Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1936 » August 1936 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte. AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte. AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH

(Air a leantuinn bho t.d., 73.)

Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN xv. 5.

Tha Elihu a’ nochdadh dhuinn araon an galar agus an leigheas, Iob xxiii. Feuch an staid anns am feud neach a bhi, mu am bheil smuainte gràidh aig Dia. Tha e tilgeadh saighdean mothachaidh ‘na choguis! agus bheir e orra ceangal ris cho teann, as nach urrainn dhà e féin fhuasgladh uatha, rann 16. “Fosgailidh e cluasan dhaoin agus seulaichidh e an teagasg.” Fàsaidh eadhon a chorpa tinn, rann 19. “Oir smachdaichear e le péim air a leabaidh agus lionmhoireachd a chnàmh le péim laidir.” Caillidh e chàil, rann 20. “Gabhlaidh a bheatha gràin de aran, agus ‘anam de bhiadh dheadh-bhlasda.” Caithidh a chorpa air falbh, air chor as nach ‘eil nì air ach eraicionn agus enamha, rann 21. “Caithear ‘fheòil air chor as nach faicear i, agus a chnàmha nach facas, seasaidh a mach.” Ged nach ‘eil e ulluichte air son bàis, chan ‘eil dòchas beatha aige, rann 22. “Tairngidh ‘anam do ‘n uaigh, agus mi as e meud a thruaighe, a bheatha do na milltsearaibh.” Amhaireidh e na h-uile mionaid c’uin’ a thig diabhuil, an luchd-millidh sin, Rom. ix. 11, na mortairean, no luchd-folachd, Eoin viii. 44, chum ‘anam a ghíúlan air falbh do ifrinn! O cor uamhasach! Gidheadh tha dochas ann; tha Dia a’ rùnachadh “anam a chumail o ‘n t-slochd,” rann 18, ged a bheir e air aghaidh chum na bruaich e. A nis, faic mar tha ‘n duine tinn air a leigheas. Chan urra innleachd an leighiche feum a dhèanamh ‘s a’ chor so; tha ‘n eucail ni ‘s faide stigh na gu ‘n ruig a cungaidhean orra: Is trioblaid anama a thug an corp gus an staid so, agus uime sin is éiginn do na cungaidhean-leigheis a bhi air an fàradh ri anam agus coguis an duine thinn. Is éiginn do ‘n leighiche air son a’ chor so, bhi ‘na leighiche spioradail: Is éiginn do na leigheasan a bhi spioradail, eadhon freanteachd, éirig, no réite. Air dhoibh sin a bhi air an cur ris, tha’n t-anam air a leigheas; a’ choguis air a cur ‘na tosd, agus tha ‘n corp air aiseag gu slainte, rann 23—26. “Ma bhios teachdair aige, eadar-theangair, aon am measg mile, a’ nochdadh ionracais do dhuine; an sin gabhaidh e truas deth, agus their e, saor e o ‘dhol sios do ‘n t-slochd, fhuair mi éirig. Bithidh ‘fheoil na ‘s ùire na feoil leinibh, thig e air ais gu laithibh òige. Nì e urnuigh ri Dia, agus gabhaidh e gu caoimhneil ris, agus ehi e ‘ghnus le gairdeachas.” ‘S e ‘n leighiche iomchuidh air son an duine thinn so, “teachdair, eadar-theangair,” rann 25. Is e sin, mar a tha cuid de-luchd-mìneachaidh, ‘s chan ann gun deagh aobhar, ‘ga thuigsinn, an Leighiche mór Iosa Crìosd, mu ‘n dubhairt Iob gu ‘m b’e Fhear-saoraidh e, caib. xix. 25. Is Teachdair esan, Teachdair coimheangail na sìth, Mal. iii. 1, a tha teachd ann an deadh àm, a dh’ ionmsuidh an duine thinn. Is Eadar-theangair e; an t-Eadar theangair mór air rùnaibh gràidh Dhé do pheacaich, Eoin i. 28. “Aon am measg mile! eadhon ceannard am measg dheich mile” (Dùn Shol. v. 10). Aon taghta as an t-slugh, Salm lxxxix, 19. Aon d’ an d’ thug an Tighearna teanga nan daoine fòghluinte, a’ labhairt ann an deagh àm ris an neach a ta airsnealach, Isa. i. 4, 5, 6. Is esan a’ tha maille ris a nis le a spiorad, a thabhairt mothachaidh dha mu fhireantachd, Eoin xvi. 8, mar a bha e maille ris roimhe, a thabhairt mothachaidh dha mu pheacadh agus mu bhreitheanas. Is e obair a nis a bhi nochdadh dha ‘fhirinn no ‘fhireantachd; is e sin, an t-Eadar-theangair Criosd fhireantachd, an fhireantachd sin a mhàin a tha ‘g éirigh o dhioladh na h-éirig; agus air son am bheil am peacach air a shaoradh o dhol sios do ‘n t-slochd, rann 24. Agus mar so theirear gu bheil Criosd a’ cur an cèill ainn Dhé, Salm. xxii. 22, agus a ‘dèanamh sgeil air’ fhireantachd, Salm. xl. 9. Tha ‘m focal comharrachtae! Chan e bhi ‘nochdadh do ‘n duine, ach do dhuine, ‘fhireantachd-san, a ta dèanamh soilleir, gu bheil esan na ‘s mò na duine a tha nochdadh, no a’ cur an cèill na fireantachd so. Coimeas Amos iv. 13. “Esan a dhealbhas na sléibhteann, agus a chruthaicheas a’ ghaoth, agus a dh’fhoillsicheas de dhuine ciod is smuainte dha.” Tha a réir coslais sùil thaitneach aige so ri ceud fhoillseachadh na fireantachd so do dhuine, no mar a tha ‘m focal a’ ciallachadh dà Adhamh an déigh an tuiteam, am feadh a bha e fuidh uamhas feirge Dhé. Bha ‘m foillseachadh so air a dhèanamh leis an Teachdair, an t-Eadar-theangair, eadhon focal siorruidh Mhic Dhé, ris an abrar, “Guth an Tighearna Dia,” Gen. iii. 8, agus leis-san a réir coslais, a’ taisbeanadh ann an cruth duine. A mis, am feadh a ta e, le a Spiorad ‘na shearmonaiche fireantachd do ‘n duine, tha air fhilleadh a steach ann, gu bheil an duine a’ dèanamh greim air an fhireantachd a th’ air a tairgse; Uime sim tha ‘n eirig air a co-chur ris, agus tha e air a shaoradh o dhol sios do ‘n t-slochd, oir fhuair Dia eirig air a shon. Tha so air innseadh; tha Dia ag ràdh, Saor e, rann 24. Air an aobhar sin, air d’a choguis a bhi air a glanadh le fuil na réite, tha i air a dèanamh réidh, agus air a cur gu sambhair thaitneach: “Nì e ùrnugh ri Dia—agus chi e ‘ghnùis le gàirdeachais;” gnùis air an do bheachdaich a roimhe le h-uamhunn, rann 26. Sin ri ràdh an cainnt an Tionmaidh nuadh, “Air dha Ard-Shagart a bhi aige os ceann tighe Dhé, thig e am fagus le fior-chreidimh, ann an lán dearbh-bheachd a’ chreidimh, dearbhach air dha chridhe bhi air a chrath-ghlanadh o droch coguis,” Eabh. x. 21, 22. Ach an sin, eiod a thig ris a’ chorp, ris an fheòil lag agus sgìth? “Bithidh ‘fheoil na ‘s àire feoil leinibh; thig e air ais gu laithibh ‘òige,” rann 255. Seadh, their a chnàmhan uile (a bha air an smachdachadh le pian làidir). “a Thighearna, co is cosmhuil riutsa!” Salm xxxv. 10.

Uèchdmhachadh.

’S i ‘n treas sochair, a tha sruthadh o aonadh ri Criosd, Uèchdmhachadh. Air do chreidich a bhi air an aonadh ri Criosd, tha iad a’ fàs ‘nan cloinn do Dhia, agus ‘nam buill do theaghlach neimh. Tre ‘n aonadh ris-san, a ta ‘na Mhac do Dhia a’ thaobh naduir, tha iad a’ teachd gu bhi ‘nan cloinn do Dhia tre ghràs, Eoin i. 22. Ceart mar an uair a tha geug air a gearradh o aon chraoibh, agus air a suidheachadh ann an géig craoibh’ eile; tha ‘gheug a bha air a suidheachadh, a thaobh a h-aonaidh ris a’ ghéig a ghabh a steach i, (mar a deir cuid gu ceart,) air a dèanamh ‘na géig do ‘n stoc sin anns an robh i air a suidheachadh: mar sin, air do pheacaich a bhi air an suidheachadh ann an Iosa Criosd, d’ an ainm am Meangan, no a’ Gheug, “Is e ‘Athair an Athair-san, is e’ Dhia an Dia-san.” Eoin xx. 17. Agus mar so tha iadsan, a bha a thaobh nàduir ‘nan cloinn do ‘n diabhl, a’ teachd gu bhi ‘nan cloinn do Dhia. Tha Spiorad na h-uehdmhacachd aca, Rom. viii. 15, eadhon, Spiorad a’ Mhie, a tha ‘gan tabhairt gu Dia, mar chloinn a chum athar; a dhòrtadh a mach an gearain ‘na uehd, agus a dh’ iarraidh leasachadh iomchuidh air, Gal. iv. 6. “Do bhrigh gur mic sibh, chuir Dia Spiorad a Mhie ann bhur cridhibh, ag éigheach, Abba, Athair.” Fuidh ‘n uile amhuiinneachdan, tha truacantas agus iochd athaireil air a nochdadh dhoibh, Salm ciii. 3. “Mar a ghabbhas athair truas d’ a chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan d’ an eagal e.” Ged nach robh iad ach mar chloinn gun athair air am faotainn ann am fearann fasaich; gidheadh air bhi dhoibh ‘nan cloinn na h-uehdmhacachd, tha e ‘gan gleidheadh mar ubhal a shùl, Deut. xxxii. 10. Có ‘sam bith a tha ‘gan ruagadh, tha didean aca, Gnath-fhoc. xiv. 26. “Aig a chloinn bithidh d̄idean.” Ann an aimsir trioblaid choitehionn, tha sèomraichean aca, far am feud iad a bhi air am folach, gus an gabh a’ chorruch thairis, Isa. xxvi. 20. Agus chan e mhain gu bheil e mar thèarmunn air son an dion, ach ‘na chuibhrionn air son lòin, anns an didean sin, Salm cxli. 5. “Is tu mo thèarmunn, agus mo chuibhrionn ann an tìr nam beò.” Tha ulluchadh air a dhèanamh dhoibh, air son siorruidheachd. Eabh. xi. 16, “Dh’ ulluch e dhoibh baile.” Agus na tha e faicinn feumail air an son, car na h-aimsir so, cha bhì sin a dhìth orra, Matt. xi. 31, 32. “Na bithibh làn de churam, ag ràdh, ciod a dh’ itheas sinn? No, ciod a dh’ òlas sinn? No, ciod a chuireas sinn umainn? Oir a ta fios aig bhrìr n-Athair nèamhaidh gu bheil feum agaibhse air na nithibh sin uile.” Tha smachdachadh an àm iomchuidh mar an ceudna ‘na shochair a ta aca mar mhic: mar sin cha ‘n fhuilingeair dhoibh-san dol as le ‘n lochdan mar a thachras do dhream eile nach ‘eil ‘nan cloinn ach ‘nan seirbhlich an teaghlaich, agus a bhitheas air an tionndadh a mach air na dorsan mu dheireadh air son an droch ghìùlain, Eabh. xii. 7. “Ma ghìùlaineas sibh smachdachadh, tha Dia a’ buntuinn ribh mar ri doinn: oir co am mae nach smachdaich an t-Athair?” Tha iad ‘nan oighreachan, agus sealbhaichidh iad na geallaman, Eabh. vi. 12. Seadh, tha iad ‘nan oighreachan air Dia, an Ti as e féin cuibhrionn an oighreachd, Salm xvi. 5, “agus ‘nan comh-oighreachan maille ri Criosd,” Rom. xiii. 17. Agus a chionn gur iad clann an Righ mhóir iad, agus gu bheil iad ‘nan oighreachan òg air gloir, tha aingle aca mar luchd coimheadachd, a ta air an cur a mach a chum frìthealidh dhoibhsan a bhios ‘nan oighreachan air slàinte, Eabh. i. 14.

Naomhachadh.

Is i an ccatthramh sochair, Naomhachadh, 1 Cor. i. 30. “Ach uaithe-san a ta sibhse ann an Iosa Criosd neach a rinneadh dhuinne le Dia, ‘na ghliocas ‘na fhireantachd, agus ‘na Naomhachd.” Air dhoibh a bhi air an aonadh ri Criosd, tha iad a’ comh-pàirteachadh d’ a Spiorad, an Ti is e Spiorad na naomhachd. Tha lànachd an Spioraid ann an Criosd, agus chan ‘eil e cosmhuil ri lànachd soithich, a chumas a mhàin na choirtear ann; ach is lânachd tobair e, air son sgaoidh agus comh-pàirteachaidh, a ta a ghnàth a’ cur a mach uisge, agus gidheadh a ta a ghnàth lân. Spiorad Chriosd, a’ bhrìgh spioradail sin, ta anns an stoc, agus o ‘m bheil e air a chomh-pàirteachadh ris na geugan, is Spiorad a’ ghràis e, Sech. xii. 10. Agus far am bheil Spiorad nan gràs a’ gabhail còmhnuidh, gheibhear an sin comh-chruinneachadh nan uile ghràsan. Chan aon ghras a mhàin Naomhachd, ach uile ghràsan an Spioraid: Is i coimhshoillse nan uile ghràsan i! Is i gach uile gràs i ‘nan siol agus ‘nam freumh. Agus mar théid a bhrìgh o ‘n stoc do ‘n ghéig, a’ dil air a feadh uile, agus tre na h-uile cuid dith; mar sin tha Spiorad Dhé a’ naomhachadh an duine gu h-iomlan. Bha pùinnsein a’ pheacaidh air a sgaioleadh air feadh spioraid an duine gu h-iomlan, eadar anam agus chorp: agus tha gràs an naomhachaidh ‘ga leantuin gus na h-uile h-oisinn, 1 Tes. v. 23. Tha na h-uile earrann de’n duine air a naomhachadh, ged nach ‘eil earrann ‘sam bith gu h-iomlan mar sin. Chan ‘eil an fhìrinn leis am bheil sinn air ar naomhachadh, air a eumail ‘s a’ cheann, mar ann am prìosan; ach tha i ruith le a buaidh naomhachaidh, tre ‘n chridhe agus a’ chaiththe-beatha. Tha gun amharus gràsan anns nà h-uile creideach fa leth, a tha ‘gan nochdadh féin mar gheugan mullaich os ceann chaich; mar bha macantas ann am Maois, agus foighidin ann an Iob: ach a chionn gu bheil ann an uile leanabaibh Dhé, gin naomh, a ta dol an co-chuideachd an lagha naoimh anns gach earrann deth, ga ghràdhachadh, ga roghnachadh, agus a’ gabhail ris, mar tha soilleir o ‘n mheas iomlan a th’ aca air uile àitheantaibh Dhé; tha e soilleir gu bheil uile ghràsan an Spioraid aca, do bhrìgh nach urrainn tuilleadh a bhi anns an t-sruthan na th’ anns an tobair.

(1.) ‘Na Spiorad claoidh.

A nis, tha ‘n Spiorad naomhachaidh so d’ am bheil creidich ‘nan luchd co-pairt, dhoibhsan, (1.) ‘Na Spiorad claoidh. Tre ‘n Spiorad tha iad a’ marbhadh gniomhara na colla, Rom. viii. 13. Tha peacadh air a cheusadh annta, Gal. v. 24. Tha iad air an suidheachadh le chéile (eadhon maillle ri Criosd) ann an coslas a bhàis; a bha ‘na bhàs fadalaich, Rom. vi. 5. Am peacadh a ta anns na naoimh, ged nach ‘eil e gu tur marbh, gidheadh tha e bàsachadh : na ‘m biodh e marbh, bhitheadh e air a thabhairt a nuas o ‘n chrann-cheusaidh agus air ‘adhlacadh as a shealladh ; ach tha e an crochadh an sin fathast, ag oibreachadh agus a’ gleachd fuidh lotaibh basmhór. Thoir fainear, mar an uair a gheibh crobh a leithid de bhulle as a ruigeas a cridhe, gu bheil a duilleach uile agus a geuga a’ tòiseachadh air catheadh agus air seargadh ; mar sin, far am bheil Spiorad an naomhachaidh a’ teachd, agus a’ briseadh cumhachd a’ pheacaidh, tha sgur o cheum gu ceum uaithe, agus bàsachadh dhà anns an duine gu h-iom-lan ; air chor as nach ‘eil e na ‘s faide a’ catheadh a bheatha anns an fheòil a réir ana-mianna dhaoinne. Chan ‘eil e deànamh a’ pheacaidh mar cheird no mar ghnothuch dha : Chan e àrd-rùn e féin iarraidh, agus a mhianna truailidh a shàsuchadh ; ach tha uidheam air tìr Immanuel, agus tha e ag imeachd air an rathad mhór da h-ionnsuidh. An t-slighe ris an abrar, slighe na naomb- achd ; ged tha a’ ghaoth o ifrinn, a bha séideadh air a chùl roimhe, a’ séideadh a ris ‘na làn aghaidh, a’ deànamh a slighe doilgh- iosach, agus ‘ga thilgeadh gu tric thar an rathaid mhoir.

(2.) An Spiorad so is Spiorad beothachaidh e dhoibh.

An Spiorad so is Spiorad beothachaidh e dhoibh ; oir is e Spiorad na beatha e, agus bheir e orra bhi beò chum fireantachd, Esec. xxxvi. 27. “Agus cuiridh mi mo Spiorad an taobh a stigh dthibh, agus bheir mi oirbh gluasad ann am reachdaibh.” Bithidh iadsan a bha air an suidheachadh le chéile, maillé ri Chriosd, ann an coslas a bhàis, mar an ceudna ann an coslas aiseirich, Rom. vi. 5. Aig aiseirigh Chriosd, ‘nuair a bha ‘anam air a cho- cheangal a ris r’a chorp, bha na h-uile ball de ‘n chorp bheann- aichte sin air a neartachadh a ris gu gniomhara na beatha choillonadh : mar sin, air do Spiorad naomhachaidh Chriosd bhi ‘g oibreachadh air an anam, tha e air a neartachadh na ‘s mò agus na ‘s mò, gu uile ghniomhara na beatha spioradail a choillonadh. Agus mar tha ‘n lagh gu h-iomlan, ‘s chan e mìora beag dheth a mhàin a ta sgriobhta air a’ chridhe naomha ; mar sin tha creidich air an neartachadh gus an lagh sin ath-sgriobhadh ‘nan cathe-beatha. Agus ged nach urrainn dhoibh litir dheth a sgriobhadh gun bhall dubh ; gidheadh tha Dia air son Chriosd, a’ gabhail r’an deanadais, a thaobh naomhachaidh, air dhoibh a bhi ‘nan deisciobuil d’ a Mhac féin, agus air an treòrachadh le a Spiorad féin. Is e an Spiorad naomhachaidh so, a ta air a cho-phairteachadh leis an Tighearna Iosa Criosd d’ a bhuill, an t-àrach spioradail a th’ aig na geugan o ‘n stoc bheannaichte anns am bheil iad air an suidheachadh; leis am bheil beatha nan gràs a ta air a tabhairt dhoibh anns an ath-ghineamhui, air a gleidheadh, air a deánamh maireannach, agus gniomhach. Is i a’ bheatha leis am bheil an creutair nuadh beò, agus leis am bheil e air àrach suas a chum foirfeachd. ‘S éiginn do ‘n bheatha spioradail a bhi air a h-àrach, agus is eiginn dith bhi faotainn leasachadh lòin: agus tha creidich a’ faotainn sin o Chriosd an ceann, neach a shuidhich an t-Athair ‘na cheann feartain d’ a bhuill uile, Col. ii. 19. “Agus gun an ceann a chumail, o ‘m bheil an corp uile, air a dha bhi air a bheathachadh trid altan agus bhannan, agus air a dhlùth-cheangal r’a chéile, a’ fàs le fàs Dhé.” A nis, is e ‘n comh-leasachadh so, comh-leasachadh Spiorad Iosa Criosd, Phil. i. 19. Tha na naoimh a’ beathachadh gu saoibhir, ag itheadh feòla Chriosd agus ag òl ‘fhola, air son an àrachaidh spioradail: gidheadh tha ar Tighearn e féin a’ teagasg dhuinn, gur e ‘n Spiorad a bheothaicheas, eadhon, an Spiorad sin a ta chòmhnuidh ‘na chorp beannaichte, Eoin vi. 63. Tha nàdur an duine air a cheangal ri nàdur na diadhachd ann am pearsa a’ Mhie; agus mar sin (cosmhuil ris a’ chopan ann an coinleir Shachariah, Sech. iv.) ‘na luidhe aig ceann an tobair, mar am meadhon glòrmhor tre’m bheil feartan gràsmhor a’ sruthadh, o thobar na diadhachd; agus a’ faotainn an Spioraid cha ‘n ann a reir tomhais, ach a’ sealbhachadh do ghnàth lânachd an Spiorad, do thaobh an aonaidh phearsanta so. Uaith so, air do chreidich a bhi air an ceangal ris an duine Criosd, (mar bha na seachd lòchraim ris a’ chopan, le ‘n seachd feadain, Sech. iv. 2). Tha ‘fheoil dhoibhsan ‘na biadh da rìreadh, agus ‘fhuil ‘na deoch da rìreadh; oir, air dhoibh a bhi beathachadh air a’ chorp bheannaichte sin, (is e sin ri ràdh, a bhi co-chur Chriosd gu h-éiscachdach r’ an anama tre chreidimh), tha iad a’ co-phairteachadh na’s mò ‘s na’s mò do ‘n Spiorad sin, a ta chomhnuidh an taobh a stigh, a chum an altrum spioradail. Cha b’ urrainn naomhachd Dhé co-cheangal lèithaireil a bhi aige ri creutair peacach, no réir sin co-chomunn a bhi aige ris: gidheadh cha b’ urrainn do ‘n chreutair a bhi beò an am beatha ghràis, as eugmha is co-chomunn ri tobar na beatha. A chum air an aobhar sin gu ‘m biodh ullachadh air a dhèanamh araon air son urrainn naomhachd Dhé, agus slainte pheacach; ghabh dara Pearsa na Trionaid ghloirnhoir, gu aonachd phearsanta ris féin nàdur dhaoinne as eugmha is peacaidh; a chum gu faighheadh an daoineachd naomha, neo-lochdach, agus neo-thruailidh so, lèinachd de ‘n Spiorad, d’ an co-pàirticheadh e d’a bhuill le cumhachd agus le éifeachd a dhiadachd. Agus cosmhuil ris mar a bhith-eadh craobh, aig am biodh a freumh anns an talamh, agus a geugan a’ ruidheachd gu neamh; cha chumadh an t-astar mòr a ta eadar an ffreumh agus na geuga bacadh air a’ chophairteachadh a ta etorra. Ciod ged nach ‘eil buill Chriosd diomhair, (eadhon an ceann agus na buill) dlùth, mar ceangailte r’ a cheile ann an rathad aonadh corporra? Chan ‘eil an t-aonadh uime sin na’s mi-chinntiche no na’s neo-éifeachdaiche. Seadh tha ar Tighearna féin a nochdadh dhuinn, ged a dh’ itheas sinn ‘fheòil air dhòigh chorporra agus fheòlmhor, gidheadh nach dèanadh e buanachd sam bith dhuinn, cha bhitheamaid leud an ròine na bu naoimhe leis a sin, Eoin vi. 63. Ach tha buill Chriosd air thalamh, air an aonadh r’ an Ceann air neamh, le bann neo-fhaiesinneach a’ cheairt Spioraid a ta gabhail còmhnuidh anns’ araon; annsan mar an ceann, agus annsa-san mar na buill, eadhon mar na rothan ann an aisling Eseicil, nach robh dlùth do na h-ainmhidhean beò, ach gidheadh bha comh-cheangailte riu le bann neo-fhaiesinnéach aon Spioraid annsa araon; air chor, “Agus an uair a ghluais na h-ainmhidhean, ghluais na rothan làimh riu; agus an uair a thogadh na h-ainmhidhean suas o ‘n talamh, thogadh, na rothan.” Esec. i 19. “Oir, (ars’ am Fàidh), bha Spiorad nan ainmhidh beò anns na rothaibh,” rann 20.

Ri leantuinm.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice