Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1937 » May 1937 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

AN STAID SHIORRUIDH: NO, STAID SONAIS, NO TRUAIGHE IOMLAN.

Mu Bhàs.

(Air a leantuinn bho t.d., p. 433).

“Oir a ta fhios agam gu ‘n toir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò.”—Iob xxx. 23.

Tha mi nis gu labhairt mu staid shiorruidh an duine, d’ am bheil e dol a steach aig a’ bhàs. Tha Iob a’ gabhail beachd glé chudthromach de’n dol a steach so, ann am briathraibh an teagaisg; briathran a ta nochdadh firinn coitchionn, agus ‘gan comh-chur gu h-àraid. Tha’n fhìrinn choitchionn air a ciallachadh ann; eadhon, gur éiginn do na h-uile neach a bhi le bàs air an gluasad as an t-saoghal so: is éiginn doibh bàsachadh. Ach e’ ait’ an éiginn doibh dol? Is éiginn doibh dol “a chum an tighe a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò;” do’n uaigh, do’n tigh dhorchà, ghruamaich, aonaranach sin, ann an tìr na dì-chuimhn’. Ciod ‘sam bith àite anns am bi an corp air a thasgadh suas gus an aiseirigh, gus an àite sin, mar do thigh-còmhnuidh, bheir am bàs dhachaidh sinn. Fhad ‘sa tha sinn anns a’ chorp, chan ‘eil sinn ach ann an tigh fir-turuis, ann an tigh-òsda, air ar slighe dhachaidh: ‘n uair tha sinn a’ teachd a chum na h-uighe, tha sinn a’ teachd gu ‘r dachaidh, gu ‘r dachaidh fhada, Ecles. xii. 5. Is éiginn do gach uile bheò a bhi ‘nan luchd-àiteachaidh an tighe so, maith agus ole, sean agus òg. Tha beatha an duine ‘na sruth, a ta ruith gu doimhreachda sgriosach a’ bhàis: Is éiginn doibhsan a ta nis a chòmhnuidh ann an luchairtibh, am fàgail, agus dol dhachaidh do’n tigh so; agus iadsan aig nach ‘eil ionad anns an cuir iad an cinn, gheibh iad mar so tigh fa dheòidh. Tha e air òrduchadh do na h-uile, leis an Tì sin gu seas a chomhairle. Chan fheudar an t-òrduchadh so atharrachadh; is lagh e nach urrainn do dhaoine bàsmhor a bhriseadh. Air do Iob a bhi càradh co-chur na firinn coitchionn so ris féin, tha e labhairt anns na briathraibh sin; “Tha fhis agam gu ‘n toir thu mi gu bàs.” Bha fios aige, gu’m b’ éiginn da coinneamh a thoirt do ‘n bhàs, gu ‘m b’ éiginn d’a anam agus d’ a chorp dealachadh; gu ‘n dèanadh Dia, a shuidhich a choinneamh, gu cinnteach a cumail. Bha Iob air uairibh a’ toirt cuiridh do ‘n bhàs teachd d’ a ionnsuidh, agus a thoirt dhacaidh d’ a thigh; seadh bha e an eunnart ruith d’ a ionnsuidh roimh an àm, Iob vii. 15. “Is fèarr le m’ anam tachdadh, agus bàs no beatha.” Ach an so tha e toirt fainear gu ‘n tugadh Dia esan a dh’ ionnsuidh a’ bhàis; seadh, gu ‘n tugadh e air ais e d’ a ionnsuidh, mar tha ‘m focal a’ ciallachadh. Leis a sin tha e cumail a mach, nach ‘eil beatha againn anns an t-saoghal so, ach gu bheil sinn mar gu ‘m bitteamaid a’ ruith, air falbh o’n bhàs, a ta sinedh a mach a ghàirdeine fuar, gu ‘r glacadh e ‘n bhroinn. Ach, ged is eol an tearnadh a ta againn an sin a dhol as o a spàgan, chan urrainn duinn dol as fada: bithidh sinn a ris air ar toirt air ar n-ais d’ a ionnsuidh. Bha fios aig Iob air so, bha e cinnteach as, agus bha e sealltunn air a shon.

Ged tha’n teagasg so air a dhearbhadh le fiosrachadh nan uile ghinealach a bha riamh ann, o chaidh Abel a stigh do’n tigh a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò; agus ged tha fios aig na beòthaibh gu’m faigh iad bàs; gidheadh tha e feumail labhairt mu chinnteachd a’ bhais, chum as gu bi e air a cheangal air an inntinn, agus air a ghabhail gu h-iomchuidh gu cridhe.

Uime sin thugaibh fainear, air tüs, Gu bheil lagh neo-atharraichte bàis ann, fuidh am bheil daoine air an druideadh suas: “Tha e air òrduchadh do dhaoinibh bàs fhaotainn, Eabh. ix. 27. Tha e air a thasgadh suas air an son, mar a thaisgeas parantan air son an cloinne: Feudaidh iad sealltuinn air a shon, agus chan urrainn doibh a sheachnadh a chionn gu ‘n do chomharrach agus gu ‘n do ghléidh Dia air an son e; chan ‘eil teagamh anns a’ ghnothuch; “Bàsaichidh sinn gu deimhin,” 2 Sam. xiv. 14. Ged nach chuinn cuid de dhaoine mu bhàs, gidheadh is éiginn do na h-uile duine bàs fhaicinn, Salm lxxxix. 48. Is gaisgeach am bàs ris an éiginn do gach uile gleachdadh: is éiginn duinn dol ‘s a’ chath ris, agus gheibh e bhuaidh, Ecles. viii. 8. “Chan ‘eil duine ‘sam bith aig am bheil cumhachd os ceann an spioraid a chumail an spioraid, no cumhachd ann an là a’ bhàis.” Bithidh iadsan, gun amharus, a gheibhear beò aig teachd Chriosd, “air an caochladh,” 1 Cor. xv. 51. ach bithidh an caochladh sin comh-ionnan ri bàs, freagraidh e ‘na àite. Is éiginn do na h-uile neach eile imeachd air an rathad choitchionn “air slighe gach uile fheòil.”

‘S an dara àite, Gabhamaid beachd air fiosrachadh gach là. Chi na h-uile duine gu bheil “daoine glìce a’ faghail a’ bhàis, mar an ceudna an t-amadan agus an t-ùmaidh,” Salm xlix. 10. Tha farsuinneachd gu leòir an talamh so air ar son-ne, ged is mór an sluagh a bh’ air romhainn; dh’ imich iadsan a dhèanamh àite air ar son, mar as éiginn duinne imeachd a dh’ fhàgail àite air son muinntir eile. Is fada o na thòisich am bàs air daoine iomear air falbh do shaoghal eile, agus tha sluagh mór agus gu’n àireamh air dol an sin cheana; gidheadh tha cheaird a’ dol a ghnàth air a h-aghaidh, tha ‘m bàs a’ giùlan air falbh luchd-àiteachaidh ùr gach là, do ‘n tigh a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò! Cò riamh a chual an uaigh ag ràdh, Is leòir e? ‘S fada tha i faotainn, ach fathast tha i ag iarruidh. Tha ‘n saoghal so’ cosmhuil ri féill mhór no margadh, far am bheil cuid a’ teachd a steach, cuid eile dol a mèch, am feadh a ta ‘n comh-chruinneachadh a ta ann troimh a chéile, agus chan ‘eil fhis aig a’ chuid mhór dhiubh eiod a thug an ceann a chéile iad: No, cosmhuil ri baile suidhichte air an rathad gu baile mór, tre ‘n deachaidh cuid de’n luchd-astair seachad, cuid aig imeachd troimhe, am feadh a ta cuid eile, a mhàin teachd a steach. Ecles. i. 4. “Tha aon ghinealach a’ siubhal, agus ginealach eile a’ teachd, ach fanaidh an talamh gu bràth.” Tha ‘m bàs ‘na theachdair an-iodhdmhor làidir nach feudar a bhacadh o chur òrduigh an gniomh, le neart a’ chumhachdaich, le duais a’ bheartaich, no le athchuinge a’ bhochd. Cha toir e urram do ‘n cheann liath, is cha bhi iochd aige ri ciochran maoth. Chan urrainn do ‘n dàn agus do ‘n trèun cur ‘na aghaidh; ‘s chan ‘eil dol as aig an lag-chridheach anns a’ chath so.

‘S an treas àite, Tha corp an duine air a dhèanamh suas de nithibh truaillidh, Gen. iii. 19. “Is duslach thu, agus gu duslach pillidh thu.” Chan ‘eil ‘s na daoine as làidire ach soithichean bristeach creadha, a ta gu h-ealamh air am briseadh ‘nam bloighdibh. Chan ‘eil an t-anam ach ann an tigh-còmhnuidh ional, am feadh a ta e ‘s a’ chorpa bhàsmhor so; ni nach ‘eil ‘na thigh cloiche, ach tigh creadha: Chan fheud na ballachan creadha gun chaitheadh air falbh, gu h-àraidh a chionn nach ‘eil an stéidh air carraig, ach anns an duslach. Bruthar iad roimh an leomann; ged tha bhiasdag so cho maoth, is gu’n cuir beantuin a mheòir as dith, Iob iv. 19. tha na nithean sin cosmhuil ri fùdar; cuiridh sràdag bheag a thuiteas orra, ri theine iad, agus loisgidh i suas an tigh. Nì chlach, no fiondheare, fùiltean ann am bainne, daoine a thachdadh, agus an tigh creadha a chur ‘na dhuslach. Ma bheir sinn fainear dealbh agus cruth ar cuirp, cia eagallach agus iongantach a ta sinn air ar dèanamh! agus cia lag agus anmhuinn ‘sa tha na nithean ris am bheil ar beatha an crochadh, agus cia cho riaghailteach ‘s a dh’ fheumas iad a bhith: agus gu bheil aig a’ bhàs choimhlion dorus gu teachd a stigh air, ‘sa tha de mhìn-thuill do-fhaicinn anns a’ chorp; agus ma choimeasas sinn an t-anam agus an corp ri chéile, feudaidh sinn a mheas gu ceart gu bheil ni éiginn na ‘s iongantaiche ‘nar beatha, no a ta ‘nar bàs; agus gur e is iongantaiche, bhi faicinn duslach a’ siubhal sios agus suas air an duslach, no e bhi luidhe sios ann! Ged nach ‘eil lòchran ar beatha air a séideadh gu grad as, gidheadh is fheudar do ‘n lasair dol as mu dheireadh, do bhrìgh easbhuidh ola. Agus ciod a ta ‘s na h-eueailean agus na galairean sin uile, d’ am bheil sinn buailteach, ach teachdairean a’ bhàis, a ta teachd a dh’ ulluchadh a shlighe? Tha iad ‘gar coinneachadh, cho luath ‘s a chuireas sinn ar cos air an t-alamh, a dh’ innseadh dhuinn ann ar teachd a steach, nach ‘eil sinn a’ teachd a chum an t-saoghail ach gu dol a mach as a rìs. Gidheadh, tha cuid air an gearradh air falbh ann an tiota, gun rabhadh fhaotainn le tinneas no le eu-slainte.

‘S a’ cheathramh àite, Tha anama peacach againn, agus uime sin cuirp bhàsmhor. Tha ‘m bàs a’ leantuin a ‘pheacaidh, mar tha ‘n sgàile a’ leantuin a’ chuirp. Is éiginn do na h-aingidh bàsachadh, a thaobh bagraidd coimheangail nan gniomh, Gen. ii. 27. “Anns an là a dh’ itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu.” Agus is éiginn do na naoimh bàsachadh mar an ceudna; chum, as mar a thàinig bàs a steach le peacadh, gu ‘n rachadh peacadh a mach le bàs. Thug Criosd an gath as a’ bhàs, air an son-san, ged nach d’ thug e air falbh am bàs féin. Uime sin, ged a shàthas e annta, mar a rinn an nathair nimhe ann an làimh Phoil, cha dèan e an dochann. Ach a chionn gu bheil luibhre a’ pheacaidh ann am ballachan an tighe, is éiginn a bhriseadh sios, agus an airneis uile bhi air a giùlan air falbh. ‘S an àite mu dheireadh, Chan ‘eil beatha an duine, anns an t-saoghal so, a réir meas nan Sgriobtuir ach ‘na cheum goirid o’n bhàs. Tha ‘n Sgriobtuir ga nochdadh, mar ni diomhain agus falamh; goirid ann am mairsinn, agus luath ‘n a imeachd air falbh.

(Air a leantuinn).

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice