Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1935 » November 1935 » Nadur an Duine San Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine San Staid Cheithir Fillte

(Air a leantuin bho t.d., 271.)

AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH.

Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN xv. 5.

‘San àite mu dheireadh, Tha ‘n stoc marbhtach so a’ toirt a steach bàis do na geugaibh a th’ air. Ghabh Adhamh an cupan puinnsein agus dh’ òl e mach e! Thug so bàs air féin agus oirne. Thàinig sinn do ‘n t-saoghal marbh gu spioradail, leis a sin buailteach do bhàs siorruidh, agus da rireadh buailteach do bhàs aimsireil! Tha ‘m freumh so dhuinne cosmhuil ri abhainn Scìtia, mu’m bheil iad ag innseadh dhuinn, gu bheil i gach là a’ cur a mach aodramanan beaga, as am bheil a’ teachd gnè àraid de chuileagan a ta air an gineamhuin ‘sa a’ mhaduinn, sgiathan orra mu mheadhon là, agus marbh ‘s an oidhehe: coimeas a ta glè chosmhuil r’ ar staid bhàsmhor-ne.

Nis, a dhaoine, nach ‘eil e ro iomchuidh gu biodhamaid air ar briseadh o ar stoc nàdurra so? Ciod am feum a ta ‘nar duilleagan maiseach aidmheil, no ‘nar toradh de dhleasnais, ma tha sinn fathast ‘n ar geugan de ‘n stoc chrionaich marbh agus mharbhtaich so? Ach, mo thruaighe! am measg nan iomadh ceisd a ta dol mu’n cuairt ‘nar measg, is teare iad air am bheil na ceisdean so. Am bheil mi air mo bhriseadh o ‘n t-seann stoc no nach ‘eil? am bheil mi air mo shuidheachadh ann an Criosd! no nach ‘eil? Och ciod uime an caitheadh so uile? C’arson a tha na h-urrad de thoirm mu dhiadhachd am measg mhóran, nach urrainn cunntas a thabhairt an do shuidhich iad air deagh stéidh, air dhoibh a bhi ‘nam fior-choigreich do dhiadhachd-cridhe? Tha eagal orm, mur dèan Dia ann an tròcair, diadhachd móran ‘nar measg a chur bun os ceann ann an tràth, agus mur nochd e dhuinn nach ‘eil diadhachd idir againn; gu ‘m faighcar ar freumh ‘na bhreothadh, agus ar blàth a’ dol suas mar dhuslach, aig uair bàis! Uime ain amhairceamaid ri ar staid, chum nach bi sinn air ar faotainn ‘nar n-amadait ‘nar erich dheireannaich.

II. Gabhamaid a nis beachd air an stoc os ceann nàduir, gus am bheil na geugan, a ghearradh o ‘n stoc nàdurra air an suidheachadh.

Goirear do Iosa Criosd air uairibh am Meangan, Sech. iii. 8. Mar sin a ta e do thaobh nàduir ‘na dhuine; air dhà bhi ‘na ghéig, agus àrd-gheng tighe Dhaibhidh Goirear dheth air uairibh Freumh, Isa. xi. 1. Tha iad araon air an ainmeachadh, Taisb. xx. 16. “Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh.” Freumh Dhaibhidh mar Dhia, agus a ghineal mar dhuine. Tha ‘m bonn-teagaig ag innseadh dhuinn, gur e ‘n Fhionain e; ‘se sin ri ràdh, ‘S esan mar Eadar-mheadhonair, stoc na fionain, d’ am bheil creidmichich ‘nan geugan. Mar tha bhrigh a’ teachd o ‘n talamh do ‘n ffreumh agus do ‘n stoc, agus uatha sin air a sgaoleadh air feadh nan geugan, mar sin, le Criosd, mar Eadar-mheadhonair, tha beatha spioradail air a toirt o ‘n tobar, d’ an ionnsuidh-san a ta air an aonadh ris tre chreidimh, Eoin vi. 57. “Mar a ta ‘n t-Athair beò a chuir uath mise, agus a ta mise beò tre ‘n Athair; is amhuil sin esan a dh’ itheas mise, bithidh e mar an ceudna beò tromham-sa.” A nis tha Criosd ‘na Eadar-mheadhonair, cha’n ann a mhàin mar Dhia, mar a ta cuid a’ cumail a mach; no eadhon mar dhuine ‘mhàin mar tha na Pàpanaich gu coitchionn a’ cumail a mach; Ach tha e ‘na Eadar-mheadhonair mar Dhia-dhuine, Gniomh. xx. 28. “Eaglais Dhé a cheannaich e le ‘fhuil féin.” Eabh. ix. 28. “Criosd, a thug e féin suas tre ‘n Spiorad shiorruidh, gun lochd do Dhia.” Tha ‘n gniomharan fa leth aig nàduir Dhia agus nàdur an duine, gidheadh tha iad ag oibreachadh le chéile ann an so, a’ cur an gniomh dreuchd Eadar-mheadhonair. Tha so air a mhìneachadh le cosamhlachd claidheimh teintich, a ghearras agus a loisgeas aig an aon àm! A’ gearradh loisgidh e; agus a’ losgadh, gearraidh e: Gearraidh a’ chruaidh, agus loisgidh an teine. Air an aobhar sin is e Criosd, mar Dhia-dhuine, an stoc d’ am bheil creidmichich ‘nan geugan; agus tha iad air an aonadh ri Criosd iomlan; tha iad co-cheangailte ris ann an nàtur an duine, air dhoibh a bhi “n am buill d’ a chorp, d ‘a fheòil, agus d ‘a chnamhaibh-san,” Eph. v. 30. Agus tha iad co-cheangailte ris ann an nàdur a dhiadhachd; oir mar sin tha ‘n t-Abstol a’ labhairt mu ‘n aonadh so, Col. i. 27. “Criosd annaibhse muinighin na glòire!” Agus tridsan tha iad air an aonadh ris an Athair, agus ris an Spiorad Naomh, 1 Eoin iv. 15. “Ge b ‘e neach a dh’ aidicheas gur e Iosa Mac Dhé, tha Dia a chòmhnuidh annsan, agus esan ann an Dia.” Tha creidimh, bann a’ cheangail so, a’ gabhail ri Criosd iomlan, an Dia-duine; agus air an dòigh sin tha e ‘gar n-aonadh ris.

Faicibh ann an so, O chreidmheacha bhur n-àrd-shochair! Bha sibhse aon uair ‘nur geugan de ‘n stoc chrionaich, eadhon mar chàch; ach tha sibh tre ghràs, ‘nur geugan de ‘n fhìonain fhìor, Eoin xv. 1. Tha sibh air bhur gearradh a mach á seann stoc marbh agus marbhtach, agus air bhur suidheachadh anns an Adhamh dheireannach, a bhi air a dhèanamh “’na spiorad a bheòthaicheas,” 1 Cor. xv. 45. Tha bhur call tre ‘n cheud Adhamh air a dhèanamh suas le mór-bhuanachd, trid bhur n-aonadh ris an dara Adhamh. Cha robh Adhamh, ‘na staid a b’ fhèarr, ach ‘na lus ann an coimeas ri Criosd, Craobh na beatha: Cha robh ann ach seirbhiseach; is e Criosd am mac, an t-oighre, agus tighearn nan uile nithean; an Tighearn o nèamh. Cha’n fheudar àicheadh, nach robh gràs air a thaisbeanadh anns a’ cheud choimcheangal; ach tha gràs an dara coimcheangail a’ dol cho fada thairis air, ‘s a tha solus meadhon-là air briseadh na fàire.

III. Cò iad na geugan a ta air an tabhairt a mach as an stoc nàdurra, agus a ta air an suidheachadh anns an Fhìonain so?

Freag. Is iad sin na daoine taghte, ‘s cha’n neach eile. Is iadsan agus iadsan a mhàin, a ta air an suidheachadh ann an Criosd; agus a réir sin, cha’n ‘eil neach ach iadsan air an gearradh o ‘n stoc mharbhtach. ‘S ann air an sonsan a mhàin, a ta e ag eadar-ghuidhe, “chum gu ‘m bi iad ‘nan aon annsan, agus ‘na Athair,” Eoin xvii. 9, 23. Cha’n ‘eil creidimh, nì is e bann a’ cheangail so, air a thoirt do neach ‘sam bith eile: Is e creideamh dhaoine taghte Dhé e, Tit. i. 1. Chaidh an Tighearn seachad air mórán gheugan a dh’ fhàs air an stoc nàdurra, agus tha e gearradh dheth a mhain aon ann an so, agus aon ann an sud agus ‘gan suidheachadh anns an Fhìonain fhìor, a réir mar a rùnaich saor-ghràdh. Is tric a tha e soerachadh air a’ ghèig as neo-chosmhuile, a’ fàgail nam meanglan a’s àirde; a’ dol seachad air na cumhachdaich, agus air na h-uaislean, agus a’ gairm an amhuinn, agus nan amaideach, agus nan tarcuiseach, 1 Cor. i. 26, 27. Seadh, tha e gu tric, a’ fàgail nan geugan maiseach agus mìn, agus a’ gabhail nan geugan garbh agus enapach; Agus mar sin bha cuid dhibhse; ach a ta sibh air bhrur n-ionnlad, 1 Cor. vi. 11. Ma dh’fhiosraicheas sibh e’ arson a ta chùis mar sin? Cha’n ‘eil aobhar eile againn air a shon ach a chionn gu ‘n robh iad “air an taghadh annsan,” Eph. i. 4. “Air an roimh-òrduchadh chum uchd-mhacachd na cloinne tre Iosa Crìosd,” rann 5. Mar so tha iad air an cruinneachadh r’a chéile ann an Crìosd; ‘nuair a ta chuid eile air am fàgail a’ fàs air an stoc nàduir, gu bhi ‘na dhéidh sin air an ecangal suas ‘nan ceanglachanaibh air son an teine! Uime sin, có ‘sam bith a dh’ ionnsuidh an tig an soisgeul an dìomhain, bithidh buaidh bheannaichte aige air daoine taghte Dhé, Gniomh. xiii. 48. “Chreid a mheud ‘sa bha orduichte chum na beatha maireannaich.” Far am bheil mórán sluaigh aig an Tighearna, bithidh mór-bhuaidh aig an t-soisgeul luath no mall. Bithidh a mheud ‘s a ta ri bhi air an teàrnadh air an eur ri corp dìomhair Chrìosd.

(Air a leantuin).

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice