LE UISDEAN BINNING.
Bha an t-Urramach Uisdean Binning ‘na mhinister an t-soisgeil ann an Govan, far an do chaochail e anns a bhlìadhna 1653, aig aois sia bhlìadhna thar fheichead.
THA gràdh air a chur ann an àite na h-uile umhlachd, agus air a chur mar dhearbh brigh agus suim an Lagha, no an coimhlionadh aige; oir is i an Fhìrinn an nì is éifeachdaich agus is moth a tha deanamh de cho-éigneachadh ann an umhlachd agus mar an ceudna an nì is mìlse agus is tlachdmhoire. Tha gràdh Chriosd ‘gar co-éigneachadh gu bhi beò Dha-san, agus chan ann a so suas a thoil is aon iad: ma nì thu greim air an toil tha thu ceangal na h-uile nithe leatha. Mar is e an dòigh is furasda buidheann air bith a chosnad, an Ceannard a tha iad a’ leantuin, agus anns am bheil iad ag earbsa, a chosnadh, mar sin bitheadh gràdh duine do Chriosd aon uair air a chosnadh agus bithidh buadhan an anama uile agus na ceud-fathan agus an gluasadan a’ leantuin ‘na dheigh. B’ì ceisd óirdheire agus iomchuidh a dh’ fheòraich Chriosd de Pheadar ‘n uair a bha e falbh, “a Pheadair an toigh leat mise, an sin beathaich mo chaoraich?” Na ‘n robh Peadar air rùn Chriosd a thoirt fainear anns a’ cheisd sin cha blitheadh e cho duilich.
Ma tha gràdh aig neach do Chriosd bithidh e cùramach gu bhi ‘ga thoileachadh, agus ged a dheanadh e na bha ‘na chomas ann an rathad umhlachd, cha bhi e tlachd mhòr leis mur a bi e air a dheanamh bho ghràdh. O na’n robh an tuilleadh agus an tuilleadh dheth so anns a’ chridhe bheireadh e air ministeirean a bhi beathachadh gu maith agus a’ teagasg gu maith, agus bheireadh e air sluagh a bhi toirt umhlachd gu maith. “Ma’s toigh leibh mise, coimhidibh m’ àitheantan.” Tha gràdh a’ toirt seachad agus a’ coisrigeadh na h-uile nì a tha anns an duine do thoil an neach dha ‘m bheil gràdh aige, uime sin tha e, eadhon ann an aghaidh nàduir, a’ dealbh agus a’ co-chumadh neach gu nàdur agus aigneadh aoin eile. Tha e a’ co-éigneachadh gu sinn a bhi beò, chan ann dhuinn fein ach dha-san, tha ‘aoibhneas agus a thlachd ann-san, agus, uime sin, tha na h-uile air an toirt suas agus air an stroichdadh dha-san. Nis mar a tha e cinnteach ma tha do ghràdh mòr gu’n dean thu mòran, mar sin tha e cinnteach gu bheil beagan air a ghabhail ann an àit’ mòrain a tha sruthadh bho ghràdh, agus uime sin, tha e air a ràdh ris an umhlachd leòinte agus chrùbach againn coimhlonadh an Lagha; tha mòr thlachd aige innte, do bhrìgh agus gu bheil beag tlachd aig gràdh innte. Cha smuaintich gràdh ni ‘sam bith ro-mhór, ach na h-uile ni ro-bheag, agus uime sin, tha Ghràdh-san a’ smuainteach ni ‘sam bith mòr, a thig bh’ uainn, do bhrìgh gu’n toireadh gràdh tuilleadh seachad. Tha e gabhail ris an ni a tha air a thoirt seachad, eadhon mìr, bho neach a tha gràdhachadh, a tha air a thilgeadh do ‘n ionmhas, tha e na’s mothà na dheich uiread de umhlachd bho ‘n leth am muigh bho neach eile. Tha e coinneachadh gràidh le gràdh. Ma tha miann an anama dh’ ionnsuidh gràidh dha ainn, ged nach toireadh gràdh ach feòirinn, tha’ ghràdh-san ann a bhi ‘ga ghabhail ‘ga chunntas mar chrùn. Tha gràdh, ann a bhi a ‘toirt suas tioclhaic de dheasdanas, a ‘faotainn iomadh neo-iomlanachd ann, agus mar sin ‘ga chur ann an dìmeas; tha ghràdh-san, ann a bhi gabhail an tioclhaic bh’ uainn, a ‘eir ‘folach air lionmhoireachd anmhainneachdan a tha ann: agus mar sin, ann am miann agus ann an oidhearp a ghràidh air ‘ur taobh-ne, agus ann an gabhail ris na tha air a dheanamh air a thaobh-san, is e gràdh coimlionadh an Lagha.
‘S e gnàth-fhocail àbhaisteach a th’ ann gu bheil na h-uile nithean mar a tha iad air an gabhail. Is e gràdh coimlionadh an Lagha do brìgh gu bheil ‘ur n-Athair gràdhach ‘ga ghàbhail mar sin. Tha e gabhail uiread de thlachd anns cho toileach ‘sa tha ehlann lag agus a tha e gabhail ann an neart na feadhna is aosmhoire, Tha taigse agus oidhearp an dara feadhainn cho tlachdmhor ris ri coimhlonadh na feadhna eile. Is e gràdh Dhè coimhlionadh an Lagha do brìgh gur e lagh beò a th’ ann, lagh air a sgriobhadh air a’ chridhe, oir is e th’ ann lagh Spiorad na Beatha ‘san taobh a stigh. Cha mhòr gu leig thu leas riaghailtean na ughdarras na péin aithne a chur bhos cionn gràidh, oir tha e ‘na lagh na’s mothà dha fhéin, tha aige ‘na bhroilleach fhéin ceangal agus comain gu Dia a thoileachadh, eò domhain agus is urrainn thu chur air, oir is e ann fein dearbh cheangal agus cuibhreach an anama ris. Is e so gu dearbh a ni seirbhis dha, agus is i so an t-seirbhis a tha tlachdmhor leis, a tha air a toirt seachad gu dìleas agus gu cridheil, agus dìleas chan urrainn i bhi mur a bi i air a toirt seachad gu cridheil, oir is e tlachd a mhàin a ni dìleas i. Faodaidh gluasad an garga a bhi luath ach cha mhàir iad fada: tha eagal agus uamhas nan tograidhean bho ‘n leth a muigh a chuireas an t-anam gu luath a dh’ ionnsuidh dheasdanasan, ach do brìgh nach ‘eil iad ‘nan aon ris an anam cha mhàir iad fada agus cha chuideachd mhaith dha’n anam iad. Ach gràdh, ann a bhi deanamh an dleasdanais taitneach, tha e tighinn gu bhi ‘na aon ris an anam, agus ged nach gluais e cho luath gluaisidh e na’s seasmhaiche. Agus ciod e gràdh ach dearbh ghluasad an anam gu Dhìa? Agus mar sin gus a faigh e bhi ann-san chan fhaigh e àite taimh. Nis se’n t-seirbhis a tha tighinn bho ghràdh a mhàin anns am bheil’ a thlachd, do bhrìgh agus gu bheil e faicinn iomhaigh fhein innte, oir chan ‘eil ann an gràdh annainn ach an dealbh a tha gràdh Dhé a ‘deanamh air a’ chridhe, agus mar sin ‘n uair a tha ‘ghràdh a’ dealradh air ais gu ionnsuidh fhein, a ‘giulain ‘ur cridhe ‘s air dleasdanas leis, aithnichidh esan a chuinneadh fein agus is toigh leis iomhaigh fein na leithid sin de dheasdanas. “Ma ghràdhaicheas neach mise, coimhiidh e m’ fhocal; agus gràdhaichidh m’ Athair esan, agus thig sinn da’ ionnsuidh agus ni sinn còmhnuidh maillle ris.” Ann an so tha dearbhadh gur toigh leis e, oir feumaidh gur toigh leis an t-àit a ròghnaich e támh a ghabhail ann.—Eadar-theangaichte le I. M.