Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1938 » February 1938 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

AN STAID SHIORRUIDH: NO, STAID SONAIS,
‘ NO TRUAIGHE IOMLAN.

Mu Bhàs.

(Air a leantuininn bho t.d., p. 396.)

Ceist.

Ach ma tha staid nan naomh ‘nam bàs eòchasach; cionnus a tha e ‘tachairt, gu bheil mòran diubh, ‘nuair a ta iad a’ fàghail a’ bhàis, làn de eagalan, agus gun ach beagan dòchais aca?

Freag.

Is éiginn aideachadh, nach ‘eil na naoimh uile a’ bàsachadh air an aon dòigh; tha eadar-dhealachadh ‘nam measg, cho maith ‘s a ta am measg nan aingidh: gidheadh tha ‘n staid as miosa ‘sam bi naomh air leabaoidh a’ bhàis, gu einteach ‘na staid dhòchasaich. Tha euid diubh a’ dol gu bàs le buaidh-chaithream, ann an làg dearbhaechd a’ chreidimh: “Tha àm mo shiubhail am fagus: Chòmhraig mi an deadh chòmhrag, chriochnaich mi mo thusus, ghleidh mi an creidimh. O so a mach taisgear fa ‘m chomhair erùn fireantaechd!” 2 Tim. iv. 6, 7, 8. Tha iad a’ faotainn blas air aoibhneas neimh, am feadh a ta iad an so air thalamh; agus a’ tòiseachadh air Orain Shioin, am feadh a ta iad fathast ann an tìr coigrioch. Tha cuid eile a’ faotainn bàis ann an earbsa shuidhichte air an Tighearn agus an Slànuighear; ged nach urrainn doibh seinn le buaidh-chaithream, gidheadh is urrainn doibh, agus their iad gu dòchas-ach gur e an Tighearn an Dia. Ged nach urrainn doibh uail a dheanamh os ceann a’ bhàis, le seann Simeon, air dha Crìosd fhaotainn ‘na ghàirdeinibh, agus ag ràdh, “A nis, a Thighearn, a ta thu ‘leigeadh do d’ sheirbhiseach siubhal an sìth, a reir t’ fhocail; oir chunnaic mo shùile do shlàinte!” Luc. ii. 29, 30. gidheadh is urrainn doibh a ràdh le Iacob a’ faghail a’ bhàis, “Ri d’ shlàinte dh’ fheith mise, O Thighearna!” Gen. xlix. 18. Tha’ làmh chliò fo ‘n ceann gu ‘n còmhnadh; ged nach ‘eil a lamh dheis mu ‘n cuairt doibh: tha iad a’ creidsinn gu daingean, ged nach ‘eil iad air an lionadh le h-aoibhneas ann an creidsinn. Is urrainn doibh an coimheangal a thagar, agus taice ris a’ ghealladh ged nach ‘eil an tigh mar sin aig Dia, mar bu mhaith leo. Ach feudaidh là bàis aig cuid de naoimh, a bhi cosmhuil ris an là sin a ta air, ainmeachadh, Sech. xiv. 7. “Cha là, agus cha ‘n oidheche bhios ann.” Feudaidh iad bàs fhaotainn fuidh amharusan agus eagail mhor, a’ dol fuidh mar gu b’ ann an neul agus a’ dol do neamh ann an ceò. Feudaidh iad a bhi ag imeachd gu brònach as eugmhais na gréine, agus gun spiorad an airsneil a chur gu bràth dhiubh, gus an rùisg am bàs dhiubh e. Feudaidh iad a bhi air an giùlan gu neamh tre chrioichaibh na h-ifrinn’; agus feudaidh iad a bhi air an ruagadh leis an leomhan sgriosach, eadhon gu geatachan an Nuaidh Ierusalem; agus feudar an coimeas ri long as beag nach ‘eil air a briseadh ann an sealladh a’ chala, ach a ta faotainn fathast a stigh d’ a caladh: ma loisgear obair neach ‘sam bith, fuilgidh e call: ach saorar e féin; gidheadh mar tre theine, 1 Cor. iii. 15. Tha tearuinteachd am meadhon an eagalan, ach tha eunnart anns an dòchas a’s làidire a th’ aig na h-aingidh; agus tha sìol beannsaichte an aoibhneis, ‘nan doilgheasan a’s mò; “Dh’ éirich solus de ‘n fhirean, agus aoibhneas dhoibhsan a ta ionraic ‘nan eridhe,” Salm xvii. 11.

A nis, a ta naoimh buailteach do leithide sin de imcheist ‘nam bàs, a chionn ged tha iad ‘nan Crìosaidhean da rìreadh, gidheadh is daoine iad do chomh-aigne ri muinntir eile; agus tha ‘m bàs ‘na chuspair eagalaich ann féin, ciod ‘sam bith cruth ‘san taisbeanar e; tha ‘n sealladh gruamach leis an amhaire e air daoine bàsmhor, a’ toirt orra crùbadh air an ais. Os barr, is iad na naoimh do na h-uile dhaoine a’ muinntir is amharus-aiche umpa féin. Tha iad a’ smuaineachadh mu shìorrruidheachd, agus mu chaithir-breitheanais, na’s doimhne na tha muinntir eile a’ deanamh; tha dol a dh’ ionnsuidh bàis, na’s eudthromsiche leosan, na a ta chuid eile de ‘n t-saoghail a’ breithneachadh. ‘S aithne dhoibh mealltaireachd a’ chridhe, agus cealgaireachd nàduir truaillidh an duine, na’s fearr na ‘s aithne do muinntir eile: Agus uime sin feudaidh iad gu leòir a bhi aca r’a dheanamh an dòchas a chumail suas air leabaichd bàis; ‘nuair a ta muinntir eile dol as gu sàmhaich, mar chaoraich chum a’ mharbhaidh; a chionn gu ‘n dean Satan, a ta gnàthachadh uile innleachda a chumail suas dòchas a’ chealgaire, na dh’ fheudas e a millleadh sìth, agus a mheudachadh eagail an naoimh. Fadheoidh, Feudaidh an droch fhonn spioraid, agus an droch staid, anns glac bàs air uairibh fior Chrìosdaidh, a bhi ‘na aobhar do ‘n imcheist so. Le e bhi ann an staid nan gràs, tha e gun amharus a ghnàth ann an gnè ulluichte air son bàis, agus tha ‘bhàsachadh gu tearuinnè cinnteach; ach tha tuilleadh iomchuidh chum ulluchaichd, gu bàsachadh le comfhurtachd; is éigin d’a spiorad a bhi ann an staid mhaith mar an ceudna.

Air an aobhar sin tha trì choran, anns nach feud am bàs gun a bhi neo-shòlasach do leanabh Dhé. (1.) Ma ghlaicas se e aig àm a ta cionta peacaichd àraidh éigin do nach do ghabh e aithreachas ‘na luidhe air a’ choguis; agus tha ‘m bàs a’ teachd air son a’ cheart aobhair sin, ‘ga thoirt a mach á fearann nàra beò; mar a bha cor mhóran de na Corintianaich chreideach. 1 Cor. xi. 30. “Air a shon so (eadhon, air son comh-pàirteachaidh neo-iomchuidh) tha mòran ‘nur measg lag, agus tinn, agus tha mòran ‘nan codal.” Ma tha neach air a ghlaeadh leis a’ bhàs a theachd dlùth dha, am feadh a ta e ‘na luidhe fo chionta peacaidh àraidh nach deachaidh a mhaitheadh, chan fhend e gun amhluadh mòr a thoirt air! (2.) ‘Nuair a ghlaeas am bàs e ann an dùsail codail. Is éigin do ‘n éigh mhóir a bhi eagallach do òighean codalaich! Feudaidh an duine tha ‘na luidhe ann tigh briste, agus nach ‘eil a’ dùsgadh gus am bheil am fiodh a’ toiseachadh air sgoltadh, agus na clochan air tuiteam mu chluasaibh, faotainn a mach as an tigh tearuinte, ach cha bhi e gun eagal a bhi air a bhruthadh le thuiteam. ‘Nuair a ta Criosdaidh a’ dol air aghaidh ann an slighe na féin-shocair agus a’ chul-sleamhnachaidh, agus nach ‘eil e dùsgadh gus am bheil am bàs aig taobh a leapach; chan iongantach, ge do gheibh e dùsgadh eagallach! ‘San àite mu dheireadh, ‘Nuair a ta e call seallaidh air a chòir shlàinteil ann an Criosd, agus nach urrainn dha dearbhadh a thoirt air a chòir air nèamh. Is eruaidh an ni am bàs a choinneachadh as eugnhais dearbhadh éigin air còir air beatha mhaireannaich a bhi aig làimh; is eruaidh dol tre ‘n ghleann dorcha, as eugnhais coinneal an Tighearn a bhi dealradh air a’ cheann. Is namhasach an cunnart dol gu siorruidheachd, ‘nuair nach urrainn duine deanamh na’s fearr dheth, no leum anns an dorcha; gu ‘n fhiòs aige e’ àit am bheil e dol, có dhiubh is ann do nèamh no do ifrinn! Gidheadh, tha staid nan naomh innte féin ann am bàs, a ghnàth ‘na staid dhòchasach. Chan urrainn do dhòchas an-dana nan daoine mi-dhiadhaidh, ‘nam bàs, an staid a dheanamh dòchasach; is cha mhò is urrainn do an-dòchas nan naomh an staid a dheanamh an-dòchasach: Oir tha Dia a’ toirt breith a réir an ni ann féin, chan ann a réir breith-achaidh dhaoine mu thimchioll. Gidheadh, cha mhò is urrainn do na naoimh a bhi gu h-iomlan a dh’ easbhuidh dòchais, no is urrainn dhoibh a bhi gu h-iomlan a dh’ easbhuidh creidimh: Feudaidh an creidimh a bhi gle lag, ach chan fhàillnich e; agus feudaidh an dòchas a bhi gle ialal gidheadh bithidh, agus tha dòchas aca, gus a’ chrìoch. Eadhon ‘nuair a tha na naoimh eomhbuil ri bhi air an giùlan air falbh le sruth nan amharusan agus eagalan, tha fathast maile riù urrad de dhòchas as a bheir orra greim a ghabhail de chraobh na beatha, a ta fàs air bruaich na h-aimhne: “An sin thubhàirt mi, tha mi air mo thilgeadh a mach o fhradhare do shùl; gidheadh seallaiddh mi a ris ri do theampull naomh,” Ionah ii. 4.

Feum,

Tha so a’ labhàirt comhfhurtachd ris na naoimh an aghaidh eagail a’ bhàis. Feudar duine sona a ràdh ris an duine dhiadhaidh, roimh ‘bhàs, a chionn, ciod air bith a thaechras dha ‘sa bheatha, bithidh e gu cinnteach sona aig bàs. Sibhse a ta ann an Crìosd, a ta ‘nur fior Chriosdaidhean, tha dòchas agaibh ‘nur crìch; agus a leithid de dhòchas, as a dh’ fhendas comhfhurtachd a thoirt dhuibh an aghaidh gach uile eagail a dh’ éireas o smuaineachadh air uair bàis. Air so leudaichidh mi, ann am freagairt cuid de choraibh gu h-aithghearr.

Rì leantuinm.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice