(1) Ma tha sibh air teachd gu Criosd gheibh sibh annaibh fuath gu nàdurrà do’n pheacadh, agus miann a dh’ ionnsuidh na h-uile mhaith, ged a thig sibh gearr gu tric air a dhèanamh. “Oir an nì a tha mi dèanamh, cha taitneach leam e: oir an nì a b’ àill leam, chan e a tha mi dèanamh; ach an nì as fuathach leam, is e sin a tha mise a’ dèanamh.” “Gach neach a dh’ thanas ann-san, cha dèan e peacadh,” ‘se sin, (1) Le deòin, (2) gu toileach, (3) le gràdh dhà, (4) na a chum bâis: Oir tha aig sluagh an Tighearn (1) Bròn, (2) Cùram gu ‘pilleadh bho’n pheacadh, agus (3) Eagal peachadh. O an urrainn sibh ruith air adhart anns a’ pheacadh gun philleadh le aithreachas? Ma’s urrainn chan ‘eil sibh ‘san fhreumh bheò so, Criosd.
(2) Ma thàinig sibh gu Criosd, gheibh sibh so annaibh, beachd ceart agus àrd air tròcair an Tighearn. Bithidh esan agus a shlàinte a mhàin luachmhor ‘nar sùilibh. “Is beannaichte esan d’an do mhaitheadh eusaontas, d’am bheil a pheacadh air fholach.” Is e sin bhur smuainteam-se.
(3) Ma thàinig sibh gu Criosd, gheibh sibh annaibh gràdh do uile shlighibh na naomhaichd, cho maith ri sonas fhéin. Seadh, Bithidh bhur eridhe cho mor air a tharuing an déidh innleachd uasal na slàinte, le bhi faicinn uile bhuadhan glòrmhor Dhé a ‘dealradh inntc, agus nach bitheadh sibh toileach a dhòl do nèamh air rathad eil’, ach air an t-slighe ghloirmhor so, ged a bhitheadh slighe eile ann; agus ‘s e so na h-uile a tha ‘n Tighearn ag iarraidh ort, a bhi gabhail gu toileach ris an innleachd. Is e sc an nathair umba a dh’ fheumas tu amharc rithe air-son leigheas. O thig air adhart.
(4) Ma thàinig sibh gu Criosd, tha so agaibh, gu bheil sibh ‘gur cleachdadh féin air Dia, mar a tha esan ‘ga chleachdadh fhéin oirbhse. Na ghairem e sibh? An sin gairmidh sibhse air-san. Na dh’ fhùireanaich e sibh? An sin fireanaichidh sibhse esan.
(5) Ma thàinig sibh gu Criosd, tha so agaibh, féin-àicheadh agus togail bhuir crann-ceusaidh gach làtha ann an aghaidh bhuir tograidhean fhéin, ni is e teagasg agus cleachdadh ceusadh na feòla, agus bithidh iarritus agaibh bhi ‘gur gearradh fhéin goirid bho na h-uile sòlas feòlmhor.
(6) Ma thàinig sibh gu Criosd, bithidh sibh umhail dhà gu toileach agus géillidh sibh gu caomh do riaghladh a shlaite rioghail-san na bhuir n’ anam.
(7) Ma thàinig sibh gu Criosd tha sibh striocta dhà anns na h-uile nì ‘na uile àitheantan.
(8) Ma thàinig sibh gu Criosd, tha sibh striocta dhà gu neo-chealgach anns na h-uile nì, ag iarraidh a ghloir-san.
(9) Ma thàinig sibh gu Criosd tha sibh striocta dhà aig gach àm, a ‘toirt umhlaichd dhà gun sgios.
(10) Ma thàinig sibh gu Criosd, tha fhoical a’ gabhail còmhnaidh annaibh. Ma tha nì sin a chuala sibh bho ‘n toiseach a’ gabhail còmhnaidh annaibh, fanaidh sibh anns a’ Mhac agus anns an Athair. Feumaidh e fantainn annaibh a chum agus gu’n tuig bhuir n-intinn e agus gu fairich bhuir eridhe e. O ciod e cho olc agus a dh’ fhuirich an nì leugh agus a chuala sibh annaibh! Is teare, teare iad a tha ann an Criosd.
(11) Ma thàinig sibh gu Criosd, gheibh sibh a Spiorad ‘gur treòrachladh chum gach uile fhìrinn, Eoin xvi. 13., ga bhuir teagasg agus ga bhuir treòrachadh chum, agus ‘gur daingneachadh, anns na h-uile dleasdanas; ach na dèanamh mearachd, chan ‘eil sinn a ‘cìallachadh spiorad baoth-chreidmheach, ach fhoical agus a Spiorad a tha air an ceangal ri chèile ann an Isaiah lix. 21.
(12) Ma thàinig sibh gu Criosd, bithidh a Spiorad-san a’ toirt dhuibh dearbh-shoilleireachd mu pheacadh.
(13) Ma thàinig sibh gu Criosd, gheibh sibh a Spiorad ‘gur riaghladh agus ‘gur ceannsachadh, a’ tilgeadh sios gach nì a dh’ àrdaicheas e féin an aghaidh riochheadh Chriosd.
(14) Ma thàinig sibh gu Criosd, gheibh sibh a Spiorad annaibh mar Spiorad nan athchuingean, a’ treòrachadh gu mothachhadh ceart air a ‘pheacadh, agus air an fheum a tha air tròcair, agus a’ düsgadh dûrachd, a’ toirt air an anam a bhi faicinn gur ann a mhàin ann an Criosd a tha Dia air a dhèanamh réidh, agus a’ seulachadh firinn, geallaidhean agus fianuis Dhé ‘na fhocal, air an anam.
(15) Ma thàinig sibh gu Criosd, faodaidh sibh creidimh ‘fhaotainn annaibh a bitheas ‘na neart dhuibh anns a h-uile staid, gnìomh, buaireadh agus àmghair: tha so cruaidh ri ‘fhaotainn a mach, gidheadh, gabhaidh e bhi air ‘fhaotainn; ma tha miann agaibh air faodaidh sibh ‘fhaotainn.
(16) Ma thig sibh gu Criosd, an sin gheibh sibh atharrachadh iomholtach annaibh, spiorad nuadh gun chealag, breithneachadh nuadh, miannaibh nuadha, aignidhean nuadha, gràdh, fuath, bròn, aoibhneas, mothaichidhean nuadha, sùilean, fàileadh, cluasan, blas, agus faireachadh.—Eadar-theangaichte le I. M.