AN T-AONADH DIOMHAIR EADAR CRIOSD AGUS
CREIDMHICH.
(Air a leantruinn bho t.d., p. 433.)
Is mise an fhionain, sibhse na geugan.—Eoin xv. 5.
‘Si ‘n t-sochair mu dheireadh, a dh’ainmicheas mi, cùram àraidh an Treabhaiche, Eoin xv. 1, 2. “Is mise an Fhionain fhìor, agus is e m’ Athair an Treabhaiche.—Gach uile gheug a ta toirt toraidh, glanaidh e i, chum as gu ‘n giùlain i tuilleadh toraidh.” Tha creidmhich a thaobh an aonaidh ri Criosd, ‘nan euspairean air cùram àraidh Dhé agus a fhreadail. Is e Criosd diomhair, fionain Dhé; chan ‘eil euideachdan eile anns an t-saoghail, ach mar chroinn ola fhiadhaich. Chan ‘eil daoiné an t-saoghail, maillé ri Dia ach mar fhearann iomallach, ‘s iad na naoimh ‘fhionain, anns am bheil còir àraidh aige, agus cùram àraidh mu ‘n tiomchioll, Dán Shol. viii. 12. “Tha ‘m fion-lios as leamsa, fa m’ chomhair.” Is esan air nach tuit clò codail no suain, a fear-coimhid: Coimhididh e i, air eagal gu ‘n dèan neach coire dhi; coimhididh e i dh’oidhehe ‘s a là: ni esan aig am bheil drùchd nèimh ‘na làimh a h-uigeachadh gach tiota, Isa. xxvii. 3. Deasaichidh agus glanaidh e i, chum gu ‘n giùlain i tuilleadh toraidh, Eoin xv. 2. Gearraidh e dheth na meanganan draghail, a ta bacadh toradh na geige: tha so air a dhèanamh, gu h-àraid, leis an fhoical, agus le crann-ceusaidh nan trioblaid-ean, Feumaidh na naoimh ministirleachd an fhocail, cho mòr ‘sa dh’fheumas am fionlios neach a dheasachadh agus a bhearradh na fion-ehraobhan, 1 Cor. iii. 9. “Is comh-luchd-oibre do Dhia sinn: Is sibhse treabhachas Dhé, is sibh aitreach Dhé.” Agus tha fèum ac’ air a chrann-ceusaidh mar an ceudna, 1 Pead. i. 6. Agus, uime sin ged mheasamaid an crann-ceusaidh am measg nan sochairean a ta sruthadh do chreidmhich, tre ‘n aonadh ri Criosd, tha mi am barail nach measamaid gu mearachdach. ‘S cinnteach mi, gu bheil iad ‘nam fulangais a’ fulang maillé ris-san, Rom. viii. 17. Agus tha na dearbh-chinnte a ta aca air a’ chrann-cheusaidh, de nàdur geallaidh na’s mò na bagradh, Salm lxxxix. 30-33, “Ma thréigeas a chlann mo lagh,—An sin fiosraichidh mi le slait an eusaontas, agus le buillibh an cuceart. Gidheadh, cha bhui’n mi gu tur mo chaoimhneas gràidh uait; agus cha bhreugnaich mi mo ghealladh.” Tha so eosmhuil ri fear-teagaisg a ta gabhail os làimh d’ a athair aig uair a’ bhàis, gu ‘n gabh e cùram do ‘n chloinn a th’ air an earbsadh ris; agus gu ‘n toir e dhoibh araon oilean agus teagasg, chum am maith. Tha coimheangal nan grùs gu cinnteach ag atharrachadh sleaghan na trioblaid gu coronaibh sgathaidh, dhoibhsan a ta ann an Criosd, Isa. xxvii. 9. “Le so, air an aobhar sin glanar aingidheachd Iacoib air falbh.” C’ ar son ma ta bhiod sinn an corruich r’ ar crann-ceusaidh; c’arson a bhiodh eagal oirnn roimhe? Is éiginn do ‘n chreidheach a chrann-ceusaidh a thogail, agus a cheann feadhna, an Tighearn Iosa Criosd a leantuinn. Is éiginn da crann-ceusaidh gach là a ghabhail air, Luc. ix. 23. “Ma ‘s aill le neach air bith teachd am dhéighsa, àicheadhadh se e féin, agus togadh e ‘chrann-ceusaidh gach là.” Seadh, is éiginn da crann-ceusaidh a làithean naomha thogail mar an ceudna, Tuir. ii. 22. “Ghaimr thu, mar air là suidhichte m’ uamhasan air gach taobh.” Bha aig eaglais nan Iudhach, ear ùin’ fhada, iomadh coinneamh thaitneach anns an teampull, air làithibh suidhichte, air son seirbhis Dhé; ach fhuair iad làithean suidhichte de sheòrsa eile, ‘nuair a ghaimr Dia feachd nan Caldeanach an ceann a chéile, mu’n teampull, agus mu ‘n bhaile, a loisg an teampull, agus a dh’fhàg Ierusalem ‘na tòrr! Agus a nis, air do eaglais Dhé a bhi fathast ann an staid dèuchainn anns an dûthaich ialsal so, eionnus nach pill na neòil an déidh an uisge? Ach tha crann-ceusaidh Chriosd (nù is e as ainn do thrioblaidean nan naomh), ‘na ainn: caomh do ‘n chreidmheach: Is crann-ceusaidh gun amharus i, ach eha ‘n ann do ghràsan a’ chreidmheach, ach d’a thruaillidheachdan. Feudaidh gun amharus an coslas ghràsan a ta’ sa’ chealgair, an anail dheircannach chur a mach air crann-ceusaidh, mar a rinn coslas gràis luchd-eisdeachd an fhearainn chlochaich, Mat. xiii. 6. “Agus air do ghrian (na geur-leannhuinn, rann 26.) éirigh, dhothadh e: agus do bhrìgh nach robh freumh aige shearg e as.” Ach riamh fathast eha do bhàsaich aon de ghràsan a chreidmheach air a’ chrann-cheusaidh so. Cha do bhàsaich, oir mar tha choinneal a’ soillseachadh na ‘s soilleire anns an oidheche, agus mar tha ‘n teine a’ losgadh na ‘s déine ann an reothadh teann; mar sin tha gràsan a’ chreidich, air a ‘chuid is trice, na ‘s beothaile ann an trioblaid.
Tha taitneas agus millseachd àraid anns a’ chrann-chèusaidh, dhoibhsan aig am bheil an ceudfaidh air an cleachdadh gu breithneachadh, agus gu faotainn a mach. Tha millseachd àraidh ann an neach a bhi ‘ga fhaicinn féin ann an staid dearbhaidh air son nèimh, agus ag iarraidh an déidh a ghuil air son glòir. Tha tlachd ann a bhi ‘g imeachd thar nam beann sin, far am faic an Críosdaidh lorg coise Chriosd féin, agus cos-cheuma an tréud, a bha ‘n taobh sin roimhe. Cia taitneach a tha e do naomh, ann an cleachdadh gràis, a bhi faicinn mar tha Dia uile mhaithe a’ cur an aghaidh aomaidhean truailidh, agus a’ bacadh amaideachd! Cia taitneach dha bhi faicinn nan gaduichean sin air a’ chrann-cheusaidh! Cia mór an tlaechd a ta ann a bhi toirt fainear, mar tha Dia a’ tarruing air falbh lòin ana-miannaibh do-cheannsuechte, agus a’ cur a leithid de ghainne orra, is gu ‘m faigh an Crìosdaidh fo uachdranaichd iad. Gu firinneach, tha Pàrras an taobh a stigh de ‘n ghàradh dhroighionn so. ‘S tric a tha pobull Dhé ann an ceanglaichibh, nach ‘eil air am fuasgladh gus am bi iad air an ceangal le cùird na trioblaid. Tha Dia ‘gan glacadh, agus ‘gan tilgeadh ann an àmhuinn theinntich, a loisgeas dhiubh an cuibhrichean; agus an sin, eosmhuil ris an triùir chloinn, ne, Dan. iii. 25. tha iad fuasgailte, a’ coiseachd ann am meadhon an teine! Bheir Dia d’ a chloinn deoch-leighis le aon chungaidh shearbh; mur oibrich sin orra, cuiridh e ann an dara agus an treas cuingidh, agus mar sin, mar a bhios feum air, chum gu’n oibrich iad le chéile chum am maith, Rom. viii. 28. Le gaothan tarsuing greasaichd e iad d’ an caladh. Gheibhear gu tric iad ann an leithid de shlighibh, is gur i an crann-ceusaidh an ceum as sona ris an coinnich iad: agus is maith a dh’fheudas iad fàilte chur orra mar a rinn Daidhidh air Abigail, ag ràdh, “Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil, a chuir thusa an diugh am choinneamh-sa!” 1 Sam. xxv. 32. Tha nithe saoghalta gu tric ‘nan eallaich cho mór do ‘n Chriosduidh, is gu bheil e ag imeachd glé mhall air an t-slighe gu nèamh. Tha Dia a’ cur gaoth na trioblaid, a sheideas an callach o ghuaillibh an duine: agus an sin siùbhlaidh e na’s luaithe air a slighe; an déidh do Dhia cuid de nithe breagha an t-saoghail a thabhairt uath, a bha tarruing air falbh a chridhe o Dhia, Sebh. iii. 12. “Fàgaidh mi fòs ann ad mheadhon sluagh an-shoerach agus diblidh: agus cuiridh iad an dòchas ann an ainm an Tighearna.” Thugadh fainear le Cinneach beusach, nach ‘eil eachdraidh a’ dèanamh iomraidh air duine ‘s am bith, a bha air a dhéanamh na b’ fhèarr le beartas. Tha mi an teagamh nach dèan ar n-eachdraidh ‘s na h-amaibh am bheil sinne ann, a suas uireasbluidh na sean eachdraidh air a’ cheann so: ach is cinnteach mi, gur iomadh iad a ta na ‘s miosa le beartas; bha na miltean air an suaimhneachadh gu b’as an glacaibh saoghail a bha gaire riù; agus fluair iomadh duine maith lota o shoirbheachadh saoghalta o ‘n taobh a mach, d’ am b’ éiginn a bhi air an leigheas leis a’ chrann-cheusaidh. Is cuimhne leam leughadh mu neach air an robh neasgaid ‘na uchd, a chaidh dh’ionnsuidh leighichean ann an diomhain airson eòmhnadh; ach air dha bhi air a leònadadh le claidheamh, bhris an easgaid; agus bha bheatha air a tèarnadh leis an nì sin a bhagair a bhàs. ‘S trie a chruinnich neasgaid spioradail ann am broillich pobuill Dhé, an àm soirbheachaidh o ‘n taobh a mach, agus a bha iad mar so air am briseadh agus air an glanadh as leis an trioblaid. Is caoimhneas do chreidmhich a bhi air an leigheas le buillibh; ged tha iad gu bitheanta eò lag is gu ‘n glaoth iad a mach tre eagal, le scalladh de na corrain-sgathaidh, mar gu’m b’ e an tuagh-sgrìosadh a bhiodh ann; agus a bhi smuaineachadh gu bheil an Tighearn a’ teachd g’ am marbhadh, ‘nuair a tha e da rireadh a’ teachd g’ an leigheas.
Air a leantuin.