AN STAID SHIORRUIDH: NO, STAID SONAIS,
NO TRUAIGHE IOMLAN.
Mu Bhàs.
(Air a leantuinm bho t.d., p. 436.)
Cor I. Tha smuainneachadh air teachd a’ bhàis, their cuid de na naoimh, trioblaideach dhomh, gun flios agam ciod a thig ri m’ theaghlach, ‘nuair a dh’ fhàgas mi iad. Freag. Tha dòchas aig an fhìrean ‘na bhàs, a thaobh a theaghlach, cho maith as d’ a thaobh féin: Ged nach ‘eil agad ach beagan san àm so gu teachd beò air, mar a bha eor moran de mhuinntir thagta
Dhe, (Tha sinne, eadhon na h-Abstoil, “araon ocrach, agus iotmhor, agus lomnochd, agus air ar bualadh le dornaibh, agus gun aon àite comhnuidh againn,” 1 Cor. iv. 9, 11.) agus ged nach ‘eil ni agaibh ri fhàgail aca, mar a dha cor mhic sin an fhàidh, air an robh eagal an Tighearn, agus gidheadh a fhuair bàs fuidh fhiacha nach robh e comasach air a dhioladh, mar tha a bhantrach bhochd a’ taisbeanadh, 2Righ. iv. 1. gidheadh tha caraid maith agadsa d’ am fàg thu iad; Dia ann an cumhnanta, ris am feud thu gu muinghinneach an earbsa, Ier. xlix. 11. “Fàg do dhilleachdain, gleidhidh mise beò iad; agus cuireadh do bhantraichean an dòchas annamsa.” Is urrainn an saoghail teistea a thoirt air fabhoran comharrraichte a rinneadh do chloinn freasdail, a bha le ‘m pàrantaibh diadhaidh air am fàgail air euram freasdail Dé; is trie a thugadh fa’near nach robh aon chuid easbhuidh lòin no fòghluim orra: tha Maois ‘na dhearbhadh soilleir air so, bha esan, ged bha e ‘na naoidhean air a thilgeadh a mach, (Eesod. ii. 3.) gidheadh dh’ fhoghlumadh e ann an uile ghliocas nan Eiphiteach, (Gniomh. vii. 22.) agus bha e ‘na righ ann an Iesurun, Deut. xxxiii. 5. O! nach feud sinn a bhi fo nàire, nach ‘eil sinn gu muinghinneach ag earbsa gnòthuiche ar teaghlaiche ris-san, ris an d’ earb sinn, mar ar Slànuighear agus Fear-saoraidh, ar sonas siorruidh!
Cor II. Bheir am bàs air falbh sinn o ar eairdean ionmhuinn; seadh, chàin fhaic sinn an Tighearn ann am fearrann nam beò, ‘na òrduighean beannaichte. Freag. Bheir e sibh gu ‘r caraid as fearr, an Tighearn Iosa Criosd; agus na càirdean a dh’ fhàgas sibh ‘nur déidh, ma tha iad da rireadh ‘nan daoine is fiach, coinnichidh sibh iad a ris ‘nuair a thig iad gu nèamh; agus cha bhi sibh gu bràth tuffle air bhur dealachadh. Ma bheir am bàs air falbh sibh o ‘n teampull shios, giùlainidh e sibh gus an team-pull shuas. Bheir e gun amharus o na sruthain sibh, ach cuiridh e ‘nur suidhe aig an tobar sibh. Mar chuireas e mach bhur coinneal, giùlainidh e sibh far nach ‘eil oidheche sam bith, far am bheil là siorruidh.
(Ri Ieantwinn.)
Six feet by two-and-a-half is all the ground that the richest man in England will shortly occupy.—William Tiptaft.