(Air a leantrùinn bhò t.d., p. 185.)
“Oir a ta fhios agam gu ‘n toir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò.”—IOB xxx. 23.
‘San àite mu dheireadh, Ciod an dòigh air am feudar a ràdh gu bheil iad air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheachd? Freag. (1.) A thaobh iad a bhi air an tabhairt air falbh ‘nan staid pheacach neo-iompaichte. Air dhoibh am beatha chaitheadh ‘nan naimhdidh do Dhia, tha iad a’ faotainn bàis ann staid naimhdeis ‘na aghaidh: Oir chan ‘eil neach air a thoirt do staid sonais siorruidh, ach air rathad staid nan gràs, no toiseach leasachaidh ‘sa’ bheatha so. Tha ‘n leanabh a ta marbh ‘sa’ bhronn, air a bhreith marbh, agus tha e air a thilgeadh as ‘a’ bhronn do ‘n uaigh: Mar so tha esan a ta marbh am feadh a bha e beò, no tha marbh gu spioradail air a thilgeadh a mach o bhronn na h-aimsir a ta làthair, ann an staid chendna a’ bhàis, do shlochd truaighe iomlaim. O bàs truagh, bàsachadh ann an domblas na seirbhe, agus fuidh chuibhreach na h-eucorach! B’ fheàrr gu mór do leithid’sa gheibh bàs mar sin, nach robh iad riamh air am breth. (2.) A chionn gu bheil iad a’ dol a dh’ionnsuidh a’ bhàis a’ peacachadh, ag oibreachadh gu h-aingidh an aghaidh Dhé, calg dhireach an aghaidh lagha Dhé! Oir chan urrainn doibh ni a dhèanamh ach peacadh fhad ‘sa tha iad ‘sa’ bheatha so. Mar sin tha ‘m bàs ‘gan glacadh ann an dearbh-ghniomh a’ pheacaidh; gu h-ainneartach ‘gan tarruing o chaidreamh an ana-mianna, agus ‘gan fuadachadh air falbh gu eathair a’ bhreitheanais a dh’ fhaotainn am binne. Is comharr-aichte na briathra a ta air an labhairt le Job xxxvi. 14. “Gheibh iad bàs ‘nan òige.” No mar dh’fheudar na briathran a thionndadh, “Gheibh an anama bàs ‘nan òige!” Air d’ an ana-miannaibh a bhi beothail, an iarrtuis neartmhòr agus an dòchas mór; mar a tha cleachdta leis an òige. “Agus am beatha am measg nan neo-ghlan-” (No, “Agus tha a’ chuideachd, no ‘n treud, dhiubh a’ faotainn bàs am measg nan Sodomach.”) Is e sin ri ràdh, tha iad air an toirt air falbh an teas am peacaidh agus an aingidheachd, mar a bha na Sodomaich, Gen. xix.; Luc. xvii. 27, 28. (3.) Ann a’ mheud as gu bheil iad air am fuadachadh air falbh, luchdaichte le cionta an uile pheacaidh: Is i so an t-annart-mairbh a luidheas leò anns an duslach- Job xx. 11. Leanaidh an oibre iad gus an saoghal eile! Tha iad a’ dol air falbh le cuing an cionta toinnte m’ am muineil. Tha cionta ‘na dhroch companach ann am beatha, ach cia h-uamhasach a bhitheas e ann am bàs. Theagamh gu bheil e nis, a’ luidh mar phronnuse fuar air an coguisean neo-mhothachail; ach, ‘nuair tha ‘m bàs a’ fosgladh an rathaid do shradagan dioghaltais Dhé, cosmhuil ri teine, a thuiteam air, ni e lasraichean namhasach ‘sa’ choguis; anns am bi an t-anam, mar gu b’ ann air ‘fhilleadh a suas gu bràth. ‘San àite mu dheireadh, Tha na h-aingidh air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheachd, ann a mheud as gu bheil iad a’ faotainn bàis fuidh làn-chumhachd an aingidheachd. Fhad ‘sa tha dòchas, tha bacadh éigin air a’ chuid is miosa de dhaoinne; agus tha na gnèibh beusach a tha Dia a’ toirt do chuid de dhaoinne, a chum maith a’ chinne-daoine anns a’ bheatha so, ‘nam bacaidhean agus ‘nan casgaidhean air aingidheachd bhorb nàdur an duine: Ach air do na h-uile dhòchas a bhi air a ghearradh air falbh, agus na gibleatan sin air an toirt uatha, thig aingidheachd an aingidh gu iomlaineachd. Mar a thig sìol nan gràs a ta air a chur ann an cridheachaibh nan daoine taghta, a dh’ionnsuidh a làn abachaidh aig a’ bhàs; mar sin thig a ghnè aingidh agus ifrinneil e th’ anns na droch dhaoinne gus an àirde as mo. Bithidh an ùrnuighean ri Dia, an sin air an tionndadh gu mallachadh uamhasach, agus am molaidhean gu toibheuma oillteil! An sin bithidh gul, agus giosgan fhiacal! Mat. xxii. 13. Tha na nithe so a’ toirt beachd uamhasaich, ach fìrinneach, air staid nan aingidh ann an saoghal eile!
II.
Nochdaidh mi cho an-dòchasach ‘sa tha staid nan daoine neo-nuadhaichte aig a’ bhàs. Chithear gu bheil i gun dòchas, ma bheir simn fainear na ceithir nithe so.
Air tùs, Tha ‘m bàs a’ gearradh gach dòchais agus dúil’ a bh’ aca ri sìth agus toil-inntinn anns a’ bheatha so.
“Anam, a ta agad móran de nithibh maithne air an tasgadh fa chomhair mórain bhliadlma; gabh fois, ith, òl, is bi subhach. Ach a dubhairt Dia ris, Amadain, air an oidheche so féin iarrar t’anam uait; an sin có dha bhuineas na nithe sin a dh’ulluich thu?” Luc. xii. 19, 20. Tha iad ag amharc air son nithe mór ‘san t-saoghal so; tha iad an dùil gu mendach iad am maoin, gu faic iad an teaghlachiean a’ soirbhbeachadh, agus gu ‘n caith iad am beatha ann an suaimhneas: Ach tha ‘m bàs a’ teachd, cosmhuil ri gaoith dhoimnionnaich, agus crathaidh e air falbh an dochais thaitnich, cosmhuil ri meas an-abuich o chraoibh! “An uair a bhios e gus a’ bhrù a lionadh, tilgidh Dia fraoch-fheirge air,” Job xx. 23. Feudaidh e tòiseachadh air innleachdan a dheilbh, a chum a buannachd shaoghalta mheudachadh; ach mu ’n urrainn da an deilbh oibreachadh a mach, tha ’m bàs a’ teachd agus gearraidh e mach i! “Theid ’anail as, pillidh e g’ a ùir : ’san là sin féin théid as d’a smuaintibh,” Salm exli. 4.
’San dara àite, ’Nuar a thig am bàs chan ’eil steidh bhunaiteach dòchais aca air son aonais shìorruidh : “Oir eiod e dòchas a chealgair, ged bhuannaich e, ’nuair a bheir Dia air falbh ’anam?” Job xxvii. 8.
Ciod air bith dòchas a th’ aca umpa féin, chan ’eil e air a stéidheachadh air focal Dhé, nì is e an fhìor steidh dòchais; na’m biodh fios aca air an staid, chiteadh iad iad féin a mhàin sona ann am bruadar. Agus gun amharus, ciod an dòchas a dh’ fheudas a bhi aca? Tha ’n lagh gu soilleir ’nan aghaidh, agus ’gan diteadh : tha’ mhallachdan, na cuibhrichcan bàis sin, mu ’n timchioll cheana. ’S ’n Slànuighear, air an d’ rinn iad tareuis, a nìs am breitheamh; agus is e ’m breitheamh an mèmhaid. Cionnus ma ta a d’ fheudas dòchas a bhi aca? Dhruid iad dorus na tròcair ’nan aghaidh féin le ’m mi-chreidimh : Rinn iad dì-meas air an leigheas agus uime sin is éiginn doibh bàs fhaotainn gun tròcair! Chan ’eil còir shlàintèil aca ann an Losa Criosd, an aon chladhan a mhàin troimh am bheil tròcair a’ sruthadh; agus uime sin chan urrainn doibh gu bràth blasad dheth! Tha claidheamh ceartais a’ dion doruis na tròcair, air chor as nach urrainn do neach dol a stigh, ach buill cuirp dhìomhair Chriosd : aig am bheil os an ceann còmhdaich de fhuil rìte, fuil an Eadar-Mheadhonair. Feudaidh iadsan gun amharus dol a steach gun dochamh, oir chan ’eil nì ’sam bith aig ceartas ri agradh dhiubh : Ach ean urrainn do mhuiintir eile dol a steach, a chionn nach ’eil iad ann an Criosd : thig am bàs d’ an ionnsuidh-san le gath ann, gath cionta gun mhaitheadh. Tha e air armachadh ’nan aghaidh leis an uile neart agus ùghdaras as urrainn an lagh naomh a thoirt dhà, 1 Cor. xv. 56. “Is e am peacadh gath a’ bhàis, agus is e neart a’ pheacaidh an lagh.” ’Nuar a bha ’n lagh sin air a thoirt air sliabh Shinaí, chriothtnuich an sliabh uile gu mór! Ecsod. xix. 18. ‘Nuair a bha ‘m F’ear-saoraidh a’ ðèanamh diolaidh air son briseadh nan daoine taghta air an lagh, chriothnuich an talamh, agus sgoilt na creagan Mat. xxvii. 51. Ciod an steidh-dhòchas air an aobhar sin, a dh’fheudas a bhi aig an aingidh ‘nuair thig am bàs air, armaichte le neart an lagha so? Cionnus a dh’fheudas e dol as o ‘n teine sin, a loisg gu meadhon nèimh? Deut. iv. 11. Cionnus a bhios e comasach air seasamh anns an deataich sin, a dh’ éirich suas mar dheatach àmhuinn? Ecsod. xix. 18. Cionnus a dh’ fhulaingear e na tairneinich agus na dealanaich uamhasach, rann 16, agus còmhnaichadh ann an duibhre, neòil, agus tiugh-dhorchadas? Deut. iv. 11. Chan ‘eil anns na coimeasan sin uile air muin a cheile ach beachd fann air ‘an doininn uamhasach sin de fheirg agus de dhiomb, a leanas na h-aingidh gus an ifrinn as iochdaraiche; agus a mhaireas gu bràth orra-san, a ta air am fuadachadh gu dorchadas aig a’ bhàs!
‘San treas àite, Spionaideadh am bàs mòs an earbsaidhean mealtach mu shonas siorruidh.
‘S ann an sin a tha ‘n coim-cheangal ris a’ bhàs, agus an còrdadh ri ifrinn, air a bhriseadh. Tha iad air an dùsgadh o ‘m bruadair milis, agus mu dheireadh a’ togail suas an sùilean, Iob viii. 14. “Aig an gearrar a dhòchas as,oir is e lion an damhan-allaidh earbsa.” Tha earbsa aca gu’m bi na h-uile nì ceart maillte riu an déigh a’ bhàis; ach chan ‘eil ‘nan earbsa so ach lion air fligheadh as an com féin, le mor-innleachd agus dichioll. Tha iad ‘gam filleadh féin suas anns an dòchas so, mar a dh’ fhilleas damhan-allaidh e féin ‘na lion: Ach chan ‘eil ann ach didein lag agus ammhunn; oir ciod ‘sam bith mar a dh’fheudas e seasamh an aghaidh bagraidhean focail Dhé, sguabaidh am bàs, sguab sin an leir-sgrios, iadsan agus an dòchas araon air falbh, air chor as nach bi am mìr as lugha dheth air fhàgail dhoibh; esan nach leig air a’ mhionaide so le dhòchas imeachd uaithe, bithidh e an ath-mhionaide gu tur gun dòchas! Cuiridh am bàs an tigh a thogadh air a’ ghaimeamh bun os ceann; chan fhàg e duine ‘sam bith fuidh chumhachd meallaidh.
‘San àite mu dheireadh, Fàgaidh bàs an staid gu h-iomlan agus gu siorruidh gun dòchas.
Chan fheud gnòthuichean bhi air an leasachadh no air an atharrachadh an déigh a’ bhàis. Oir (1.) Air do ‘n aimsir dol seachad aon uair, chan fheudar gu bràth a toirt air a h-ais. Nam b’ urrainn éigh no deòir, luach no saothair, aimsir a thoirt air a h-ais a rìs, dh’ fheudadh an duine aingidh dòchas a bhi aige ‘na bhàs: Ach cha bhuadhaich deòir fhola; ‘s cha mhò a bheir a sereadail ear mhuillionaibh de linnibh, air a h-ais i. Cha stad a’ ghrian gus an dùisg an lundair, agus an imich e air a thurus; agus aon uair ‘s gu ‘n teid i fòdha, cha ruig e leas duil a bhi aige gu ‘n tionndar an oidheche gu là air a shonsan; ‘s èiginn dà còmhnuidh a ghabhaill tre oidheche fhada na siorruidheachd, far an d’ fhàg ‘aimsir e- (2.) Chan fheudar pilleadh do’n bheatha so, a leasachadh an ni a tha ‘m mearachd: Is staid dearbhaidh agus deuchainn i, a chriochnaicheas aig a’ bhàs; agus air an aobhar sin chan urrainn duinn pilleadh d’a h-ionnsuidh a rìs; Chan ‘eil sinn mar so beò ach aon uair, agus chan fhaigh sinn bàs ach aon uair. Giùlainidh am bàs an duine aingidh g’a àite féin, Gniomh. i. 25. ‘Si bheatha, ar là oibre; erìochnaichidh am bàs ar là agus ar n-obair le chéile. Is ceart a dh’ fheudas sinn a smuaineachadh, gu ‘m feudadh càileigin de dhòchas a bhi aig na h-aingidh aig am bàs, nam b’ e, ‘san déigh do ‘n bhas an sùilean fhosgladh, gu ‘m b’ urrainn doibh pilleadh gu beatha, agus ged nach faighheadh iad ach deuchainn a dh’ aon Sàbaid, a dh’ aon tairgse do Chriosd, aon là, aon uair tuilleadh, a dhèanamh an sìth ri Dia: “Ach luidhidh an duine sios, agus chan éirich e; gus nach bi nan nèamha ann; cha mhosgail iad, agus cha dùisgear as an codal iad,” Iob xiv. 12. ‘San àite mu dheireadh, Anns an t-saoghal eile, chan ‘eil rathad aig daoine air an staid chaillte agus mhillte a leasachadh, ged ‘sam bith mar bu mhianann leò a dheanamh: “Oir chan ‘eil obair, no innleachd, no còlas, no gliocas, anns an uaigh, d’ am bheil thu a’ dol,” Ecles. ix. 10. A nis feudaidh duine teicheadh o ‘n fheirg ri teachd; a nis feudaidh e faotainn gu dìdein: Ach aon uair is gu ‘n dean am bàs ‘obair, druidear an dorus; chan ‘eil tuilleadh tairgsean gràis, chan ‘eil tuilleadh maithheanais: Far an do thuirt a’ chraobh, an sin is éiginn di luidhe.
Ri leantuininn.