CARSON a tha sibh eadar dhà bharail a chàirdean? Ma ‘s e bhur n-iodhalan is Dia, an sin gabhaibh nur glacaibh iad: agus ma s’e Criosd Dia, mar is e da rìreadh, an sin gabhaibh nur glacaibh e. An d’fhuair thu riamh de shealladh air Criosd na cho-éigmich thu gu glaothaich a mach, “O air son teangadh aingil gus am barrachd a thoirt, ann a bhi cur an eéill a ghràidh?” An d’fhuair thu riamh de shealladh air na thug ort glaothaich a mach, O air son mìle crìdhe gus an toirt do Chriosd luachmhor? Tha mi smaointeachadh gu bheil ceithir nithean ann a tha teannachadh a’ Chriosduidh, no ‘ga chur ann an iom-cheisd, no ‘ga chur gu ciod a their mi?
‘Se cheud nì a tha teannachadh a’ Chriosduidh, ‘n uair a tha e fo mhothaichean luachmhor air gràdh; mar a tha e an II. Samuel, vii. 20: “Agus ciod tuilleadh a dh’fheudas Daibhidh a ràdh riut?”
O Dhaibhidh, ciod a thubhairt thu, ‘n uair tha thu air do chur ann an iom-cheisd? Mar sin tha cuid ag ràdh, “Chan urrainn mi ‘n còrr a ràdh ach so, chan urrainn mi’n còrr a ràdh!” Tha ‘n Criosduidh air a chur gu so aig amanaibh, agus ‘se nis as urrainn e ràdh, “chan urrainn mi ‘n còrr a ràdh!” Na ehoinnich thu riamh rì leithid de shonas aig urnaighean, agus aig sacramaidean, agus gu’n robh thu air do cho-éigneachadh gu sgrur de labhairt agus tòiseachadh ri gabhail iognaidh?
‘Se’n dara nì a tha teannachadh a’ Chriosduidh, ‘n uair a tha e fo mhothachadh air feirg Dhe, agus ag òl a stigh saighdean an uile-chumhaechdaich; mar a tha e ann an Salm lxxviii.
‘Se’n treas nì a tha teannachadh a’ Chriosduidh, ‘n uair a choinnicheas e ri coimhlionadh nan geallaidhean, mar a tha’m focal sin ann an Isaiah xxxviii. 15, “Ciod a their mi? Labhair e rium, agus fòs choimhlion e.”
‘Se ‘n ceathramh nì a tha teannachadh a’ Chriosduidh, ‘n uair a tha e air a leigeadh a stigh do fhoillsichidhean glòrmhor; a réir an fhocail sin ann an Daniel x. 16.
‘N uair nach d’fhuair Daniel ach sealladh air Dia, thuit e sos aig a chosaibh: cha labhair mi mòran air so, an nì a chi sibhse le ‘ur sùlean, cha chanainn ach so, sàsuiichidh e bhur ceud-fathan uile. O Chriosduidhean! am bu mhath leibh bhur sealladh a bhi air a shàsuchadh? Thigibh an so agus faicibh gràdh a’ dealradh ann an cupan de fhion dearg! Na’m faigheadh sibh am bratsgàile a tharrruing an dara taobh, dh’fhaodadh sibh sealladh fhaotainn nach di-chuimhnicheadh sibh a ris. Agus am bu toil leibh bhur blas a bhi air a shàsuchadh? O thigibh an so agus òlaibh de fhion spiosraidhach. Am bu toil leibh bhur mothachadh a bhi air a sasuchadh? Thigibh agus cuiribh bhur meòir ‘na thaobh, agus na bithibh na’s fhaide mi-chreidmheach ach creidmheach. Am bu toil leibh bhur fàileadh a bhi air a shàsuchadh? Ma ta thigibh an so agus bithibh air bhur n-ùrachadh leis-san a tha air a dheànamh cùbhraidh le uile mhìn dhus ceannaich nan spiosraidh. Agus am bu toil leibh bhur claisneachd a bhi air a shàsuchadh? Chan ‘eil aon mhìr dhe ‘n aran so nach ‘eil ag analachadh gràidh do-thuigsinn. Chan ‘eil e comasach do dh’ainglean a thuigsinn na smuaintean a bha aige ‘n uair a bha e’n crochadh eadar neamh agus talamh. O ciod iad na smuaintean a bha aige air an oidcheche ud ‘san d’ thubhairt e, “‘Se so mo chorp, gabhaibh agus ithibh?” O ‘se a’ cho-chomunn bheannaicht’ a bha ann far an robh Crisd!
Am bheil sibh a’ smaointeachadh nach b’ urrainn Criosd labhairt na b’fheàr mu thimchioll fhéin n b’ urrainn ainglean? Thubhàirt e riubh, “Gabhaidh agus ithibh, le mo bheannachd, oir is e so cupan deireannach an Tionnaidh Nuaidh; òlaibh e mar chuimhneachan ormsa, gus an tig mi.” Tha mi smaointeach gu bheil e’ g ràdh trì nithean.
An toiseach, tha e’ g ràdh so.
Nach e cuirm iomlan a bha anns a’ chuirm so, agus uime sin gu ‘n tigeadh e a ris.
‘San dara h’àite tha e ‘g ràdh so, gu’m bu chòir dhùinne chuimhneachadh, ‘n uair a bhitheas sinn a’ cuartachadh an orduigh so, gu bheil Criosd a’ dol a thiginn a ris.
O ‘se cuirm neo-chridheil a bhitheas ann, mur a tabhair sibh comhfhurtachd dhuibh fhein leis a so, “Feuch tha e teachd mar earb.”
‘San treas àit’, tha e’ g ràdh so, gu bheil Criosd a ‘miannachadh a bhi air neamh mar a tha esan an sin, cha bhitheamaid fad an so.
Am bheil bhur eridheachan air neamh, O Chriosd-uidhean? Am bheil bhur n-ionmhasan an sin? Am bheil bhur smuaintean an sin? Am bheil bhur sùlean an sin? Am bheil bhur creidimh an sin? Chan aithne dhomh ciod e de’n Chriosd-uidh a bu chòir a bhi mach a neamh, eadhon ‘n uair a the e’ n so, ach am pàilluin enpach, creadhadh, a bhitheas ann an ùine gheàrr air a chòmhdaich le neo-bhàsmhorachd. Nis, gu’m beannaicheadh Dia a’ chuirm so dhuibh.—Eadar-theangaichte le I. M.