AN TREAS BORD.
FEUCH an dana leam a ràdh ribh, am màireach mar an diugh agus na’s ro-phailte gu mór. Seadh atharraicheamaid diadhachd a’ gheòcair agus abramaid ithibh agus òlaibh agus canaibh, bithidh am màireach mar an diugh. O ‘se beatha bheannaicht’ a bhitheadh ann gu ‘m b’ aithne dhùinn esan, mu ‘n siubhlamaid, agus nach bitheamaid ann na’s mò. Tha mi smaointeach gu’n a bhi dol a stigh ro fhad ann an diomhaireachd-an nèamh gu bheil sia ceisdean a chuireas Criosduidh, ‘n uair a gheibh e stigh an sin an toiseach.
‘Se cheud cheisd, “Am mis a th’ ann? Am mis’ a th’ ann? An creutair mallacht a luidh am measg choireachan, agus a nis air mo dhèanamh mar sgiathaibh colomain, air an còmhdaichadh le h-airgiod, agus iteagan le h-òr buidhe?” O sibhse aig am bheil sùil ri nèamh, thugaibh comhfhurtachd dhùibh fhèin le so, gu bheil an làtha teachd, agus O ciod an làtha tha sin, a dh’aobhraicheas a cheisd “Am mis’ a th’ ann?”
‘Se ‘n dara ceisd: “An e esan a th’ann? An e so esan air àrdachadh?” Bheir a cheud sealladh de Chriosd orra a ràdh, “An e so esan a chunnaic mi ann an ùrnuigh agus anns na sacramaidean, agus ann an searmonachadh? O ciod e na smuaintean a bhitheas agaibh, ‘n uair a gheibh sibh a’ cheud uair an aon bheannaicht’ ud ‘nur gàirdeanan, agus a ghlaodhas sibh a mach: “Nis tha mi saibhir: Nis tha mi lân; nis tha mi gu siorruidh air mo dhèanamh suas? Bithidh sibh an sin air ur n-eigneachadh gu glaodhaich a mach, “Cum air ais do làmh, a Chriosd bheannaicht’ chan urrainn domh ‘n eòrr a chumail.”
‘Se ‘n treas ceisd, “An e so an co-chomunn a bha agam air thalamh? An e so an t-aran da-rìreadh, an t-aran beannaicht’ sin a tha shuas? ‘Se aran de sheòrsa eile, agus de bhlàs eile th’ ann.” Agus tha mi smaointeach na’n tigeadh ainglean a nuas bho nèamh do ‘n eaglais so, agus gu’n crìochnaicheadh iad air
labháirt mu bhlas an arain a’ tha shuas, gu’n crìochnaicheadh iad le sin ann an Eabh. xi. 32. “Ciod tuilleadh a their sinn? oir theirgeadh an ùine dhuinn.”
‘Se ‘n ceathramh ceisd, “An e iadsan a th’ann? Tha mi smaointeach na’m bitheadh dithis a tha ‘nan suidhe an so, agus a tha mion-eòlach air a chéile, air an grad atharrachadh gu nèamh, gur e cheud cheisd a chuireadh iad. “An e so esan a bha mi ‘nam shuidhe maille ris? An e so esan a shaltair fo ‘chasan fuil an Uain?” Tha mi smaointeach gu’m bi cuid de dh’ùine nan Criosduidhean air nèamh air a chaitheamh ann an ceasnaichadh eadar Criosd agus iad féin. “Nuair a thug mi cuirm dhuit aig a leithid so a dh’òrdugh nach d’ rinn mi gu math? ‘Nuair a chum mi air ais thu nach d’ rinn mi gu math? ‘Nuair a dh’irislich mi thu nach d’ rinn mi gu math? ‘Nuair a thog mi suas thu nach d’ rinn mi gu math? Agus ‘n uair a chuir mi thu do a leithid so a dh’ait’ dhe mó shaoghal nach d’ rinn mi gu math?” An sin bithidh tu air do cho-éigneachadh gu glaothaich a mach, a chum a chlìu ‘san, “O Chriosd luachmhor rinn thu na h-uile nì gu math.”
‘Se ‘n còigeamh ceisd, “An e so beannachdan nan naomh?” Chan aithne dhomh aon a théid do nèamh nach ‘eil foillseachadh dorch’ aca air roimh làimh. Ach O ciod e’n sealladh farsuinn a bhitheas ann ‘n uair a thig Criosd chum a’ gheata agus a their e “Fàilte a chàrdean!” Ciod e’n sunnd a bhitheas an sud, ‘n uair a ghabhas Criosd sibh ‘na ghàirdeanan. Ciod e mór-aobhneas gràidh a bhitheas an sud? An euala sibh riamh a leithid?
‘Se ‘n t-seathamh agus a’ cheisd dheireannach, “Am bi e mar so a ghnàth?” Ciod ‘ur beachd air siorruidheadh a chàirdean? An do ghairm sibh tìm an-ìochdmhor? O thìm an-ìochdmhor nach luathaich do cheum chum agus gu’n tig siorruidheadh fhada. Na ‘m bitheadh e ‘nur comas nach giorraicheadh sibh ùine, ach O ‘se droch cunntair a tha ann an gràdh. Measaidh e h-uile mionaid a tha e bho Chriosd ‘na shiorruidheadh, ‘s nach droch cunntas sin? Agus cunntaidh gràdh mìle bliadhna na shealladh mar aon latha, agus nach droch cunntas sin? Ach O tha mòran anns an dà fhocal sin, Esan agus Mise. Anns an oidhche anns
an do bhrathadh e ghlaodh e’n cupan. Tha mi smaointeach gu bheil na h-uile nì is urrainn na h-ainglean a ràdh air a ghabhail a stigh anns na faclan sin Esan agus Mise. Anns an oidhche ‘san do bhrathadh Mac Dhé, dara pearsadh na Trianaid bheannaichte, esan aig an robh an talamh anns a ‘chuid a dh’ àitichear de’n talamh, ma’s robh an talamh ann. Nach b’e sin am focal beannaicht’, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi?” Mur a bitheadh Criosd air a thréigsinn, bhitheamaid air ar tréigsinn tre’n t-siorruidheachd. Tha sinn a’ leughadh mu righ, aig a’ bhàs, a dh’fhàg a chridhe aig a mhnaoi, mar neamhnaid luachmhor. Cha mhol mi an nì; ach so faodaidh sinn a ràdh, Ghabh ar Righ luachmhor a chridhe, agus leagh e ‘na fhuil e, agus thubhàirt e ri’ chàirdean, “Olaibh-se uile dheth.” O beannaichibh e air son gu’n robh uile ann. ‘Se ‘n cupan so an Tiomnadh Nuadh. Tha mi smaointeach an t-anam nach ith le creidimh gu bheil e ‘g itheadh puinnsean, oir ‘se Criosd an caraid as fèarr agus an nàmhaid as miosa is urrainn dhuit a bhi agad.
Co-dhùnaidh mi leis na trì no ceithir de nithibh so a tha fior mu Chriosd luachmhor so, agus a tha umainn féin mar an ceudna.
An toiseach. Tha e fior nach urrainn sibh Criosd luachmhor a mholadh gu leòir, agus sibh féin a mholadh tuilleadh ‘us beag. Bu mhath leibh, ged a b’ ann le bhur fuil, Criosd luachmhor a mholadh gu bràth. Ciod is aobhar nach ‘eil focal ann an nèamh ach a h-aon, “Halleluiadh! dha-san a tha ‘na shuidhe air an righ-chathair?” Bheir mi na h-aobharan so air.
(1) Tha móran tosd agus beagan còmhraidh air nèamh.
(2) Móran ioghnaidh agus beagan bruidhneadh.
(3) Tha ‘n Criosduidh air a theannachadh le cearcal de dh’-ioghnaidhean, tha na h-ainglean a’ gabhail ioghnaidh air an làimh dheis, agus na creidhich a’ gabhail iognaidh ‘n uair a dh’amhairceas iad orra fhéin; seadh, chan ‘eil mìr dhe ‘n bhaile sin nach e ioghnadh a th’ ann. O na spioradan oirdheare so! na tobraichean so! an obair thaitneach a th’ ann sin!
‘Se ‘n dara nì, tha mi smaointeach, a their sibh mu Chriosd agus umaibh fhéin; chan urrainn sibh Chriosd luachmhor a
ghràdhachadh ro mhór agus sibh féin ro bheag. O air son cridhe air a dhéanamh farsuinn gus a ghràdhachadh! Ciod e’ nì a th’ ann, smaointichibh, Criosd a bhi eadar bhur ciochaibh?
‘Se ‘n treas nì, “Chan urrainn mi earbsa tuilleadh ‘us mór a chur an Criosd agus annam féin tuilleadh ‘us beag.” Theirinn so riut, Am bheil feum ‘s am bith agad? O their thusa, tha iomadh. Tha mi ag ràdh, gu bheil ainm aig Criosd gu bhi coinneachadh ri d’fheuman uile. Agus ged a dh’fhaodas an ràdh so bhi iongantach, gidheadh tha dearbh-bheachd againn gu bheil e fior. Am bheil feum agad dha nach urrainn Criosd freagrath? Thoir ainm air agus thoir do Chriosd e, agus ni esan a mach dhuit e.
‘Se ‘n ceathramh nì a dh’fhaodas sibh a ràdh, “Chan urrainn mi smaointeachadh tuilleadh ‘us mór mu Chriosd luachmhor, agus ann an seadh an tuilleadh ‘us beag umainn fhéin.” Dh’fheòraichinn a’ cheisd so dhiot, Có dh’ionnsuidh a bha do cheud smuaintean an diugh? Bu droch comharradh e, mur a d’fhuair Criosd do cheud smuaintean an diugh, agus mur a faigh e do smuaintean deireannach an diugh. Nis, a chàirdean, tha sinn a’ dol a dhealachadh; an saoil sibh an coinnich sinn a ris? An suidh sinn uile sios aig a’ bhòrd bho nach éirich sinn gu bràth tuilleadh? Nis, bitheadh e beannaicht’, agus beannaicheadh e ‘òrduighean dhuibh.—Eadar-theangaithe le I. M.
Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte.
AN STAID SHIORRUIDH: NO, STAID SONAIS,
NO TRUAIGHE IOMLAN.
Mu Bhàs.
(Air a leantuinn bho t.d., p. 316.)
“Oir a ta fhios agam gu ‘n toir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a dh’ òrduicheadh do gach uile bheò.”—Iob xxx. 23.
‘San àite mu dheireadh, O bithibh fo churam mu mhùintir eile gu h-àraid m’ur luchd-dàimh, chum nach buanaich iad ‘nan staid pheacach nàdurra, ach gu ‘m bi iad air an toirt gu staid
sláinte; air eagal gu bi iad air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheadh aig a’ bhàs. Ciod nach dèanadh sibh a chumail bhur càirdean o bhàs obann agus ainneartach? Ach, mo thruaighe! nach ‘eil sibh ‘gam faicinn an cunnart a bhi air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheadh? Nach ‘eil am bas a’ tarruing dlùth dhoibh, eadhon do ‘n chuid as òige dhiubh? Agus nach ‘eil iad ‘nan coigrich do fhìor dhiadhachd, a’ mairsinn anns an staid sin anns an d’ thàinig iad do ‘n t-saoghal? O! dèanaibh cabbag air an aithinne spionadh as an teine, mu ‘m bi i air a losgadh gu luathre! Tha bàs luchd-dàimh gu tric a’ fàgail gath ann an cridheachan na muinntir a dh’fhàg iad ‘nan déigh, a chionn nach d’rinn iad air son an anama marbh cothrom aca; agus gu bheil a nis an cothrom air an thoirt gu bràth as an làmhan.
Chunnaic sinn taobh dorcha an neòil ag amharc ris na daoine an-diadhaidh, ‘nan dol a mach as an t-saoghal: Gabhamaid a nis beachd air an taobh shoilleir dheth, a’ dealradh air na daoine diadhaidh, mar a tha iadsan a’ dol a steach d’ n staid shiorruidh. Ann an labhairt mu ‘n earrann so; daingnichidh mi an teagasg so; freagraidh mi nì a ta air a chur ‘na aghaidh; agus an sin ni mi cleachdamh iomchuidh air an iomlan.
Chum Daingneachadh, Biodh e air a thoirt fainear, ged tha a bhi dol a mach as an t-saoghal so le bàs, ‘na shealladh eagallach do dhaoine bàsmhor: agus ged tha teachd geàrr anns a’ bhàs a’ tarruing truaighe eagallach ‘na chois; Gidheadh ni na nithean a leanas staid nan naomh ‘nam bàs, sona agus dòchasach.
Air tús, Tha fior charaid maith aca rompa ‘san t-saoghal eile; ‘Se Iosa Criosd, an caraid as fearr, Tighearn an fhearainn sin gus am bheil am bàs ‘gan giùlan. ‘Nuair a chuir Ioseph fios air ‘athair, teachd a nuas d’ a ionnsuidh do ‘n Eiphit, ag innseadh dha gu’n d’rinn Dia e ‘na uachdaran air an Eiphit uile! agus a chunnaic Iacob na carbadan a chuir Ioseph g’ a ghiùlan dh’ ath-bheothaich spiorad Iacoib; rùnaich e gu suilbhir dol air an turus, Gen. xlv. 9, 27. Tha mi smuaineachadh, ‘nuair a tha ‘n
Tighearn a’ gairm duine diadhaidh a mach as an t-saoghal so, gu bheil e cur a leithid de nuaidheadh d’a ionnsuidh, agus a leithid de chuireadh caoimheil do ‘n t-saoghal eile, is nam bitheadh creidimh aige gu chreidsinn, gur éiginn d’a spiorad ath-bheothachadh, ‘nuair a chi e carbad a’ bhàis, a ta teachd gu ghiùlan an sin. Is fior, gun amharus, gu bheil deuchainn chudthromach aige ri dhol troimhe! “An déigh bàis, am breitheanas!” Ach tha staid nan daoine diadhaidh gu h-uile dòchasach oir is e Tighearn am fearainn am fear-pòsda, agus is e ‘m fear-pòsda am Breitheamh: “Thug an t-Athair gach uile bhreitheanas do ‘n Mhac.” Eoin v. 22. Agus gu cinnteach tha staid na mnà dòchasach, ‘nuair is e fear-pòsda féin a breitheamh: eadhon a leithid a dh’fhear pòsda as leis am fuath cur air falbh. Chan ‘eil fear-pòsda ‘sam bith eòlach agus eòlach r’a chèile, ‘s a tha ‘n Tighearn Iosa Criosd r’ a chéile-san. Shaoileadh neach, gu ‘m bu ro ole am fearann do nach rachadh bean gu toileach, far an e a fear-pòsda is uachdaran agus is breitheamh ann. Thuilleadh air so, Is e am Breitheamh am Fear-tagraidh, 1 Eoin ii. 1. “Tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Criosd am firean.” Agus, uime sin, cha ruig iad a leas eagal a bhi orra gu ‘n cuirear air an ais iad, agus gu ‘n tuit iad ann an diteadh. Ciod a dh’fhendas a bhi ni ‘s fabhoraiche air an son? An urrainn doibh smuaineachadh, gu ‘n toir esan a tha tagradh an eùise, binn a mach ‘nan aghaidh? Gidheach, a thuilleadh air so, is e ‘m Fear-tagraidh am Fear-saoraidh; tha iad air an saoradh le fuil luachmhoir Chriosd, 1 Phead. i. 18,19. Mar sin ‘nuair tha e tagradh air an son, tha e tagradh ‘aobhair féin. Ged dh’ fheudas fear-tagraidh a bhi neo-chùramach mu chòir an tì a bheir gnòthuch dhà r’a dhèanamh, gu cinnteach ni e na dh’ fheudas e a dhion a chòrach féin, a cheannaich e le airgiod; agus nach dion am Fear-tagraidh aca-san ceannach ‘fhola féin? Ach a thuilleadh air sin uile, is e ‘m Fear-saoraidh an ceann, agus is iadsan a bhuill, Eph. v. 23, 30. Ged a bhiodh aon cho-socharach is gu ‘n leigeadh e as d’a cheannach féin, gun seasadh suas gu chòir a’ dhion; gidheadh gu cinnteach, cha dealaich e ri ball d’a chorp
féin. Nach ‘eil air an aobhar sin an staid-san dòchasach ann am bàs, a ta cho dlùth so air an ceangal agus ann an dàimh ri Tighearn an t-saoghail eile, “aig am bheil iuchraiche ifrinn agus a’ bhàis?”
Air a leantainn.