MU PHEACADH.
‘S e peacadh an grabadh agus am bacadh a’s mò air ar sonas, ‘s a tha ‘tarruing na h-uile truaighe air an duine, araon ‘s an t-saoghal so, agus anns an t-saoghal ri teachd. Thoir air falbh peacadh, agus chan ‘eil ni a dh’ fhaodas dochunn a dhèanamh oirnn; oir ‘s e bàs, aimsireil, spioradail, agus siorruidh a dhuais. ‘S e peacadh, agus duine a’ pheacaidh, euscar feirge Dhé. Cia uamhasach, uime sin, a dh’ fheumas a chor-san a bhi a tha ‘fantuinn ann am peacadh! Oir có a dh’ fhaodas fearg Dhé a giùlan no cogadh a dhèanamh ‘na h-aghaidh? Chan urrainn peacadh an aghaidh Dhé a bhi suarach, a chionn gu ‘m bheil e ‘n aghaidh Dhé mhóir nèimh agus na talmhainn; ach ma’s urrainn am peacach dia beag ‘fhaotuinn a mach, faodaidh e ‘bhi furasda peacanna suarach ‘fhaighinn a mach.
Tionndaidh peacadh uile ghràs Dé gu macnus ‘s e ‘m peacadh dúblan d’ a cheartas, éigceachadh a thròcair, fanaid air ‘thoighidinn, tàir air a chumhachd, agus dimeas air a ghràdh. Thoir an aire nach ceadaich thu dhuit féin aon pheacadh a chur an gnìomh, oir treòraichidh sin thu gu aon eile; gus, le droch cleachdadh, an d’ thig e gu bhi nàdurra.
‘S e tòiseachadh air peacadh, stéidhe a leagadh gu buanachadh; ‘s e ‘m buanachadh so is màthair do cleachdadh, agus ‘s e ladarnas a shruthas uaith air a cheann mu dheireadh. Tha bàs Chriosd a’ toirt duinn an taisbeanaidh a ‘s fheàrr oirnn féin; air a’ chor anns an robh sinn, agus mar nach dèanadh nì cobhair oirnn ach sin; agus an sealladh a ‘s ro shoilleire air gnè eagalach ar peacanna. Oir ma tha peacadh ‘n a nì cho uamhasach ‘s gu’n d’ fhàisg e
cridhe mhic Dhé, cia mar is urrainn de pheacach bochd truagh a ghiùlan?
MU AMHGHAIR.
Chan ‘eil nì a dh’ fhàgas àmhghar cho do-iomcharach ri eallach peacaidh; na’ m b’ àill leat, uime sin, a bhi iomchuidh air son àmhgharan, bi cinnteach gu’ m faigh thu eallach do pheacanna a leigeil dhiot, agus an sin bithidh àmhgharan ‘sam bith a thig a’ d’ rathad furasd’ an giùlan. Mar a h-urrainn thu ‘n t-slat smachdachaidh a leag Dia ort ‘eisdeachd agus a ghiùlan, cuimhnich an leasan so—tha thu air do bhualadh a chum do leas. Tha ‘n Tighearn a’ gnàthachadh buailtean àmhghair gus am moll a sgaradh o ‘n chruthachadh. ‘S i sgoil a’ chroinn-cheusaidh sgoil an t-soluis; nochdaidh i diomhanas, smuaineach, agus aingidheachd an t-saoghail, agus leigidh i ris duinn am barrachd do inntinn Dhé. A mach á àmhghar dorcha thig solus spioradail. Ann an àmannan àmhghair gheibh sinn gu minic fiosrachadh a ‘s milse air gràdh Dhé. Na ‘m bitheamaid air cùl a chur ri sòlasan an t-saoghail so, cha chuireadh ar n-àmhgharan ach ro bheag trioblaid oirnn; ‘s e a tha ‘fàgail staid àmhghair cho do-iomcharach do mhòran, gu’ m bheil iad tuilleadh ‘s a’ chòir air an toirt suas do shòlasan na beatha so, agus mar sin chan urrainn doibh cur suas le nì ‘sam bith a chuireas dealachadh eatorra.
MU AITHREACHAS AGUS TEACHD GU CRIOSD.
‘S e is crìoch do àmhghar sealladh a thoirt air peacadh, agus dhà sin ar toirt a dh’ ionnsuidh Slànuighir. Pilleamaid, uime sin, maille ris a’ mhac struidheil, d’ a ionnsuidh-san, agus gheibh sinn suaimeas agus fois. Faodaidh peacach aithreachail, ged robh e roimhe cho ole ris an aon a ‘s miosa de dhaoine, trìd gràis teachd gu bhi cho math ris an aon a ‘s fheàrr. ‘S e bròn air son doilgheas a chur air Dia, a bhi da rìreadh mothachail air peacadh; trioblaid a bhi oirnn gu’ n do chuir sinne fearg air-san na ‘s mò na gu’ m bheil dùmhlachd aige-san ruinne. Eiridh ‘ur rùintean gu aithreachas a ghabhail, agus ‘ur dearmad air an dleasanas theàrnadh—anama sin, suas ann am breitheanas ‘n ur n-aghaidh. Giùlanaidh aithreachas ùr-labhairt dhiadhaidh leis,
agus aomaidh e Criosd gu mórán pheacannan a chuireadh an gnìomh ‘n a aghaidh a mhaitheadh. Na h-abair riut féin, Gabhaidh mi aithreachas a-màireach; oir is e do dhleasanas a ghabhail gach làtha. Thar na h-uile theagasg ‘s e soisgeul gràis agus slàinte an t-aon a ‘s ro chunnartaiche, ma’s e ‘s gur ann a mháin ann am focal a tha e air a ghabhail le daoine neo-ghràsmhor—mur ‘eil mothachadh air am feum air Slànuighear ‘n a cho-chuideachd, agus mur ‘eil e ‘g an toirt d’ a ionnsuidh. Oir is iad-san aig nach ‘eil ach a mháin barail m’ a thimchioll, a ‘s truaighe do na h-uile dhaoine—oir do bhrìgh gu’ m bheil tuilleadh eòlais aca na th ‘aig na cinnich, ‘s e so a mháin an cuibhrionn deireannach, gu’m buailear iad le mórán bhuillean.
MU ÚRNUIGH.
Mu ‘n téid thu a dhèanamh ùrnuigh, feòraich na ceistean so de d’ anam—1. Ciod a’ chrìoch, O m’ anam, mu ‘n d’ thàinig thu do ‘n ionad uaignidheach so? Nach ann a thàinig thu a chumail conaltraidh ris an Tighearn ann an ùrnuigh? Am bheil e a làthair; an cluinn e thu? Am bheil e tròcaireach; an dèan e cobhair ort? Am bheil do ghnothach suarach; nach ann mu thimchioll maith t’ anama ‘tha e! Ciod na briathran a ghnàthaicheas tu ‘chum a thionndadh gu truas a ghabhail dhiot? Gu t’ ullachadh a dhèanamh coimhlionta, thoir fainear nach ‘eil annad-sa ach duslach agus luaithe, agus gur esan an Dia mór agus Athair ar Tighearn Iosa Criosd, a tha ‘cur soluis uime mar thrusgan; gur peacach gràineil a th’ annad-sa, gur esan an Dia naomha; nach ‘eil annad-sa ach cnuimh bhochd dhìblidh, gur esan an Cruithear uile-chumhachdach.
Ann ad uile ùrnuighean na dì-chuimhnich buidheachas a thoirt do ‘n Tighearn air son a thròcairean. ‘Nuair a tha thu ‘g ùrnuigh, gu’m a fheàrr leat do chridhe ‘bhi as eugmhais bhriathran, na do bhriathran gun a bhi ‘tighinn o ‘n chridhe. Bheir ùrnuigh air neach sguir do pheacadh a chur an gnìomh, no tálaidh peacadh neach gu sguir do dh’ ùrnuigh. Is ro luachmhoire spiorad ùrnuigh na ionmhasan òir agus airgid. Dèan ùrnuigh gu minic, oir is sgiath do ‘n anama, iobairt do Dhia, agus sgiùrsadh do Shatain, ùrnuigh.