Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1936 » April 1936 » Eolas air fior Shlighe na Naomhachd

Eolas air fior Shlighe na Naomhachd

*Translated from The Gospel Mystery of Sanctification by Rev. Walter Marshall and printed under the authority of a Joint Committee of the Churches for the use of Highland soldiers and sailors during the Great War.—Editor.

A CHUM gu ‘n dèan sinn na dleasdanasan naomhachd agus fìreantachd a tha air iarridh oirnn anns an lagh, feumaidh sinn, anns a’ cheud àite eòlas fhaotainn air a’ mheadhon chumhachdach agus éifeachdach leis an urrainn sinn ruighinn air inbhe eò àrd. Is còir a chumail air chuimhne gur e ni spioradail a tha ‘s an naomhachd so (Rom. vii. 14). Tha e air fhaotainn, cha’n ann a mhàin ann an oibribh diadhachd agus caoinmhneis, ach ann an smuaintean, ann am mae-meamna, ann an aignidhean naomha, agus gu sònruichte ann an gràdh—an aon tobair as a bheil gach obair a tha taitneach do Dhia ag éirigh. Tha e air fhaotainn, cha’n ann a mhàin ann a bhi seachnadha ana-miann, ach ann a bhi gabhail tlaichd ann an lagh Dhé, agus ann an ùmhlachd thoileach do Dhia, gun chàrran gun ghearaìn.

Is còir a chumail air chuimhne, mar an ceudna, gu bheil lagh Dhé ro fharsuinn. Uime sin feumar a choimhead ann an dòigh a bhios co-ionnan farsuinn. Ma bhios Dia air a ghràdhachadh ann an dòigh a bhios cubhaidh feumaidh e bhi air a ghràdhachadh le ar n-uile chridhe agus spiorad agus chumhachd. Feumaidh sinn a ghràdhachadh air dhòigh ‘s gu ‘n toir sinn sinn fhìn suas dhà gu h-iomlan a chum seirbhis a dhèanamh dhà an còmhnuidh, agus a chum gu ‘n dèan e a thoil ruinn mar ar Tighearna, eo dhiùbh bhios sin le soirbheachadh no le mi-shoirbheachadh, le beatha no le bàs.

Is e an ùmhlachd iomlan spioradail so a’ chrìoch mhór a tha againn anns an amharc. Mar sin feumar sùil a chumail air na meadbonan, oir tha mòran ann a tha meas nam meadbonan mar nì gun stà. Aon uair ‘s gu faic iad nàtur agus òirdhearcas dleasdanasan an lagha tha iad an dùil nach ‘eil air aeh sinceadh air an dèanamh le dicioll, mar sin a’ dèanamh barrachd eabhaig na adhartas. Tha iad ealamh air gealltainn, “Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne” (Ecs. xix. 8), gun a bhi toirt smaoin air eunntadh na cosguis. Tha iad ag amharc air naomhachd mar am meadhon a chum na crìche, eadhon slàinte shìorruidh, agus cha’n ann mar chrìoch mhór innte fhéin. Is e their mòran an ceud thòiseachadh beatha dhiadhaidh, “Ciod am maith a nì mi chum gu faigh mi a’ bheatha mhaireannach” (Mat. xix. 16). Cha’n e, ciamar a bhios mi air mo dhèanamh comasach air nì maith air bith a dhèanamh? A chum nach tuislich thu air an stairsnich, feuchaidh mi ri shealltuinn dhuit nach leòr fios a bhi agad air suim agus aobhar do dheasdanais, ach gu feum thu mar an ceudna eòlas fhaotainn air na meadbonan cumhachdach agus éifeachdach leis an teid agad air a dhèanamh mu ‘n tòisich thu air a chleachdadh.

Is e gràs Dhé a tha ann an naomhachadh, dìrcach mar is e gràs a tha ann am fircanachadh, agus tha e air a thoirt tre mheadhonan—tre theagasc leis a bheil sinn a’ foghlum ni-eigin nach fhaic sinn as aonais an Fhacail (Gniomh. xxvi. 17, 18). Tha iomadh nì a bhuineas do bheatha agus do dhiadhachd a tha air an toirt tre eòlas (2 Pead. i. 1-3). Tha cumadh teagasc air a chleachdadh le Dia a chum daoine a chur saor bho pheacadh agus an dèanamh ‘n an seirbhisich fireantachd (Rom. vi. 17, 18). Cha’n fhaodar dearmad a dhèanamh air an teagasc sin.

Tha eòlas cinnteach air na meadhonan cumhachdach agus éifeachdach sin ro fheumail a chum ar daingneachadh ann an cleachdadh naomh, oir cha’n urrainn mórán dòchais a bhi againn ri soirbheachdadh mur a bi earbsa againn ann an còmhnadh Dhé. Ach cha’n urrainn sin a bhi againn mur a cleachd sinn na meadhonan a chomharrach Dia air son sin. Tha mórán Chriosduidhean riarachte le cleachdadh corporra a chionn nach do thuig iad a riamh ciamar a b’urrainn iad ruighinn air seirbhis spioradail. Tha mórán a’ eur eul ri slighe na naomhachd, is iad ‘g a meas eruaidh, a chionn nach ‘eil fhios aca ciamar a ghearras iad dhiubh fhéin an làmh dheas no a spionas iad an t-sùil dheas gun pian ro mhór fhulang. Na ‘m b’ aithne dhaibh slighean a’ ghliocais bhiodh fhios aca gur “slighean subhachais a slighean agus sìth a ceuman uile” (Gnàth. iii. 17). Tha mórán eile a’ sìneadh air naomhachd le eud dian, agus a’ ruith glé luath, ach gun a bhi toirt ceum air an t-slighe cheart. Agus an uair a tha iad a’ faicinn gu bheil iad air am mealladh, agus a tha iad air an claoich le ana-mianu, tha iad a’ toirt thairis.—Bhàtair Marshall.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice