Mu Bhàs.
*(Air a leanntuinn bho t.d., p. 232.)*
“Oir a ta fhois agam gu ‘n toir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò.”—IOB xxx. 23.
Biodh na chaidh a ràdh gu cùramach air a gabhail gu eridhe: agus a chum gu ‘m bitheadh e gu feum, fuilingibh dhomh earalachadh oirbh.
Air tìs, Gu ‘n toir sibh an aire gun dòchas a gabhail mu nèamh, ach sin a ta air a thogail air stéidh shuidhichte.
Bitheadh erith oirbh smuinaeachadh, ciod na dòchais thaitneach mu shonas nan nèamh a sguabas am bàs air falbh, cosmhuil ri lion an damhain-alluidh! Ciod mar tha dòchais mhòran air an gearradh air falbh, ‘nuair a ta iad a saoilseinn, ‘nam beachd féin, a bhi air fior stairsnich neimh! Ciod mar, anns a’ mhionaid, a tha dùil aca bhi air an giùlan le ainglibh gu uchd Abraham, gu ionadaibh a’ bheannaichaidh agus na sìth; tha iad air an giùlan le diabhluibh gu comunn na muintirr dite ann an ifrinn, gu ionad na pèin, agus gu tir an uamhais: Guidheam oirbh a bhi air bhur faicill, (1.) Roimh dhòchas a bhi air a thogail suas, far nach robh a’ bhunait riamh air a suidheachadh. Chladhaich am fear-togail glie domhain, Luc. vi. 48. An robh bhur dhòchas mu nèamh riamh air a chrathadh; ach gu ‘n robh deadh dhòchas agaibh fad bhur làithean? Mo thruaighe air a shon! feudaidh sibh diomhaireachd bhur cor fhaicinn air a mhùineachadh, Luc. xi. 21. “Nuair a ghleidheas duine laidir fo armaibh a thalla féin, tha na bhuneas dà ann an sith.” Ach ma bha do dhòchais air an crathadh, thoir an aire air eagal nach robh ach cuid de bhrisean air an dèanamh anns an t-sean aitreabh, a fhuair thu chàradh a rìs, le rathadaibh agus meadhonaibh a fhuair thu féin. Bi cinnteach, nach ‘eil do dhòchas, ciod ‘sam bith cho sgiamhaich ‘sa ta an aitreabh, ri earbsa ris; mur robh do sheann dochais air an leagadh sios gu làr, agus gu ‘n do thog thu air steidh gu léir nuadh. (2.) Bi air t’faicill o ‘n dhòchas sin a thaisbeanas soilleir anns an dorchà, ach a chailleas a shoillse ‘nuair a ta e air a chur ann an solus focail Dhé, ‘nuair a ta e air a rannsachadh agus air fheuchainn le teistes an fhocail fhoillsichte: “Oir gach neach a ta dèanamh uile, tha e toirt fuath do ‘n t-solus, agus chan ‘eil e teachd chum an t-soluis, air cagal gu ‘m biodh ‘oibre air an cronachadh. Ach an tì a nì ‘n fhìrinn, thig e chum an t-soluis, chum ‘s gu ‘m bi ‘oibre follaiseach gur ann an Dia a rinneadh iad,” Eoin iii. 20, 21. Chan ‘eil ‘san dhòchas sin, nach seas ri deuchainn nan Sgriobtuir, ach a dh’fhailnicheas ‘nuair théid a rannsachadh leis an fhìrinn naomh, ach mealladh, agus chan fhìor-dhòchas e; oir tha focal Dé do ghnàth ‘na charaid do ghràsan Spioraid Dé, agus ‘na namhaid do mhealladh, (3.) Bi air t’faicill o’n dhòchas sin, a sheasas gun a bhi air a dhaingneachadh le teistes nan Sgriobtuir. Mo thruaighe! tha mòran àrd le dochais, nach urrainn reuson a thoirt, a chionn do rireadh nach ‘eil steidh Sgriobtuir aca air an son. Tha thusa an dhòchas gu ‘m bi na h-uile ni gu maith leat an déigh a’ bhàis; ach ciod am focal o Dia air an d’ thugadh ort earbsadh? Salm exix. 49. Ciod an dearbhadh Sgriobtuir a th’ agad, a dhearbhadh nach e do dhòchas-sa dhòchas a’ chealgair? Ciod, an déigh féin ranns-achaidh, gun leth-bhreth mar ann am fianuis Dhé, a fhuair thu annad féin, a tha focal Dhé, a’ dearbhadh a bhi ‘na chomhara einnteach air a chòir-san, aig am bheil e, air beatha mhaireann-aich? Tha móran de dhaoine air an sgrios le dhòchais nach ‘eil a’ seasamh air dearbhadh an Sgriobtuir. Tha daoine déidheil air na dhòchais sin, agus a’ cumail greim teann dhiubh; ach tilgidh am bàs sìos iad, agus fàgaidh e am fcin-mhealltair gun dhòchas.
(Ri leantuin.)