(Air a leantuin bho t.d., p. 272.)
“Oir a ta flios agam gu ‘n toir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò.”—Iob xxx. 23.
‘San àite mu dheireadh, Bi air t’ faicill roimh an dòchas sin mu nèamh, nach ‘eil ga d’ ulluchadh agus ‘ga d’ uidheimeachadh air son nèimh; nach ‘eil idir a’ dèanamh t’ anama na’s naoimhe:
“Gach neach aig am bheil an dòchas so ann, glanaidh se e féin, mar a’ ta esan glan,” 1 Eoin iii. 3. ‘Se ‘n dòchas a th’ aig a’ chuid as mò de dhaoine, dòchas a bhi saor o phian agus cràdh ann an saoghal eile; na’s mò na dòchas fior shonais, aig nach ‘eil a nàdur air a tuigsinn no air a h-aithneachaidh: Agus uime sin tha e cumail sios ann an leisg agus lundaireachd, agus chan ‘eil e brosnuchadh gu claoidh peacadh agus gu beatha nèamhaidh. ‘S cho fada tha iad o dhòchas ceart mu nèamh, is gur éiginn doibh aideachadh, ma labhras iad dearbh smuainte an cridhe, gur e bhi ag atharrachadh as an t-saoghal so, a dh’ àite ‘sam bith eile, an eagal, na ‘s mò nan dòchas. Chan ‘eil glòir na caithreach nèamhaidh idir a’ tarruing an cridheachan suas d’a h-ionnsuidh; ‘s cha mhò thogas iad an cinn le h-aobhneas, ann am beachd teachd an sin. Na’m biodh fior-dhòchas là na bainnse aca, bhitheadh iad, mar bhean na bainnse, bean an Uain, ‘gan dèanamh féin ullamh air a shon, Taisb. xix. 7. Ach tha ‘n dòchais ag éiridh o ‘n leisg, agus an leisg air a h-altrum le an dòchais. O! Chuideachd, mar nach b’ àill leibh a bhi ar bhur fuadaichadh air falbh gun dòchas ‘nur bàs, bithibh air bhur faicill o na dòchasan so. Lom-sgriosaibh iad a nis, agus togaibh air stéidh nuadh; air eagal nach fàg bàs clach air muin cloiche, agus nach bi sibh comasach air dòchas a bhi agaibh tuilleadh.
‘San dara àite, Greasaibh, O pheacacha a mach as bhur n-aingidheachd; a mach as bhur staid pheacaich, agus a mach as bhur droch chaithe-beatha; mur b’ àill leibh, aig a’ bhàs, a bhi air bhur fuadaichadh air falbh ‘nur n-aingidheachd.
Cuimhneibh erioch through an duine aingidh, mar tha ‘m bonn-teagaig ‘g a nochdadh: Tha fhios agam gu bheil eadar-dhealachadh mór ann am bàs nan aingidh a thaobh cuid de nithean àraidh; ach tha gach aon dhiubh, ‘nam bàs, a’ còrdadh anns an nì so, gu bheil iad “air am fuadaichadh air falbh ‘nan aingidheachd.” Tha cuid diubh a’ dol a dh’ ionnsuidh a’ bhàis le spiorad treubhantais, mar gu ‘n dèanadh iad tarcuis air a bhi fo eagal: Cuid ann am boile an-dòchais, air an lionadh le leithid a dh’ uamhunn, is gu bheil iad a’ glaodhaich mar gu’m bitheadh iad cheana ann an ifrinn! Cuid eile fo thruime dhith misnich fo chuibhreach le h-eagail, air chor as gu bheil an cridheachean air dol fodha an taobh a stigh dhiubh, air dhoibh a bhi cuimh-neachadh air mi-bhuileachadh na h-aimsir, agus an sealladh a th’ aca air siorruidheachd! air dhoibh a bhi gun eirich no ceann gu aon ni dhèanamh air son an cobhair féin: Agus tha cuid eile a’ básachadh gu neo-mhothachail, chaith iad am beatha mar ainmhidhean ‘s mar ainmhidhean tha iad a faghail bàis gun churam air an spioraid mu thimchioll an staid shiorruidh! tha iad ag osnaich fo thrioblaid an cuirp, ach ean ‘eil mothachadh ‘sam bith aca mu chunnart an anama: Cha mhór nach cho maith do neach labhairt ri cloich le urrad dùil ri buadhachadh ‘sa tha e labhairt riu-san; is diomhain an oidheirp feuchainn r’ an teagasg, cha ghluais aon nì a theirear iad! A bhi labhairt riu, aon chuid mu aoibhneis nèimh, no mu phiantaibh ifrinn, is e sin a bhi treabhadh air carraig, no bualadh an adhair. Tha cuid a’ faotainn a’ bhàis cosmhuil ris na h-òighean amaideach, a’ bruarar mu nèamh; tha clàr an eudain air an cruadhachadh an aghaidh eagail ifrinn, le dòchais ladurna mu nèamh. ‘Se ‘n gnothuch-san, le ‘m bu mhaith a bhi feumail d’ an anamaibh, ean e bhi freagrath amharusan mu chor an anama; ach a bhi ‘gan eur a mach as an dòchais mheallta. Ach ciod ‘sam bith dòigh air am faigh an duine neo-iompaichte bàs, tha e “air fluadachadh air falbh ‘na aingidheachd.” O staid uamhasach! O! gluaiseadh beachd air imeachd eò oillteil a mach as an t-saoghal so sibh gu teicheadh gu Iosa Criosd, mar Shlànuighear uile-fhoghainteach, mar Fhear-saoraiddh uile-chumhachdach. Buadhaicheadh e gu bhr ruagadh a mach as bhr n-aingidh-eachd, gu naomhachd eridhe agus beatha. Ged tha sibh a meas gur taitneach a bhi caitheadh bhr beatha ann an aingidheachd, chan fheud sibh gun aideachadh gur searbh bàs fhaotainn ‘san staid sin. Agus mur sguir sibh deth ann an àm, théid sibh ‘nur n-aingidheachd a dh’ifrinn, an t-ionad iomchuidh air son aingidheachd, chum gu ‘m bi i an sin air a eur air a bonn féin.
Oir an uair a ta sibh a’ dol a mach as an t-saoghail so, cruinnich-idh bhur peacanna uile, o’n aon as sine gus an aon as òige mu ‘n euairt dhuibh, crochaidh iad ribh, théid iad ‘nur comh-chuideachd gus an saoghail eile, agus, mar na h-urrad de dhroch spioraid, cuairtichidh iad sibh an sin gu bràth.
(Ri leantuin.)