Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1935 » December 1935 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

(Air a leantrinn bho t.d., 271.)

AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH.

Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—Eoin xv. 5.

MAR THA NA GEUGAN AIR AN TABHAIRT A MACH AS AN STOC NADUIR,
AGUS AIR AN SUIDHEACHADH ANNS AN STOC SPIORADAIL.

IV. Tha mi ri nochdadh mar a ta na geugan air an gearradh o ‘n stoc nàduir, eadhon an ceud Adhamh, agus air an suidheachadh anns an Fhionain fhiar, an Tighearn Iosa Criosd. Buidheachas do ‘n Treabhaiche, ‘s cha’n ann do ‘n ghéig, gu bheil i air a gearradh o’n stoc nàduir, agus gu bheil i air a suidheachadh ann an stoc nuadh. Tha ‘m peacach, ‘na theachd o ‘n cheud stoc gun làmh ‘sam bith ‘s a’ ghniomh, ‘s cha mhó tha comas, no toil aige teachd o ‘n stoc sin dheth féin; ach dlùth-leanaidh e ris, gus an dèan cumhachd neo-chriochnach a thoirt air tuiteam dheth, Eoin v. 43. “Cha’n urrainn neach air bith teachd a m’ ionnsuidhse, mur tarruing an t-Athair a chuir uaithe mise, e.” Agus, caib. v. 40. “Cha tig sibh a m’ ionnsuidhse chum gu faigheadh sibh beatha.” ‘S iad na geugan suidhichte treabhaschas Dhé, 1 Cor. iii. 9. “Suidheachadh an Tighearna.” Isa. lxi. 3. ‘S iad na meadhanan gnàthaichte d’ am bheil e deanamh feum anns an obair so searmonachadh an fhocail, 1 Cor. iii. 9. “Is comh-luchd oibre do Dhia sinne.” Ach tha cifeachd na h-obair so gu h-iomlan uaithe-san, ciod air bith mar tha talann agus diadhachd a mhinisteir, rann 7. “Cha’n ann ‘san ti a shuidhicheas no ‘san ti a dh’ uisgicheas, a tha brìgh ‘sam bith; ach ann an Dia a ta toirt an fhàis.” Shearmonaich an t-abstol do na h-Iudhaich, gidheadh dh’ fhan a’ chuid mhór de ‘n t-sluagh sin ann an neo-chreidimh, Rom. ix. 16. “Có a chreid ar n-aithris-ne?” Seadh, a deir Criosd e féin, a labhair, mar nach do labhair duine riamh, a thaobh buaidh a shearmonachaidh féin, “Shaothraich mi gu diomhain, air son neo-ni chaith mi mo neart,” Isa. xlix. 4. Feudaidh na geugan bhi air an sgathadh le searmonachadh an fhocail; ach cha teid am buille gu bràth trompa, gus am bi e air a thoirt dhachaidh le làimh uile-chumhachdaich. Gidheadh, is e rathad gnàthaichte Dhé,” Le amaideachd an t-searmonachaidh iadsan a thearnadh a ta creidsinn, 1 Cor. i. 21.

Tha gearradh dheth na géige o ‘n stoc nàduir, air a dhèanamh le sgian-sgathaidh an lagha, ann an làimh Spioraid Dhé, Gal. ii. 19, “Oir a ta mise tre ‘n lagh, marbh do ‘n lagh.” Is ann le bann coimheangail nan oibre mar a thubhairt mi roimhe, a tha sinn air ar ceangal ri ‘r stoc nàduir; agus air an aobhar sin, mar tha bean a ta neo-thoileach a bhi air a eur air falbh, a’ tagar agus a’ greimeachadh ris a’ cheangal-posaidh: mar sin tha daoine dèanamh ri coimheangal nan oibre: tha iad a’ greimeachadh ris, cosmhuil ris an duine a ghreimich ris an luing le làmhaibh; agus an uair a bha aon làmh air a gearradh dheth, ghreimich e leis an làimh eile; agus an uair a bha iad araon air an gearradh dheth, ghreimich e le fhiacla! Chith-eair so, o bheachd soilleir de obair an Tighearn’ air daoine, ‘nan tabhairt a mach as an t-seann stoc; a nochdas mi a nis anns na nithibh fa leth a leanas.

Air tús, ‘N uair tha Spiorad an Tighearn’ a’ teachd a bhuntainn ri neach, chum a thabhairt gu Crìosd, tha e ‘ga fhaotainn ann an cor Laodicea, ann an codal suaimhneach na seasgaireachd, a’ bruadar mu nèamh, agus mu dheadh-ghean Dhé, ged tha iad làn de pheacadh an aghaidh aon naoimh Israeil. “Cha ‘n ‘eil fhios agad gu bheil thu doruinneach, agus truagh agus bochd, agus dall, agus lomnochd,” Taib. iii. 17. Agus air an aobhar sin tha e boilsgeadh a steach dearsaidhean soluis air an anam dhorchà: agus a’ nochdadh do ‘n duine gu bheil e ‘na dhuine caillte, mur tionndaidh e duilleag nuadh, agus mur gabh e gu slighe nuadh ‘na chaithe-beatha. Mar so, le Spiorad an Tighearn’ a bhi aig oibreachadh mar spiorad daorsa, tha cuirt chionta air a cur suas ann an uchd an duine; far am bheil e air a ghlacadh, air a dhiteadh, agus a bhinn air a toirt a mach, air son briseadh lagha Dhé, a’ faotainn “dearbh-shoilleireachd mu pheacadh agus mu bhreiteanas,” Eoin xvi. 8. Agus a nis cha’n urrainn dhà ni ‘s faide codal gu socair ‘na roimh-chaithe beatha. ‘S e so a’ cheud bhuaile tha gheug a’ faotainn, a chum a gearradh dheth.

‘S an dara àit’, Air a so tha ‘n duine a’ tràigsinn a shligh-ean mi-naomha ‘s an robh e siubhal; a bhreugan, a mhionnan, a bhriseadh-Sàbaid, a ghadachd, agus an leithide sin de chleachdana; ged tha iad taitneach dhà, mar shuil dheis, is fèarr leis dealachadh riu no ‘anam a sgrios. Tha ‘n long an cunnart dol fuidhe, agus uime sin, tilgidh e mhaoin a mach, a chum as nach cailear e féin. Agus a nis tòisichidh e air e féin a bheannachadh ‘na chridhe, agus air amharc le h-aoibhneas air a chomharan air son nèimh; am barail gu bheil e féin ‘na sheirbhiseach na ‘s fèarr do Dhia na mòran eile, Luc. xviii. 11. “A Dhé tha mi toirt buidheachdais duit nach ‘eil mi mar a ta daoin’ eile, ‘nan luchd foireigin, eucorach, adhaltrannach.” Ach tha e gu luath a’ faotainn buill’ eile le tuagh an lagha, a’ nochdadh dhà gur esan e mhàin a ta dèanamh na tha sgrìobhta ann an leabhar an lagha, a ‘s urrainn bhi air a thearnadh leis; gu bheil an sèorsa naomhachd a th’ aige tuilleadh is gann gu dhion o dhoininn feirge Dhé: Agus mar so, ged bha a pheacadh dèanadais a mhàin trom air roimhe; tha a pheacadh dearmaid a nis a’ teachd a stigh air a shnuainte, ann an co-chuideachd ri mallachdan agus dioghaltais an lagha: agus tha gach aon de na deich àitheanta a’ cur a mach tàirnean-each feirge ‘na aghaidh, air son dearmad a dhèanamh air dleasnais a bha air an agradh air.

‘S an treas àit’, A nis tha e tionndadh gu fìor-chaithe-beatha naomha. Chan e ‘mhàin nach ‘eil e mi-naomh, ach tha e coimh-lionadh dleasnais chrabhuidh; tha e ‘g urnuigh, ag iarraidh eolais air cinn a’ chreidimh, a’ coimhead là an Tighearna, agus cosmhuil ri Herod, tha e dèanamh móran de nithean, agus ag eisdeachd shearmoine gu toileach: ann an aon fhocal, tha co-fhreagarrachd mór ‘na ghiulan o ‘n taobh a mach, ri riaghailt dà chlár an lagha. Agus a nis tha caochladh cho mór air an duine, is nach urrainn a choimhearsonaich gun aire thoirt dhà. Uaithe so tha e gu h-aoibhneach air a ghabhail a steach le daoine diadhaidh d’ an comunn mar neach a ta ‘g urnuigh, agus is urrainn dhà co-labhairt riu mu nithean diadhaidh: seadh, agus mu fhaireachdainn anama, nithean air nach ‘eil euid còlach. Agus tha ‘n deadh bharailsan uime, a’ daingneachadh a dheadh bharail uime féin. Tha ‘n ceum so ‘s an diadhachd millteach de mhóran, nach teid gu bràth ceum ni ‘s faide: ach ann an so tha ‘n Tighearn a’ toirt buill’ eile do ‘n ghéig thaghta; Leumaidh a’ choguis an eudan an duine, air son euid de cheuma mearachdaich ‘na chaithe-beatha; dearmad air dleasnas àraid, no bhi ciontach de pheacadh àraid, a ta ‘na mhasladh air a chaithe-beatha: agus an sin tha claidheamh lasarach an lagha ‘ga nochdadh féin a ris os a cheann; agus tha’m mallachd a’ seirm ‘na chluasaibh, a chionn nach ‘eil e a buannachadh anns na h-uile nithibh a ta sgriobhta ann an leabhar an lagha, chum an dèanamh, Gal. iii. 10.

‘S a’ cheathramh àite, Air an aobhar so, is éiginn dà leigheas eile iarraidh air son a thinneis; tha e dol dh’ ionnsuidh Dhé, ag aidicheadh a’ pheacaidh, ag iarraidh maitheanais air a shon, a’ gealltainn faire dhèanamh ‘na aghaidh ‘s an àm ri teachd, agus mar sin tha e faotainn fois, agus tha e smuaineachadh gu ‘m feud e gu maith fois a ghabhail, do bhrigh gu bheil an Sgriobtur ag ràdh, “Ma dh’ aidicheas sinn ar peacanna, tha esan fírinneach, agus ceart chum ar peacanna a mhaitheadh dhuinn,” 1 Eoin i. 9. gun a bhi toirt fainear gu bheil e glacadh greim air sochair a bhuneas dhoibhsan a mhàin a ta air an suidheachadh ann an Criod, agus a ta fàidh a choimheangal nan gràs, agus nach urrainn dhoibhsan a ta ‘nan geugan a’ fàs air an t-seann stoc fathast a thagar: agus ann an so, air uairibh tha geallannan agus bòidean air an dèanamh an aghaidh ar leithide so agus sin de pheacaidh, agus a’ ceangal gu ‘n leithide so agus sin de dhleasnais àraidh. Mar so tha mórán a’ dol air an aghaidh fad an uile làithean, gun eòlas aca air diadhachd ‘s am bith eile ach a bhi coimh-lionadh dleasnais agus ag aideachadh, agus a’ guidhe air son maitheanais air son an ni ‘s am bheil iad a’ teachd goirid; a’ gealltainn sonas siorruidh dhoibh féin, ged tha iad ‘nan tur-choigrich do Chriosd; ann an so tha mórán de’n muinntir thaghta air an tilgeadh sios leònta, agus mórán de muinntir thilgte air am marbhadh; an uair nach ‘eil lota a h-aon diubh domhain gu leòir, gu ‘n gearradh o ‘n stoc nàdurra. Ach tha Spiorad an Tighearn’ a’ toirt fath-ast buille eile do’n ghéig a ta ri bhi air a gearradh dheth, a’ nochdadh dhà, nach ‘eil e fathast, ach naomh o’n taobh a mach, agus tha e foillseachadh dhà nan ana-mianna gràineil a ta chomhnuidh ‘na chridhe, do nach d’ thug e aire roimhe, Rom. vii. 9. “Air teachd de’n àithne, dh’ ath-bheòthaich am peacadh, agus fhuair mise bàs.” An sin tha e faicinn a chridhe ‘na òtraich de mhiannaibh ifrionnail, air a lionadh le sannt, uabhar, mì-run, salchaireachd, agus an leithide sin. A nis, cho luath as a tha dorsa seomraiche iomhaigheachd féin mar so air am fosgladh dha, agus a ta e faicinn ciod a ta iad a’ dèanamh ‘s an dorchà, tha diadhachd o’n taobh a mach, air a séideadh air falbh mar ni nach seas, agus tha e fòghlum nuadh bharail ‘s an diadhachd: eadhon, “Nach Iudhach esan a tha mar sin o’n leth muigh,” Rom. ii. 28.

‘S a’ chuigeamh àite, Uaith so tha e dol ni ‘s faide, eadhon gu diadhachd an taobh a stigh; a’ dol gu h-obair ni’s beòthail na rinn e riamh, a’ dèanamh bròin os ceann peacaidh a chridhe, agus a’ dèanamh strì ris na droch lùbhean a chumail fòdha, a ta e faotainn a’ fàs anns an lìos sin a bha air a dhi-chuimhneachadh. Tha e saoithreachadh gu ‘ardan agus a droch nàdùr a cheannsachadh, agus a smuainte neo-ghlan fhogradh air falbh; tha e ‘g urnuigh ni’s dùrachdaiche, ag eisdeachd gu furachair, agus a’ dèanamh spairn gu chridhe fhaotainn eudnhor anns na h-uile dleasnas diadhaidh a tha e coimh-lionadh; agus mar so tha e teachd gu smuaineachadh gu bheil e féin, cha’n e mhàin ‘na Chriosdaidh o’n taobh a mach, ach o’n taobh a stigh mar an ceudna. Na gabh iongantas dheth so, oir cha’n ‘eil ni ‘s am bith ann os ceann cumhachd nàduir no nithean air am feud neach ruigheachd a ta fuidh ghluasadan cumhachdach coimhecheangail nan oibre: air an aobhar sin tha buille ni’s doimhne fathast air a thabhairt; tha’n lagh a’ sparradh dhachaidh air coguis an duine, gu’n robh e ‘na chiontach o’n bhroinn; gu ‘n d’ thainig e do’n t-saoghal ‘na chreutair ciontach; agus gu ‘n robh e, ann an àm aineolais, agus eadhon o na chaidh a shuilean fhosgladh, ciontach de iomadh peacadh gniomh, a bha aon chuid gu leir gun a bhi air am faicinn leis, no gun bhròn gu leòir a dhèanamh air an son: (Oir tha lotan spioradail, nach ‘eil air an leigheas le fuil Chriosd, ach a tha air an leigheas gu faoin air sheol éiginn eile, gu h-ullamh air an cur as an riaghailt, agus cho ullamh a’ briseadh a mach a ris). Agus air an aobhar sin, tha’n lagh ‘ga ghlacadh air sgornan ag ràdh: “Ioc dhomh na bheil agam ort?”

‘S an t-seathamh àite, An sin their am peacach ‘na chridhe. “Déan foighidin rium, agus ioeadh mi dhuit an t-iomlan:” agus mar sin theid e air obair, a dhèanamh suas sìth ris an Dia d’ an d’ thug e oilbheum, agus gu réite dhèanamh air son a pheacanna; ath-nuadhaichidh e aithreachas a leithid ‘s a tha e; giulainidh e gu foighidneach na trioblaidean a chuirear air, seadh, buinidh, e gu cruaidh ris féin, aicheadhaidh e dhà féin comhfhurtachdan laghail, ni e osnaich throm dhomhain, ni e bròn searbh, glaodhaidh e le deòir air son maitheanais, gus an oibrich e chridhe gu barail gu ‘n d’ fhuair se e; air dhà mar so dioladh a dhèanamh air son na chaidh seachad, agus a’ cur roimhe a bhi ‘na sheirbhiseach maith do Dhia, agus gu cumail air aghaidh ann an ùmhlachd o ‘n taobh a mach agus o ‘n taobh a steach ‘s an àm ri teachd: ach is éiginn gu ‘n teid a bhuille fathast ni’s dluithe do ‘n chridhe, mu ‘n tuit a gheug dheth; nochdaidh an Tighearn dhà, ann an sgathan an lagha, mar a tha e peacachadh anns gach ni a ta e deanamh, eadhon an uair a tha e dèanamh mar is fèarr is urrainn dà; agus uime sin tha ‘n fhuaim uamhasach a’ pilleadh g’a chluasaibh, Gal. iii. 10. “Is malluichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a ta sgrìobhta ann an leabhar an lagha, chum an dèanamh—’N uair a thraisg agus a ghuil sibh, a deir an Tighearn, an do thraisg sibh idir air mo shonsa, eadhon air mo shonsa?” An dèan uisge salach eudach glan? An diol thu air son aon pheacadh le peacadh eile? Nach deachaidh bhur smuaintean air seacharan ‘na leithid so de dhleasnas? Nach robh bhur n-aigndhean fuar ann an dleasnas eile? Nach d’ thug bhur cridhe sealladh striopachail air a leithid so de iodhol? Agus nach d’ eirich e ann am braise de mhi-fhoighidin fuidh leithid so de thrioblaid? “An gabh mise sin a ‘r laimh? Malluichte gu robh am mealltair a dh’ iobras ni truailidh do ‘n Tighearn,” Mal. i. 13. Agus mar so tha e air teachd gu bhi cho fada air a ghearradh dheth, as gu bheil e faicinn nach ‘eil e comasach air agartasan an lagha choimhlionadh.

Ri leantainn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice