(Air a leantuinn bho t.-d., 71.)
AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH.
Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—Eoin xv. 5.
Tha ceithir nithean ri bhi air an cuimbneachadh ann an so:
(1.) Gu bheil an cinne-daonna uile (ach an duine Criosd a mhàin) ‘nan geugan nàdurra de cheud Adhamh, Rom. v. 12. “Thàinig peacadh a steach do ‘n t-saoghal tre aon duine; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h-uile dhaoibh.” (2.) B’ e am bann a cheangail sin ris an stoc nàdurra, cumhnaanta nan gnìomh. Air do Adhamh a bhi mar ffreumh nàdurra dhuinn, bha e mar an ceudna air a dhèanamh ‘na ffreumh laghail, a’ gineamhuin a shlìochd uile, agus a’ seasamh air an son ann an cumhnaanta nan gnìomh. Oir, “trìd eas-ùmhlachd aon duine rinneadh móran, ‘nam peacachaibh,” Rom. v. 19. ‘Nis b’ fheudar gu ‘m biodh dàimh àraidh eadar an aon duine sin, agus am móran, mar bhonn air am biodh a pheacadh-san air a mheas doibh. Cha d’ éirich an dàimh so ‘mhàin o’n cheangal nadurra eadar esan agus sinne, mar athair d’ a chloinn; oir mar sin tha sinn ann an dàimh ri ‘r pàranta féin, aig nach ‘eil am peacadh Adhaimh. B’ fheudar dha uime sin éirigh o bhann laghail eadar Adhamh agus sinne; bann coimheangail, nach robh na ni ‘sam bith eile ach coimheangal nan oibre, anns an robh sinn air ar ceangal ris, mar gheugan ris an stoc. Uaithe so ged bha Iosa Criost ‘na Mhac do Adhamh, (Luc. iii. 23,38) cha robh e ‘na aon de na geugan sin: oir, do bhrigh nach d’ thàinig e o Adhamh air lorg beannachd a’ phòsaidh, a bha air a thabbhàirt roimh an tuiteam, (Gen. i. 28. “Siolaichibh agus fàsaibh lionmhor,”) ach air lorg a’ gheallaidh àraidh a rinneadh an déidh an tuiteam, (Gen. iii. 15. “Bruthaidh siol na mnà ceann na nathrach.”) Cha b’ urrainn Adhamh seasamh air a shon ann coimheangal a rinneadh roimh a thuiteam. (3.) Mar a ta e neo-chomasach do ghèig a bhi ann an dà stoc aig an aon àm: mar sin chan urrainn duine ‘sam bith, a bhi aig an aon àm araon anns a’ cheud agus anns an dara Adhamh. (4.) Uaithe so chithear gu soilleir, gu bheil na h-uile nach ‘eil air an suidheachadh ann an Iosa Criost, fathast ‘nan geugan de ‘n t-seann stoc; agus mar sin a’ co-pàirteachadh do nàdur an stuic sin. A nis, a thaobh a’ cheud Adhamh ar stoc nàdurra: thoir fainear.
Air tìs, Ciod a’ ghnè stuic a bha e’n toiseach. B’ fhionain e do shuidheachadh an Tighearna, fionain thaghta, fionain uasal, gu h-iomlan ‘na shiöl ceart. Bha comhairle na Trionaid, air suidheachadh na fionain so, Gen. i. 26. “Déanamaid duine ‘nar dealbh féin, a reir ar coslais féin.” Cha robh lobhadh aig eridhe na fionain so. Bha brigh agus sùgh gu leòir innte, gus na geugan uile altrum, a thoirt a mach meas do Dhia. Is e tha mi ciallachadh, gu’n robh Adhamh air a dhéanamh comasach air àitheanta Dhé a choimhead gu coimhlionta; ni a choisneadh beatha shiorruidh dha féin agus d’ a shlìochd uile: oir mar bhàsaich na h-uile tre eas-umhlachd Adhamh; bhiodh beatha aig na h-uile, tre ùmhlachd-san, nam b’ e ‘s gu ‘n seasadh e. Thoir fainear.
‘San dara àite, Ciod mar a tha ‘n stoc sin a nis: Och! tha e ro neo-chosmhuil ris mar bha e, ‘n uair bha e air a shuidheachadh le Ughdar agus Tobar gach uile mhaith. Rinn osag o ifrinn, agus teumadh le fiaclan nimheil na seann nathrach e, na stoc crìonaich, ‘na stoc marbh; seadh, ‘na stoc marbhhtach.
- Is stoc crìonaich, gràineil e. Uime sin thubhairt an Tighearna ri Adhamh, anns an là dhubhach sin, “C’ait, am bheil thu?” Gen. iii. 9. Ciod an staid ‘s am bheil thu nis? Cionnus a tha thu air caochladh orm gu géig crìonaich na fionain coimhich? No e’ àit’ an robh thu. C’ arson nach robh thu ‘san ionad-chòmhail riamsa? C’ arson a ta thu eò fada gun teachd? Ciod is ciall do’n caochladh eagalaich so, do’n fholach so dhiot féin uamsa? Mo thruaighe! tha ‘n stoc air crìonadh, air a mhilleadh gu tur, air fàs gu h-iomlan ole, agus a’ toirt a mach dearcam fiadhaich. Tha comhluadar ris an diabhul air a mheas os ceann co-chomunn ri Dia! Tha Sàtan a’ faotainn creideis, agus tha Dia, neach is e ‘n fhirinn féin, a’ faotainn ana-creideis! Tha esan a bha ‘na charaid do Dhia, a nis ann an ceannaire ‘na aghaidh! Thàinig dorchadas ann an àite soluis! Tha aineolas a’ buadhachadh anns an iuntinn far an robh eolas diadhaidh a’ dealradh! Tha’n toil a bha aon uair firinneach no riaghailteach, a nis air tìonndadh gu ceannaire an aghaidh a Tighearna! Agus tha ‘n duine gu h-iomlan ann am mi-riaghailt uamhasach!
Mu’n teid mi ni’s faide, stadam agus bheiream fainear: ann an so tha sgàthan araon airson naoimh agus peacaich. A pheacacha, seasaibh an so, agus smuainichibh ciod tha sibh; agus a naoimhe; iunnsaichibhse ciod a bha sibh aon uair. Tha sibhse, pheacacha, ‘n ur geugan de’n stoe chrionaich so: Feudaidh sibh gun amharus toradh a ghiùlan; ach a nis a chionn gu bheil bhrur fionain de fhiòinain Shodoim, s’ èiginn gu’m bi bhrur dearcam ‘nan dearcam domblais, Deut. xxxii. 32. Tha ‘n Sgriobtur a’ labhairt mu dha sheorsa toraidh, a ta fàs air na geugan a ta air an stoe nàdurra: agus tha e soilleir gu leòir, gu bheil iad de nàdur an stiuc chrionaich. (1.) “Dearcam fiadhain na h-aingidheachd,” (Isa. v. 2.) tha iad sin a’ fàs gu pailt, le cumhachd a ifrinn; faie Gal. v. 19, 20, 21. Aig an gentaibh tha gach seòrsa de na measan so, araon nuadh agus sean. Tha doinionnan a’ teachd o nèamh gu’n eur air an ais; ach tha iad do ginnàth a’ fàs. Tha iad air am bualadh le claidheamh an Spioraid, ni as è focal Dhé; tha choguis a’ toirt iomadh buille d’omhair dhoibh, gidheadh tha iad a’ soirbheachadh. (2.) “Toradh dhoibh féin,” Hos. x. 1. Ciod eile a ta ann an uile ghniomhara ùmhlachd an duine neo-iompaichte; ‘na ath-leasachadh, ‘na ghiùlan measarra, ‘na ùrnuiighean agus ‘an dheadh oibre? Tha iad uile air an dèanamh gu h-àraidh air a shon féin, chan ann a chum glòir Dhé. Tha na measan sin cosmhuil ri ùbhlain Shodoim, maiseach ri amharc orra, ach tuitidh iad ‘nan luathre, ‘nuair a tha jad air an laimbseachadh agus air am feuchainn. Tha sibh am barail nach e ‘mhàin gu bheil duilleach na h-aidmheil agaibh, ach gu bheil agaibh mar an ceudna toradh eaitheamh-beatha naomh; ach mur bi sibh air bhrur briseadh o’n t-seann stoe, agus air bhrur suidheachadh ann an Iosa Criosd; eha ghabh Dia ri ‘ur toradh, ‘s cha bhi meas aig air.
‘S èiginn dhomh cothrom a ghabhail ann an so air innseadh dhuibh, gu bheil cuig coireannan a gheibhear ann an nèamh do ‘ur measan a’s fèarr. (1.) An searbhalachd; “Tha bhrur bagaidean searbh,” Deut. xxxii. 32. Tha spiorad searbhais, leis am bheil cuid a’ teachd an làthair an Tighearna, ann an dleasnais dhiadh-aidh, beò ann am mì-run agus farmad; agus a ta cuid de luehd-aidmheil ag altrum an aghaidh muinntir eile, a chionn gu bheil iad a’ dol ni ‘s faidhe na iad féin ann an naomhachd beatha, no a chionn nach ‘eil iad d’ am barail no d’an slighe-san. Tha so, e’ àit’ air bith am bheil e a’ riaghlaadh, ‘na chomharran eagalaich air staid neo-iompaichte. Ach chan e so a tha’m bheachd, cho mór is an ni sin a ta cumanta do uile gheugan an t-seann stuic, eadhon taois-ghoirt na ceilge, (Luc. xii. 1.) a ta gortachadh agus a’ searbhalaichadh na h-uile dleasnais ta iad a’ coimhlonadh. Tha’n gliccas a ta làn de dheadh thoradh, gun cheilg, Seum. iii. 17. (2.) An droch bhlas. Tha’n oibre gràineil, oir tha iad féin truailidh, Salm. xiv. 1. Tha blas an t-seann stuic dhiubh uile, chan e blas an stuic nuaidh: Is e sochair àraidh nan naomh, “gu bheil iad do Dhia, ‘nan àile-cùbhraidh Chriosd,” 2 Cor. ii. 15. Air measan an duine neo-iompaichte chan ‘eil blas gaoil do Chriosd, no fuil Chriosd, no tuis eadar-ghuidhe; agus uime sin, cha ghabhar gu bràth riu ann an nèamh. (3.) An-abachd; tha’m fion-dhearch ‘na “fion-dheare an-abachd,” Iob. xv. 33. Chan ‘eil feartan orra o Ghrian na fireantachd, gu ‘n toirt gu iomlaineachd. Tha coslas meas orra, gun ni tuilleadh, tha iad a’ cleachdadh an dleasnais, ach tha iad as eugmhais gnè agus crìocha ceart. Chan ‘eil an oibre air an oibreachadh ann an Dia, Eoin. iii. 2. Tha ‘n ùrnuighean a’ sruthadh o’m biliibh, mu ‘m bheil an eridheachan air an lionadh le brigh bheò o Spiorad na h-ùrnuigh; tha’n deòir a’ sruthadh o’n sùilibh mu ‘m bheil an eridheachan air an taiseachadh; tha’n cosan a tionndadh gu ceumaibh nuadh, agus tha’n slighe air atharrachadh, ‘n nuair nach ‘eil fathast an nàdur air a chaochlaadh. (4.) An eutromas. Air dhoibh a bhi air an tomhas air a’ mhèidh, tha iad air am “faotainn easbhuidheach,” Dan. v. 27. Mar dhearbhadh air so, feudaidh sibh a thoirt fainear, nach ‘eil iad ag irosalachadh an anama, ach ga thogail suas ann an uabhar: tha measan maith na naomhachd a’ lùbadh sios nan geugan air am bheil iad a’ fàs, a toirt orra an talamh a choinneachadh, 1 Cor. xv. 10. “Shaothraich mi ni’s pailte na iad uile; gidheadh cha mhise, ach grùs Dhé a bha maile, rium.” Ach seasaidh measan seargte dèanadais daoine neo-iompaichte eutrom air geugan a ta ’g éirigh suas gu nèamh, Breith. xvii. 13. “A nis tha fios agam gu ’n dèan an Tighearna maith dhomh, a chionn gu bheil Lebhitheach agam ’na shagart.” Tha iad gun amharus ag amharc cho àrd, as nach urra Dia amharc orra: “C’ arson a thraisg sinn, deir iad, agus nach ’eil thus’ a’ faicinn?” Isa. lviii. 3. Mar is mó tha iad a’ dèanamh do dhleasnais, agus mar is fhearr a ta iad a’ taisbeanadh a bhi, ’s ann an sin is lugha tha iad air an irioslaechadh, ’s ann is mó tha iad air an séideadh suas. Tha ghnè so anns a’ pheacach an ceart aghaidh na gnè a ta r’a faotainn ann anam naomh. Do dhaoine, nach ’eil ann an Criosd, ’s nach ’eil fuidh iomgain a bhi air am faotainn ann, tha ’n dleasnais cosmhuil ri aodramain ghaoithe, leis am bheil iad an dùil gu ’n snàmh iad gu tìr fearainn Imànueil; agus is éiginn dhoibh sin briseadh, agus d’ a réir sin ’s éiginn dhoibhsan dol fuidh, a chionn nach ’eil iad a’ gabhail ri Criosd mar fhear-togalach an cinn, Salm. iii. 3. ’San àite mu dheireadh, Chan iad “am meas a’s taghte” iad Dàn-Shol. vii. 13. Tha Criosd ’na Righ d’ an fheudar iomadh gnè seirbhis a thabhairt. Far am bheil Dia a’ dèanamh a’ chridhe ’na lios dhà féin, suidh-ichidh se e mar a shuidhich Solamh a lios féin, le craobhan de gach gnè thoraidh, Ecles. ii. 5. Agus d’ a reir sin, bheir e nach toradh an Spioraid anns na h-uile mhaitheas, Eph. v. 9. Ach chan ’eil na h-aingidh mar sin; chan ’eil an ùmhlachd iomlan, tha do ghnàth ni-éigin air fhàgail a mach. Ann an aon fhocal, is e’n toradh, toradh droch craoibhe, ris nach gabhar gu bràth ann an nèamh.
Ri leàntuinn.