Leis an Urramach Pàdruig Mac’ille Bhride.
Bha an t-Urramach Pàdruig Mac ‘ille Bhride, na mar a theireadh muinntir Earra-ghaidheal, “Para mór Baile Bhòid,” ‘na mhinisteir a chaidh a shaothair a bheannachadh gu mór anns an fhion-ios. Chaochail e anns a’ bhlìadhna, 1846.
‘SE ceisd rannsachail agus chudthromach a tha anns a’ cheisd Ciod i bhur barail-sa mu thimchioll Chriosd? Chuir i bho shean nan tàmh, mo có dhiuoh gu h-amhladh, na Phairisich a bha erunn an ceann a chéile, agus, gun teagamh dhèanadh a co-chur ann an dilseachd diadhachd cuid a rusgeadh, ach dhèanadh i diadhachd fior chlann Dhé a dhaingneachadh. Gun amharus tha e ro-fheumail gu ‘m bitheadh smuaintean ceart aig daoine mu thimchioll Chriosd, oir mar a smuainticheas duine ‘na anam, mar sin bithidh e. Tha ceud ghlusadan an anam’ anns na smuaintean, agus mar sin tha iad ‘nan laighe aig bonn a chliù. ‘N uair a tha droch smuaintean a’ tighinn a mach as a’ chridhe feumaidh iad sin a bhi air an leantuinn le gràinealachdan eil’; agus gus am bidh cridhe nuadh air a thoirt, agus an treig an duine eucorach a smuaintean chan urrainn pilleadh slainteil a bhi ann a dh’ ionnsuidh Dhe, agus atharrachadh beatha agus giùlain. Ach ciod e smuaintean cheart mu thimchioll Chriosd? Ann an so tha mi toirt fainear gu bheil iad, (1) De ghnè sgrìobtuireil. Anns an fhocal tha Criosd air fhoillseachadh dhuinn, “Oir is i so fianuis Dhé, a thug e mu thimchioll a Mhic.” Tha an fhanuis so iomlan agus dùinte, cha ghabh nì bhi air a chur rithe, no nì bhi air a thoirt bh’ uaipe, ach a gabhail mar a tha i. Ann an so tha e air a làn-fhoillseachadh, agus air fhoillseachadh gu soilleir, agus gu leòir; agus ‘s e na tha dhith oirnne, eòlas air an fhìrinn mar a tha i ann an Iosa, a chum smuainteachadh air gu ceart agus gu slàinteil. Tha smuaintean ceart mu Chriosd annta féin sgrìobtuireil. Tha ur n-còlas slàinteil mu thimchioll gu h-uile air a chriochnachadh le Focal Dhé. Is e so slighe na beatha agus na slàinte.
(2) Tha mi toirt fainear mar an ceudna, gu bheil smuaintean ceart mu Chriosd ‘nan smuaintean spioradail agus gràsmhor, no leithid agus a tha sinn comasach air a smuainteachadh le bhi air ar n-ath nuadhachadh leis an Spiorad. Mo thraigh! ged a tha na sgrìobtuirean, a’ foillseachadh Chriosd dhuinn tha sinn dall agus chan fhaic sinn e. Ann a bhi leughadh nan sgrìobtuirean, tha gu nàdurra còmhdaich air a’ chridhe, a tha folach bho ar sealladh glòir Chriosd, agus ‘gar bacadh bho bhi smuainteachadh gu ceart uime. “Cha ghabh an duine nàdurra ri nithibh spioraid Dhé: oir is amaideachd leis iad; agus chan ‘eil e’n comas da eòlas a gabhail orra, do bhrigh gur ann air mhodh spioradail a thuigear iad.” A chum, uime sin, aithne bhi air Criosd mar a tha e air fhoillseachadh anns an Fhocal tha feum air an Spiorad. Is e ‘shoillseachadh-san a tha teagasg gu slàinteil, agus is e ‘ghràs-san a tha fosgladh nan sùl gu bhi faicinn nan nithean iongatach a tha ann am focal Dhé, agus mar sin, is ann a mhàin ‘n uair a dh’ ath-ghineas e ‘n t-anam, a tha an t-anam an toiseach air a thoirt gu eòlas air Criosd; agus is ann mar a dh’ ath-nuadhaicheas e rithisd e na ‘s mothag agus na ‘s mothá a tha ‘n t-anam a’ fàs ann an gràs agus ann an eòlas ‘ur Tighearn agus ‘ur Slànuighear Iosa Chriosd. O iarraibh an teagasg so; tagraibh air son an Spioraid, oir is e obair-san a bhi teagasg mu Iosa.
(3) Is e th’ ann an smuaintean ceart mu Chriosd smuaintean creidmheach. O chan ‘eil neach ‘sam bith a’ smuainteachadh gu ceart gus an tig e gu bhi ‘creidsinn ann. ‘N uair a tha aon an toiseach air a thoirt gu bhi ‘ga fhaicinn, tha e air a thoirt gu bhi gabhail ris, agus ag earbsa ann; oir chan ‘eil fior eòlas aig ana-creidmheach air. No’m b’ aithne dhoibh-san a chuir gu bàs e, cha cheusadh iad Tighearn na Glòir. Tha smuaintean ceart, uime sin, ‘nan smuaintean creidmheach; tha iad ceangailte ri creidimh ann. Teichidh ‘ga ionnsuidh, iadsan a tha air an toirt le Spiorad Dhé gu bhi ‘ga fhaicinn anns an Fhocal; agus mar is mothá tha iad air an soillseachadh, ‘s ann is mothá tha iad a’ leantuin ris le rùn eridhe, ‘ga ghabhail agus a’ taiceachadh air, air son slàinte mar a tha e air a thairgse doibh anns an t-soisgeul, mar am fìreantachd, an neart, agus an uile.
(4) Tha gnè naomhachaidh ann an smuaintean ceart mu Chriosd, agus tha iad ag aomadh an anama gu Dia. Tha Eoin ag ràdh, “Le so tha fhios againn gur aithne dhùinn e, ma choimhideas sinn àitheantan. An ti a their, Is aithne dhomh e, agus nach ‘eil a’ coimhead àitheantan is breugaire e, agus chan ‘eil an fhirinn ann.” Mar sin, tha smuaintean ceart mu ‘thimchioll a’ naomhachadh an anama. O bhràithrean, chan aithne dhoibh e is urrainn a bhi beò anns a’ pheacadh, no a ghabas misneach ‘s a’ pheacadh bho a smuaintean mu thimchioll. Ciod i bhuir barail-sa mu thimchioll Chriosd? Nochdaidh bhuir beatha ciod is aithne dhuibh mu thimchioll, agus innsidh i am bheil sibh ‘san t-solus. A dh’ aon fhocal, ‘s e th’ ann an smuaintean ceart mu Chriosd, ach ni tha de nàdur na slàinte, agus a tha treòrachadh gu creidimh, naomhachd, comhfhurtachd, agus eadhon glòir mu dheireadh, oir ‘n uair a chì sinn e mar a tha e, bithidh sinn cosmail ris mar a tha e. Nis ciod i bhuir barail-sa mu thimchioll Chriosd? Feòraicheam so co-cheangailte ris na seallaidhean glòrmhor dheth a tha air a thoirt dhùinn anns na briathraibh fodh ‘ur comhair. Eabh iv. 14-16. An do smuaintich sibh mu thimchioll air a leithid de dhòigh agus gu’n do theich sibh d’a ionnsuidh air son släinte? An do smuaintich sibh mu thimchioll air a leithid de dhòigh agus gu’n do thréig sibh am peacadh agus a phill sibh ri Dia? An do smuaintich sibh mu thimchioll gus na dh’ iarr sibh an Tighearn mar ‘ur cuibhrionn agus ‘ur fois? O iarraibh gu faigheadh sibh, le Spiorad Dhé a bhi ‘gur treòrachadh gu bhi smuainteachadh gu ceart mu thimchioll.—Eadar—theangaiichte le I.M.