A N uair a bha’n Righ air a bhreth thàinig fios a chum nan daoine beaga agus nan daoine móra, chum nan daoine bochd agus nan daoine glíce. Thàinig fios a chum nan daoine glíce ‘bha anns an àird’an-eair; ghabh iad ris an sgeul, agus lean iad an reul. Bha iad ‘nan daoine tuigseach, agus reusanaich iad mar so eatorra féin: “C’ àite am bitheadh an Righ air a bhreth ach anns a’ bhaile mhór.” Dh’ fhàg iad an reul, agus chaidh iad do’n bhaile mhór, agus dh’iarr iad e gu dichiolaich. Ged dh’iarr cha d’ fhuair. Chosd e iomadh ceum aonarach dhoibh mu’n d’ fhuair iad an reul a ris. Ach ‘n uair a fhuair iad an Righ a réir seòlaidh na réil, e’ àit’ an d’fhuair iad e? Ann an eriosan-ceangail a’ gheallaidh, far am faigh thus’ e. anam, ma gheibh thu e gu bràth.—Mr. Lachlann Mac Choinnich.
‘S e an Ròs e o Shàron,
‘S am Flùr e o Iese
‘S e Gaisgeach Tréibh Iudah,
Cha chlaoidhear thar chàch
Thug mo gràdh-sa cho mór dha;
‘S ‘n uair bhios e as m’fhiannuis,
Bidh mi cianail ro-bhrònach.
Bidh mi dubhaich ‘ga iarraidh,
Os iosal an còmhnuidh
‘S ‘n uair chì mi na mhais’ e
Bidh mi laiste le sòlas;
‘S e m’ àilleagan broilleich,
‘S e mo bràthair as sine
Trie is minig ‘gam chòmhnadh.
‘S e fear-ghabbail mo leisgeil
‘S a sheasamh mo chòraich;
A phaigheas m’uil’ fhaichan,
‘S ni mo dhìon bho gach dòruinn;
Am fad ‘s a bhios mi air thusus
Bheir e ‘n cumantas lòn dhomh;
‘S an uair a philleas mi dhachaidh
Cha bhì aire aig a bhòrd-sa.—Bean Torra Dhamh.
Bidh euid mar Ephraim gu sàraicht
Mar dhaimh nach d’ ghnàthaich a chuing
Iad a’ gul fo gheur amhghair
Fo smachd ga’n cradh ‘s iad ri caoidh,
Ach innigh chiuin nan caomh àirnean
Do’n leir an chsnamhan bhi claoidht
Bheir e làn dearbhadh mu ghràdh dhoibh
‘S air iochd gu bràth dhoibh nach traogh.
Bidh euid dheth chusbairean gràidh-san
A dh’ith na ‘lathair aig feasd,
A bhuail galar thug bàs orr’
Fo bholadh graineil ro-bhreun :
An t-suil a ghuil os eionn Las ‘ruis
Dha féin a mhain iad gu léir,
Is e mhosglas suas le ùr-ghras iad
‘S b’e ‘n t-ioghnadh, àrd e’ m beachd cheud.
Bidh euid mar Iob bha ion ‘s iomlan
Coimhliont ‘s euimt’ ri lagh Dhé
A spùill an Satan dheth ‘n ionmhas
Ga ‘n eur fo urchaidibh geur;
Na’n sgeig do’n cairdean m’ an tiomehioll.
Ach glòir a ghràis rinn an iomchar
Blidh àrd ri iomradh na’m beul.—Iain Gobha.