Domhnuill.—Nach bochd nach robh croitseachan (crutches) againn a chumadh ‘n ar seasamh sinn gus an tigeadh am Milenium! Iain.—Nach cuir thu air an son, mata. Domhnuill. —Chan ‘eil fhis agam có a dhèanadh iad. Iain.—Nach dèanadh Mac an t-saoir iad? Domhnuill.—’Bheil fhis de ‘fiodh a chuireadh E annta ‘s gu seasadh iad cho fada? Iain.—Fag thusa sin aige fhéin: ‘s E is fheàrr breitheamh air fiodh na thusa. ‘Nuair ‘tha thu ‘n ad’ leithid de dh’aireachd (cripple), ‘s ann a dh’fhècumadh tu trì, aon fo gach achlais agus aon fo do bhroilleach. Cuir thus’ a dh’iarraidh Creideamh, Dòchas, agus Gràdh, ‘s theid mis’ an urras gu’n toir iad a dh’ionnsuidh milenium thu agus na’s fhaide.