Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1936 » May 1936 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte. AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD ‘AGUS CREIDMHICH

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte. AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD ‘AGUS CREIDMHICH

(Air a leanntuinn bho t.d., 475.)

“Is mise an fhionnain, sibhse na geugan.”—EOIN xv. 5.

Ceisd. Cionnus a dh’fheudas sin a bhi? Freag. Tha na geugan sin air an cur anns an stoc le aidmheil, no le creidimh cealgach neo-fhallain; tha iad air an ceangal suas ris ann an gnàthachadh nan sàeramaintean o ‘n taobh a mach: ach cha robh iadsan agus an stoc riamh dluth-cheangailte r’a cheile, uime sin cha’n urrainn dhoibh toradh a ghiulan; agus cha ruigear a leis an gearradh, no am briseadh dheth, tha iad leis an treabhaiche a mhàin air an tabhairt air falbh, no, mar a tha ‘m focal a’ ciallachadh ‘s a’ cheud chainnt, air an togail suas, agus mar sin air an toirt air falbh, a chionn nach ‘eil nì ‘s am bith leis am bheil iad air an cumail: tha iad gun amharus air an ceangal suas ris an stoc, ach cha robh iad riamh, air an aonadh ris.

Ceisd. Cionnus a bhios fios agam mu rinneadh greim orm le Criosd? Freag. Feudaidh tu dearbhachd a bhi agad air so, ma bheir thu fainear, agus ma chàireas tu an dà nì so a leanas riut féin.

Air tùs, ‘N uair a ta Criosd a’ ðeanamh greim air duine le ‘Spiorad, tha e air a tharruing, air chor, as gu bheil e teachd a dh’ionnsuidh Chriosd le uile chridhe; oir is e fior chreidimh a bhi creidsinn leis an uile chridhe. Gníomh. viii. 37. Tha luchd leanmhluinn ar Tighearna cosmhuil riu-san a lean Saul air tùs, “Daoine ris an do bhean Dia r’an eridhe,” 1 Sam. x. 26. ‘N uair a tha ‘n Spiorad a’ dòrtadh a steach gràs buadhachaidh, tha iadsan a’ dòrtadh a mach an eridheachan mar uisge, ‘na làthair-san, Salm. lxxii. 8. Tha iad a’ sruthadh d’a ionnsuidh, mar shruth aibhne, Isa. ii. 2 “Sruthaidh na h-uile chinnich d’a ionnsuidh;” eadhon, gu “sliabh tighe an Tighearna.” Tha e ciallachadh cha’n e mhàin am mór-phailteas de muintir a ta air an iompachadh, ach gnè an anama, ann an teachd gu Criosd; tha iad a’ teachd gu eridheil agus gu saor, mar air an tarruing le caoimhneas gráidh, Ier. xxxi. 3. “Bithidh do shluagh ro-thoileach ann an là do chumhachd,” ‘s e sin, saor, ullamh, le cridhe fosgailte, ‘gan toirt féinduit mar shaor-thabhartais. ‘N uair a tha cridhe bean na bainnse aig fear na bainnse, is pòsadh ceart e; ach tha cuid a ta tabhairt an làimhe do Chriosd, nach ‘eil a’ tabhairt an cridhe dhà. Iadsan nach ‘eil ach a mhàin air an ruagadh a dh’ ionnsuidh Chriosd le h-eagail, fàgadh iad a ris gu cinnteach e, ‘n uair a dh’ fhalbhas na h-eagail sin. Feudaidh eagal, cridhe cloiche a bhriseadh, ach tha na mioran gus am bheil e air a bhriseadh, a’ mairsinn do ghnàth ‘na chloich: cha’n urrainn do na h-eagail a thaiseachadh gu cridhe feòla; gidhedh feudaidh eagal a bhi an ceud-thoiseach na h-oibre a chrùnar le grádh. Feudaidh a’ ghaoth laidir, a’ chrath, thalmhainn, agus an teine, dol air thoiseach; an guth cùim caol, anns am bheil an Tighearna, teachd ‘nan déigh. ‘N uair a ta ‘n t-Losa beannaichte ag iarraidh pheachadh gu cordadh ris, tha iad dàn agus ceannaireach, cha labhairt iad ris, gus an lot e iad gus an dèan e ‘nam braighdean iad, agus gus an ceangail e iad le cuird bàis. ‘N uair a tha so dèanta is ann an sin, a tha e tairgse a ghraidh dhoibh, agus a’ cosnadadh an cridheachan. Tha’n Tighearn ag innseadh dhuinn, Hos. ii. 16—20, gu ‘m bi Israel thaghta air am pòsadh ris féin. Ach cionnus a choisnear aonta bean na bainnse? Eadhon mar so, anns a’ cheud àite, bheir e do’n fhàsach i, mar a rinn e air na h-Israelich, ‘n uair a thug e mach as an Eiphit iad, vann 14. Ann an sin buinear gu cruaidh rithe, bithidh i air a tiormachadh le tart, agus air a lotadh le nathraichean: agus an sin labhraidh e briathran solasach rithe, so mar a tha’m focal a’ ciallachadh labhraidh e ri a cridhe. Tha’m peachadh air tùs air a ruagadh agus an deigh sin air a tharruing gu Chriosd. Tha cor an anama an sin mar a bha columan Noah: bha e air eigneachadh air ais a ris do ‘n aire, a chionn nach d’ fhuair e ionad ‘s am bith eile ‘s am faigheadh e fois: ach, an uair a phill e, ghabhaidh e fois air a taobh a mach, mur cuireadh Noah mach a làmh, agus mur tarruingeadh e stigh e, Gen. viii. 9. Cuiridh an Tighearna fear-diolaidh na fola an toir air a’ chiontach; agus fàgaidh esan, le eridhe brònach, a bhaile féin, agus le deoir air a shuilbh dealaichidh e r’ a sheann luchd-colais, a chionn nach ‘eil a chridhe aige fantuinn maillle riu: agus tha e teicheadh air son a bheatha gus a’ bhaile dhùidein so. Cha’n e so idir a roghainn, is obair éiginn e; cha gheill éiginn do lagh. Ach, an uair a tha e teachd a dh’ ionnsuidh nan gatachan, agus a tha e faicinn maise an àite sin, tha’n oirdheireas agus an t-ard-aibhneas a ta ann cho taitneach dhà, as gu bheil e a’ dol a stòach le uile chridhe agus le deadh-thoil, ag ràdh, “Is i so mo shuainmneas, an so gabhaidh mi comhnuidh;” agus mar a thabhairt neach ann an cor eile, “Gheibhinn bàs mur faighinn bàs!”

‘S an dara àite, ‘N uair a tha Criosd a’ glacadh anama, tha ‘n cridhe air fhuasgladh o ‘n pheacadh, agus air tionndadh ‘na aghaidh.

Mar ann an gearradh na gèige o’n t-seann stoc, tha féin, an iodhol, mhór sin, air a toirt a nuas, tha’n duine air a theagasg gu cumhachdach e féin aicheadh; mar sin, ann an greim a dhèanamh air a’ pheacach le Spiorad Chriosd, tha ‘n ceangal sin air fhuasgladh, a bha eadar an duine agus ‘anamiana, am feadh a bha e ‘s an fheòil, mar tha ‘n t-abstol gu chur an cèill, Rom. viii. 15. Tha chridhe air fhuasgladh uatha ged bha iad roimhe co ionmhuinn leis as a bha buill a’ chuirp, mar shuilbh, mar chosaibh, no mar ghairdeinibh; agus an àite dhà bli gabhail tlachd annta, mar a rinne e aon uair, tha fadal air gus am bi e saor uatha. ‘N uair a tha’n Tighearn Losa teachd a dh’ ionnsuidh anama, ann an là gràis an iompachaidh, tha e ga, fhaotainn cosmhuil ri Ierusalem ann an là a breith, (Esec. xv. 4.), le ionlaig gun ghearradh, a tarruing a bheathachaidh ghraineil agus a thoil-intinn o ana-miannaidh; ach, tha e gearradh a mach a’ chomuinn so, chum gu ‘n socraich e’n t-anam air ciochaibh a shòlais féin, agus gu ‘n toir e dhà fois ann féin. Agus mar so tha’n Tighearn a’ lot cinn agus cridhe a’ phcacaidh, agus thig an t-anam d’a ionnsuidh, ag ràdh, “Gu deimhin shealbhaich ar n-aithrìche nì gun bhrìgh; dìomhanas, agus nithe gun tairbhe.” Ier. xvi. 19.

MU NA SOCHAIREAN A TA SRUTHADH DO CHREIDMHICH, O AN AONADH RI CRIOSD.

V. Agus, ‘S an àite mu dheireadh, Tha mi air teachd gu labhairt mu na sochairean a ta sruthadh do chreidmhich o an aonadh ri Criosd. Is iad na sochairean àraidh a ta aig creidmhich o an aonadh so, fireanachadh, sìth, uechdnhacachd, naombhachadh, fàs ann an gràs, dearbhhachd ann an deadh oibre, na deadh oibre sin air an dèanamh taitneach, daingneachadh ann an staid gràis, còmhnadh agus stiùradaidh àraidh freasdaìl m’ an timchioll. Do thaobh co-chomunn ri Criosd, air dhà bhi air ball a co-leanmhuiinn aonadh ris; is sochair e, a ta gabhail air ball a steach chaich uile. Oir amhaire, mar tha gheug, air ball air dhì bhi air a ecangal ris an stoc, ann an co-chomunn ris an stoc, anns gach nì a ta ann: mar sin air do’n chreidmheach a bhi air a cho-cheangal ri Criosd, tha co-chomunn aige ris: anns am bheil e dol a mach gu cuan de shonas, air a threòrachadh gu Pàras do thoilintinne, agus còir shlàinteil aig anns an ionnhas a ta folaichte ann an raon an t-soisgeil, eadhon saoibhreas dorannsaichte Chriosd. Cho luath ‘s a tha’n creidmheach air a cho-cheangal ri Criosd, is leis Criosd féin, anns am bheil gach ionlaineachd a’ gabhail còmhuidh, Dàn Shol. ii. 16. “Is leamsa mo ghràdh, agus is leis-san mise!” Agus, “Cionnus maille ris-san nach tabhair e mar an ceudna dhùinn gu saor na h-uile nithean?” Rom. viii. 32. “Ma ‘s e Pòl, no Apollos, no Cephas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nithean a ta lathair, no nithean a ta ri teachd; is leibhse iad uile,” 1 Cor. iii. 22. Is e an co-chomunn so ri Criosd am beannachd mor agus farstuinn, a ta sruthadh o ar n-aonadh ris. Thugamaid a nis fainear na sochairean àraidh a ta sruthadh uaithe, mar a chaidh ainmeachadh roimhe.

Is e cheud shochair a th’ aig a’ pheacach le aonadh ri Criosd, fireanachadh: Oir, air dha bhi air aonadh ri Criosd, tha co-chomunn aige ris ‘n a fhìreantachd, 1 Cor. i. 30. “Ach uaithe-san a ta sibhse ann an Iosa Criosd, neach a rinneadh dhuinne le Dia ‘n a ghliocas agus ‘n a fhìreantachd.” Cha’n ’eil e ni ’s faide air a dhiteadh, ach air fhíreanachadh an là-thair Dhé, air dhà bhi ann an Críosd, Rom. viii. 1. “Air an aobhar sin cha’n ’eil díteadh ’s am bith do ’n dream sin a tha ann an Iosa Críosd.” Is iad meòir na sochair so, maithneas peacaidh, agus gabhail r’ am pearsa.

  1. Tha pheacaidhean air am maithheadh, an cionta air a thoirt air falbh: tha’n làmh-sgrìobhaidh a bha ga cheangal gus na féich a phaigheadh, air a dubhadh a mach; tha Dia an t-Athair a’ glacadh a phinn, ’ga thumadh ann am fuil a Mhic, a’ dubhadh a mach fianan a’ pheacaidh, agus gan cur gu h-iomlan a mach á leabhar nam fian. Tha ’m peacach a ta mach á Críosd, air a cheangal thairis do fheirg Dhé; tha e fuidh cheangal do’n lagh, gu dol do phriosan ifrimn, agus gu luidhe an sin gus an ioc e an theoirling dheireamach! Tha so ag éirigh o ’n phéim namhasach leis am bheil an lagh air a dhaingneachadh eadhon le nì nach lugha na bàs! Gen. ii. 17. Air chor as gu bheil am peacach, air dhà dol thar na eriochaibh a chomharrachheadh dhà, mar a bha Simci, ann an cor eile, ’na duine bois, 1 Righ ii. 42. Ach a nis, air dhà bhi air aonadh ri Críosd, tha Dia ag ràdh, “Saor e o dhol sios do ’n t-slòchd fhuair mi éiric,” Iob xxxiii. 24. Tha binn an ditidh air a h-atharrachadh, tha ’n creidmheach air fhuasgladh, agus air a chur far nach ruig díteadh an lagha air: a pheacamman, a bha aon uair “air an cur am fianuis an Tighearna,” Salm xc. 8. air chor as nach b’ urrainn dhoibh a bhi air am folach, tha Dia a nis gan gabhail agus gan tilgeadh gu h-iomlan air a chulaobh, Isa. xxxviii. 17. seadh, tilgidh e iad ann an doimhneachdan na fairge. Mic. vii. 19. An nì a thuiteas ann an sruthan, feudar fhaotainn a ris; ach an nì a thilgear anns an fhaighe, cha’n fheudar fhaotainn air ais. Tha sin fior, ach tha cuid de àitibh eu-domhain anns an fhaighe: ’S fior gu bheil, ach cha’n ’eil an euceartan-san air an tilgeadh an sin, ach ann an doimhne na fairge: agus tha doimhneachdan na fairge ’nan doimhneachdan slugaidh, o nach tig iad a mach gu bràth a ris! Ach ciod mar tuit iad sios dhò’n iochdar? Tilgidh e steach iad le neart, air chor as gu teid iad do ’n doimhne, ’s gun teid iad fodha mar luaidh ann an uisgeachaibh cumhachadh fola an Fhir-shaoraidh ! Cha’n e mhain gu bheil iad air am maithheadh, ach tha iad air an di-chuimhneachadh, Ier. xxxi. 34. “Maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhniech mi ni ‘s mò an cionta.” Agus ged tha’m peacanna o tha iad a’ eur an gniomh an déidh sin, annta féin, a’ toilltinn féirg siorruidh, agus ged tha iad da rireadh g’ am fàgail buailteach do bhuillean aimsireil agus do smachdachadh athaireil, a réir modh cho-cheangail nan gràs, Salm lxxxix. 30—33. Gidheadh cha’n urrainn dhoibh gu bràth a bhi buailteach do fheirg shiorruidh, no do mhallachd an lagha ; oir tha iad marbh do ‘n lagh ann an Crìosd, Rom. vii. 5. Agus cha’n urrainn dhoibh gu bràth tuiteam o ‘n aonadh ri Crìosd ; ‘s cha mhò as urrainn dhoibh a bhi ann an Crìosd, agus a bhi fathast fuidh dhìteadh Rom. viii. 1. “Air an aobhar sin cha’n ‘eil a nis dìteadh ‘s am bith do ‘n dream sin, a tha ann an Iosa Crìosd.” Is nì so a ta air a tharruing o na labhair an t-Abstol mu thimchioll a’ chreidmhich a bhi marbh do ‘n lagh, Caib. vii. 1—6. Mar tha soilleir o ‘n 2, 3, agus 4, rann de ‘n viii Caibideil so. Agus, a thaobh so, is e ‘n duine firinnichte “an duine beannaithe, nach cuir an Tighearn euceart as a leth,” Salm xxvii. 2. Mar neach aig nach ‘eil rùn fiach agradh air neach eile, cha chuir e sios ‘na leabhar-cumtans e.

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice