AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD ‘AGUS
CREIDMHICH.
(Air a leantuinn bho t.d., 475.)
Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN xv. 5.
Ceisd. Cionnus a dh’fheudas sin a bhi? Freag. Tha na geugan sin air an eur anns an stoc le aidmheil, no le creidimh cealgach neo-fhallain; tha iad air an ceangal suas ris ann an gnàthachadh nan sàcramaintean o ‘n taobh a mach: ach cha robh iadsan agus an stoc riamh dluth-cheangailte r’a cheile, uime sin cha’n urrainn dhoibh toradh a ghiulan; agus cha ruigear a leis an gearrath, no am briseadh dheth, tha iad leis an treabhaiche a mhàin air an tabhairt air falbh, no, mar a tha ‘m focal a’ ciallachadh ‘s a’ cheud chainnt, air an togail suas, agus mar sin air an toirt air falbh, a chionn nach ‘eil nì ‘s am bith leis am bheil iad air an eumail: tha iad gun amharus air an ceangal suas ris an stoc, ach cha robh iad riamh, air an aonadh ris.
Ceisd. Cionnus a bhios fios agam mu rinneadh greim orm le Criosd? Freag. Feudaidh tu dearbhaichd a bhi agad air so, ma bheir thu fainear, agus ma chàireas tu an dà nì so a leanas riut féin.
Air tìs, ‘N uair a ta Criosd a’ dèanamh greim air duine le ‘Spiorad, tha e air a tharruing, air chor, as gu bheil e teachd a dh’ionnsuidh Chriosd le uile chridhe; oir is e fìor e hreidimh a bhi creidsinn leis an uile chridhe. Gnìomh. viii. 37. Tha luehd leanmhuinn ar Tighearna cosmhuil riu-san a lean Saul air tìs, “Daoine ris an do bhean Dia r’an eridhe,” 1 Sam. x. 26. ‘N uair a tha ‘n Spiorad a’ dòrtadh a steach gràs buadhachaidh, tha iadsan a’ dòrtadh a mach an eridheachan mar uisge, ‘na làthair-san, Salm lxi. 8. Tha iad a’ sruthadh d’ a ionnsuidh, mar shruth aibhne, Isa. ii. 2 “Sruthaidh na h-uile chinnich d’a ionnsuidh;” eadhon, gu “sliabh tighe an Tighearna.” Tha e ciallachadh cha’n e mhàin am mór-phailteas de muimtir a ta air an iompachadh, ach gnè an anama, ann an teachd gu Criosd; tha iad a’ teachd gu eridheil agus gu saor, mar air an tarruing
le caoimhneas gráidh, Ier. xxxi. 3. “Bithidh do shluagh ro-thoileach ann an là do chumhachd,” ‘s e sin, saor, ullamh, le eridhe fosgailte, ‘gan toirt féin duit mar shaor-thabbhartaí. ‘N uair a tha eridhe bean na bainnse aig fear na bainnse, is pòsadheart e; ach tha cuid a ta tabhaint an làimhe do Chriosd, nach ‘eil a’ tabhaint an eridhe dhà. Iadsan nach ‘eil ach a mhàin air an ruagadh a dh’ ionnsuidh Chriosd le h-eagail, fàgadh iad a ris gu cinnteach e, ‘n uair a dh’ fhalbhas na h-eagail sin. Feudaidh eagal, eridhe cloiche a bhriseadh, ach tha na mioran gus am bheil e air a bhriseadh, a’ mairsinn do ghnàth ‘na chloich: cha’n urrainn do na h-eagail a thaiseachadh gu eridhe feòla; gidhedh feudaidh eagal a bhi an ceud-thoiseach na h-oibre a chrùnar le gràdh. Feudaidh a’ ghaoth laidir, a’ chrath, thalmhainn, agus an teine, dol air thoseach; an guth cuin caol, anns am bheil an Tighearna, teachd ‘nan déigh. ‘N uair a ta ‘n t-Iosa beannaichte ag iarraidh pheacach gu cordadh ris, tha iad dàn agus ceannaireach, cha labhair iad ris, gus an lot e iad gus an dèan e ‘nam braighdean iad, agus gus an ceangail e iad le cuird bàis. ‘N uair a tha so dèanta is ann an sin, a tha e tairgse a ghraidh dhoibh, agus a’ cosnad an eridheachan. Tha’n Tighearn ag innseadh dhuinn, Hos. ii. 16–20, gu ‘m bi Israel thaghta air am pòsad ris féin. Ach cionnus a choisnear aonta bean na bainnse? Eadhon mar so, anns a’ cheud àite, bheir e do’n fhàsach i, mar a rinn e air na h-Israelich, ‘n uair a thug e mach as an Eiphit iad, vann 14. Ann an sin buinnear gu cruaidh rithe, bithidh i air a tiormachadh le tart, agus air a lotadh le nathraichean: agus an sin labhraidh e briathran solasach rithe, so mar a tha’m focal a’ ciallachadh labhraidh e ri a eridhe. Tha’m peacach air tìs air a ruagadh agus an deigh sin air a tharruing gu Criosd. Tha eor an anama an sin mar a bha eolman Noah: bha e air eigneachadh air ais a ris do ‘n aire, a chionn nach d’ fhuair e ionad ‘s am bith eile ‘s am faigheadh e fois: ach, an uair a phill e, ghabhadh e fois air a taobh a mach, mur cuireadh Noah mach a làmh, agus mur tarruingeadh e stigh e, Gen. viii. 9. Cuirdh an Tighearna fear-diolaidh na fola an toir air a’ chiontaich; agus fàgaidh
esan, le eridhe brònach, a bhaile féin, agus le deòir air a shuilibh dealaichidh e r’ a sheann luchd-colais, a chionn nach ‘eil a chridhe aige fantuinn maile riu: agus tha e teicheadh air son a bheatha gus a’ bhaile dhìdein so. Cha’n e so idir a roghainn, is obair éiginn e; cha gheill éiginn do lagh. Ach, an uair a tha e teachd a dh’ ionnsuidh nan gcatachan, agus a tha e faicinn maise an àite sin, tha’n oirdheireas agus an t-ard-aibhneas a ta ann cho taitneach dhà, as gu bheil e a’ dol a stòach le uile chridhe agus le deadh-thoil, ag ràdh, “Is i so mo shuaimhneas, an so gabhaidh mi conhnuidh;” agus mar a thabhairt neach ann an eor eile, “Gheibhinn bàs mur faighinn bàs!”
‘S an dara àite, ‘N uair a tha Crìosd a’ glacadh anama, tha ‘n cridhe air fluasgladh o ‘n pheacadh, agus air tionndadh ‘na aghaidh. Mar ann an gearradh na gèige o’n t-seann stoc, tha féin, an iodhol, mhór sin, air a toirt a nuas, tha’n duine air a theagasg gu eumhachdach e féin aicheadh; mar sin, ann an greim a dhèanamh air a’ pheacach le Spiorad Chrìosd, tha ‘n ceangal sin air fluasgladh, a bha eadar an duine agus ‘ana-mianna, am feadh a bha e ‘s an fheòil, mar tha ‘n t-abstol ga chur an cèill, Rom. viii. 15. Tha chridhe air fluasgladh uatha ged bha iad roimhe co ionnuinn leis as a bha buill a’ chuirp, mar shuilibh, mar chosaibh, no mar ghairdeinibh; agus an àite dhà bhi gabhail tlachd annta, mar a rinn e aon uair, tha fadal air gus am bi e saor uatha. ‘N uair a tha’n Tighearn Iosa teachd a dh’ ionnsuidh anama, ann an là gràis an iompachaidh, tha e ga, fhaotainn cosmhuil ri Ierusalem ann an là a breith, (Esec. xv. 4.), le ionlaig gun ghearradh, a tarruing a bheathachaidh ghraineil agus a thoil-inntinn o ana-miannaibh; ach, tha e gearradh a mach a’ chomuinn so, chum gu ‘n socraich e’n t-anam air ciochaibh a shòlais féin, agus gu ‘n toir e dhà fois ann féin. Agus mar so tha’n Tighearn a’ lot einn agus eridhe a’ pheacaidh, agus thig an t-anam d’a ionnsuidh, ag ràdh, “Gu deimhin shealbhaich ar n-aithriche nì gun bhrigh; dìomhanas, agus nithe gun fairbhe.” Ier. xvi. 19.
MU NA SOCHAIREAN A TA SRUTHADH DO CHREIDMHICH, O AN AONADH RI CRIOSD.
V. Agus, ‘S an àite mu dheireadh, Tha mi air teachd gu labhairt mu na sochairean a ta sruthadh do chreidmhich o an aonadh ri Criosd. Is iad na sochairean àraidh a ta aig creidmhich o an aonadh so, fireanachadh, sith, uehdnhacachd, naomhachadh, fàs ann an gràs, dearbhachd ann an deadh oibre, na deadh oibre sin air an dèanamh taitneach, daingneachadh ann an staid gràis, còmhnadh agus stiùrdaidh àraidh freasdaidh m’ an timchioll. Do thaobh co-chomunn ri Criosd, air dhà bhi air ball a co-leanmhuiinn aonadh ris; is sochair e, a ta gabhail air ball a steach chaich uile. Oir anlair, mar tha gheug, air ball air dhì bhi air a ceangal ris an stoc, ann an co-chomunn ris an stoc, anns gach nì a ta ann: mar sin air do’n chreidmheach a bhi air a cho-cheangal ri Criosd, tha co-chomunn aige ris: anns am bheil e dol a mach gu cuan de shonas, air a threòrachadh gu Pàras do thoilinntinne, agus còir shlàinteil aig anns an ionmhas a ta folaichte ann an raon an t-soisgeil, eadhon saoibhreas dorannsaichte Chriosd. Cho luath ‘s a tha’n creidmheach air a cho-cheangal ri Criosd, is leis Criosd féin, anns am bheil gach iomlaineachd a’ gabhail còmhuidh, Dàn Shol. ii. 16. “Is leamsa mo ghràdh, agus is leis-san mise!” Agus, “Cionnus maillé ris-san nach tabhair e mar an ceudna dhùinn gu saor na h-uile nithean?” Rom. viii. 32. “Ma ‘s e Pòl, no Apollos, no Cephas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nithean a ta lathair, no nithean a ta ri teachd; is leibhse iad uile,” 1 Cor. iii. 22. Is e an co-chomunn so ri Criosd am beannachd mor agus farsuinn, a ta sruthadh o ar n-aonadh ris. Thugamaid a nis fainear na sochairean àraidh a ta sruthadh uaithe, mar a chaidh ainmeachadh roimhe.
Is e cheud shochair a th’ aig a’ pheacach le aonadh ri Criosd, fireanachadh: Oir, air dha bhi air aonadh ri Criosd, tha co-chomunn aige ris ‘n a fhìreantachd, 1 Cor. i. 30. “Ach uaithe-san a ta sibhse ann an Iosa Criosd, neach a rinneadh dhùinne le Dia ‘n a ghliocas agus ‘n a fhìreantachd.” Cha’n
‘eil e ni ‘s faide air a dhiteadh, ach air fhireanaechadh an là-thair Dhé, air dhà bhi ann an Criosd, Rom. viii. 1. “Air an aobhar sin cha’n ‘eil diteadh ‘s am bith do ‘n dream sin a tha ann an Iosa Criosd.” Is iad meòir na sochair so, maitheanas peacaidh, agus gabhail r’ am pearsa.
- Tha pheacaidhean air am maitheadh, an cionta air a thoirt air falbh: tha’n làmh-sgrìobhaidh a bha ga cheangal gus na fèich a phaigheadh, air a dubhadh a mach; tha Dia an t-Athair a’ glacadh a phinn, ‘ga thumadh ann am fuil a Mhic, a’ dubhadh a mach fachan a’ pheacaich, agus gaa cur gu h-iomlan a mach á leabhar nam fach. Tha ‘m peacach a ta mach á Criosd, air a cheangal thairis do fheirg Dhé; tha e fuidh cheangal do’n lagh, gu dol do phriosan ifrim, agus gu luidhe an sin gus an ioc e an fheoirling dheireanach! Tha so ag éirigh o ‘n phéin namhasach leis am bheil an lagh air a dhaingneachadh eadhon le nì nach lugha na bàs! Gen. ii. 17. Air chor as gu bheil am peacach, air dhà dol thar na eriochaibh a chomharracheadh dhà, mar a bha Simei, ann an eor eile, ‘na dhùine bàis, 1 Righ ii. 42. Ach a nis, air dhà bhi air aonadh ri Criosd, tha Dia ag ràdh, “Saor e o dhol sios do ‘n t-slèchd fluair mi éiric,” Iob xxxiii. 24. Tha binn an ditidh air a h-atharrachadh, tha ‘n creidmheach air fhuasgladh, agus air a chur far nach ruig diteadh an lagha air: a pheacannan, a bha aon uair “air an cur am fianuis an Tighearna,” Salm xe. 8. air chor as nach b’ urrainn dhoibh a bhi air am folach, tha Dia a nis gan gabhail agus gan tilgeadh gu h-iomlan air a chulaobh, Isa. xxxviii. 17. seadh, tilgidh e iad ann an doimhneachdan na fairge. Mic. vii. 19. An nì a thuiteas ann an sruthan, feudar fhaotainn a ris; ach an nì a thilgear anns an fhairge, cha’n fheudar fhaotainn air ais. Tha sin fìor, ach tha cuid de àitibh eu-domhain anns an fhairge: ‘S fìor gu bheil, ach cha’n ‘eil an eucaertan-san air an tilgeadh an sin, ach ann an doimhne na fairge: agus tha doimhneachdan na fairge ‘nan doimhneachdan slugaidh, o nach tig iad a mach gu bràth a ris! Ach ciod mar tuit iad sios dho’n iochdar? Tilgidh e steach iad le neart, air chor as gu teid iad do ‘n doimhne, ‘s gun teid iad fodha mar luaidh
ann an uisgeachaibh cumhachadh fola an Fhir-shaoraidh! Cha’n e mhain gu bheil iad air am maitheadh, ach tha iad air an di-chuimhneachadh, Ier. xxxi. 34. “Maithidh mise an aingidheadh, agus cha chuimhnieh mi ni ‘s mò an eionta.” Agus ged tha’m peacanna o tha iad a’ cur an gniomh an déidh sin, annta féin, a’ toilltinn féirg siorruidh, agus ged tha iad da rireadh g’ am fágail buailteach do bhuillean aimsireil agus do smachdachadh athaireil, a réir modh cho-cheangail nan gràs, Salm lxxxix. 30—33. Gidheadh cha’n urrainn dhoibh gu bràth a bhi buailteach do fheirg shiorruidh, no do mhallaichd an lagha; oir tha iad marbh do ‘n lagh ann an Criosd, Rom. vii. 5. Agus cha’n urrainn dhoibh gu bràth tuiteam o ‘n aonadh ri Criosd; ‘s cha mhò as urrainn dhoibh a bhi ann an Criosd, agus a bhi fathast fuidh dhiteadh Rom. viii. 1. “Air an aobhar sin cha’n ‘eil a nis diteadh ‘s am bith do ‘n dream sin, a tha ann an Iosa Criosd.” Is nì so a ta air a tharruing o na labhair an t-Abstol mu thimchioll a’ chreidmhiich a bhi marbh do ‘n lagh, Caib. vii. 1—6. Mar tha soilleir o ‘n 2, 3, agus 4, rann de ‘n viii Caibideil so. Agus, a thaobh so, is e ‘n duine firinnichte “an duine beannaichte, nach cuir an Tighearn euceart as a leth,” Salm xxxii. 2. Mar neach aig nach ‘eil rùn fiach agradh air neach eile, cha chuir e sios ‘na leabhar-cunntais e.
Rì leantuinm.