II.
An sin bi’dh sonas anns gach rioghachd,
‘S cuirt gach righ mar fliùnan taitneach,
Torach, làn le gràdh, ‘s le firinn,
‘S bheir gach sluagh deagh iobairt seachad:
Tionnda’idh ‘n t-Arabach ‘s an t-Inns’nach,
Fo thrombaid bhinn an t-soisgeil,
‘S cumaidh ‘m Pàp na h-aitheantan dìreach,
‘S cha bhi iomhaigh ann no croisean.
Ach bi’dh ‘n soisgeul air a leughadh,
Anns a’ bheus an robh e ‘n toiseach,
‘S bidh an luchd-teagaig làn de éifeachd,
‘Toirt an lèirsinn do na bochdaibh.
‘S binn am fuaim ‘s gach cluas ‘bhi ‘g éisdeachd
Ait-sgeul aoibhinn clèir nan abstoil,
Anns ‘n do shuidh iad eruinn gu lèir,
Le Spiorad Dhé ‘toirt géill dha fhocal.
‘S thusa, dhuine, cluinn, a’s leugh so
‘S cuimhneich fhéin bhi ceum air thoiseach,
‘S thu cho pailt de stór ‘s de dh’fhendail,
‘S bane gu d’ ghéill, ‘s coig ceud air ocar;
A mheud ‘s ged thionail thu ri chéile
Do mhae gun chéill ‘s do oighre cosdail,
B’ fhèarr dhuit beannachd bho luchd-déiree,
Na na dh’fhag thu ‘d dhéid gu droch bhuil.
‘S bho na shiùbblas sinn gu léir
Do’n chìll bho’n d’ éirich sinn an toiseach,
Anns an uaigh ‘s nach luaidh sinn feudail,
‘S nach bi feum againn air cosdas;
‘S faoin gach fasan ‘s deagh éididh,
‘S tan’ an léin an téid an corpsa,
‘S ni na daola euilm de ‘n ebreubhaig,
‘M fad ‘s a mhaireas réud gun chosd dhi.
An sin gach duine ‘chuir ‘s an éucoir
Buainidh e le déuraibh goirte,
‘S bi’dh an duais gu truagh mar thoill iad,
‘S aird a chluinnear caoidh an ochan :
Bi’dh an lochd ‘n a’ chrois ‘s gach éudann,
‘S an cogais reubach fhéin ga ‘n lotadh,
Sgiursar iad gu slochd na péine,
‘S corruich Dhé mar leus ga ‘n losgadh.
Ach na fìreanaich gu aoibhneas,
Crùn, a’s oighreachd gheibh gach neach dhiubh,
‘S comhnuidh ait an teach na soillse—
Sona, soim’ bhios cloinn na maise,
‘Chliùthachadh Aon-mhae na Maighdinn,
‘Choisinn saibhreas dhoibh le ‘ghaisgeachd,
‘S a thug buaidh bho ‘n uaigh le threun’-laimh,
‘S geat an éig le ‘ghairdean spealg e.
‘S chaidh e suas le buaidh-ghàir aoibhneis,
Dh’ ullaichadh dha chloinn an dachaidh,
‘S thug e àithntean d’ a luchd-muinntr
Uain ‘s a chaoraich stiùradh faic’leach :
‘S ‘n uair a thig e ris na mhóraichd
‘Thoirt am porsan do gach neach dhiubh,
An seirbhisach rinn céilg a’s fòirneart,
Sgiùrsar e le còrdaibh gorta.
—Mrs. Clark.