmhdach-aghaidh a ta còmhdachadh nan aingidh, mar ann an cor Haman, Ester vii. 8. “An uair a chaidh am focal á beul an rìgh, chòmhdach iad aghaidh Hamain.” ‘S an àite, mu dheireadh, Tha na slabhruidhean dorchadais leis am bheil sibh air bhur ceangal, ann am priosan ‘ur staid thruaillidh (Isa. lxi. 1.) ‘gur dèanamh iomchuidh gu bhi air bhur tilgeadh anns an àmhuinn theinntich dhian-loisgich! Och na daoine truagh! Tha ‘n coguisean air uairibh air an gluasad an taobh a stigh dhiubh, agus tòisichidh iad air smuaineachadh air an slighbh ath-leasachadh: Ach mo thruaighe: tha iad ann an slabhruidhean, chan urrainn iad a dhèanamh! Tha iad air an cuibhreachadh le ‘n cridhe; tha ‘n ana-miannan a’ ceangal cho dlù riu as nach urrainn dhoibh, seadh chan àill leo, an crathadh dhiubh. Mar so feudaidh sibh fhaicinn an dàimh a ta eadar staid neo-iompaichte, agus staid na muintir a ta air an damnad; staid truaighe gun leasachadh. Bithibh cinn-teach air an aobhar sin, gur éiginn duibh a bhi air bhur breith a ris. Cuiribh mór-mheas air an nuadh-bhreith, agus iarraibh gu durachdach ‘na dèidh.
Tha ‘m bonn-teagaisg ag innseadh dhiubh, gur e am focal an síol leis am bheil an nuadh-chreutair air a dheilbh: Uime sin, thugaibh an aire dhà, agus thugaibh aoidheachd dhà; oir is e bhur beatha e. Thugaibh sibh féin a suas do leughadh an Sgriobtuir. Sibhse nach urrainn a leughadh, thugaibh air muintir eile e leughadh dhiubh. Feithibh gu díchiollach air searmonachadh an fhocail, mar am meadhon araiddh a dh’ ðrduch-eadh le Dia chum iompachaidh: “Oir—bu toil le Dia, le amaideachd an t-searmonachaidh iadsan a shlànueachadh a ta creidsinn,” 1 Cor. i. 21. Uime sin, na cuiribh féin á rathad Chriosd; no cuiribh cùl ri meadhonnan nan gràs, air eagal gu’m faighhear sibh a’ tabhairt breith oirbh féin nach fù sibh a’ bheatha mhaireannach. Thugaibh aire ðhùrachdach do ‘n fhocail air a shearmonachadh. Eisidibh ris gach searmoin, mar gu ‘m biodh sibh ag éisdeachd air son siorruidheachd; agus thugaibh an aire, nach spion eunlaith an athair suas an síol so uaibh, mar a ta e air a shiol-chuireadh, Marc. iv. 15. Thoir thu féin gu tur dha, 1 Tim. iv. 15. Na gabh ris mar fhocal dhaoinne, ach mar is e gu fírinneach focal Dhé, 1 Tes. ii. 13. Agus éisid ris le co-chur, ag amharc air mar theachdaireachd air a chur o nèamh do d’ ionnsuidhse gu h’àraidh ged nach ann do d’ ionnsuidhse a mhàin. Taish. iii. 32. “An ti aig am bheil cluas, eisdeachd e ris an nì a deir an Spiorad ris na h-eaglaisibh.” Taisgibh suas e ’nur cridheachan, beachd smuainichibh air : agus na bithibh mar na beathaichean neo-ghlan nach cnamh an cìr : ach, le ùrmuigh dhùrachdach, guidhibh gu’n tuit driùchd nèimh air bhur cridhibh, a chum gu’m fàs an siol suas an sin.
Gu h-àraidh, (1.) Gabh ri teisteas focail Dhé, mu thimchioll truaighe na staid neo-iompaichte, peacadh na staid sin, agus am fior-fheum a ta air ath-ghineamhuin. (2.) Gabh ri teisteas an fhocail, mu thimchioll Dhé, cho naomh agus fior ’s a ta e. (3.) Rannsaich do shlighibh leis ; eadhon smuaintean do cridhe, briathran do bhile, agus cleachdamh do chaithe-beatha. Amhaire air t’ ais tre cuairtibh fa leth do chaithe-beatha, agus faic do phoacadh o àithntean an fhocail ; agus ionnsaich a bhagraidhean, ciod d’ am bheil thu buailteach, air son nam peacadhean sin. (4.) Gabh beachd de thruaillidheachd do nàduir, leis a’ chòmh-nadh cheudna, focal Dhé ; mar ann an gloinne, a thaisbeanas ar n-aghaidh mhi-mhaiseach air sheòl soilleir. Nam biodh na nithean sin air am freumhachadh gu domhain anns a’ cridhe, dh’ feudadh iad a bhi ’nan siol de ’n eagal agus de ’n bhròn sin, mu thimchioll staid t’anama, a ta feumail gu d’ullachadh agus gu d’ bhròsnachadh gu amharc an déidh Slanuighir. Suidhich do smuaintean airsan a ta air a thairgse dhuit ’san t-soisgeul, mar uile fhreagarach do d’ staid ; air dha le ’ùmhlachd gus a’ bhàs, làn-dìoladh a thabhairt do cheartas Dhé, agus firimteachd shiorruidh a thabhairt a steach. Feudaidh so a bhi ’na shìol arioslachaidh, iarrtuis, dòchais, agus ereidimh ; agus do chur air t’ aghaidh gu d’ làimh sheargta shìneadh a mach d’a ionnsuidh air ’àithne féin. Rachadh na nithean so domhain gu’r cridheachan, agus dèanaibh cleachda dùrachdach dhiubh. Cuimhnicibh, ciod air bith a ta sibh gur éiginn duibh a bhi air bhur breith a rìs ; no mur bi, b’ fheàrr dhuibh nach robh sibh riamh air bhur breith. Air an aobhar sin, ma chaitheas neach air bith dhibh bhur beatha, agus ma bhàsaicheas sibh ann an staid neo-iompaichte, bithidh sibh gun leisgeul, air dhuibh rabhadh soilleir fhaotainn air bhur cunnart.
AN T-AONADH DIOMEAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH.
Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN XV. 5.
Air dhomh labhairt air an atharrachadh a ta air a dhèanamh, le ath-ghineamhuiin, orrasan uile a shealbhaicheas a’ bheatha mhaireannach, o’n staid a thaobh nàduir mar staid truaillidheachd; théid mi nis air m’ aghaidh a labhairt mu ‘n atharrachadh a ta air a dhèanamh orra, ‘nan aonadh ris an Tighearn Iosa Criosd, o’n staid mar chiontaich an lèithair Dhé—staid truaighe. Tha aonadh nan naomh ri Criosd, ‘na nì a ta gu ro-shoillear agus ionlan air a theagasg, o thoiseach an dara rann deug de ‘n chaibideil so a tha ‘na earrann de shearmoin mu dheireadh ar Tighearn d’ a dheiseicobluibh. Lion do-bhròn a nis an cridheachan; bha iad ullamh air a ràdh, Och! ciod a thig oirnn, ‘n uair a bheirear ar Maighstir o’r ceann? Có theagaisgeas an sin sinn? Có dh’ fhuasglas ar n-amharusan? Cionnus a bhios sinn air ar neartachadh fuidh ar deuchainmean agus diobhail-misnich? Cionnus a bhios sinn comasach air a bhi beò, a dh’ easbhuiddh a’ cho-chomuinn bu ghnàth leinn a bhi againn ris? Air an aobhar sin tha ar Tighearn Iosa a’ teagasg dhoibh, ann an àm iomchuidh, mu dhìomhaireachd an aonaidh ris, ‘ga choimeas féin ris a’ chrann-fhionain, agus iadsan ris na geugan.
Ri leantuinm.