AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS CREIDMHICH.
(Air a leantuininn bho t.d., p. 312.)
Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—Eoin xv. 5.
Tha sùil aige so ri bhi criathradh mìn-chlacha luachmhor o mheasg meall de dhuslach agus de ghaineamh; ged thuiteas a’ ghainmh-each agus an duslach air an talamh, ged bhios iad air an séideadh air falbh leis a’ ghaoith, agus air an saltairt fo chosaibh; gidheadh cha tuit urrad agus clach bheag air an talamh ‘s cho cuimseach a tha ‘n criathar, agus curam an fhir-chriathraidh. Chan ‘eil nì as luaith a thuiteas air an talamh na clach; gidheadh ma tha luchd-aidmheil a’ chreidimh ‘nan clachaibh beò, air an togail air Criosd, an àrd-chlach-oisinn, ged tha iad ‘nan clachaibh beaga, cha tuit iad a dh’ionnsuidh na talmhainn, ciod air bith an dòinonn a bhuailas orra, Faic 1 Phead. ii. 4, 5, 6. Tha na h-uile siol maith a ta ann an eaglais Chriosd, de ‘n ghnè so: is clachan iad, a thaobh an daingeannachd; agus is clachan beò iad, a thaobh an beòthalachd. Ma bhios daoine ‘nan Criosd-aidhean daingean, bunaiteach, cha bhi iad mar mholl, air an luasgadh chuige agus uaithe leis a h-uile gaoith; air dhoibh urrad de ‘n bheòthalachd a bhi aca ‘s nach ‘eil a bheag ‘s am bith de ‘n chloich annta. Agus ma tha iad ‘nan Criosd-aidhean beòthail, aig am bheil an spioraid ‘g am brosnuchadh, mar a rinn spiorad Phoil. “N uair a chunnaic e am baile làn iodhol-aoraidh,” Gnionmh. xvii. 16. cha luigh iad cosmhuil ri clachan, gu bhi air an tionndadh thairis, a null agus a nall, gu bhi air an gearradh agus air an snaigheadh, a reir miannan dhaoinne, air dhoibh urrad de ‘n chloich a bhi annta, as nach fàg nì ‘s am bith de ‘n bheòthalachd aca.
Tha tigh ar Dé-ne ‘na thigh mór, anns am bheil chan e ‘mhàin soithichean òir, ach mar an ceudna talmhainn, 2 Tim. ii. 27. Tha iad ar aon ullamh air salachar a ghlacadh; agus uime sin, an uair tha Dia a’ tabhairt trioblaid air an eaglais, tha sùil aige riù aroin. A thaobh nan soithichean òir, chan ‘eil iad air an sgrios, aeh air an glanadh le deuchainn theinntich ann an amhuinn na trioblaid, mar a ghlanas òr-chearda an òr, Isa. i. 25. “Agus pillidh mi mò làmh ort, agus glanaidh mi nait do shalachar.” Ach thig milleadh air na soithichean crèadha, bithidh iad air am briseadh ‘nam bloighdibh, mar shotheach criadhadair, rann 28. “Agus bithidh eloidh no briseadh do luchd-eusaontais, agus pheacaich, maraoon.” Tha stùl aig ris an lagh sin, a bhi airson briseadh shoithichean crèadha, ‘n uair a bha iad neo-ghlan; am feadh a bha soithichean fiodha, agus mar an ceudna soithichean òir a mhàin air an glanadh, Lebh. xv. 12.
‘S i ‘n naoitheamh sochair cumuail suas no taice. Ma tha thusa ann ad ghéig air do shuideachadh ann an Criosd, giùlainidh an fhrèumh thu. Leigidh an creideach a thaice air Criosd, mar leigeas bean lag air turus, a taice air am fear gràdhaich, Dan Shol. viii. 5. Taicidh se e féin ris mar a nì seann duine fann air a bata, Isa. i. 10. Leagaidh se e féin air, mar a leagas neach eallach nach urrainn dha ghìùlan bhàrr a dhroma féin air neach eile a ta comasach air a ghìùlan, Salm. xxii. 8. Tha iomadh eudthrom an crochadh ris na geugan a ta ann an Criosd an Fhior-fhionain agus ‘gan cumail sios, aeh tha fios agaibh, ciod air bith eudthrom a ta ‘n crochadh ‘air geugaibh, gu ‘n giùlain an stoc an t-iomlan; giùlainidh e a’ gheug, agus an eudthrom a ta oirre mar an ceudna.
Ri leantuin.