AN CEATHRAMH BÒRD.
(Air a leantuininn bho t.d., 391.)
II.
’Se an siathamh nì tha seasamh anns an rathad, so, Tha fios agam gu bheil Criosd gràsmhor, ach ann an so tha’n connsachadh a ‘seasamh, cha’n ‘eil fhios agam am bi e tròcaireach dhòmhsa; tha mi smuainteachadh gur th’ann a ghairemeas e a mhallachdan orm; agus nach ‘eil litir ann an ainm ar Tighearn’ bheannaicht’ a tha freagairt dhà so cuideachd, tha e gleidheadh tròcair do mhiltibh? Chairdean (ma dh’ fheudas mi sin a ghairm dhibh), ciod ‘ur beachd, nach ‘eil sibh am measg na muinntir ud ann an Eesodus, xxxiv. 7, agus ma tha sibh am measg na muinntir sin, Oh, beannaichibh e air a shon. Tha mi smuainteachadh ged nach biodh an còrr anns na Sgriobturaibh gu bhi moladh Criosd gu ‘m biodh so tuilleadh agus gu leòir. Nach ‘eil miltibh ann an nèamh, a dhaoinibh? O nach bu sinn a chuideachd bhriagh no ‘m bitheamaid uile còmhla; bitheamaid mar chroinn ola timehioll a bhuird. Oh! beannaichte gu robh esan aig a’ bheil a dhòrlaich làn de na miltibh beannaichte so. Nis am bheil an còrr agaibh ri ràdh? Tha aon nì agam ri ràdh, agus na’ m biodh e air a fhreagairt cha bu chòir dhomh a bhi connsachadh na bu mhò. Ciod e sin? Eha mi fo chumbachd peacaidh an aghaidh soluis, agus an déidh bhòidean, agus fo bhrioseadh cumhantan aig sàcramaidean, agus an smuaintich thu, an dàna leamsa tighinn gu Criosd? ‘S dàna, cha bhi thu gu bràth na ‘s di-beath’-te, na ‘n uair a bheir thu eallaich leat air do dhruim. An robh thu fo pheacaidhean an aghaidh soluis, agus an aghaidh gràidh, agus an aghaidh bhòidean? Gidheadh tha litir ‘na ainm a fhreagas dhà so, Oh! léugh i, tha i làn gràidh, maithidh e aingidheachd, eusaontas, agus peacadh. Bithidh sibh a ‘smuainteachadh, Ciod e am feum a tha air na trì focail so? Chan e ath-aithris gun fheum a tha annta, feudaidh sibh a bhi cinnteach as a sin; cha’n ‘eil peacadh a dh’ fheudas sibh a bhi fodha nach freagair gràdh; cha robh gràdh riamh fo ioma-cheisd; gidheadh feudaidh a h-uile nì a tha agaibh anns an rathad a bhi air a ghearradh as le so, Is e a thoile gu ‘n creideamaid ann, agus ann an dòchas gu ‘n creid sibh e, tha sinn a ‘toirt dhuibh na sàcramaid, Gabhaidh agus ithibh. Tha so eadhon mar dhithis phòsda a’ eùr an làmh ri cùmhnant; agus faic an seula mór a tha air a chur ri cùmhant Chriosd, agus ‘se na tha air iarruidh ortsa do làmh a chur ris a’ chùmhnant. Oh, a deir thu cha’n urrainn mi sgrìobhadh; Oh, a deir sibh, cuiridh sinn ‘ur làmh ri làmh Chriosd, agus treòiricheadh esan am peann, agus canaidh sinn mar so, Tha mi ‘ga ghabhail mar mo Thighearn agus m’ Fhear-pòsda, agus a ‘bòideachadh agus a’ dol an cùmhnant, a bhi am chéile dhleasdanach dhà. Ithibh agus òlaibh air na cumhachdan sin. Nach e bhur beachd gu bheil mòran shùilean air nèamh ag amharc air Criosd? Agus (ma dh’ fheudas mi labhairt mar so) cha’n ‘eil aon sùil air nèamh nach ‘eil ag amharc air. Agus fathasd, nach ‘eil mòran làmhan air nèamh? Agus am b’ ail leibh fhios a bhi agaibh ciod a tha iad a’ dèanamh? Tha iad uile a’ gabhail Chriosd ‘nan gairdeanan. Agus nach dìomhàireachd so, gu ‘m b’ urrainn an uibhir so de mhìltean greim a dhèanamh air Criosd còmhla? Ach, Oh! ‘se cuideachd chridheil a tha annta! Tha iad ‘nan suil-fhianuisean air ar comunn-ne an diugh. Gidheadh, tha mi smuainteachadh ma tha iad a’ gabhail beachd oirnn, gu ‘m bitheadh eadhon truas aca dhinn, do bhrigh gu bheil na h-uibhir a dh’ eadar-dhealachadh eadar sinne agus iadsan. Cha chan mi an corr. Ach, Oh! ‘se a bhi làthair ‘n uair a bha ‘m pearsa glòrmhor ud, Iosa Criosd, an crochadh eadar nèamh agus talamh! Ciod e chanadh tu? Nach fheudadh tu glaothaich a mach am focal a tha aig Daibhidh ann an seadh eile, “Bitheadh do làmh am aghaidh-sa agus an aghaidh tighe m’ athar?” Ciod a rinn an t-Uan gun smal sin? Cha’n ‘eil mi ‘dol a stigh anns a’ cheisd sin, am facaidh ainglean, agus Abraham, agus an dà phriomh-athair dheng e, ‘n uair a bha e ‘n crochadh eadar nèamh agus talamh. Ach bu shealladh e dhe leithid’ a ghnè, agus gu miannaicheamaid gu ‘m bitheadh bhur creideamh ann an cleachadh air Slànuighir céusd! Bheir mi dhuibh tri nithean de ‘chorp bheannaicht’, a phògdadh sibh aig comanaichadh.
Tha euid nach urrainn a bheul a phògdadh, bu ladarnas mór e, ach phògdadh iad a chasan, gu bhi nochdadh an gràidh; agus a làmhan, bu bhi nochdadh an umhlachd dhà, agus a bhilean ruiteach, a bha aon uair bàn, gu bhi nochdadh an co-chomunn ris. Their mi so rìbh a nis, bitheadh an t-aran so ‘na fhiannuis na bhur n-aghaibh ann an latha an Tighearna mar ‘eil sibh toileach a bhi gabhail ris.
Tha cuimhne agam focal a bha aig neach àraidh a bha dian ann an nì sònraicht,’ agus bha e air iarruidh air a bhi athaiseach, agus fheadair e, “Cha’n ‘eil feum air a bhi athaiseach ann an gnothach cho maith.” Mar sin, tha mi smuainteachadh, chan ‘eil feum agaibh air comhairle gu bhi gabhail Criosd. Faodaidh sibh gabhail ris ann an creidimh aon-fhillte, oir cha mheall e sibh; gabhaibh e air ‘fhocal. Gu’n toireadh e fhéin dhuibh a bhi dèanamh sin. Amen agus Amen.—Eadar-theangaichte le I.M.