Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1938 » May 1938 » Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

Nadur an Duine ‘na Staid Cheithir Fillte

AN STAID SHIORRUIDH: NO, STAID SONAIS, NO TRUAIIGHE IOMLAN.

Mu Bhàs.

(Air a leantuinn bho t.d., 507, leab. xlii.)

An cor mu dheireadh, Tha mi a thaobh nàduir gealtach, agus tha dearbh smuainte a’ bhàis uamhasach dhomh! Freag. Mar is lugha a smuainicheas tu air a’ bhàs ‘s ann is ro-eagallaiche a bhiteas smuaineachadh uime! Ach dèan thu féin eòlach uime, le smuaineachadh gu tric uime, agus feudaiddh tu le sin, t’ eaglan a chumail fodha. Amhaire air taobh soilleir agus deàrach an neòil: gabh beachd a’ chreidimh air a’ bhaile aig am bheil bunaite; mar sin chì thu dòchas anns a’ bhàs. Smuainich gu dùrachdach air corp a’ pheacaidh agus a’ bhàis; cuidichidh so gu mòr gu eagal tràilleil a ghlusad air falbh.

Is bochd an nì gu ‘m biodh naoimh cho déigheil air beatha is a tha iad gu tric: bu chòir dhoibh a ghnàth a bhi ann an staid réite ris a’ bhàs. ‘Nuair a ta nithe air an toirt gu ceart fainear, is maith a dh’fhéudta bhi ‘n dùil gu ‘n aidicheadh uile leanaba Dhé, na h-uile duine ath-nuadhaichte, a thaobh na beatha so, mar a rinn Iob, “Tha mi gabhail gràin dith, cha b’ àill leam bhi beò gu bràth,” Caib. vii. 16. Chum an cridhe fhaotainn gus an fhonn thaitneach so, bheir mi seachad na nithe a leanas maille ris na chaidh a labhairt.

Air tús, Thugaibh fainear gu bheil peacadh a’ leantuinn ‘ur beatha, anns an t-saoghal so.

Fhad ‘sa bhios sibh beò an so, tha sibh a’ peacachadh, agus a’ faicinn muinntir eile a’ peacachadh; tha sibh a’ tarruing anail ghalarach, tha sibh a chòmhnuidh ann an tigh na plàigh. Am bheil e idir iongantach gu ‘n gabhadh sibh gràin d’ a leithid sin do bheatha? (1.) Tha ‘ur creuchdan féin mar luchd-turuis a’ dol tharuibh. Nach ‘eil peacadh ‘ur nàduir a toirt oirbh a bhi ag osnaich gach là? Nach ‘eil fiosrach, ged thòisich an leigheas, gu bheil e fathast fada o bhi air a dhèanamh iomlan? Nach d’ fhuair an luibhre a steach do bhallaichan an tighe, is chan urrainn di bhi air a gluasad as, gus am bi e air a tilgeadh sios? Nach ‘eil bhur nàdur cho truaillidh, is nach urrainn do ni is lugha na sgarachduinn an anama o ‘n chorp an galar a sgathadh as? Nach ‘eil bhur creuchdan agaibh o ‘n taobh a mach, cho maith agus bhur tinneas ‘san taobh a stigh? Nach ‘eil sibh a’ fàgail comharran bhur salachair, air ciod air bith a théid tre bhur làmhan? Nach ‘eil bhur n-uile ghniomhara air an salachadh agus air an truailleadh le teachd geàrr agus le mi-fhoirfeachd? có eile uime sin, d’ am bu chòir a bhi am mór dhéigh air beatha, ach iadsan d’an slàinte an tinneas, agus a ta dèanamh uaill ‘nan nàire? (2.) Tha creuchdan gràneil muinntir eile a gnàth mu choinneamh bhur sùl, ciod ‘sam bith àite an téid sibh. Tha amaideachd agus aingidheachd muinntir eile follaiseach, agus a’ toirt seallaidh neo-thaitnich. Chan ‘eil ‘san t-saoghal pheacach ach cuideachd gun sgèimh, comunn neo-thaitneach, anns an iad a’ mhuinntir as graineile a ‘chuideachd as lionmhoire. (3.) Nach ‘eil bhur creuchdan féin gu tric a’ briseadh a mach a ris an déigh dhoibh a bhi air an leigheas? Is maith a dh’fheudas ar eùl-sleamhnuichean lionmhor a thoirt oirnn a bhi fàs fuasgailte do ghràdh na beatha so. Ni bhi a ghnàth a’ gleachd, agus an déidh sin a’ tuiteam ‘san t-salachar a ris, obair sgìth. Nach ‘eil sibh idir ag iarraidh gu ‘n tigeadh am bàs fuar, a dh’fhuarachadh gu h-eifeachdach teas nan an-mianna sin, a ta cho tric a’ lasadh a ris, eadhon an déidh tuite de bhròn diadhaidh a dol thairis orra? (4.) Nach ‘eil sibh air uairibh a’ salachadh muinntir eile, agus muinntir eile gur salachadh-sa? Chan ‘eil comunn anns an t-saoghal, anns nach ‘eil na h-uile ball deth air uairibh a’ cur ceap-tuisliidh mu choinneamh chàich. Tha chuid is feàrr a’ giùlan mu ‘n euairt leò srad an nàduir thruaillidh, do nach faigh iad saor fhad ‘sa bhitheas iad beò, agus a ta ullamh gu beòthachadh aig gach uile àm, agus anns gach uile àite; seadh, tha iad ullamh gu muinntir eile a lasadh, agus a bhi g’ am brosnueadh gu peacachadh. Tha na nithe sin gu cinnteach ullamh air a’ bheatha so dhèanamh searbh do na naoimh.

‘San dara àite, Smuainichibh air an truaighe agus air an trioblaid a ta ‘na cho-chuideachd.

Tha fois taitneach, ach chan ‘eil i ri faotainn air an taobh so de ‘n uaign. Tha trioblaidean saoghalta feitheamh air na h-uile dhaoine ‘s a’ bheatha so. Tha ‘n saoghal so, ‘na chuan trioblaid, far am bheil aon tonn a dol thar tuinn eile. Tha iadsan a tha ‘n barail gu bheil iad féin an taobh thall de thrioblaid am mearaechd; chan ‘eil staid, chan ‘eil ceum do bheatha saor uaipè: Tha ‘n ceann air am bheil an crùn air a chuairteachadh le cùramaibh geur. Tha onoir, iomadh uair a’ fosgladh an rathaid gu nàire mhór. Tha sàobhreas anns a’ chuid is mò air a ghleidheadh d’a shealbhadaibh, chum an ainhleis. Chan ‘eil an ròs as maisiche gun bhioran ‘na dhùil; agus gheibhear air uairibh na trioblaidean as truime air am filleadh suas anns a’ chomfhurtachd shaoghalta as mò. Tha trioblaidean spioradail a’ co-leannmuinn nan naomh ‘sa’ bheatha so. Tha iad cosmhuil ri luchd-turuis ag astrachadh ann an oidche dhorcha, anns am bheil a’ ghealach air uairibh a’ briseadh a mach fuidh aon neul, ach a ta gu h-éalamh a ris a’ folach a cinn fuidh neul eile; chan ioghnadh ged tha fadachd orra gu bhi aig ceann an turuis. Is éiginn do na caochlaidhean obann, d’am bheil am fonn spioraid as fearr buailteach, na h-amharasan imcheisteach, na h-eagail ambluadhach, na h-aobhneis ghoirid, agus na trioblaidean fada, tha ceangailte ris a’ bheatha so a ta l’àthair, iarntuis a ghineamhuin anns na naoimh gù bhi maille ri Criosd, an nì is feàrr uile.

San àite mu dheireadh, Smuainich air a’ mhi-fhoirfeachd mhór a ta ‘n co-chuideachd na beatha so.

Thad ‘sa tha ‘n t-anam a chòmhnuidh ‘sa’ bhothan chriadh so, tha uaireasbhuidhean a’ chuirp lionmhor; tha e a ghnàth ag iarraidh. Is éiginn do na ballachan criadha bhi air an leasachadh agus air an càramh suas gach là, gus an tuit am bothan criadha sios gun éiridh tuilleadh. Chan ‘eil ann an ithe, ann an òl, ann an codal, agus ‘nan leithide sin, annta féin, ach gnothuiche suarach air son creutair reusanta, agus bithidh iad air am meas mar sin leis an anam a ta air a bhreith o nèamh; tha iad ‘nan comharr a air neo-iomlaineachd, agus mar sin, neo-thaitneach do ‘n inntinn a ta ‘n geall air a’ bheatha agus air an neo-bhàsmhoireachd sin a ta air an toirt gu solus tre ‘n t-soisgeul; agus bhitheadh iad glé dhoilghiosach, nam maireadh an staid so fada. Nach ‘eil an t-anam gràsmhor gu fhaotainn féin gu tric fo chuing leis a’ chorp, mar chompanach air turus, neo-chomasach air coiseachd a chumail ris? ‘Nuair a ta ‘n spiorad togarrach, tha ‘n fheòil amhunn. ‘Nuair a b’ àill leis an anam éirigh suas, tha ‘n corp mar éire throm air, agus mar chloich ceangailte ri eòis eòin a ta ‘g oidhirpeachadh dol air iteig. Is fior, O chreidich! nach ‘eil t’ anam, aig an uair is feàrr, ach cosmhuil ri daòimein ann am fàinne, far am bheil mòran deth as an t-sealladh: Tha e fada fuidhe anns a’ chriadh shuarach, gus am bheil e air fhuasgladh le bàs.

(Ri leantrùinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice