BHA AINDREA GRAY ‘na mhinisteir cho urramach ‘sa bha ann an Eaglais na h-Alba riamh. Chaochail e anns a’ bhliadhna, 1656, aig aois dà bhliadhna air flichead. Chaidh an t-seirbheis chomanachaidh so a chuartachadh leis aig Kirk-liston air 12th June, 1653.
A’ CHEUD BHORD.
Tha mi smaointeachadh gu bheil cuid againn an so an diugh agus b’ fheàrr dhuinn a bhi air taobh sliabh. Tha mi smaointeachadh gu bheil cuid againn an so an diugh a bheireadh ar u-aonta do mhurt Iosa Criosd. Tha mi am beachd gu bheil creidimh air falbh, agus gu bheil Dia air falbh euideachd; agus am b’ àil leibh fios air an aobhar? Is e so e; tha sinn a’ beathachadh agus a’ déanamh cuirm gun Criosd. Chan eil mi a’ runachadh a dhòl a stigh ann a bhi a’ toirt beachd dhuibh air Criosd, cha mhò tha mi runachadh a bhi folach a mhaise: ach, O chreidmhich, agus sibhse aig am bheil suil ri nèamh! tha coig nithean de chorp beannaichte Criosd a bu chòir buadhachadh oirbhse, agus bhur có-eigneachadh glaodhaich a mach, gu bheil sibh toileach a ghabhail.
An toiseach. Nach ‘eil ‘aghaiddh a buadhachadh oirbh? Agus nach e cuibhrioun mhaiseach dheth a tha ‘n sin. Nach ‘eil mór mhais’ an sin? Tha n-urrad de mhaise ‘s a dh’fhaodadh buadh-achadh air na eridheachan mallaicht’ againn. Agus faodaidh sinn so a ràdh uime, nach robh aon neach a chunnaic riamh e, a thionndaidh gu bhi ‘na nàmhaid dhà.
‘S e ‘n dara ni de chorp Chriosd a dh’fhaodas buadhachadh oirbh, agus bhur có-eigneachadh gu bhi umhail dhà, a chainnt bheannaicht’: an euala sibh riamh esan a labhairt mar nach do labhair duine riamh?
‘S e ‘n treas nì de chorp Chriosd a tha aig amanaibh a ‘buadhachadh air a chuid fhéin, agus a toirt orra a bhi stroichdadh dhà, a chasan beannaichte. ‘N uair a chi iad a ghluasadan, tha iad air an co-eigneachadh gu glaodhaich a mach, Cia sgiamhach a tha e, aig am bheil a “chosaibh mar phuist marmoir, suidhichte air bonnaibh de’n òr a’s gloine.” O ‘se bhi faicinn triall rioghal a’ Phrionnsa anns an ionad naomh!
‘S e ‘n ceathrannh nì de chorp Chriosd is a bhaist a bhi buadhachadh air a chuid fhéin, a shùilean beannaicht’. ‘S e aon sealladh bh’ uait a thug air Peadar a dhòl a mach agus gul gu goirt. Agus a deiream so, gu bheil mi smaointeachadh gu ‘m bitheadh an t-ordugh so na b’ fheàrr mur a bitheadh cuid againn an so; agus se comharradh air sin, gur e gle bheag de sheallaidhean de Chriosd a tha ‘nar measg.
‘S e ‘n eòigeanmh nì de chorp beannaicht’ Chriosd is àbhaist a bhi buadhachadh air a chuid fhéin, a lànhan beannaicht’. O ciod e seòrsa beatha, tha sibh a’ saoil sinn a tha eadar a bhroilleach-san agus a ghàirdeanan? ‘Se cuirm a tha’n so, a tha os cionn cuirm Alasuerus, a mhair air son ceud agus ceithir fichead làitha. Ach tha cuirm ann a tha os cionn so air nach tig erioch. Agus dh’fheòraichinn a’ cheisd so dhibh; an saoil sibh an téid sibh an sin? Am b’ àil leibh flios a bhi agaibh ciod e na samhlaidhean so? Innseam dhuibh ciod iad. ‘S iad eadhon dealbh Chriosd; ‘S iad eadhon Criosd air a tharruing air a’ chrann, agus na coig lotan ud a bha aige. An aithne dhuibh cainnt an lot a bha ‘na thaobh? Tha e ‘g ràdh, “thigibh, thigibh;” agus tha na lotan ‘na làmhan ag ràdh, “thigibh, thigibh.” Agus có nach tigeadh ma tà?
Nis anns an oidheche ‘san do bhrathadh e, an oidheche òrduichte ud, an oidheche bheannaicht’ ud, an oidheche shònraicht ud, an oidheche mur a bitheadh i ann, cha bhitheadh an an làtha so againn. O beannaichibh e air son na h-oidheche ud. Ann an seadh, ‘n uair a tha Pòl a’ labhairt uime, tha e ‘ga chur f’ar comhair ann an rathad coitchionn, tha e’g ràdh, “Esan, Esan.” Agus tha sin ag ràdh ruinne gu’n do mheas Pòl ‘na obair neo-chriochnach a bhi moladh Chriosd luachmhor. Agus thubhairt e, ithibh agus òlaibh mar chuimhneachan ormsa. Tha mi smaointeachadh nach aithne do Chriosd di-chuimhne, ach an so tha e di-chuimhneachadh na h-oleaibh a tha creidmhich a’ ðèanamh air, ach cha di-chuimhneach e gu bràth an nithibh maith.
Co-dhiù, a chum gu’n bitheadh cuirm iomlan agaibh, “Ghabh e’n cupan ag ràdh, òlaibh-se uile dheth.” Dh’ fheòraichinn trì ceisdean dhibh, agus bu toil leam sibh a bhi smaointeachadh orra.
Se cheud ceisd a dh’ fheòraichinn dhibh, Ciod e bhuir smaointibh ‘san àm so mu Chriosd: O nán tigeadh e stigh agus gu’n abradh e, “Feuch mi, Feuch mi.” Bheircadh aon sealladh de Chriosd oirre uile laighe marbh aig a chosan, agus a glaothaich “Mo thruaighe sinn, tha sinn caillte.” Ciod e bheireadh sibh air son sealladh de Shlànughear ceusda, na’n tigeadh e stigh agus gu’n abradh e, Charaid, feuch na lotan a fhuair mi air do shon?”
‘Se ‘n dara ceisd a dh’fheòraichean dhibh, Ciod e nach toireadh sibh air son leth uair de chreidimh agus de mhaothalaichd? Ciod e bheireadh sibh air son sin?
‘Se ‘n treas ceisd a dh’fheòraichean dhibh, Am bheil a bhi blasad air a chuirm so, a’ toirt dhuit a bhi dòchasach gu ‘m blas thu air a chuirm a tha shuas, a tha iadsan a tha ‘n sin ag òl dhi? Tha mi ‘g aideachadh gu bheil sinne ag òl dhe na sruthain, ach iadsan dhe’n tobar. O cuin’ a bhitheas na nèamhan gorm’ so air an reubadh agus sinne a’ faotainn a stigh gu suipeir bainnse an Uain? Cha chan mi n còrr, ach a’ gabhail fadaichd air son an làtha ‘n uair is e uile chainnt nèamh agus na talmhuinn “Thig, Thig.” An sin bithidh Criosd a’ glaodhaich “Thig, Thig;” agus deich mile de dh’ainglean a’ glaodhaich “Thig, Thig;” agus a’ bhean nuadh phòsda tha bhos a’ glaodhaich, “Thig, Thig;” agus iadsan a tha an cleachdadh a’ chreidimh ag ràdh, “Thig, Thig.” Ciod e’ m beannachd a bhitheas gu ‘m bitheadh sinne fhatheadh beò gu bhi glaodhaich, “Thig Thig, Iosa bheannaicht?” O air son aon sealladh dheth, ghabhamaid eadhon ‘nan glacaibh e. Am bitheadh sibh toileach le so, gu’m b’e an t-ait’ so bhur n-uaighibh? Nis molaibh Criosd luachmhor, agus beannaicheadh Esan ordughean fhéin dhuibh.—Eadar-theangaichte le I. M.