LE IAIN OMHAIN.
THA dà nì a tha dèanamh suas an toirt seachad so a tha’n t-anam a’ déanamh air féin de Chriosd :—An ceud ni,—Ard-roghainn na h-inntinn agus na tuigse air Criosd os ceann na h’uilè fear-gràidh eile, do bhrigh an oirdheiceis, agus an gràs, agus an uile—fhreagarrachd, a tha e ‘faicinn ann. Anns an àite sin a chaidh ‘ainmeachadh a cheana, Dàm Shol. v. 9. Air do’n chéile ‘bhi air a cur thuige le luchd-aideachaidh coitchionn eile, gu bhi cur seanachais air a’ bheachd anns an robh oirdheiceas Fir a’ gràidh a seasamh dhì, ‘an coimeas ri fir-gràidh eile, tha i air ball a’ toirt an fhreagraidh gu bheil e “sònruichte ‘am measg dheich mìle,” seadh, rann 16, “tha e gu lèir ionmhuinn,”—gu neo-chriochnach os ceann na h-uile coimeas ‘am measg na nithe an cruthaichte a’s barraichte agus a’s ionmhuinniche. Tha an t-anam a’gabhail seallaidh de na h-uile nì anns an t-saoghal, “ana-miann na feòla, agus ana-miann nan sùl, agus uabhar na beatha,” agus a’ faicinn gur dìomhanas iad uile,—gu’n “siubhal an saoghal seachad, agus ‘ana-miann,” I. Eoin. ii. 16,17. Chan ‘eil an luchd-gaoil sin air dhòigh ‘s am bith r’a bhi air an coimeas ris. Tha e mar an ceudna a’ eur luach na féin-fhreantachd fo mheas, maille ri neo-chiont am fianuis dhaoine, riaghailteachd agus stuaamachd beatha, agus gach dleasannas crabhaidh a tha ‘fàs o laghaileachd spioraid, agus a’ teachd a dh’ionnsuidh breth Phòil d’an taobh gu lèir, Phil. iii. 8, “Seadh, gun amharus, agus tha mi a’ meas nan uile nithe ‘nan call air son ro irdheirceis eolais Iosa Criosd mo Thigearn.” Ann an Hosea xiv. 3, tha an eaglais mar an ceudna a’ eur cuil ris gach coslas euideachaidh eile, ged a dh’ fheudadh iad a bhi sgiamhach mar Asshuir, agus gealltanaich mar na h-iodhalaibh, chum gu’m bitheadh Dia a mhàin air a ròghnachadh. Mar so, ma seadh, tha’n t-anam a’ dol a steach a dh’ ionnsuidh a’ chomh-chomuinn chàraidich so ris an Tigearn Iosa ann am maise pearsanta,—a’ dèanamh roghainn dheth a ghnàth os ceann gach leannan eile a dh’ fheudas a bhi ‘g iarraidh àite anns a’ chridhe, agus ‘g am meas ‘nan call agus ‘nan aolach ‘an coimeas ris. Bitheadh e ‘na fhois ionmhuinn, ‘na dhàimhean nàdurra ionmhuinn ‘na ghliocas no na fhòghlum ionmhuinn, ‘na fhìreantachd ionmhuinn, ‘na dhleasannais ionmhuinn,—tha an t-iomlan na chall ‘an coimeas ri Criosd.
An dara nì,—Dùmadh a steach na toile ri Criosd, mar aon Fhear-posda, mar Thigearn agus mar Shlànughear an anama. Goirear de so a bhi “gabhail ris,” Eoin i. 12; agus cha-n e mhàin gu bheil e ‘ciallachadh gnìomh eudthromaich sin an anama ann a bhi ‘fantuinn maille ris, agus ‘ga aideachadh anns na dàimhibh sin. ‘N uair a tha ‘n t-anam ag aontachadh Criosd a ghabhail air a chumhachaibh féin, chum a bhi air a shaoradh leis ‘na rathad féin, agus ag ràdh, “A Thigearn b’ail leamsa thu féin agus do shlàinte ‘thaotainn ann am rathad féin, chum cuid a bhi aig m’oidhirpibh féin ann, mar gu’m b’ann tre oibríbh an lagha; ach a nis tha mi toileach gabhail riut agus a bhi air mo shaoradh ann ad rathad féin,—gu h-iomlan o ghràs; agus ged a b’ail leam roimh so imeachd a reir mo nds féin, gidheadh, a nis bu mhiann leam a bhi gu h-iomlan fo riaghladh do Spioraid; oir annadsa tha agam fireantachd agus neart, Isa. xlv. 24, annadsa fireanaichear mi agus ni mi uaill;”—’n uair is i so cainnt an anama, tha comh—chomunn aige ri Criosd ann an irdheirceas a phearsa. Is e so a bhi gabhail ris an Tigearn Iosa ‘na mhaise agus ‘na inbheachd. Bitheadh creidich gu ro mhór a cleachdadh an cridheachan anns an nì so. Is comh-chomunn taghta so ris a’ Mhac Iosa Criosd. Gabhamaid ris ‘na irdheirceas uile, mar a tha e ‘ga bhuileachadh féin oirnn;—bitheamaid ‘ga choimeas gu trie, ann an smuaintibh creidimh, rí luchd-gaoil eile, am peacadh, an saoghal, agus an fhéin-fhireantaechd; agus ‘ga árdachadh ‘nar cridheachaibh os an ceann gu léir, ‘g am meas ‘nan aolach agus ‘nan call ann an coimeas ris. Agus bitheadh dearbh-chinnte aig ar n’anamaibh air firinn agus seasmhachd a dheadh-ghean ann a bhi ‘ga thoirt féin seachad dhuinn, ‘na iomlanaehdaibh uile, mar eadar-mheadhonair air ar son, agus bitheadh ar cridheachan mar sin ‘gan toirt féin seachad da. Innseamaid dha gu’m bi sinn air a shon, agus nach ann air son neach eile; bitheadh fios aige air uainn féin; tha tlachd aige ann a bhi ‘ga ehlunntinn, seadh, tha e ‘g ràdh, “Tha do ghuth binn, agus d’eugas maiseach,”—agus, ann a bhi deánamh so, bithidh suaimhneas milis aig ar n’anamaibh maille ris.