Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1937 » August 1937 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

AN STAID SHIORRUIDH : NO, STAID SONAIS,
NO TRUAGHE IOMLAN.

Mu Bhàs.

(Air a leantuinm bho t.d., p. 70.)

“Oir a ta fhios agam gu ‘n toir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò.”—IOB xxx. 23.

Agus, air tùs, Faiceamaid uaithe so, mar ann an sgàthan, dìomhanas an t-saoghail, agus na nithean sin uile a ta ann, am bheil meas agus urram mór aig daoine, agus uime sin a’ suidheachadh an eridhe orra. Tha mhunntir shaobhair agus bhochd co-ionnan déidheil air an t-saoghail so; tha iad a’ lùbadh an glùn da; gidheadh chan ‘eil ann ach dia creadha: Tha iad gu déidheil ag iarraidh an ðìomhanais mhòir, agus a’ ruith gu dian gu greim a dhèanamh do ‘n sgàile. Tha’n duine saobhair air a chaidreadh gu bàs ‘na ghlaicaibh; agus tha ‘n duine bochd ‘ga sgìtheachadh féin ‘ga dhian-leantuinm. (Ciod an t-ioghnadh ged a bhuadhaicheas gàire an t-saoghail oirnn ‘n uair a tha sinn ‘ga ruagadh cho cioerach, eadhon an uair a ta e’n gruaim ruinn?) Ach seall do’n uaigh, O dhuiine! Smuainich, agus bi glic: Eisd ri teagasg a’ bhàis, agus ionnsaich, (1.) Ged ni thu greim cho teann agus is urrainn duit, gur éiginn duit do ghreim de’n t-saoghal a leigeadh as mu dheireadh. Ged luchdaicheas tu thu féin le measan na talmhainn so, gidheadh tuitidh iad uile air falbh, ‘n uair a shnaigeas tu sios do d’ tholl, an tigh fuidh ‘n talamh, “a ta air òrduchadh do na h-h-uile bheò.” ‘N uair a thig am bàs, ‘s éiginn duit cead siorruidh a ghabhail de d’ shòlasaibh anns an t-saoghal so! ‘S éiginn duit do mhaoin fhàgail aig neach eile: Agus “có dha bhuineas, na nithean sin a dh’ ulluich thu?” Luc. xii. 20. (2.) Cha bhi do chuibhronn de na nitibh sin ach ro bheag an ùine ris na h-Israelich. Tha e cumail a mach a’ bhàis mar ni a tha cosmhuil ri fear-coimhid priosain Pharaoh. a’ tabhairt an àrd-bhuidealaire agus an àrd-fhuineadair a mach as an aon phriosan; fear dhiubh gu bhi air aiseag gu ‘dhrefchd agus am fear eile gu bhi air a chrochadh. Tha e nochdadh an eadar-dhealtaichadh a ta eadar an duine diadhaidh agus an t-an-diadhaidh nam bàs; muintir, air dhoibh gitlan eadar-dhealaichte bhi aca ‘nam beatha, mar sin, ann am bàs, tìa eadar-dhealaichadh mór ‘nan crìoch.

Air tùs, A thaobh bàis an aingidh.

Ann an so tha, (1.) An dòigh air an téid e mach as an t-saoghal, Tha e air fhuadachadh air falbh; sin ri ràdh, ‘na bhàs: mar tha soilleir o’n earrainn eile de’n roinn. Tha e air a thilgeadh air falbh a dh’ aindeoin a mach as àite ‘san t-saoghal so; air fhuadachadh air falbh, mar mholl roimh ‘n ghaoidh. (2.) An staid anns an imich e air falbh. Tha e bàsachadh ann an staid peacaidh agus gum dòchas.

Air tus, Ann an staid peacaidh.

Tha e air fhuadachadh air falbh ‘na aingidheachd. Chaith e ‘bheatha imte, agus tha e bàsachadh imte; ‘S iad eulaidhean salach a’ pheacaidh, anns an do dh’ fill e suas e féin ‘na bheatha, a chulaidh phriosain, anns an luidh e air fhilleadh suas bu bràth.

‘San dara àite, Ann an staid gun dòchas:—Ach bithidh dòchas aig an fhìrein ‘na bhàs.

Nì a tà gu soilleir a’ cumail a mach an-dòchas nan aingidh ‘nam bàs. Chan ‘eil sin a’ ciallachadh, nach bi dòchas air bith aig aon duine aingidh, ‘nuair a ta e faghail bàs, ach gu ‘m faig e bàs ann an an-dòchas, chan ‘eil idir; Tha chùis mar sin air uairibh gun amharus, ach gu tric tha e air dhòigh eile: feudaidh òighean amaideach dòchas a bhi aca, agus is tric a tha sin aca, gus an anail mu dheireadh: Ach aig an duine aingidh chan ‘eil dòchas bunaiteach; agus air son nan dòchasan meallta a th’ aige uime féin, spionaidh am bàs as am bun iad, agus bithidh e gu bràth truagh, gun leasachadh.

‘San dara àite, A thaobh bàs an fhìrein:

Tha dòchas aig ‘na bhàs. Tha ‘m focal so air a thoirt a stigh le ach, a’ ciallachadh gu bheil nithe uamhasach ann an staid an duine aingidh aig a’ bhàs, a ta air fhuadach air falbh ‘na aingidheachd; ach chan ‘eil na daoine diadhaidh mar sin. Chan ‘eil iad mar sin, (1.) Anns an dòigh anns am bheil iad ag imeachd a mach as an t-saoghal. Chan ‘eil am firean air fhuadachadh air falbh, mar mholl roimh ‘n ghaoth; ach air a threòrachadh air falbh, mar bhean-bainnse gus an t-seòmar phòsaidh; “air a ghiùlan leis na h-ainglèibh gu uchd Abrahaim,” Luc. xvi. 22. (2.) Chan ‘eil iad cosmhuil riu a thaobh an staid ‘nuair a tha iad a’ dol a mach as a’ bheatha so. Tha ‘m firean a’ faotainn bàs, (1.) Chan ann an staid pheacach, ach an staid naomh: Chan ‘eil e dol air falbh ‘na pheacadh, ach air falbh uath. ‘Na chaithne-beatha bha e cur dheth an t-seann duine, a’ malairt a chulaidh-phriosain: Agus a nis tha na luideagan a dh’ fhàgadh air an toirt air falbh, agus tha e air a sgeudachadh le faluinn glòire. (2.) Chan ann gun dòchas, ach ann an staid dòchais: Tha dòchas aige ‘na bhàs. Tha gràs an dòchais aige, agus an deadh bhunait dòchais air nithibh na’s feàrr na bha riamh aige anns an t-saoghal so. Agus ged dh’ fheudas sruth a dhòchais, aig a’ bhàs, ruith eudomhain; gidheadh tha fathast aige uiread dheth, as a bheir air a chòir shiòrruidh earbsa ris an Tighearn Iosa Crìosd.

BONN-TEAGASG I.

Air do na h-aingidh, a bhi faghail bàis, tha iad air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheachd; agus ann an staid gun dòchas.
Ann an labhairt mu ‘n teagasg so, (1.) Nochdadh mi cionnus, agus ciod an seadh, anns am bheil na h-aingidh air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheachd, aig a’ bhàs. (2.) Nochdadh mi an dòchas an staid aig a’ bhàs; agus, mu dheireadh, Nì mi comb-chur do ‘n iomlan.

1. Cionnus, agus ciod an seadh ‘sam bheil na h-aingidh “air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheachd.”

Ann an labhairt mu ‘n ni so, Fiosraichidh mi gu h-aithghearr, (1.) Ciod a ta air a chiallachadh le iad a bhi air am fuadachadh air falbh. (2.) Cia uath a dh’ fhuadaichear, agus e’ àit’ am fuadaichear iad. (3.) Ciod na dòighean ‘sam feudar a ràdh, gu bheil iad air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheachd. Ach, mu ‘n téid mi air m’ aghaidh, leigibh leam rabhadh a thoirt dhuibh! gu bheil sibh am mearachd, ma smuainicheas sibh, nach ‘eil neach air a ghairm aingidh, ach iadsan a ta gu follaiseach ole agus mi-naomha; mar nach b’ urrainn an diabhul còmhnuidh a ghabbail ann aon an ‘sam bith ach annta-san d’ an ainm legion. Ann am beachd an Sgriobtuir, tha na h-uile nach ‘eil fireanta air an dòigh a mhìnichear an déigh so, air am meas aingidh. Agus air an aobhar sin tha ‘m bonn-teagaig a’ roinn an t-saoghail uile gu dà shèòrsa, am firean agus an t-aingidh. Agus chì sibh an ni ceudna, ‘san carrann eile sin de ‘n Sgriobtur. Mal. iii. 18. “An sin pillidh sibhse, agus chì sibh an dealachadh eadar am firean agus an t-aingidh.” Uime sin mur ‘eil sibh ‘nur fireanaich, tha sibh aingidh. Mur ‘eil agaibh fireantachd air a meas duibh, agus mar an ceudna fireantachd air a suidheachadh annaibh, no naomhaichd; ma tha sibh fathast ‘nur staid nàduir, neo-iompaichte, gun a bhi air bhuir n-aonadh ri Criosd tre chreidimb; ciod ‘sam bith cho beusach agus neo-choireach ann an sùilbh dhaoine, a dh’ fheudas bhuir caithe-beatha a bhi; is sibh na h-aingidh, a bhitheas air bhuir fuadachadh air falbh ‘nan aingidheachd, ma gheibh am bàs anns an staid sin sibh. Nis,

Air tùs, A thaobh seadh nam briathra so, fuadachadh air falbh;

tha trì nithe ann : Bithidh na h-aingidh air an toirt air falbh gu h-obann, gu h-ainneartaich, agus gun chomas eur ‘na aghaidh.

Air tùs, Bithidh daoine neo-nuadhaichte air an toirt air falbh gu h-obann, aig a’ bhàs.

Chan e gu bheil na h-uile dhroch dhaoinne a’ faotainn bàis gu h-obann; no gu bheil iad uile aingidh, a tha bàsachadh mar sin : nar leigeadh Dia! Ach (1.) Tha’m bàs gu cumanta teachd orra gun fhios, agus mar sin a’ glacadh greim dhiubh; mar a thàinig an dìle air an t-seann saoghal gun fhios dhoibh, ged fhuair iad rabhadh uimpe fada mu ‘n d’ thàinig i; mar a thig saothair air mnaoi thorraich, le h-obann iongantaich, ged a bha i ag amharc air a shon, agus dùil aice ris, I. Tes. v. 4. Glacadh am bàs iad mar a ni fear-nam-fiach air an fhear a th’ ann am fìacha dha, gu tharruing gu prìosan, Salm. lv. 15 agus sin ‘nuair nach ‘eil iad air am faicill! Tha ‘m bàs a’ teachd a steach, mar ghaduiche, air an uinneig, agus tha e ‘gam faotainn làn de smainte cùramach mu nithean na beatha so, a théid am mugha air a’ cheart là sin féin. (2.) Tha ‘m bàs a ghnàth ‘gan glacadh neo-uidheamaichte air a shon : tha ‘n seann tigh a’ tuiteam mu’n cluasan, mu’m bheil tigh eile aca air ‘ulluchadh! ‘Nuair tha ‘m bàs ‘gan tilgeadh a dh’ ionnsuidh an doruis, chan ‘eil ionad aca far an cuir iad an einn fòdha; mur ann air leabaidh teine agus pronnise! Tha ‘n t-anam agus an corp, mar gu b’ann, a’ fàilteachadh aon a chéile an glacadh a chéile, ‘nuair tha ‘m bàs a’ teachd, cosmhuil ri iom-ghaoith, agus ‘gan dealachadh. (3.) Tha ‘m bàs ‘gan greasadh air falbh ann am mionaid gu sgrios, agus a’ ðèanamh atharrachaidh ro uamhasach- ‘S gann a tha fhios aig an duine c’ àit’ am bheil e, “gus ann an ifrinn an tog e suas a shùilean;” Luc. xvi. 23. Tha tuiltean na feirge gu h-obann a’ dol thar anaim! agus, mu ‘m bheil e air ‘fhaicill, tha e air a shlugadh suas anns an t-slochd gun iochdar!

‘San dara àite, Tha ‘n duine neo-nuadhaichte air a thabhairt air falbh as an t-saoghal le h-ainneart.

Is ainnheartach an ni fuadachadh : Tha e “air a ruagadh a mach as an t-saoghal,” Job xviii. 18. Bu mhian leis fuireach, nam b’ urrainn e; ach tha ‘m bàs ‘ga shlaodadh air falbh, mar fhear ðroch-bheirt, chum na croiche. Cha d’ iarr e cuibhrionn ‘sam bith eile, ach buannachd agus toil-inntinn an t-saoghail so; chan ‘eil tuilleadh aige; chan ‘eil e da rireadh ag jarraidh ni eile. Cionnus uime sin a dh’ fhendas e dol a mach as, mur bi e air fhuadachadh?

Ceist.

Ach nach feud droch dhuine bhi toileach bàs fhatotainn?

Freag.

Feudaidh e gun amharus a bhi toileach bàsachadh; ach, thoir fainear, gur ann a mhàin ann an aon de thri choraibh.
(1.) Ann an lasan inntinn lasauch an lamh-uachdair air an reuson, agus an uair, air an aobhar sin a tha iad, ro neo-iomchuidh air bàsachadh, bithidh iad ullamh air éigheach, O a bhi air falbh! Ach, nam biodh an iarrtus air a dheònachadh, agus gu ‘n tigeadh am bàs air an gairm, nochdadh iad gu h-ealamh nach robh iad da rireadh; agus ma théid iad air falbh, gur éiginn doibh a bhi air am fuadachadh air falb an aghaidh an toile.
(2.) ‘Nuair a tha iad lân an dòchais, feudaidh iad a bhi toileach bàsachadh. Mar so mhort Saul e féin; agus dh’ iarr Spira bhi ann an ifrinn, chum gu ‘m bitheadh fios aige air a chuid bu fhaide de na bha e creidsinn a bh’ aige ri fhulang. Air an dòigh so feudaidh daoine bhi ‘g iarruidh air son a’ bhàis, ‘nuair a tha e teicheadh uatha. Ach is eagallach an t-ainneart a tha iad sin a’ fulang, a ta uamhasan an Tighearn mar so a’ ruagadh.
(3.) ‘Nuair a tha iad a’ bruadar mu shonas an déigh bàis. Feudaidh òighean amaideach, fuidh chumhachd meallaidh, a thaobh an staid, a bhi toileach air bàs fhaghail, air dhoibh a bhi gun eagal luidhe sios ann an amhghear. Cia lionmhor iad, nach urrainn steidh Scriobhtuir a thoirt air son an dòchais, aig nach ‘eil fathast cuibhrichean ‘nam codal; tha móran air am fuadachadh gu dorchasas ‘nan codal; tha iadsan a’ dol air falbh mar uain; a ‘beucadh mar leòmhain, na’m biodh fios aca c’ àit’ am bheil iad a’ dol! Ged tha ‘n carbad, anns am bheil iad, a’ siubhal gu dian gu doimhneachdan ifrinn; gidheadh chan ‘eil eagal orra, chionn gu bheil iad ‘nan trom chodal.

‘Sam àite mu dheireadh, Tha ‘n duine neo-nuadhaichte air a thoirt air falbh gun chomas eur ‘na aghaidh.

Is éiginn da dol, ged is ann gu goirt an aghaidh a thoile. Cha ghabh am bàs diùltadh, ‘s chan fhuiling e dàil ‘sam bith; ged nach robh an duine beò leth a làthean, a reir a mheas féin. Mur lub e, brisdh se e. Mur tig e mach, bheir e nuas an tigh m’ a chluasan; oir an sin chan fheud e fuireach. Ged a bhitheas an leighiche a’ cuideachadh, càirdein ag osnaich, a bhean ‘sa chlann a’ gul, agus ged ni an duine uile spàirn a chumail a spioraid, tha ‘anam air iarraidh uaithe; is éiginn da striochdadh, agus imeachd far nach faic e solus na’s mò.

‘San dara àite, Thugamaid fainear, eia uath a ta iad air am fuadachadh, agus e’ àite.

‘Nuair tha na h-àingidh a’ faghail bàis, (1.) Tha iad air am fuadachadh a mach as an t-saoghal so, far an do phheacaich iad, gus an t-saoghal eile, far an éiginn breth a thoirt orra, agus ‘sam faigh iad am binne fa leth, Eadh. ix. 27. “Tha e air òrduchadh do dhaoinibh bàs fhaotainn aon uair, ach ‘na dhéigh so breithcanas.” Cha phill iad tuilleadh gus an talamh ionmhuinn aca. Ged tha ‘n cridheachan ceangailte ri sòlasan talmhaidh, is éiginn doibh am fàgail; chan urrainn doibh ni ‘sam bith a thoirt leò as a so. Cia brònach is éiginn d’ an imeachd a bhi, ‘nuair nach ‘eil ni ‘sam bith aca ‘nan sealladh, cho maith ris na nitheibh a dh’ fhàg iad ‘nan déigh? (2.) Tha iad air am fuadachadh o chomunn nan naomh air thalamh, gu comunn na muiuntir dìte ann an ifrinn! “Fhuair an duine saobhair bàs mar an e cudna, agus dh’ adhlaiceadh e. Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean!” Ciod an treud mór de ghabhair an diabhuil a ta nis am measg caoraich Chriosd! Ach, aig a’ bhàs, “iomainear iad a mach le luchd-dèanamh an uile,” Salm. cxxv. 5. Tha sluagh measgta ‘san t-saoghal so, ach chan ‘eil measgadh ‘san t-saoghal eile; tha gach cuideachd an sin air an eur leò féin. Ged dh’ fhàsas na cealgairean ann an so, mar chogul am measg a’ chruthnheachd, spionaichd am bàs a nios iad: agus bithidh iad air an ceangal ‘nan trusaichibh air son an teine. (3.) Tha iad air am fundachadh a mach o’n aimsir a tha làthair gu siorruidheachd. Fhad ‘sa mhaireas aimsir dhoibh, tha dòchas; ach ‘nuair a dh’ fhalbhas aimsir, falbhaidh gach uile dhòchas leatha, tha ‘n aimsir luach-mhor a nis air a eathream gu struidheil; tha i luidhe cho trom air làmhan mhórain, is gur eiginn doibh iomadh rathad a ghabhail gu a fogradh air falbh. Ach bithibh air bhur faicill o bhi ann an teagamh ciod mar a chaithreas sibh bhur beatha; Cleachdaibh an aimsir a tha làthair air son siorraidheachd, fhad ‘sa mhairesas i dhuibh; oir, mu ‘n tig ach ùine ghoirid, fuadaichidh am bàs uaibh i, agus sibhse uaip-e-sa, air chor is nach coinneil sibh gu bràth a ris. (4.) Tha iad air am fuadachadh a mach o choslas diadhachd a bha iad a’ gabhail orra bhi aca. Tha ‘m bàs ‘gan rùsgadh d’ an eulaidhibh dealrach do dh’ aidmheil sgiamhach, leis an robh euid diubh air an sgeudachadh; agus tionndaidhaidh e iad air falbh o’n àite-cluiche, ann an luideagan droch eridhe agus droch chaiththeath. Tha ‘m focal cealgair a’ ciallachadh gu earrt fear-ionaid cluiche, a tha taisbeanadh a bhi an ni ann am fìrinn nach ‘eil e. ‘Se ‘n saoghal so an t-ionad cluiche, air am bheil clann so an diabhluil ‘gan eur féin an riochd clann Dhe. ‘Se ‘n eolas diadhachd còta an fhir-ehluiche, fo ‘n èiginn do neach ambarc, a bheir breth cheart orra. A nis tha ‘m bàs ‘gan tionndadh a mach as an còta, agus an sin tha iad a’ taisbeanadh ‘nan trusgain fèin; bheir e am brat-foluch dhiubh, agus bheir e air falbh an sgàile bréige dhiubh. Chan ‘eil neach anns an t-saoghal eile, a ta gabhail orra bhi na’s feàrr na da rìreadh a tha iad. Oibrichidh nàdur truailidh ann an tìr na h-umhais, gun bhacadh agus gun sgàil na ceilge. ‘San àite mu dheireadh, Tha iad air am fuadachadh air falbh o uile mheadhonnan nan gràs; agus tha iad air an eur an taobh thall de ‘n chrìch, gu tur an taobh a mach do an h-uile dùil ri tròcair. Chan ‘eil cothrom tuilleadh a’ cheannach ola air son an lòchraim; chaidh e as aig a’ bhàs, agus chan fheud e bhi air a shoillseachadh tuilleadh. Fendaidh taigsean tròcair agus sìth a bhi, an déigh dhoibhsan falbh; ach tha iad sin de muimntir eile, chan ann doibh-san; chan ‘eil an leithide sin de thaigsean ‘san àite gus am bheil iad air am fuadachadh: Tha na taigsean sin a mhàin air an toirc anns an àite o ‘m bheil iad air am fuadachadh air falbh.

Ri leantuinm.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice