AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS
CREIDMHICH.
(Air a leantuinn bho t.d., 73.)
Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—Eoin xv. 5.
Tha Elihu a’ nochdadh dhuinn araon an galar agus an leigheas, Iob xxxiii. Feuch an staid anns am feud neach a bhi, mu am bheil smuainte gràidh aig Dia. Tha e tilgeadh saighdean mothachaidh ‘na choguis! agus bheir e orra ceangal ris cho teann, as nach urrainn dhà e féin fhuasgladh uatha, rann 16. “Fosgailidh e cluasan dhaoine agus seulaichidh e an teagasg.” Fàsaidh eadhon a chorpa tinn, rann 19. Oir smachdaichear e le pén air a leabaiddh agus lionmhoireachd a chnàmh le pén laidir.” Caillidh e chàil, rann 20. “Gabhaiddh a bheatha gràin de aran, agus ‘anam de bhiadh dheadh-bhlasda.” Caithidh a chorpa air falbh, air chor as nach ‘eil nì air ach eraicionn agus enamha, rann 21. “Caithear ‘fheòil air chor as nach faicear i, agus a chnamha nach facas, seasaiddh a mach.” Ged nach ‘eil e ulluichte air son bàis, chan ‘eil dòchas
beatha aige, rann 22. “Tairngidh ‘anam do ‘n uaigh, agus mi as e meud a thruaighe, a bheatha do na milltearaibh.” Amhaireidh e na h-uile mionaid c’uin’ a thig diabhuil, an luchd-millidh sin, Rom. ix. 11, na mortairean, no luchd-folachd, Eoin viii. 44, chum ‘anam a ghiùlan air falbh do ifrinn! O cor uamhasach! Gidheadh tha dochas ann; tha Dia a’ rùnachadh “anam a chumail o ‘n t-slochd,” rann 18, ged a bheir e air aghaidh chum na bruach e. A nis, faic mar tha ‘n duine tinn air a leigheas. Chan urra innleachd an leighiche feum a dhèanamh ‘s a’ chor so; tha ‘n eucail ni ‘s faide stigh na gu ‘n ruig a cungaidhean orra: Is trioblaid anama a thug an corp gus an staid so, agus uime sin is éiginn do na cungaidhean-leigheis a bhi air an fàradh ri anam agus coguis an duine thinn. Is éiginn do ‘n leighiche air son a’ chor so, bhi ‘na leighiche spioradail: Is éiginn do na leigheasan a bhi spioradail, eadhon fireanteachd, éirig, no réite. Air dhoibh sin a bhi air an cur ris, tha’n t-anam air a leigheas; a’ choguis air a cur ‘na tosd, agus tha ‘n corp air aiseag gu slainte, rann 23—26. “Ma bhios teachdair aige, eadar-theangair, aon am measg mile, a’ nochdadh ionrcais do dhuine; an sin gabhaidh e truas deth, agus their e, saor e o ‘dhol sios do ‘n t-slochd, fhuair mi éirig. Bithidh ‘fheoil na ‘s ùire na feoil leinibh, thig e air ais gu laithibh òige. Nì e urnuigh ri Dia, agus gabhaidh e gu caoimhneil ris, agus chi e ‘ghnus le gairdeachas.” ‘S e ‘n leighiche iomchuidh air son an duine thinn so, “teachdair, eadar-theangair,” rann 25. Is e sin, mar a tha cuid de-luchd-mineachaidh, ‘s chan ann gun deagh aobhar, ‘ga thuigsinn, an Leighiche mór Iosa Criost, mu ‘n dubhairt Iob gu ‘m b’e Fhear-saoraidh e, caib. xix. 25. Is Teachdair esan, Teachdair coimcheangail na sìth, Mal. iii. 1, a tha teachd ann an deadh àm, a dh’ ionnsuidh an duine thinn. Is Eadar-theangair e; an t-Eadar theangair mór air rùnaibh gràidh Dhé do pheacaich, Eoin i. 28. “Aon am measg mile! eadhon ceannard am measg dheich mile” (Dùn Shol. v. 10). Aon taghta as an t-sluagh, Salm lxxxix, 19. Aon d’ an d’ thug an Tighearna teanga nan daoine fòghluinte, a’ labhairt ann an deagh àm ris
an neach a ta airsnealach, Isa. l. 4, 5, 6. Is esan a tha maillle ris a nis le a spiorad, a thabbháirt mothachaidh dha mu fhíreantachd, Eoin xvi. 8, mar a bha e maillle ris roimhe, a thabbháirt mothachaidh dha mu pheacadh agus mu bhreitheanas. Is e obair a nis a bhi nochdadh dha ‘fhirinn no ‘fhíreantachd; is e sin, an t-Eadar-theangair Criosd fhíreantachd, an fhíreantachd sin a mháin a tha ‘g éirigh o dhioladh na h-éirig; agus air son am bheil am peacach air a shaoradh o dhol sios do ‘n t-slochd, rann 24. Agus mar so theirear gu bheil Criosd a’ cur an céill ainm Dhé, Salm xxii. 22, agus a ‘dèanamh sgeil air’ fhíreantachd, Salm. xl. 9. Tha ‘m focal comharrachta! Chan e bhi ‘nochdadh do ‘n duine, ach do dhuine, ‘fhíreantachd-san, a ta deánamh soilleir, gu bheil esan na ‘s mò na duine a tha nochdadh, no a’ cur an céill na fireantachd so. Coimeas Amos iv. 13. “Esan a dhealbhas na sléibhteán, agus a chruthaicheas a’ ghaoth, agus a dh’fhoillsicheas de dhuine ciod is smuainte dha.” Tha a réir coslais sùil thaitneach aige so ri ceud fhoillseachadh na fireantachd so do dhuine, no mar a tha ‘m focal a’ ciallachadh dà Adhamh an déigh an tuiteam, am feadh a bha e fuidh uamhas feirge Dhé. Bha ‘m foillseachadh so air a dhèanamh leis an Teachdair, an t-Eadar-theangair, eadhon focal siorruidh Mhic Dhé, ris an abrar, “Guth an Tighearna Dia,” Gen. iii. 8, agus leis-san a réir coslais, a’ taisbeanadh ann an cruth duine. A nis, am feadh a ta e, le a Spiorad ‘na shearmonaiche fireantachd do ‘n duine, tha air fhilleadh a steach ann, gu bheil an duine a’ dèanamh greim air an fhíreantachd a th’ air a taigse; Uime sin tha ‘n eirig air a co-chur ris, agus tha e air a shaoradh o dhol sios do ‘n t-slochd, oir fhuair Dia eirig air a shon. Tha so air innseadh; tha Dia ag radh, Saor e, rann 24. Air an aobhar sin, air d’a choguis a bhi air a glanadh le fuil na réite, tha i air a dèanamh réidh, agus air a cur gu sambehair thaitneach: “Ní e úrnugh ri Dia—agus chi e ‘ghnùis le gairdeachais;” gnùis air an do bheachdaich a roimhe le h-uamhunn, rann 26. Sin ri ràdh an cainnt an Tiomnaidh nuadh, “Air dha Ard-Shagart a bhi aige os ceann tighe Dhé, thig e am fagus le fior-chreidimh,
ann an lán dearbh-bheachd a’ chreidimh, dearbhach air dha chridhe bhi air a chrath-ghlanadh o droch coguis,” Eabh. x. 21, 22. Ach an sin, eiod a thig ris a’ chorp, ris an fheòil lag agus sgith? “Bithidh ‘fheòil na ‘s ùire feoil leinibh; thig e air ais gu laithibh ‘òige,” rann 255. Seadh, their a chnàmhan uile (a bha air an smachdachadh le pian làidir). “a Thighearna, eo is cosmhuil riutsa!” Salm xxxv. 10.
‘S i ‘n treas sochair, a tha sruthadh o aonadh ri Criosd, Uchdmhachadh. Air do chreidich a bhi air an aonadh ri Criosd, tha iad a’ fàs ‘nan cloinn do Dhia, agus ‘nam buill do theaghlach neimh. Tre ‘n aonadh ris-san, a ta ‘na Mhac do Dhia a’ thaobh naduir, tha iad a’ teachd gu bhi ‘nan cloinn do Dhia tre ghràs, Eoin i. 22. Ceart mar an uair a tha geug air a gearradh o aon chraoibh, agus air a suidheachadh ann an géig craoibh’ eile; tha ‘gheug a bha air a suidheachadh, a thaobh a h-aonaidh ris a’ ghèig a ghabh a steach i, (mar a deir cuid gu ceart,) air a dèanamh ‘na géig do ‘n stoc sin anns an robh i air a suidheachadh: mar sin, air do pheacaich a bhi air an suidheachadh ann an Iosa Criosd, d’ an ainm am Meangan, no a’ Gheug, “Is e ‘Athair an Athair-san, is e’ Dhia an Dia-san.” Eoin xx. 17. Agus mar so tha iadsan, a bha a thaobh nàduir ‘nan cloinn do ‘n diabhul, a’ teachd gu bhi ‘nan cloinn do Dhia. Tha Spiorad na h-uehdmhacachd aca, Rom. viii. 15, eadhon, Spiorad a’ Mhic, a tha ‘gan tabhairt gu Dia, mar chloinn a chum athar; a dhòrtadh a mach an gearain ‘na uehd, agus a dh’ iarraidh leasachadh iomchuidh air, Gal. iv. 6. “Do bhrigh gur mic sibh, chuir Dia Spiorad a Mhic ann blur eridhibh, ag éigheach, Abba, Athair.” Fuidh ‘n uile anmhuinneachdan, tha truacantas agus iochd athaireil air a nochdadh dhoibh, Salm ciii. 3. “Mar a ghabhas athair truas d’ a chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan d’ an eagal e.” Ged nach robh iad ach mar chloinn gun athair air am faotainn ann am fearann fásaich; gidheadh air bhi dhoibh ‘nan cloinn na h-uehdmhacachd, tha e ‘gan gleidheadh mar ubhal a shìl, Deut. xxxii. 10. Có ‘sam bith a tha ‘gan ruagadh, tha
didean aca, Gnath-fhoc. xiv. 26. “Aig a chloinn bithidh didean.” Ann an aimsir troiblaid choitcheonn, tha seòmraichean aca, far am feud iad a bhi air am folach, gus an gabh a’ choruich thairis, Isa. xxvi. 20. Agus chan e mhain gu bheil e mar thèarmunn air son an dion, ach ‘na chuibhrionn air son lòin, anns an didean sin, Salm exlii. 5. “Is tu mo thèarmunn, agus mo chuibhrionn ann an tìr nam beò.” Tha ulluchadh air a dhèanamh dhoibh, air son siorruidheadh. Eabh. xi. 16, “Dh’ ulluich e dhoibh baile.” Agus na tha e faicinn feumail air an son, ear na h-aimsir so, cha bhi sin a dhìth orra, Matt. xi. 31, 32. “Na bithibh làn de churam, ag ràdh, ciod a dh’ itheas sinn? No, ciod a dh’ òlas sinn? No, ciod a chuireas sinn umainn? Oir a ta fios aig bhrìr n-Athair nèamhaidh gu bheil feum agaibhse air na nithibh sin uile.” Tha smachdachadh an àm iomehuidh mar an ceudna ‘na shochair a ta aca mar mhic: mar sin cha ‘n fhuilingear dhoibh-san dol as le ‘n lochdan mar a thachras do dhream eile nach ‘eil ‘nan cloinn ach ‘nan seirbhisich an teaghlaich, agus a bhitheas air an tionndadh a mach air na dorsan mu dheireadh air son an droch ghiùlain, Eabh. xii. 7. “Ma ghiùlaineas sih smachdachadh, tha Dia a’ buntuinn ribh mar ri doinn: oir eo an mae nach smachdaich an t-Athair?” Tha iad ‘nan oighreachan, agus scalbhaichidh iad na geallannan, Eabh. vi. 12. Seadh, tha iad ‘nan oighreachan air Dia, an Ti as e féin cuibhrionn an oighreachd, Salm xvi. 5, “agus ‘nan comh-oighreachan maillle ri Criosd,” Rom. xiii. 17. Agus a chionn gur iad clann an Righ mhóir iad, agus gu bheil iad ‘nan oighreachan òg air gloir, tha aingle aca mar luchd coimheadachd, a ta air an eur a mach a chum frithealidh dhoibhsan a bhios ‘nan oighreachan air slàinte, Eabh. i. 14.
Is i an ceathramh sochair, Naombachadh, 1 Cor. i. 30. “Ach uaithe-san a ta sibhse ann an Iosa Criosd neach a rinneadh dhunne le Dia, ‘na ghliocas ‘na fhìreantachd, agus ‘na Naomhachd.” Air dhoibh a bhi air an aonadh ri Criosd, tha iad a’ comh-pàirteachadh d’ a Spiorad, an Ti is e Spiorad na naomhachd. Tha lànachd an Spioraid ann an Criosd, agus chan ‘eil e cosmhuil ri lànachd soithich, a chumas a mhàin na
dhoirtear ann; ach is lánachd tobair e, air son sgaolidh agus comh-páirteachaidh, a ta a ghnàth a’ cur a mach uisge, agus gidheadh a ta a ghnàth lán. Spiorad Chriosd, a’ bhrigh spioradail sin, ta anns an stoc, agus o ‘m bheil e air a chomh-páirteachadh ris na geugan, is Spiorad a’ ghràis e, Sech. xii. 10. Agus far am bheil Spiorad nan gràs a’ gabhail còmhnuidh, gheibhear an sin comh-chruinneachadh nan uile ghràsan. Chan aon ghras a mhàin Naomhaichd, ach uile ghràsan an Spioraid: Is i coimhshoillse nan uile ghràsan i! Is i gach uile gràs i ‘nan siol agus ‘nam freumh. Agus mar théid a bhrigh o ‘n stoc do ‘n ghéig, a’ dil air a feadh uile, agus tre na h-uile cuid dith; mar sin tha Spiorad Dhé a’ naomhaichadh an duine gu h-iomlan. Bha puinnsein a’ pheacaichd air a sgaoleadh air feadh spioraid an duine gu h-iomlan, eadar anam agus chorp: agus tha gràs an naomhaichaidh ‘ga leantuin gus na h-uile h-oisinn, 1 Tes. v. 23. Tha na h-uile earrann de’n duine air a naomhaichadh, ged nach ‘eil earrann ‘sam bith gu h-iomlan mar sin. Chan ‘eil an fhìrinn leis am bheil sinn air ar naomhaichadh, air a cumail ‘s a’ cheann, mar ann am priosan; ach tha i ruith le a buaidh naomhaichaidh, tre ‘n chridhe agus a’ chaithe-beatha. Tha gun amharus gràsan anns nà h-uile creideach fa leth, a tha ‘gan nochdadh féin mar gheugan mullaich os ceann chaich; mar bha maecantas ann am Maois, agus foighidin ann an Iob: ach a chionn gu bheil ann an uile leanabaibh Dhé, gin naomh, a ta dol an co-chuideachd an lagha naoimh anns gach earrann deth, ga ghràdhachadh, ga roghnachadh, agus a’ gabhail ris, mar tha soilleir o ‘n mheas iomlan a th’ aca air uile àitheantaibh Dhé; tha e soilleir gu bheil uile ghràsan an Spioraid aca, do bhrigh nach urrainn tuilleadh a bhi anns an t-sruthan na th’ anns an tobair.
A nis, tha ‘n Spiorad naomhaichaidh so d’ am bheil creidich ‘nan luehd co-pairt, dhoibhsan, (1.) ‘Na Spiorad claoidh. Tre ‘n Spiorad tha iad a’ marbhadh gniomhara na colla, Rom. viii. 13. Tha peacadh air a cheusadh annta, Gal. v. 24. Tha iad air an suidheachadh le chéile (eadhon maillle ri Criosd) ann an coslas a bhàis; a bha ‘na bhàs fadalach, Rom. vi. 5. Am peacadh a ta anns na naoimh, ged nach ‘eil e gu tur marbh, gidheadh tha e
bàsachadh: na ‘m biodh e marbh, bhitheadh e air a thabhairt a nuas o ‘n chrann-cheusaidh agus air ‘adhacadh as a shealladh; ach tha e an crochadh an sin fathast, ag oibreacadh agus a’ gleachd fuidh lotaibh basmhor. Thoir fainear, mar an uair a gheibh craobh a leithid de bhuille as a ruigeas a cridhe, gu bheil a duilleach uile agus a geuga a’ tòiseachadh air caitheadh agus air seargadh; mar sin, far am bheil Spiorad an naomhachaidh a’ teachd, agus a’ briseadh cumhachd a’ pheacaidh, tha sguir o cheum gu ceum uaithe, agus bàsachadh dhà anns an duine gu h-iom-lan; air chor as nach ‘eil e na ‘s faide a’ caitheadh a bheatha anns an fheòil a réir ana-mianna dhaoine. Chan ‘eil e deànamh a’ pheacaidh mar cheird no mar ghnothuch dha: Chan e àrd-rùn e féin iarraidh, agus a mhianna truaillich a shàsueadh; ach tha uidheam air tìr Immanuel, agus tha e ag imeachd air an rathad mhòr da h-ionnsuidh. An t-slighe ris an abrar, slighe na naomhachadh; ged tha a’ ghaoth o ifrinn, a bha séideadh air a chùl roimhe, a’ séideadh a nis ‘na làn aghaidh, a’ deànamh a shlighe doilghiosach, agus ‘ga thilgeadh gu tric thar an rathaid mhoir. (2.) An Spiorad so is Spiorad beothachaidh e dhoibh; oir is e Spiorad na beatha e, agus bheir e orra bhi beò chum fireantachd, Esec. xxxvi. 27. “Agus cuirdh mi mo Spiorad an taobh a stigh dlibh, agus bheir mi oirbh gluasad ann am reachdaibh.” Bithidh iadsan a bha air an suidheachadh le chéile, maillle ri Criosd, ann an coslas a bhàis, mar an ceudna ann an coslas aiseirich, Rom. vi. 5. Aig aiseirigh Criosd, ‘nuair a bha ‘anam air a chocheangal a ris r’a chorpa, bha na h-uile ball de ‘n chorpa bheann-aichte sin air a neartachadh a ris gu gniomharra na beatha choillionadh: mar sin, air do Spiorad naomhachaidh Criosd bhi ‘g oibreacadh air an anam, tha e air a neartachadh na ‘s mò agus na ‘s mò, gu uile ghniomara na beatha spioradail a choillionadh. Agus mar tha ‘n lagh gu h-iomlan, ‘s chan e mòra beag dheth a mhàin a ta sgrìobhta air a’ chridhe naomha; mar sin tha creidich air an neartachadh gus an lagh sin ath-sgrìobhadh ‘nan caithe-beatha. Agus ged nach urrainn dhoibh litir dheth a sgrìobhadh gun bhall dubh; gidheadh tha Dia air son Criosd, a’ gabhail r’an deanadais, a thaobh naomhachaidh, air dhoibh
a bhi ‘nan deisciobuil d’ a Mhac féin, agus air an treòrachadh le a Spiorad féin.
Is e an Spiorad naomhachaidh so, a ta air a cho-phairteachadh leis an Tighearna Iosa Criosd d’ a bhuill, an t-àrach spioradail a th’ aig na geuga o ‘n stoc bheannaichte anns am bheil iad air an suidheachadh; leis am bheil beatha nan gràs a ta air a tabhairt dhoibh anns an ath-ghineamhui, air a gleidheadh, air a deànamh maireannach, agus gniomhach. Is i a’ bheatha leis am bheil an creutair nuadh beò, agus leis am bheil e air àrach suas a chum foirfeachd. ‘S eiginn do ‘n bheatha spioradail a bhi air a h-àrach, agus is eiginn dith bhi faotainn leasachadh lòin: agus tha creidich a’ faotainn sin o Chriosd an ceann, neach a shuidhich an t-Athair ‘na cheann feartain d’ a bhuill uile, Col. ii. 19. “Agus gun an ceann a chumail, o ‘m bheil an corp uile, air a dha bhi air a bheathachadh trid altan agus bhannan, agus air a dhlùth-cheangal r’a chéile, a’ fàs le fàs Dhé.” A nis, is e ‘n comh-leasachadh so, comh-leasachadh Spiorad Iosa Criosd, Phil. i. 19. Tha na naoimh a’ beathachadh gu saoibhir, ag itheadh feòla Chriosd agus ag òl ‘fhola, air son an àrachaidh spioradail: gidheadh tha ar Tighearn e féin a’ teagasg dhuinn, gur e ‘n Spiorad a bheothaicheas, eadhon, an Spiorad sin a ta chòmhnuidh ‘na chorp beannaichte, Eoin vi. 63. Tha nàdur an duine air a cheangal ri nàdur na diadhachd ann am pearsa a’ Mhic; agus mar sin (cosmhuil ris a’ chopan ann an coinnleir Shachariah, Sech. iv.) ‘na luidhe aig ceann an tobair, mar am meadhon glòrmhor tre’m bheil feartan gràsmhor a’ sruthadh, o thobar na diadhachd; agus a’ faotainn an Spioraid cha ‘n ann a reir tomhais, ach a’ sealbhaichadh do ghnàth lìnachd an Spiorad, do thaobh an aonaidh phearsanta so. Uaith so, air do chreidich a bhi air a’ ceangal ris an duine Criosd, (mar bha na seachd lòchrair ris a’ chopan, le ‘n seachd feadain, Sech. iv. 2). Tha ‘theoil dhoibhsan ‘na biadh da rìreadh, agus ‘fluil ‘na doch da rìreadh; oir, air dhoibh a bhi beathachadh air a’ chorp bheannaichte sin, (is e sin ri ràdh, a bhi co-chur Chriosd gu li-éifeachdach r’ an anama tre chreidimh), tha iad a’ co-phairteachadh na’s mò ‘s na’s mò do ‘n Spiorad sin, a ta chomhnuidh
an taobh a stigh, a chum an altrum spioradail. Cha b’ urrainn naomhachd Dhé co-cheangal lâthaireil a bhi aige ri creutair peacach, no réir sin co-chomunn a bhi aige ris: gidheadh cha b’ urrainn do ‘n chreutair a bhi beò an am beatha glùais, as eugmhais co-chomunn ri tobar na beatha. A chum air an aobhar sin gu ‘m biodh ullachadh air a dhèanamh araon air son urrainn naomhachd Dhé, agus slainte pheacach; ghabh dara Pearsa na Trionaid ghlòrmoir, gu aonachd phearsanta ris féin nàdur dhaoine as eugmhais peacaidh; a chum gu faigheadh an daoineachd naomha, neo-lochdach, agus neo-thruaillidh so, lânachd de ‘n Spiorad, d’ an co-pàrticheadh e d’a bhuill le cumhachd agus le éifeachd a dhiadhaichd. Agus cosmhuil ris mar a bhith-eadh craobh, aig am biodh a freumh anns an talamh, agus a geugan a’ ruidheachd gu neamh; cha chumadh an t-astar mòr a ta eadar an fheumh agus na geuga bacadh air a’ cho-phairteachadh a ta etorra. Ciod ged nach ‘eil buill Chriosd diomhair, (eadhon an ceann agus na buill) dlùth, mar ceangailte r’ a cheile ann an rathad aonadh eorpporra? Chan ‘eil an t-aonadh uime sin na’s mi-chinntiche no na’s neo-éifeachdaiche. Seadh tha ar Tighearna féin a nochdadh dhuinn, ged a dh’ itheas sinn ‘fheòil air dhòigh chorpporra agus fheòlmhor, gidheadh nach dèanadh e buanachd sam bith dhuinn, cha bhitheamaid leud an ròine na bu naoinmhe leis a sin, Eoin vi. 63. Ach tha buill Chriosd air thalamh, air an aonadh r’ an Ceann air neamh, le bann neo-fhaicsinneach a’ cheairt Spioraid a ta gabhail còmhnuidh annt’ araon; annsan mar an ecann, agus annta-san mar na buill, eadhon mar na rothan ann an aisling Eseciel, nach robh dlùth do na h-ainmhidhean beò, ach gidheadh bha comh-cheangailte riu le bann neo-fhaicsinneach aon Spioraid annta araon; air chor, “Agus an uair a ghluais na h-ainmhidhean, glhuais na rothan làimh riu; agus an uair a thogadh na h-ainmhidhean suas o ‘n talamh, thogadh, na rothan.” Esec. i 19. “Oir, (ars’ am Fàidh), bha Spiorad nan ainmhidh beò anns na rothaibh,” rann 20.
Ri leantuinm.