“Mar so abradh iadsan a shaoradh leis an Tighearna,
a shaor e o làimh an namhaid.”—Ps. cvii. 2.
CIOD e bu chòir a leithid so de dhaoine ràdd? Labhradh agus seinnadh iad air maitheas agus tròcair an Tighearna da ‘n taobh; oir (de na h-uile dhaoine) tha na k-abharan as mò acasan a shaoradh leis gus bhi taingeil airson tròcair comh-arraichte Chriosd, a shaor iad bho mhallachdan an lagh agus cumbachd Shatain, agus bho eionta, uachdranaichd agus peanas a’ phacaichd; bho gath a bhàis, agus bho’n fhearg a tha ri teachd. Tha creidmheich air an saoradh araon bho’n pheacadh agus bho ifrinn.
Geist. Ciamar bhios fhios agamsa am bheil mi am measg na muinntir shona sin a shaoradh leis an Tighearna? Freigradh. Gabh na comharraidhean a leanas: am faca tu riamh do thruaillealachd ‘s do dhaorsa thaobh nàdur air leithid a dhoigh ‘s nach saoradh na bu lutha na luach agus cumhachd neo-chriochnach thu? An robh thu air t-iriosalachadh cho mór ann bhi faicinn do thruaighe agus gu ‘m biodh tu toilichte bhi air do shaoradh uaithe air chumha ‘sam bith? An d’earb thu t-anam air airidheachd agus tròcair Chriosd? an do ghabh thu ri teirgseachan an t-shoisgeil? agus am bheil thu làn riarachte le cumadh a’ choimheangail nuaidh? agus an doigh fèin àicheadhail so anaman bhi air an téarnadh tre fhìreantachd Chriosd bhi air am meas dhaibh? Am bheil thu riarachte gu’m biodh Chriosd na Righ thairis ort agus g’ad riaghladh cho math agus a bhi na Shlànnuighear agus na Fhàidh dhuit? An d’ thug thu thu féin suas do’n Tighearna, gu bhi beò dhà, a’ miannachadh gu’m biodh a ghràdh g’ad chomh-éignachadh aig gach àm gu bhi dèanamh a thoil? O ma ta feudaidh tu comhdhùnadh gu’m bheil thu am measg na muinntir a shaoradh leis an Tighearna, agus gu robh a chorpa beannaichte air a cheusadh air do shon, agus fhuil air a dhortadh a chum do shaoradh.
Tha aobharan sònraichte agaibh gu bhi moladh a mhaitheas agus a thròcair os ceann muinntir eile. Carson? Dh’ fhosgail e air suilean gu bhi faicinn maisè ar Fear-saoraidh agus slighean na naomhachd, ‘nuair tha dream eile a fantuinn ann an doillearaichd! Dh’ fhosgail e ar cluasan gu bhi cluinntinn an fluaim aoibhneach agus ga leantuin, ‘nuair tha muinntir eile bodhar da thaobh! Dh’ fhosgail e ar teangaidhean gu bhi ag urnuigh ris agus gun chomas am beul fhosgladh anns na dleasdanais sin! Dh’ fhosgail e ar eridheachan gu bhi gabhail a steach Chriosd agus esan air a cheusadh ‘nuair tha muinntir eile ga dhunadh a mach! Thug e sibh gu bhi faireachadh oleas a’ pheacaidh agus an eallach a th’ann, ‘nuair nach eil faireachadh ‘sam bith aig dream eile air na nithean sin! Thug e dhuibh eàil earson biadh spioradail ‘nuair nach cord nì ‘sam bith ri dream eile ach nithean talmhaidh! Thug e dhuibh gealladh agus dòchas gu’m bidh sibh, shuas, air ar saoradh gu h-iomlan bho pheacadh agus truaighe, ‘nuair tha muinntir eile beò gun Chriosd agus gun dòchas! Uime sin, seinneadh agus moladh iadsan a shaoradh leis an Tighearna e os ceann na h-uile muinntir eile.
O sibhse a shaoradh leis an Tighearna thugaibh buidheachas dhà, agus cuiribh an cèill ar taignealachd le ar smuaintean agus ar gniomharan cho math agus le ar briathran, se sin ri ràdh, biodh ar Fear-saoraidh luachmhor agaibh, agus beachd àrd agaibh air fhuil agus fhìreantachd, a chosainn na h’uile nithean dhuibh. ‘Se sin le bhi seachnadadh na h-uile nithean a chuireas eas-urrainn air, agus le bhi teicheadh o’n peacaidhean tha cumanta agus air an cuir an gniomh anns an àite ‘s am bheil sibh a’ gabhail còmhnuidh. Le bhi moladh ar Fear-saoraidh riusan a tha aineolach air. Le bhi seasaibh suas mar fhiannisean air a shon agus airson fhùirinn agus a shlighean, ann am meadhon ginealach a tha dèanamh tair air Crisd. Le bhi coimhead là Dhé gu cùramach, mar chuimhneachan seachd-nachail air gràdh saoraidh. Le bhi miannachadh gu’m biodh rioghachd Chriosd air a mheudachadh, agus le bhi dèanamh gairdeachas ‘nuair a chluinneas sibh gu bheil e meudachadh, agus le bhi cuir urrainn air uile chairdean agus luchdgaol an Fhir-shaoraidh. Anns an àite mu dheireadh, cuiribh an cèill ar taignealachd le bhi sein sailm, laoidhean, agus dàin spioradail, a moladh gràdh saoraidh, agus a sein mu phearsa an Fhear-shaoraidh, ofigean agus fhulangasan, nithean nach urrainn a bhi air an cur an cèill gu h-iomlan. Seinnibh moladh dha ‘n Dia mòr, a dh’rioslaich e féin, ann bhi fàgail a righ-chaithir agus a thàinig a nuas a ghabhail comhnuidh anns an fheoil, agus a fhulaing am bàs air ar son, agus a dh’éirich a ris, agus a chaidh suas do nèamh a gabhail sealbh air an oighreachd agus a dh’ullachadh àite dhùinn ann. Air an aobhar so, tha an Spiorad g’ur gairm, anns an aon àite ceithir uairean, gu bhi sein moladh, Salm xlvii. 6, “Seinnibh moladh do Dhia, seinnibh, seinnibh moladh d’ar Righ, seinnibh.” Tha ‘n t-seinn so ro thaitneach aig Dia, agus chum buannachd dhuiinn féin. ‘Se toil Dhé gu’m biodh sinn gu trie ga molaidh air an talamh, nì bhios na obair siorruidh ann an neàmh. Ach, Oh! mar a tha sinn a’ tighinn gèarr anns an nì so. O seinneadh iadsan a shaoradh leis an Tighearna moladh dhà, agus thugadh iad buidheachas dha airson a thiodhlaie do-labhairt arasan anns an t-shaoghal so agus anns an t-shaoghal ri teachd. Amen.