Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1938 » August 1938 » Iongantas Fulangais Chriosd: LE SOMHAIRLE RUTHERFORD

Iongantas Fulangais Chriosd: LE SOMHAIRLE RUTHERFORD

THA trì aobharan iongnaidh ann am fulangais ‘ur Tighearna.
(1) Amhaire air a Phearsa. (2) Coimeas e ri muinntir eile.
(3) Amhaire air an dòigh ainneamh anns am bheil tròcair agus
ceartas air an rèiteach.

Amhaire air a Phearsa.

Amhaire air a Phearsa agus gabh iognadh gu’ m bitheadh an t-slighe a fàs sgith; neart a fàs fann; beatha ‘faigheal bhis, an t-aran a fàs acraich; an t-uigse a fàs tartmhor. Nach e nì ainneamh a tha ‘n so? Iongantas! gu ‘m bitheadh an Diadhachd air a dluthachadh ann an aonadh pearsanta ri Duine Dhoilgheasan! Cha nì air bith Dia a blith, le a Spiorad, a cumail suas duine fodh bhròn, ann an coimeas ri bhi a toirt a blith phearsanta gu bhi ceangailte ri lotan, fuil, mallachd agus nàire! Is nì iongantach da-rireadh do na Diadhachd a bhi ‘g analachadh, a fuireach ann, agus a gabhail còmhnaidh mar aon ri neach a tha air a mhaslachadh, air a mhallaichadh, air a chroichadh air crann, a tha marbh, agus air adhlaichadh! Ann an so tha Dia air a dhèanamh na mhallaichadh, Dia air a dhèanamh na nàire; agus an Diadhachd gabhail còmhnaidh maillle ri nàire agus ri mallachd, gidheadh gun a bhi air a dèanamh mallaicht’ na air a cur gu nàire.

Coimeas e ri muinntir eile.

Cha bu nì air bith fanaid a bhi air a dhèanamh air Maois; Séchariah a bhi air a mharbhadh eadar an teampull agus an altair; agus móran dhe na h-athraichean a bhi air an reubadh as a chéile; ach Criosd, Dia, bhi air a laimhseachadh mar so tha e iongantach! Cha b’ iongantach ged a blitheadh iognadh air an t-saoghail uile agus a ghlaodhadh iad, “O Dhe, ciod e na h-iongnaidhean a tha sinn a faicinn.” An lamh a shìn a mach na nèamhan le réis air a tolladh le tàirnean! Casaibh an Neach a tha saltairt air na reultan air an tàirgeadh ri crann!

Cò e an duine na ‘n t-aingeal a smuainticheadh air an obair ainneamh so, agus air an t-slighe iongantach so gu nèamh, eadhon gun agradh ceartas gu ‘m fuiligeadh an Dia-duine?

‘S e obair saor-thoileach a bha ann do Dhia tighinn a nuas gu bhi tèarnadh dhaoine, nì nach robh mar fhiachaibh air a thaobh éiginn, ‘sam bith a bha ann an nadur. Bha saor-thoil Dhé fhéin ‘os ceann, an taobh thall, agus air thoiseach air an lagh so a shuidhich agus a dh’ òrduich ceartas. Bho dheagh shaor-thoil fhéin tha e ‘g analachadh a mach maitheas, gràdh, tròcair agus iochd. Ciod e ‘n diomhaireachd a tha ‘n so? An Dia neo-chriochnach a fulang air-son daoine truagh.

Feum.

Mar sin esan a smuainticheas beag dhe na pheacadh tha e smuainteachadh beag de Dhia. Tha esan a tha peacachadh gu toileach, agus a tha gabhail a pheacaidh na bhroilleach, an-ìochd mhor ri Chruithhear. Ma ‘s e Criosd d’ fhear-posda agus thusa chéile-san, an sin mharbh am peacadh d’ fhear-posda. An gràdhaich a bhean an sgian a ghearr sgòrn an a fir? Their sibh rium, chan eil gràdh aig a bhean da fear ma ghabhas i na h-uchd esan a lean a fear a dh’ ionnsuidh a bhàis agus a chuidich ann a bhi ga chur gu bàs air a chrioch. Am bu chòir do shaor-dhaoine an Tighearna gràdh a bhi aca do ‘n ana-miannan a chuir Criosd a dh’ ionnsuidh a bhàis, agus a thàirn e ris a chrann? Mar sin bi air t-fhaiceal, bho bhi ‘g radh, Amen, ri dòrtadh fuil Chriosd, le bhi dol air adhart anns a pheacadh.

Gràdhaich, agus ionnsaich a bhi ‘g amharc, air Criosd na fhlungas air-son sluaigh. Oh gràdh Dhé! tha e dol thar gach uile eolas. “Oir ma ‘s e is air dhuinn ‘bhi ‘n ar naimhdibh, gu ‘n d’ rinneadh réidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhie; is mò gu mór, air dhuinn a bhi ar dèanamh réidh, a shaorar tre a bheatha sinn.” Leag Criosd clach-stéidh agus bunait a gràidh glé dhomhain, eadhon shios anns an talamh, anns an uaigh, ann an nàire, mallachd, ifrinn, agus fearg Dhé. Gidheadh, na ghràdh, tha e dèanamh a chlann thaghte uile nan righrean agus na ‘n prionnsachan do Dhia, agus rìoghaichidh iad maillle ris gu saoghal nan saoghal. Oh! uime sin nach mór na h-amadain iadsan leis nach àill a bhi na ‘n righrean agus na’ m prionnsachan.

Ach mo thruaigh, gur h-ann a tha ‘n saoghal a dèanamh connsachadh ri Criosd agus ris na tha ga leantuin. “Briseamaid o ‘chéile an cuibhreach, agus tilgeamaid dhinn an cuing.” ‘N uair a thainig Criosd gu cinneach nan Iudhach ghabh iad oilbheum ann. Tha mi a toirt dearbh-chinnt’ dhuibh gu bheil e fad air adhart nach faigh coir do Dhia; a tha smuainteachadh Chriosd eho maiseach agus eho gràdhach agus nach eil smal air, agus aig a bheil gràdh do Chriosd, eadhon ‘n uair a tha coltas air gur h-ann a tha Criosd ann am feirg ris.—Eadar-theangaichte le I. M.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice