Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1937 » September 1937 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

AN STAID SHIORRUIDH: NO, STAID SONAIS,
NO TRUACIGHE IOMLAN.

Mu Bhàs.

(Air a leantuininn bho t.d., p. 185.)

“Oir a ta fhios agam gu ‘n toir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò.”—IOB xxx. 23.

‘San àite mu dheireadh, Ciod an dòigh air am feudar a ràdh gu bheil iad air am fuadachadh air falbh ’nan aingidheadh? Freag. (L.) A thaobh iad a bhi air an tabhairt air falbh ’nan staid pheacach neo-iompaichte. Air dhoibh am beatha chaitheadh

‘nan naimhdidh do Dhia, tha iad a’ faotainn bàis ann staid naimhdeis ‘na aghaidh: Oir chan ‘eil neach air a thoirt do staid sonais siorruidh, ach air rathad staid nan gràs, no toiseach leasachaidh ‘sa’ bheatha so. Tha ‘n leanabh a ta marbh ‘sa’ bhroinn, air a bhreith marbh, agus tha e air a thilgeadh as a’ bhroinn do ‘n uaigh: Mar so tha esan a ta marbh am feadh a bha e beò, no tha marbh gu spioradail air a thilgeadh a mach o bhroinn na h-aimsir a ta làthair, ann an staid cheudna a’ bhàis, do shlochd truaighe iomlain. O bàs truagh, bàsachadh ann an domblas na seirbhe, agus fuidh chuibhreach na h-eucorach! B’ fhearr gu mór do leithid’sa gheibh bàs mar sin, nach robh iad riamh air am breth. (2.) A chionn gu bheil iad a’ dol a dh’ionnsuidh a’ bhàis a’ peacachadh, ag oibreachadh gu h-aingidh an aghaidh Dhé, calg dhireach an aghaidh lagha Dhé! Oir chan urrainn doibh ni a dhèanamh ach peacadh fhad ‘sa tha iad ‘sa’ bheatha so. Mar sin tha ‘m bàs ‘gan glacadh ann an dearbh-ghniomh a’ pheacaidh; gu h-ainneartach ‘gan tarruing o chaidreamh an ana-mianna, agus ‘gam fuadachadh air falbh gu eathir a’ bhreitheanais a dh’ fhaotainn am binne. Is comharr-aichte na briathra a ta air an labhairt le Iob xxxvi. 14. “Gheibh iad bàs ‘nan òige.” No mar dh’fheudar na briathran a thionndadh, “Gheibh an anama bàs ‘nan òige!” Air d’ an ana-mianaibh a bhi beothail, an iarrtuis neartmhor agus an dòchas mór; mar a tha cleachdta leis an òige. “Agus am beatha am measg nan neo-ghlan-” (No, “Agus tha a’ chuideachd, no ‘n treud, dhiubh a’ faotainn bàis am measg nan Sodomaich.”) Is e sin ri ràdh, tha iad air an toirt air falbh an teas am peacaidh agus an aingidheachd, mar a bha na Sodomaich, Gen. xix.; Luc. xvii. 27, 28. (3.) Ann a’ mheud as gu bheil iad air am fuadachadh air falbh, luchdaichte le cionta an uile pheacaidh: Is i so an t-annart-mairbh a luidheas leò anns an duslaich- Iob xx. 11. Leanaidh an oibre iad gus an saoghal eile! Tha iad a’ dol air falbh le cuing an cionta toinnte m’ am muineil. Tha cionta ‘na dhroch companach ann am beatha, ach cia h-uamhasach a bhitheas e ann am bàs. Theagamh gu bheil e nis, a’ luidh mar phronnuse fuar air an eoguisean neo-mhothaichail; ach, ‘nuair

tha ‘m bàs a’ fosgladh an rathaid do shradagan dioghaltais Dhé, cosmhuil ri teine, a thuiteam air, ni e lasraichean namhasach ‘sa’ choguis; anns am bi an t-anam, mar gu b’ ann air ‘fhilleadh a suas gu bràth. ‘San àite mu dheireadh, Tha na h-aingidh air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheachd, ann a mheud as gu bheil iad a’ faotainn bàis fuidh lán-chumhachd an aingidheachd. Fhad ‘sa tha dòchas, tha bacadh éigin air a’ chuid is miosa de dhaoine; agus tha na gnèibh beusach a tha Dia a’ toirt do chuid de dhaoine, a chum maith a’ chinne-daoine anns a’ bheatha so, ‘nam bacaidhean agus ‘nan casgaidhean air aingidheachd bhorb nàdur an duine: Ach air do na h-uile dòchas a bhi air a ghearradh air falbh, agus na gibhtean sin air an toirt uatha, thig aingidheachd an aingidh gu iomlaineachd. Mar a thig sìol nan gràs a ta air a chur ann an cridheachaibh nan daoine taghta, a dh’ionnsuidh a lán abachaidh aig a’ bhàs; mar sin thig a ghnè aingidh agus ifrinneil e th’ anns na droch dhaoine gus an àirde as mo. Bithidh an ùrnuighean ri Dia, an sin air an tionndadh gu mallachadh uamhasach, agus am molaidhean gu toibheuma oilteil! An sin bithidh gul, agus giosgan fhiacal! Mat. xxii. 13. Tha na nithe so a’ toirt beachd uamhsaich, ach fìrinneach, air staid nan aingidh ann an saoghal eile!

II. Nochdaidh mi eò an-dòchasach ‘sa tha staid nan daoine neo-nuadhaichte aig a’ bhàs. Chithear gu bheil i gun dòchas, ma bheir sinn fainear na ceithir nithe so.

Air tús, Tha ‘m bàs a’ gearradh gach dòchais agus duil’ a bh’ aca ri sìth agus toil-inntinn anns a’ bheatha so. “Anam, a ta agad mórán de nithibh maithe air an tasgadh fa ehomhair mórain bhliadhna; gabh fois, ith, òl, is bi subhaich. Ach a dubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhehe so féin iarrar t’anam uait; an sin có dha bhuineas na nithe sin a dh’ulluich thu?” Luc. xii. 19, 20. Tha iad ag amharc air son nithe mór ‘san t-saoghal so; tha iad an dùil gu meudaich iad am maoin, gu faic iad an teaghlaichean a’ soirbheachadh, agus gu ‘n caith iad am beatha ann an suaimhneas: Ach tha ‘m bàs a’ teachd, cosmhuil ri gaoith dhoinnionnaich, agus crathaidh e air falbh an dochais thaitnich, cosmhuil ri meas an-abuich o ehraoibh!

“An uair a bhios e gus a’ bhrù a lionadh, tilgidh Dia fraoch-fheirge air,” Iob xx. 23. Feudaidh e tòiseachadh air innleachdan a dheilbh, a chum a buannachd shaoghalta mheudachadh; ach mu ’n urrainn da an deilbh oibreachadh a mach, tha ’m bàs a’ teachd agus gearraidh e mach i! “Theid ’anail as, pillidh e g’ a ùir: ’san là sin féin théid as d’a smuaintibh,” Salm cxlv. 4.

’San dara àite, ’Nuair a thig am bàs ehan ’eil steidh bhunaite-ach dòchais aca air son sonais shiorruidh: “Oir ciod e dòchas a chealgair, ged bhuannaich e, ’nuair a bheir Dia air falbh ’anam?” Job xxvii. 8. Ciod air bith dòchas a th’ aca umpa féin, ehan ’eil e air a stéidheachadh air focal Dhé, nì is e an fhìor steidh dòchais; na’m biodh fios aca air an staid, eiteadh iad iad féin a mhàin sona ann am bruadar. Agus gun amharus, ciod an dòchas a dh’ fheudas a bhi aca? Tha ’n lagh gu soilleir ’nan aghaidh, agus ’gan diteadh: tha’ mhallachdan, na cuibhrichean bàis sin, mu ’n timechioll cheana. ’S ’n Slànuighear, air an d’ rinn iad tareuis, a nis am breitheamh; agus is e ’m breitheamh an nàmhaid. Cionnus ma ta a d’ fheudas dòchas a bhi aca? Dhruid iad dorus na tròcair ’nan aghaidh féin le ’m mi-chreidimh: Rinn iad dì-m eas air an leigheas agus uime sin is éigin doibh bàs fhaotainn gun tròcair! Chan ’eil còir shlàintèil aca ann an Iosa Criosd, an aon chladhan a mhàin troimh am bheil tròcair a’ sruthadh; agus uime sin ehan urrainn doibh gu bràth blasad dheth! Tha claidheamh ceartais a’ dion doruis na tròcair, air chor as nach urrainn do neach dol a stigh, ach buill euirp dhìomhair Chriosd: aig am bheil os an ceann còmhdaich de fhuil rèite, fuil an Eadar-Mheadhonair. Feudaidh iadsan gun amharus dol a steach gun dochann, oir ehan ’eil nì ’sam bith aig ceartas ri agradh dhiubh: Aeh ehan urrainn do mhunntir eile dol a steach, a chionn nach ’eil iad ann an Criosd: thig am bàs d’ an ionnsuidh-san le gath ann, gath cionta gun mhaitheadh. Tha e air armachadh ’nan aghaidh leis an uile neart agus ùghdaras as urrainn an lagh naomh a thoirt dhà, 1 Cor. xv. 56. “Is e am peacadh gath a’ bhàis, agus is e neart a’ pheacaidh an lagh.” ’Nuair a bha ’n lagh sin air a thoirt air sliabh Shinai, chriothnuich an sliabh uile gu mór! Ecsod.

xix. 18. ‘Nuair a bha ‘m F’ear-saoraidh a’ dèanamh diolaidh air son briseadh nan daoine taghta air an lagh, chriothnuich an talamh, agus sgoilt na creagan Mat. xxvii. 51. Ciod an steidhdhòchais air an aobhar sin, a dh’fheudas a bhi aig an aingidh ‘nuair thig am bàs air, armaichte le neart an lagha so? Cionnus a dh’ fheudas e dol as o ‘n teine sin, a loisg gu meadhon nèimh? Deut. iv. 11. Cionnus a bhios e comasach air seasamh anns an deataich sin, a dh’ éirich suas mar dheatach àmhuinn? Ecsod. xix. 18. Cionnus a dh’ fhulaingeads e na tairneinich agus na dealanaich uamhasach, rann 16, agus còmhnachadh ann an duibhre, neòil, agus tiugh-dhorchas? Deut. iv. 11. Chan ‘eil anns na coimeasan sin uile air muin a cheile ach beachd fann air ‘an doinionn uamhasach sin de fheirg agus de dhiomb, a leanas na h-aingidh gus an ifrinn as iochdaraiche; agus a mhairesas gu bràth orra-san, a ta air am fuadachadh gu dorchas aig a’ bhàs!

‘San treas àite, Spionaichd am bàs nìos an earbsaidhean mealtach mu shonas siorruidh. ‘S ann an sin a tha ‘n coimh-cheangal ris a’ bhàs, agus an còrdadh ri ifrinn, air a bhriseadh. Tha iad air an dùsgadh o ‘m bruadair millis, agus mu dheireadh a’ togail suas an sùilean, Iob viii. 14. “Aig an gearrar a dhòchas as,oir is e lion an damhan-allaidh earbsa.” Tha earbsa aca gu’m bi na h-uile nì ceart maille riu an déigh a’ bhàis; ach chan ‘eil ‘nan earbsa so ach lion air fligheadh as an com féin, le mor-innleachd agus dichiol. Tha iad ‘gam filleadh féin suas anns an dòchas so, mar a dh’ fhilleas damhan-allaidh e féin ‘na lion: Ach chan ‘eil ann ach didein lag agus amhunn; oir ciod ‘sam bith mar a dh’ fheudas e seasamh an aghaidh bagraidhean focail Dhé, sguabaidh am bàs, sguab sin an leir-sgrios, iadsan agus an dòchas araon air falbh, air chor as nach bi am mir as lugha dheth air fhàgail dhoibh; esan nach leig air a’ mhionaid so le dhòchas imeachd uaithe, bithidh e an ath-mhionaid gu tur gun dòchas! Cuiridh am bàs an tigh a thogadh air a’ ghaineamh bun os ceann; chan fhàg e duine ‘sam bith fuidh chumhachd meallaidh.

‘San àite mu dheireadh, Fàgaidh bàs an staid gu h-iomlan agus gu siorruidh gun dòchas. Chan fheud gnòthuichean bhi

air an leasachadh no air an atharrachadh an déigh a’ bhàis. Oir (1.) Air do ‘n aimsir dol seachad aon uair, chan fheudar gu bràth a toirt air a h-ais. Nam b’ urrainn éigh no deòir, luach no saothair, aimsir a thoirt air a h-ais a ris, dh’ fheudadh an duine aingidh dòchas a bhi aige ‘na bhùs: Ach cha bhuadhaich deòir fhola; ‘s cha mhò a bheir a sereadaid ear mhuillionaibh de linnibh, air a h-ais i. Cha stad a’ ghrian gus an dùisg an lundair, agus an inmich e air a thurus; agus aon uair ‘s gu ‘n teid i fodha, cha ruig e leas duil a bhi aige gu ‘n tiondar an oidheche gu là air a shonsan; ‘s èiginn dà còmhnuidh a ghabhail tre oidheche fhada na siorruidheachd, far an d’ fhàg ‘aimsir e-

(2.) Chan fheudar pilleadh do’n bheatha so, a leasachadh an ni a tha ‘m mearaichd: Is staid dearbhaidh agus deuchainn i, a chriochnaicheas aig a’ bhàis; agus air an aobhar sin chan urrainn duinn pilleadh d’a h-ionnsuidh a ris; Chan ‘eil sinn mar so beò ach aon uair, agus chan fhaigh sinn bàs ach aon uair. Giùlainidh am bàs an duine aingidh g’a àite féin, Gniomh. i. 25. ‘Si bheatha, ar là oibre; eiriochnaichidh am bàs ar là agus ar n-obair le chéile. Is ceart a dh’ fheudas sinn a smuaineachadh, gu ‘m feudadh càileigin de dhòchas a bhi aig na h-aingidh aig am bàs, nam b’ e, ‘san déigh do ‘n bhas an sùilean fhosgladh, gu ‘m b’ urrainn doibh pilleadh gu beatha, agus ged nach faigheadh iad ach deuchainn a dh’ aon Sàbaid, a dh’ aon tairgse do Chriosd, aon là, aon uair tuilleadh, a dhèanamh an sìth ri Dia: “Ach luidhidh an duine sios, agus chan éirich e; gus nach bi nan nèamha ann; cha mhosgail iad, agus cha dùisgear as an codal iad,” Iob xiv. 12. ‘San àite mu dheireadh, Anns an t-saoghal eile, chan ‘eil rathad aig daoine air an staid chailte agus mhillte a leasachadh, ged ‘sam bith mar bu mhiann leò a dheanamh: “Oir chan ‘eil obair, no innleachd, no còlas, no gloicas, anns an uaigh, d’ am bheil thu a’ dol,” Ecles. ix. 10. A nis feudaidh duine teicheadh o ‘n fheirg ri teachd; a nis feudaidh e faotainn gu dìdein: Ach aon uair is gu ‘n dean am bàs ‘obair, druidear an dorus; chan ‘eil tuilleadh tairgsean gràis, chan ‘eil tuilleadh maitheanais: Far an do thuit a’ chraobh, an sin is èiginn di luidhe.

Rì leantuirn.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice