AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH.
(Air a leantuininn bho t.d., 183).
Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—EOIN xv. 5.
Uaith so chi sinn an t-eadar-dhealaichadh a ta eadar fior Naomhachd, agus am faileas, a ta ri fhaotainn am measg teannluchd aideachaidh a’ chreidimh Chriosdaidh, nach ‘eil fathast ‘nam fior Chriosdaidhean, nach ‘eil air an ath ghineamhuin le Sporad Chriosd, agus a tha de ‘n cheart ghné a chunnaeas anns na Cinnich stuama. Is e fior-naomhachadh an ni sin a ta ‘g éirigh o aonadh an anama ris an Iosa naomh, an ti is e an ceud àite còmhuidh do Spiorad an naomhachaidh; agus as a lànachd-san tha bhuill a’ faotainn, do bhrigh an aonaidh ris-san, feartan naomhachaidh. ‘S ‘m faileas, an ni sin a ta mhàin a’ sruthadh o spiorad an duine féin; ni, ciod air bith a ta aige, no a ta e taisbeanadh bhi aige de chruth na fior naomhachd, gidheadh nach ‘eil ag éirigh o nàdur air a naomhachadh, no gu àrd iarrituis agus gu eriochaibh na naomhachd: Oir, mar a ta e ag éirigh o fhéineileachd; mar sin, tha e ruith a mach gu cuan marbh na féineileachd a ris; agus tha e cho falamh de fhiar-naomhachd, is a tha nàdur de ghràs. Tha iadsan aig am bheil an naomhachd dhiolain so, cosmhul ri luchd-bàta, a ta deanamh an gnòthuich le ‘n ràimh féin; ‘uair tha ‘n long a ta dol a dh’ ionnsuidh tìr Immanuel a’ scòladh le sèideadh an Spioraid naoimh. Cionnus a ta e eomasach gu’m biodh fior naomhachd as eugmhais Chriosd? Am feud fior-naomhachadh a bhi as eugmhais co-phairteachadh de Spiorad na naomhachd? Am feud sinn co-phairteachadh de ‘n Spiorad sin, ach tre Iosa Chriosd, an t-slighe, an fhìrinn, agus a’ bheatha? Feudaidh an driùchd a thuiteas, slighe dhèanamh cho luath tre ‘n charraig ailbhinn, is a thig feartan gràis o Dhia gu peacaich, air slighe sam bith eile, ach troimhe-san a dh’ òrduich an t-Athair ‘na cheann nam feartan, Col. i. 19. “Oir b’e deadh-thoil an Athar gu ‘n còmhnuicheadh gach uile iomlaineachd annsan.” Agus, caib. ii. 19. “Agus gun an ceann a chumail, o ‘m bheil an corp uile, air dha bhi air a bheathachadh trid altan agus bhannan, agus air a dhlùth-cheangal r’a cheile, a’ fàs le fàs Dé.” Uaith so faic mar tha teachd gu crich, gu bheil mòran a’ tuitean air falbh, o an coslas naomhachd, agus chan ‘eil iad pilltinn tuilleadh: ‘S ann a chionn nach ‘eil iad ‘nan geuga a ta gu fior air an ceangal ris an Fhionain fhìor. Anns an àm cheudna tha dream eile air an leigheas o ‘m fàilingean; do bhrìgh an aonadh ris an stoc a ta tabhairt beatha, le Spiorad a’ bheothachaidh, 1 Eoin ii. 19. “Chaidh iad a mach uainne, ach cha robh iad dhinn: Oir na’m biodh iad dhinn, gu deimhin dh’fhanadh iad maille ruinn.”
‘Se ‘n coigeamh sochair, fàs ann an gràs: Air do bheatha bhi air a frithealadh dhoibh, tha iad a’ fàs le fàs Dhé, Col. ii. 19. “Thig am firean fo bhlàth mar chrann-pailme: Fasaidh e suas mar sheudar air Lebanon,” Salm xcii. 12. Tha gràs de nàdur fàis: anns an t-slighe chum Shioin, imichidh iad o neart gu neart. Ged tha ‘n duine naomh air tìs ‘na leànaibh beag ann an gràs, gidheadh, mu dheireadh tha e fàs ‘na dhuine òg, ‘na athair, 1 Eoin ii. 13. Ged nach ‘eil e ach air uairibh a’ snàgadh anns an t-slighe gu neamh; gidheadh, an déigh, sin tha e “a’ siubhal, a’ ruith, ag éirigh suas mar iolair air a sgiathaibh,” Isa. xl. 31. Mur fàs geug a ta air a suidheachadh ann an stoc, is comhara soilleir e nach robh i riamh air a ceangal ris an stoc.
Ach feudaidh cuid a ràdh, ma tha na h-uile fior-Chriosdadh a’fàs, ciod a deirear riusan, ann an àite fais a ta dol air an ais? Freagram, Air tûs, Tha eadar-dhealachadh mòr eadar fàs a’ Chriosdaidh aig aon àm, agus ‘fhàs’ aig gach uile am. Tha na h-uile fior Chriosdaidh a’ fàs, ach chan ‘eil mi ag ràdh gu bheil iad a’ fàs aig gach uile àm. Fasaidh craobh aig am bheil beatha, agus altrum gu h-iomlaineachd, gidheadh chan ‘eil i a ghnàth a’ fàs; chan ‘eil i fas sa’ gheamhradh. Tha ‘n geamhraidean mar an ceudna aig Críosdaidean, anns am bheil stad air feartan a’ ghràis, Dan-Shol. v. 2. Tha mi ‘m chodal. Is ann trid creidimh a ta ‘n creideach a’ tarruing feartan gràsmhor o Iosa Críosd; cosmhuil ris gach lòchran anns a’ choinnleir a fluair ola o’n chopan, leis an fheadan a bha dol eatorra, Sech. iv. 2. A nis ma theid am feadan a dhùnadh, ma luidheas creidimh an naoimh ‘na thàmh, agus neo-gniomhaich; an sin fàsaidh na gràsan eile mall, agus bithidh iad cosmhuil ri bhi ullamh air dol as. Agus a réir sin, cruinnichidh nàdur truaillich neart, agus fàsaidh e gniomhaich. Ciod an sin a thig ris an anam? Ciod; tha fathast aon bhonn cinnteach dochais. Chan ‘eil creidimh an naoimh mar tha creidimh a’ chealgair, cosmhuil ri feadan nach ‘eil a’ ruigsinn na tobraich, tre nach ‘eil ni sam bith a’ sruthadh: tha e do ghnàth a’ mairsinn ‘na bhann de’n choimheangail eadar Críosd agus an t-anam; agus air an aobhar sin, do bhrigh gu bheil Críosd beò, bithidh an creideach beò mar an ceudna, Eoin xiv. 19. Cuiridh an Tighearn Iosa a stigh a làmh troimh tholl an doruis, agus rèitichidh e eladhanna an treòrachaidh; agus an sin sruthaidh feartan fàis, agus seallaidh gràsan a’ chreidich ùr agus gorm a ris, Hos. xiv. 7. “Pillidh iadsan a ta chòmhnuidh fo a sgàile: mar an t-arbhar bithidh iad air an ath-bheothachadh; agus fàsaidh iad mar an fhionain.” Anns na h-amannaibh as miosa, tha aig na naoimh gnè-fàis annta, 1 Eoin iii. 9. “Tha shiolsan a’ fantuinn ann.” Agus nime sin, an déigh seargaidhean, tha iad ag ath-bheothachadh a ris: eadhon, ‘nuair tha ‘n geamhradh air dol seachad, agus a ta Grian na fireanntachd a’ pilleadh le a feartan blàtha. Feudaidh meall salachair a thilgear ann an lochan, luidhe an sin gu sàmhach; ach ma thilgear ann an tobar e, oibrichidh an sruth a mach mu dheireadh e, agus ruithidh e cho glan ‘sa b’ àbhaist dhà.
‘S an dara àite, Feudaidh Criosdaidhean dol mearachd mu ‘m fàs, agus sin air dà dhòigh. (1.) Le breth a thoirt air an staid a réir am mothachaidh aig an àm. Tha iad a’ toirt fa’near iad féin, agus cha ‘n urrainn doibh a mhothachadh gu bheil iad a’ fàs; ach chan ‘eil aobhar aca uath sin, a cho-dhùnadh nach ‘eil iad a’ fàs Marc. iv. 27. “Tha ‘n siol a’ gineadh agus a’ fàs suas, air dòigh nach fhios da.” Ged shocraicheadh duine a shùil car aimsir fhada gu daingean air a’ ghréin a’ ruith a rèis no air craoibh a’ fàs; cha’n aithnicheadh e ghràin a’ glusad no a’ chraobh a’ fàs: ach, ma choimeasas e a’ chraobh mar a tha i nis, mar bha i bliadnaich roimhe sin; agus ma bheir e fa’near an t-àite anns na neamhaibh far an robh a’ ghrian ‘sa’ mhaduinn; aithnichidh e gu cinnteach gu ‘n d’ fhàs a’ chraobh, agus gu ‘n do ghluais a’ ghrian. Air an dòigh cheudna, feudaidh aithne bhi aig a’ Chriosdaidh, co dhiubh a ta e ann an staid fàis no claonaidh, le a staid a choimeas ‘san àm so, ris mar a bha i ‘san aimsir a chaidh seachad. (2.) Feudaidh Criosdaidhean dol mearachd mu ‘n staid, le bhi tomhas am fàis le àirde a’ mhullaich a mhàin, gun bhi beachachadh air an ffreumh. Ged nach ‘eil duine a’ fàs na’s airde, feudaidh e bhi fas na’s làidire. Ma tha craobh a’ gabhail ris an talamh, ‘ga daingneachadh féin anns an talamh, agus a’ sgaolleadh a mach a freumhan; tha i gu cinnteach a’ fàs, ged nach ‘eil i fàs na’s airde na bha i roimhe. Mar sin, ged nach bi aig a’ Chriosdaidh an sòlas milis agus na plathan de ghràdh a bha uaireigin aige, gidheadh ma tha e fàs ann an irioslachd, féin-àicheadh, agus ann am mothachadh air ‘fheum air a thaic a bhi air Iosa Criosd, is Criosdaidh e a ta fàs, Hos. xiv. 5. “Bithidh mi mar an driùchd do Israel, cuirdh e mach a ffreumna mar Lebanon.”
Ceisd. Ach am bheil cealgairean a’ fàs idir? Agus ma tha iad a’ fàs, cionnus a chuireas sinn eadar-dhealaichadh eadar am fàs-san, agus fior-fhàs a’ Chriosdaidh? Freag. Mar fheagradh do ‘n cheud chuid de ‘n cheisd, tha Cealgairean a’ fàs. Tha fhàs féin aig a’ chogul, cho maith ris a’ chruthneachd: agus dh’fhàs an siol a chuireadh am measg dhroighionn suas, a mhàin cha d’ thug e toradh uath gu h-iomlaineachd, Luc. viii. 14.
Seadh, feudaidd fàs mealltach a bhi aig an fhìor Chriosdaidd. Bha coslas air Seumas agus Eòin a bhi fàs an gràs an eud naoimh, ‘nuair a dh’fhàs an spiorad eòs teth ann an aobhar Chriosd, as gun cuireadh iad teine ri bailtean iomlan, air son nach gabhadh iad ri’n Tighearn agus am Maighstir, Luc. ix. 54. “A dubhàirt iad, a Thighearn, an àill leat gu’n abramaid teine a theachd a nuas o neamh, agus an losgadh, eadhon, mar a rinn Elias?” Ach cha b’e ‘m fàs ceart idir a bh’ ann: Agus, uime sin, thionndaidh esan agus-chronaich e iad agus a dubhàirt e, “Chan ‘eil fhiòs agaibh ciod a’ ghnè spiorad d’ am bheil sibh,” rann 55. Mar fhreagradh do’n dara cuid de ‘n cheisd bheir sinn fa’near, gu bheil maise shònraichte ann am fàs mealltach: tha e farsuinn, riaghailteach, agus co-fhreagarach. Is “fàs suas anns an e; anns na h-uile nithibh, a ‘s e an ceann,” Eph. iv. 15. Tha’n Criosdaidd a ta fàs, a’ fàs co-fhreagarach anns na h-uile earrann do’n duine nuadh. Fo fheartan caoinmhneil grian na fireanntachd, fàsaidh creidich suas mar laoigh-bhiadhta, Mal. iv. 2. Shaoileadh sibh gu ‘m b’ uabheisteil am fàs anns na h-ainnmhidhean sin, na’m faiceadh sibh an cinn a’ fàs, agus gun an cuirp a’ fàs; no na’m faiceadh sibh aon chas a’ fàs, agus gun a’ chas eile a’ fàs; mur ‘eil na h-uile ball a’ fàs co-fhreagarach. Tha sin fìor, ach is ann mar sin tha mòran a’ fàs ann an diadhachd: tha iad a’ fàs cosmhuil ri cloinn ghalarach, aig am bheil ceann mòr, ach corp caol; tha iad a’ faotainn tuilleadh eòlais ‘nan cinn, ach chan ‘eil tuilleadh naomhachd ‘nan eridhe agus ‘nan caithe-beatha: Fàsaidh iad glé theith o’n taobh a mach, ach glé fhuar o’n taobh a stigh, cosmhuil ri daoine ann am braise de’n fhiabbrus chrìtheanaich: tha iad na’s mò air an togail le diadhachd an taobh a mach na bha iad roimhe, gidheadh tha iad ‘nan coigrich cho mòr do chumhachd na diadhachd ‘sa bha iad riamh. Ma bhios lìos air uisgeachadh leis an làimh, gheibh cuid de na lusan mòran, cuid beagan, agus cuid diubh nach faigh uisg’ idir; agus air an aobhar sin seargaidh cuid, am feadh a ta cuid eile teachd air an aghaidh: ach an dèigh fraise o na neòil, thig iad uile air an aghaidh le chéile. Air an dèigh cheudna, fàsaidh uile ghràsan an Spioraid co-fhreagarach, le feartan àraidh gràis Dhé. Air do na geuga a ta air an suidheachadh ann an Criosd, a bhi fòs gu ceart, tha iad a’ fàs anns na h-uile rathad fàis aig aon am. Fasaidh iad san taobh a stigh, a’ fàs ann an Criosd, Eph. iv. 15, a’ dluthachadh na’s dlùithe ris, agus a’ dlùth-leantuin na’s daingean ris, mar cheann nam feartan, a ta ‘na thobar do gach uile fhàs Criosd-aidh. Fasaidh iad o’n taobh a mach, ann an deadh oibre ‘nan caithe-beatha, agus ‘nnan coluadar. Chan e mhàin, maille ri Naphtali, gu ‘n toir e focail thaitneach uath; ach cosmhuil ri Ioseph, tha iad ‘nan geug-thorraich. Fasaidh iad suas, ann an inntinnibh neamhaidh, agus ann an dimeas air an t-soighal: Oir “tha’n caitheadh-beatha air neamh,” Phil. iii. 20, agus fadheòidh tha iad a’ fàs sios, ann an irioslaichd agus féin-ghraineachadh: tha na geugan a ‘s mó fàs an ann Criosd, ‘nam beachd féin, “na ‘s lugha na ‘n ti a’s lugha de na naomhaibh uile,” Eph. iii. 8. “Ceann-feadhna nam peacach, 1 Tim. i. 15. “Na ‘s brùideile na duine air bith,” Gnath-Phoc. xxxi 2. Tha iad a’ faicinn nach urra dhoibh nì ‘s am bith a dhèanamh, chan urra dhoibh urrad agus “aon nì a smuaineachadh, mar uatha féin,” 2 Cor. iii. 5. Nach ‘eil iad a’ toilltinn nì ‘s am bith, air dhoibh a bhi “neo-airidh air a chuid is lugha de na tròcairibh a nochd e dhoibh,” Gen. xxxii. 10. Agus gu bheil iad ‘nan neo-ni, 2 Cor. xii. 2.
‘S e ‘n seathadh sochair, torraichd. Chan ‘eil a’ gheug a ta air a suidheachadh ann an Criosd mi-thorach, ach bheir iad toradh uatha, Eoin xv. 5. “An ti a dh’ fhanas annamsa, agus mise annsan bheir esan mór-thoradh uath.” ‘S ann air son na ceart chriche sin a ta anama air am pòsadh ri Criosd, chum gu’n d’ thugadh iad “toradh a mach do Dhia,” Rom. vii. 4. Fendaichd cuid a ta ‘nan geugan neo-thorach a bhi ann an Criosd, le aidmheil ach chan ann le fior-shuidheachadh. Cò ‘s am bith a ta air an coimh-cheangal ri Criosd, bheir iad a mach toraidh umhlachd an t-soisgeil, agus fior-naomhaichd. Tha deadh oibre do ghnath a’ leantuin creidimh. Tha’n creideach chan e mhain air teachd a mach á uaigh a staid nàduir, ach chuir e dheth eudach mairbh, eadhon, ana-mianna a bha rioghaichadh, anns an do ghluais e uair-eigin, mar thanasg; air dha bhi marbh ‘n uair a bha e caitheadh a bheatha annta, Col. iii. 7, 8. Oir thubhairt Criostd uime mar a thubhairt e mu Lasarus, fuasglaibh e, agus leigibh leis imeachd. Agus a nis air dha Criostd a chur uime, tha e cosmhuil ris, mar tha duine bochd, ann an deis iasachd cosmhuil ri righ air àite cluich, ag imeachd mar a dh’ imich esan mar an ceudna. A nis tha toradh an Spioraid annsan ‘s an uile mhaitheas, Eph. v. 9. Bithidh toradh na naomhaechd rì fhaotainn ann an eridheachaibh, ann am bilibh, agus ann an caithe-beatha na muintir a ta air an aonadh ri Criostd. Tha duine foluicht’ a’ chridhe, chan e mhain ‘n a theampl air a thogail air son Dhé, agus air a choisrigeadh dha; ach tha feum air a dhèanamh dheth, agus tha e air a ghnàthachadh, air a shon; anns am faicear gràdh, eagal, earbsa, agus na h-uile earrann eile de’n diadhachd fholaichte air in cumail ann am beò chleachda, Phil. iii. 3. “Oir is sinne an tiomchioll-ghearradh a ta dèanamh aoraidh do Dhia ‘s an Spiorad. Chan ‘eil an eridhe ni ‘s mó na àite coitchionn do ‘n diabhul, far am bheil smuainean a’ ruith gu saor, oir eadhon an sin tha smuaine diomhan air am fuathachadh, Salm exix. 113. Ach is ionad sonruichte le Dia e, air a dhruideadh mu ‘n euairt mar lios dha, Dan-Shol. iv. 6. Is fior, gu bheil lùibhean truaillidheachd an sin, a chiomh nach ‘eil am fearann fathast gu h-iomlan air a leigheas: ach tha ‘n duine, ann an là a nuadh-chruthachaidh, air a chur g’a dheasachadh agus g’a ghleidheadh. Bhean eibhle bheò o’n altair ri bhilibh, agus tha iad air an glanadh, Salm xv. 1, 2, 3. “A Thighearn, có dh’ fhanas ann ad phàilliuin? Có chomhnuicheas air do shliabh naomh? Esan a ghluaiseas gu h-ionraic, agus a ni ceartas, agus a labhras an fhirinn ‘na chridhe; nach dèan cùl-chaineadh le ‘theangaidh, nach dèan ole d’ a charaid, agus nach tog droch sgeul air a choimhearsnach.” Feudaidh gun amharus teanga mhìn a bhi far am bheil eridhe mealltach: Feudaidh gur e an guth, guth Iacoib, ‘n uair a ‘s iad na làmhan, làmhan Esau: ach, “Ma shaoileas nach air bith ‘nur meàsg gu bheil e’ diadhaidh, gun a bhi cur srein r’ a teangaidh, ach a’ mealladh a chridhe féin, is diomhain diadhachd an duine so,” Seum. i. 26. Bithidh uachdranachd aig cumhachd, na diadhaidheachd air an teangaidh, ged tha i ‘na saoghal do aingidheachd. Ma bhios nach ‘na Ghalileach, brathaidh a theanga e, cha labhair e cainnt Ashdoid, ach cainnt Chanaain. Cha bhi e balbh anns an diadhaidheachd, ‘s cha mhó a shiubhlas a teanga gun smuaineachadh, do bhrigh, ris an ffreiceadan dùbailte a chuir nàdur mu ‘n teangaidh gun do chuir gràs an treas aon rithe. Gheibhear toradh na naomhachd ‘na chaithe-beatha o’n taobh a mach; oir tha làmhan neo-chiontaich aige, cho maith ri eridhe glan, Salm xxiv. 4. Tha e ‘na dhuine diadhaidh, agus coimhlonaidh e dleansais ceud ehlàir an lagha gu diadhaidh: Tha e ‘na dhuine fireanach, agus coimhlonaidh e gu cubhaidh dleansais an dara clair. ‘Na chaithe-beatha tha e ‘na dheadh Chriosdaidh, agus ‘na dheadh choimhearsnach mar an ceudna: tha e g’a ghiulan féin an lathair Dhé mar gu ‘m biodh suilean dhaoine air; agus an lathair dhaoine, mar a’ creidsinn gu bheil suil Dhé air. Na nithean sin a chuir Dia ri cheile ‘na lagh, chan fheud e, ‘na chleachdamh, an eur o cheile.
Mar so tha geugan Chriosd, làn do dheadh mheasan: Agus tha na measan sin ‘nam bagaid de ghniomharan beòthail, d’ am bheil Iosa Criosd ‘na thùs agus ‘na chrioich; is e an tùs e, oir tha e beò annta agus “a’ bheatha a ta iad a’ caitheadh, is ann tre chreidimh Mhie Dhé,” Gal. ii. 20. A’ chrioich, oir tha iad beò dhasan; agus dhoibhsan a “bhi beò, is e sin Criosd,” Philip. i. 21. Tha dleansais na diadhachd, anns an t-saoghal, cosmhuil ri clann gun athair, ann an luideagaibh; cha ghabh cuid a stigh iad, a chionn nach robh gràdh riamh aca dhoibhsan no d’ an Athair; gabhaidh cuid a stigh iad a chionn gu ‘m feud iad a bhi feumail dhoibh: ach tha na naoimh gun gabhail a stigh air son an Athar; ‘s e sin, air son Chriosd; agus tha iad ionmhuinn ‘nan suillibh, a chionn gu bheil iad cosmhuil risan. O! eia as a ta beatha nuadh nan naomh! Gu cinnteach cha b’ urrainn dhi bhi air a fàsgadh a mach á cumhachd nàdurra an anama, le neart gach uile chumhachd eruthaichte an ceann a cheile. Ann an aimrideachd shiorruidh, bhiodh am bolg air a dhruideadh suas, ach, air bhi dhoibh air am posadh ri Criosd, bheir iad a mach toradh do Dhia, Rom. vii. 4.
Ma dh’ fheoraicheas sibh dhion, Cionnus a dh’ fheudas bhrur beathachadh, bhrur fàs, agus bhrur toradh, a bhi air an toirt air an aghaidh? Bheirinn am beagan chomhairlean so. (1.) Dèan obair chinnteach dheth do cheangail ris an stoc, le creidimh neo-chealgach, agus bi air t’ fhaicill o chealgaireachd a’ gheug nach ‘eil fallain ‘na eridhe, seargaidh i gu cinnteach. Tha craobhan suidheachaidh an Tighearna, ‘nan craobhan fireantachd, Isa. lxi. 3. Mar sin, an uair a tha muinntir eile a’ seargadh, bheir iadsan a mach toradh. Tha cealgaireachd ‘na galar ann am beatha na diadhaidheachd, a chaitheas air falbh an t-iomlan mu dheireadh: Is toll air an t-soitheadh i, a chuireas gu cinnteach fodha i. Ni treibhdhireas ann an gràs maireannach i, air cho lag as gu ‘m bi i: mar am meangan a’s caoile a ta fallain aig a’ chridhe, tarruingidh e beathaechadh o ‘n stòc, agus fasaiddh e, ‘nuair nach urrainn a gheug ghroed as airde, gu brath i féin a leasachadh, a chionn nach ‘eil i a’ faotainn beathaechaidh. (2.) Saothraichibh gu bhi seasmhach ann am ffrinnibh agus slighibh Dhé. Tha inntinn neo-shuidhichte agus iomlaideach ‘na namhaid mhór do fhàs agus do thoradh Chriosdaiddh, mar tha ‘n t-abstol a’ teagasg, Eph. iv. 14, 15. “Chum as nach bi sinn á so suas ‘nar leanab-aibh, air ar tonn-luasgadh, agus air a’ giulan mu ‘n cuairt leis gach uile ghaoith-teagaig; ach a’ labhairt na ffrinn an an gràdh, gu ‘m fàs sinn suas anns na h-uile nithibh chuige-san a’s e an ceann, eadhon Criisd.” Cha chrüinnich clach chuairteig coinneach, agus ni inntinn mi-sheasmhach beatha neo-thorach. Ged a bhios eraobh fallain gidheadh cionnus a dh’fheudas i fàs no bhi torrach, ma bhios i a ghnath air a h-atharrachadh o aon àite gu àit’ eile? (3.) Dèan dìchioll air na meangain a ghearradh dheth, mar nì garadairean chum gu ‘m fas an craobhan. Is iad sin ana-mianna neo-cheannsuichte: “Uime sin, claoichibh bhur buill a ta air an talamh,” Col. iii. 5. ‘N uair a fhuair na h-Israellich biadh d’an ana-miannaibh fhuair iad caoile d’an anamaibh. Ise aig am bheil móran de chloinn ocrach m’ a làimh, agus d’an éiginn a bhi a ghnath a’ eur nam beòil, bithidh gu leòir aice r’a dhèanamh mir a chur ‘na beul féin. Is éiginn doibhsan le ‘m bu mhaith an anama a shoirbheachadh, iarrtuis agus an-togradh na colla a dhiultadh.
Ri leantainn.