Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1936 » December 1936 » A’ Choinneamh-cheist ann an Geàrr-loch

A’ Choinneamh-cheist ann an Geàrr-loch

(AN 9MH LA DE OCTOBER, 1936).*

Thug Coinneach Mae A’ Phearsoin seachad faeal na ceiste bho Phil. i. 29: “Oir thiodhlaiceadh dhuibhse airson Chriosd, chan e ‘mhain creidsinn ann, ach mar an ceudna fulang air a shon.” Bha comhraidhean air an iarradh orra-san tha creidsinn is a’ fulang eadardhealaichte riùt-san tha ‘g aideachadh so, ‘s tha tur-aineolach air an nì sin.

*Chan ‘eil an so ach, ‘s a chumantas, aithris aithghearr àir na thubhairt na bràithrean, is cha mhòr gu’n chuinnear cuid dhiubh idir.

Dh’fhosgail an t-Urr. F. Macleòid a’ cheist. Leugh e o’n 15 rann de’n chaibdeil. Tha Pòl, thubhairt e, a sgrìobhadh a dh’ionnsuidh na h-eaglais’ ann am Philipi, a thàinig gu bhi ‘creidsinn an t-soisgeil, is a treigsinn na h-uile nì ‘s a robh iad a dèanamh bun uair-éigin. Bha e soilleir gu leòr do mhuiintir Philipi nach robh na daoine so a thàinig gu bhi dèanamh fianuis air taobh Chriosd ‘s an t-saoghal mar bha iad roimhe. Canaidh an saoghal—Ge b’e air bith gu de seòrsa creidimh a th’ aca, nach ‘eil e gu deifir, gu’n coinich iad uile ann an nèamh. Chan ‘eil an saoghal ag amharc ach air an taobh a mach. ‘S e bha ‘n so nì a thòisich a stigh. Mar a tha e soilleir ‘thaobh Lidia agus fear-coimhead a’ phriosain. Thòisich e ann an dearbhadh orra bhi ‘an dorchas, agus an toirt a dh’ionmsuidh an t-soluis. Bha ‘n creutair mar so gun ghuth gu bheil a leithid do nì ri creidimh ann. B’e Dia, an Spiorad Naomh a’ tighinn tre ‘n fhocal,—ann an searmonachadh lagh’ is soiseil,—a thàinig do bhuadhan ‘n anam. Tha cuid a ‘faighinn dùsgaidhean uamhasach, mar fhear-coimhid a’ phriosain, ach tha na h-uile a’ faghail a mach gu ‘n do pheacaich iad an aghaidh Dhé. Fhaic thusa, gu de mar a dhuiseas e ‘n spiorad bha marbh. ‘S e ‘cheist a nis, ciamar is urrainn e bhi air a shaoradh o bhi cailte? Thàinig iad so gu bhi creidsinn ann an Criosd. Chan ‘eil rathad gu dol as ach aon rathad. Dh’aithnich iad so brìgh an t-soiseil ‘na sgeula mhór aoibhneach dhaibh. An là ‘thàinig creidimh,—(chan ann o dhuiine tha creidimh, ‘s e tioldhaic Dhé e),—bha Criosd fa chomhair an anam ‘s an t-soiseul. Tha iad a nis a dûnadh a stigh ris airson saorsa is fireantachd, is tha comharraidhean air ‘fhaicinn orra. Mur b’e ‘n t-saorsa sin, cha robh rathad eile air am faodadh iad ‘bhi air an eur saor. Thiodhlaiceadh dhuibhse ‘creidsinn is fulang, dh’fheumadh an sgeula so ‘bhi air an eur an ceil leò.

‘S e guidhe sluagh Dhé an so an diugh, gu’m biodh na h-uile air an tèarnadh. Mar an ceudna, tha iad a’ fulang air a shon. Fhaic, tha creidimh air a dhèanamh aithnichte an sin, mar tha iomradh againn an Heb. xi., le bhi leantuinm Dhé ‘s na fulangasan ris robh aca ri coinneachadh. Tha na fulangasan an diugh a’ tighinn fo ‘n dearbh thaobhan o’m b’ abhaist dhaibh. Tha comharraidhean air an iarradh orra-san a fhuair seibh air a chreidimh so ‘nan eridheachan, agus a fhuair ‘bhi fulang air a shon, eadardhealaichte riù-san aig a’ bheil creidimh nach e ‘n creidimh so, agus do bhrìgh sin nach fhulaing dhaibh fulang airson Chriosd.

Iain Macamhlaidh.

Tha iad so a’ fulang airson clù Chriosd, C’ait’ bheil a chliu? ‘S an fhirinn. Ann an dearbhadh peacaidh air anam, tha Dia ‘toirt dhachaidh erìoch a’ chruthachaidh, c’arson a fhuair e bith. ‘Fhad ‘s a bha Adhamh a’ cumail ri spioradalachd an lagha, ‘n a’ umhlachd, bha e ‘glòrachadh Dhé. ‘S e suim an lagha gu’n gradhaich thu an Tighearn do Dhia le t-uile chridhe, agus le t-uile anam, is le t-uile neart, is le t-uile intinn, agus do choimhearsnach mar thu fhéin. Gu de cho beag ‘s tha sin a’ cur dragh air a chreutair ged tha sinn ‘s an t-solus as mò, gus am fosglair a shùilean gu bhi faicinn binn a’ dhitidh. ‘Bheil doigh ‘s an cur e stigh tagair airson ‘bhi ‘ga fhìreanachadh fhéin? ‘S e so a nis suidheachadh a’ chreutair nach ‘eil fhios aige air gu de rathad air an cur e a smuaintean. Fhaic, tra théid cor caillte ‘toirt dhachaidh air, théid e gu ‘bhi air a’ doigh ‘s an t-sean chumhnant, gu’n coisinn e fabhoir tre na h-urnuighean is aoradh aige fhéin. Bha Pòl fo fheirg is fo mhallachd is a meas gu robh e ‘toirt barrachd air neach d’a shinsearan, leis cho diadhaidh ‘s a bha e. Tra thàinig àm Dhé a dh’fheuchainn dha spioradalachd an lagha, thuìt na dochasan aige mar thuìt tìr Bhàeil,—ma thuìt e—chan’eil fhios agamsa. Chunnaic e cho beag ‘s a bha de eolas air a ghloir, air a ghràdh a bhuneadh do Dhia. Chunnaic e spiorad a’ naimhdeas ann fhéin. Tha ‘shuidheachadh a nis mar chogadh dà rioghachd ‘n ‘aghaidh a chéile. Chan ann an cainnt tha rioghachd Dhé. Fhaic v. 29. Tha creidimh air a dhearbhadh, có leis? Le bhi fulang. Dh’ innis Criosd gu’m faigheadh iad oillbheum ann. Faicibh na h-Eabhruidhich is Daniel,—an fhumais an sin air a teasachadh seachd uairean, a dhèanamh an nì cinn-teach. Tha so ri fhaicinn ‘s an urram a chuireas Dia orra tha dileas,—gur mò saoibhreas masladh ‘fhulang maille ri sluagh Dhé na sólas a’ pheacaidh a mhealtuinn rè seal. Thoir an sgrìòbtuir uath so ‘s e chan ‘eil nì aca. Chan ‘eil sinn a’ tuigsinn na sochairean tha sinn a’ mealtuinn. Tha iad so a’ meas gach nì na ‘chall airson gu’m bi ‘aobhar air a chumail suas. Chan ’eil meadhon tèarnaidh eile ann. Seall thusa, cho beag ’s a tha ’s an t-saoghal an diugh ’tha ’cur suim air meadhonan nan gràs. Tha móran ’s an aideachadh de naimhdeas. ’S e luchd-aideachadh gun ghràs feadhainn bu dorra ris a choimich mi riamh.

D. Friseil, Strathpheofharain.

Ann an v. 27, tha Pòl ag ràdh, Caithibh ’ur beatha gu cubhaidh do shoisgeul Chriosd. Tha sin a’ gabhail a stigh ’bhi creidsinn agus a’ fulang. Tha sin a ris, ann an tomhas mór, air a bhonntachadh air bhi ceusadh na feòla maille r’a h-an-togradh ’s a h-anamianaibh. Ma bhios neach gu coguiseach a ceusadh na feòla, chan fhad’ bhios e air fhagail ’san uaigneas. Tha euid nach mór nach d’ rinn iad àr-a-mach an aghaidh Chriosd mu’n d’thàinig iad gus an fhollais, ach ’s treise Dia ’tha ’chomhmuidh shuas na funim nan uisgean garbh. “Is sibhse m’flianuisean, deir an Tighearn, eadhon m’ òglach a roghnuich mi; a chum gu’n aithnich agus gu’n creid sibh mi; agus gu’n tuig sibh gur mi esan:” Cha las e coinneil gu bhi ’ga chur fo shoitheadh. ’S éiginn dhaibh ’bhi mar bhaile air sleibh nach gabh ’fholach. Tha suilean clann an dorchadais orra is tha iad a’ dèanamh gairdeachais tra chì iad aon de chloinn Dhé a’ tighinn geàrr. Bithidh Dia a’ dèanamh slat-smachdachaidh de ’n aingidh gu bhi ’smachdachadh a shlùaigh fhéin. “Saor m’anam bochd, a Dhé.” Tha iad so a’ fulang airson Chriosd,—’s e so nì nach gabh ’bhi air a dhèanamh aig aon àm, ’s an déidh sin ’bhi coiteas e. Feumaidh an cath eadar feòil is spiorad ’bhi air a ’chur gus am bi bàs air a shlùigeadh suas le buaidh, mar an cogadh eadar tigh Shauil is tigh Dhaibhidh. Bha tigh Dhaibhidh a sior-dhol as treise ’s na h-uile bàtaidh bha e ’cur. Roghmaicheadlu clann Israeil cur as d’an naimhdean, ach tha iad so a foghlum nach tilg iad a mach an naimhdean ann an aon là. Tre iomadh buaireadh bi ’n oighreachd aca-san.

Iain MacIlPfhinnein, Diabaig.

Chunnaic iad mìsise Chriosd. Thàinig focal an Tighearn gu bhi ’gan dìteadh. Thàinig orra ’bhi ’gabhail r’an cliù,—sgrios iad fhéin. “Oir is ann le gràs a ta sibh air bhur tèarnadh, tre chreidimh; agus sin chan ann uaibh féin; is e tiòdhlac Dhé e.” Dh’athnich iad so gu’m feumadh iad ’bhi ’ga leantuinm, mar tha e ’g ràdh, “Tha mo chaoraich-sa ’g eisdeachd ri m’ ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi.” Tha iad a meas le Maois gu mò saoibhreas masladh Chriosd na ionmhas na h-Eiphit. Cha bhi mise ’cur éis air na braithrean.

D. Mathanach, o’n Phlòe, (Missionary).

Dh’foghlum iad so nach ’eil credimh aca, nach robh aca ach peacadh is nithean gràineil. Dhearbh e orra ’n eucomas. Tha iad a’ faicinn diomhanas sgrìobhta air gach nì, ’s an là ’s an d’fhuair iad’ bhi ’creidsinn ann an Criosd. ’N uair ’fhuair iad ’bhi ’socrachadh air, an sin thòisich iad ’bhi fulang bho na nithean a tha stigh. ’S iad naimhdean duine muinntir a thighe fhéin,—as-creidimh, féinilachd, truallidheachd an nàdair ag éiridh suas,—a’ fulang do bhrìgh gu bheil Criosd mar an aon bhonn dochais. Bithidh e air aithneachadh orra ’nan caithe-beatha ’s an t-saoghal gu bheil glòir Dhé aca ’s an amharc a nis. Tha iad ag iarraidh ’bhi dìleas, ach ’g am faotainn fhéin fad o sin, ach ’s e nàdair gràis gu’m bi iad dìleas. Tha iad a’ fulang bho ’n diabhl. Lean an namhaid eucorach le tòir gheur m’ anam bochd. Bithidh iad a’ fulang o’n t-saoghal. Faodaidh e ’bhi gur e luchd-àideachaidh gun ghràs na naimhdean as mò tha aig Criosd ’s an t-saoghal. Bithidh iad a’ fulang bho cheilg an cridheachan. Chan urrainn iad ’bhi ’g earbs’ asda fhéin. Dh’fhuillig cuid dhiubh bàs airson Chriosd. “’S urrainn mi na h-uile nì a dhèanamh tre Chriosd a neartaicheas mi.” Mar as fhaide tha iad ’s an t-saoghal, ’s ann as mò tha feum aca air gràs ’s a chleachdadh. Tha iad a faghail so a mach.

D. Macrath, Inbhirmis.

’S e tiodhlac iongantach so. Bha e air a thiodhlacadh orra. Bha Criosd air a thoirt dhaibh ’s a chumhnant shiorrullh ma’s d’fhuair iad ’bhi creidsinn ann. Tha Criosd dhaibh na h-uile is anns na h-uile. Fhuair iad dochas tre ghràs. Fhuair iad so a mach gu bheil suil an namhaid orra airson an ribeadh. Tha e ’n toir orra. Tha iad ’ga ghràdhachadh-s an a thug aon-ghin Mhic féin, chum as ge be neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a’ bheatha shiorruidh aige. Cha dealaich iad o’ n chreidimh so a’ dh’aideòin saoghal is feòil.

Ri leantuin.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice