“Cumaibh suas mi le còrnaibh, sgapaibh ùbhlann mu m’ thimchioll,
oir tha mi tinn le gràdh” (Dàn Sholaimh, II. 5).
THA i cha mhór air buadhachadh oirre leis a’ chuirim so,
agus uime sin tha i glaothaich air son cobhair. Ann an so
beachdaich, (1). An suidheachadh anns am bheil i. (2). An
leigheas a tha i ’g iarraidh. (3). Cò bh’ uaith a i ’ga iarraidh.
(1). Is e a suidheachadh gu bheil i tinn le gràdh. Chan ’eil
so ri bhi air a ghabhail air son fannachadh anama tre chall agus
cìon-mothachaidh. Nochdaidh an co-theagasg air thoiseach agus
an déidh na h-carrann, agus a ciall, gu bheil e air dhòigh eil’
dhith; gun e h-ann ach tinneas a tha tighinn bho chudthrom
agus bruthadh gràidh nach gabh a bhi air a bhreithneachadh,
’ga lagachadh air a leithid de dhòigh agus nach urrainn i bhi
giùlain an t-scailaidh agus an lìnaichd a tha i mcaltainn.
(2). Tha’n leigheas a tha i ’g iarraidh a’ daingneachadh so.
Cumaibh suas mi (tha i ’g ràdh) no cumaibh taic rium, oir tha
mi ullamh gu tuiteam fodha; agus thugaibh comhfhurtachd
dhomh, neartaichibh mi, agus leigibh dhomh laighe sios am meag
ubhlann. Tha cheud chuid dhe’n carrann ag amharc ri tigh an
fhìon anns an robh i, agus a ’nochdadh nach robh casbhuidh
oirre, agus faodaidh e bhi air eadar-theangachadh: “Cumaibh
suas ann an còrnaibh mi,” mar ag iarraidh eul taic anns an
lìnaichd naomh dhe ’n Spiorad, leis a bheil i tuisleachadh. Tha ’n
dara cuid ag amharc ris a’ chrann ubhal anns an treas rann.
Chuireadh i ear air char dhi gu bràth ann am meag nan ubhlann
a tha ’tighinn bho ’n chrann so, agus coltach ris na deiscibuil
ann am Mata, xvii. 4, tha i ’g ràdh, “Is maith dhùinne bhi an
so,” seadh bu toigh leatha bhi air a suidheachadh agus a’ laighe
sios anns an staid so, gun a bhi dealachadh ris a’ chor shòlasach
so gu bràth.
(3). Tha ’n euspair ris a bheil i labhairt, agus bho bheil i ’g
iarraidh cobhair air ainmeachadh mar gu’m bitheadh barrachd
*Bha Seumus Durham ’na mhìnisteir urramach an Tìomnaidh
Nuaidh ann an Glaschu far an do chaochail e anns a bliadhna 1658
aig aois sia bliadhna deug thar fheichead.
agus aon ann (mar a tha e soilleir anns a’ cheud chànan) agus sin a ‘nochdadh éigneachaidh agus mór-aobhneis, gun a bhi toirt fainear có ris a tha i labhaint, ach a’ eur an céill a tlaichd anns an nì sin a tha i sealbhaichadh, ach tha i gu h-àraidh a’ ciallachadh Chriosd (agus i mar na deiseiobuil ann am Mata xvii. gun flios aca ciod a bha iad ag ràdh) oir is e esan a tha buileachadh orra an leigheas.
Beachdaich, (1). Bithidh dol a mach mór aig gràdh aig àmaibh seach aig àmaibh eile, mar gu ‘m bitheadh uisge air a chruinneachadh agus an sin air a leigeadh as. (2). Ni mothachadh air gràdh ann an tomhas àrd an creidmheach a theannachadh agus a chudthromachadh, air a leithid de dhòigh agus gu bheil e air a chur gu a ràdh, Cum air ais, agus, mo thruaighe mise, mar a tha e ann an Isaiah vi. 5. Tha nàdur lâthaireachd Dhé dlieth leithid de ghnè agus gu bheil ar n-annmhuinneachd-ne neo-chomasach air a bhi ‘ga giùlain. (3). Tha gràdh da-rìreadh gràdhaich ‘n uair a tha ‘n creidmheach cha mhór air bhreislich leis, agus a’ tuisleachadh le a chudthrom agus a chumhaichd.
(4). Leighisidh e an dearbh thinneas a tha e a’ dèanamh; ‘s e na còrnaibh agus na h-ùbhlain so an aon lòc-shlaint, ged a tha ar searragan-ne cho breòite agus nach cum iad ach beagan dlieth ‘n fhion nuadh so.—Eadar-theangaichte le I.M.