“Na gabhaibh iongantas deth so; oir a ta ‘n uair a’ teachd, anns an cluinn iadsan uile a ta ‘sna h-uaghibh a ghuth-san: Agus théid iad a mach, iadsan a rinn maith, chum aiseirigh na beatha, agus iadsan a rinn ole, chum aiseirigh an damnaidh.”—Eoin v. 28, 29.
Tha na briatha sin ‘nan cuid de ‘n dion a ta ar Tighearn a’ dèanamh air a shon féin, ‘nuair a bha e air a gheur-leanmhuinn leis na h-Iudhaich air son an duine euslan a leigheas, agus òrduchadh dha a leaba a ghiùlan air falbh air an t-sàbaid; agus air son a chuis féin a sheasamh, ‘nuair a rinneadh casaid leò gu ‘n robh an là sin air a mhi-naomhachadh leis a’ ghniomh sin a dhèanamh. Air an àm so dhearbh e gu ‘m b’e féin chan e mhàin Tighearna na Sàbaid, ach mar an ceudna Tighearna beatha agus a’ bhàis; a’ foillseachadh, ann am briathraibh an teagaisg, gu’m bi aiseirigh nam marbh, air a toirt mu ‘n cuairt le chumhachdsan. Tha e toirt so a steach leis na briathraibh sin, mar le roimh-radh chudthromach, na gabhaibh iongantas deth so; sin ri ràdh, do ‘n teasgasg iongantach so tha mi cur an cèill; no biodh iongantas oirbh mise air am bheil coslas cho suarach ‘nur seallaibhse chluinntinn a’ labhairt mar so: oir a ta ‘n la a’ teachd, anns am bi na mairbh air an togail le m’ chumhachd-sa.
Thugaibh fainear anns an teasgasg so, (1.) Gu bheil teasgasg na h-aiseirigh air a chur an cèill mar ni cinnteach; “Cluinnidh iadsan uile a ta ‘sna h-uaighibh a ghuth-san; agus thig iad a mach.” Ath-bheothaichidh na cuirp mharbh, a ta air an dèanamh ‘nan duslach, agus dearbhaidh iad a bhi beò le cluinn-tinn agus le gluasad. (2.) Ughdar na h-aiseirigh, Iosa Crìosd, mac dhuine, rann 27. Cluinnidh na mairbh a ghuth-san, agus bithidh iad air an togail leis. (3) An t-àireamh a bhios air an togail; “Iadsan uile a ta ‘sna h-uaighibh.” ‘Se sin, uile chorp marbh dhaoine, ciod ‘sam bith mar a chuireadh sios iad, mar gu b’ ann ann an uaighibh fa leth; no na mairbh uile, maith no olc. Chan ‘eil iad uile air an adhlacadh ann an uaighibh no ann an àit-adhlaicidh; tha cuid air an losgadh gu mìn-luaitheadh, cuid air am bàthadh agus air an adhlacadh am broinn iasg, seadh, tha cuid air an itheadh suas le luchd-ithidh dhaoine, ris an abrar Canibalaich: Ach ciod ‘sam bith àite am faighear am brìgh no an stugh d’ an robh an corp air dhèanamh suas, as a sin thig iad a mach. (4.) An t-eadar-dhealachadh mór a bhios eadar na daoine diadhaidh agus na h-aingidh: Eiridh iad gu’n amharus a rìs le chéile, anns an aiseirigh; cha bhi aon de na daoine diadhaidh air chall, ged is maith a dh’ fheudta, nach robh adhlachadh aca, no ma bha, gu’n robh e glé shuarach; agus thig na h-aingidh uile a mach cha chum an tuama cloiche iad nì’s faide na bhios an guth a’ labhairt: Ach bithidh aig a’ cheud mhuinntir aiseirigh glòrmhor gu beatha, am feadh a bhios aig each aiseirigh uamhasach gu dìtheadh. ‘San àite mu dheireadh, An t-àm suidhichte air son a’ gnothuich mhòir so. Tha uair, no crìoch àraidh aimsir air òrduchadh le Dia air a shon. Chan ‘eil e air innseadh dhuinn e’uin a bhios an uair sin, ach gu bheil i teachd; a chum air a shon so, am measg reusana eile, gu’m bitheamaid a ghnàth ullamh.
Ann an labhairt o ‘n bhonn-teagaisg so, Nochdadh mi air tüs cinnteachd na h-aiseirigh. ‘San dara àite mu dheireadh, ni mi cleachdamh de’n iomlan.
1. Ann an nochdadh cinnteachd na h-aiseirigh.
Dearbhaidh mi, (1) Gur urrainn do Dhia na mairbh a thogail. Agus, (2), Gu’n dèan se e; na nithean a ta air an cuir sìos, mar bhonn argumaid le Chriosd féin, ‘nuair a bha e deasboireachd ris na Sadusaich, (Matt. xxii. 29), “Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, A ta sibh air seacharan gun eòlas agaibh air na sgriobtuiribh, no air cumhachd Dhé.”
Air tüs, Do bhrìgh gu bheil Dia Uile-chumhachdach, gu cinnteach is urrainn dhà na mairbh a thogail.
Tha comharraidhean againn air oibair chumhachdach so Dhé, araon anns an t-Seann Tiomnadh agus anns an Tiomnadh Nuadh. Bha mac bantraich Sharepta air a thogail o na mairbh, I Righ, xvii. 22, mac na ban-Sunamaich, II. Righ, iv. 35, agus an duine a thilgeadh ann an àit-adhlaicaidh Elisa, caib. xiii. 21. Anns am feud sinn air thabhairt do cheumaibh fa leth anns ni bu shoilleire na cheud aon, agus an treas aon ni bu choilleire na’n dara aon. Bha cheud neach dhiubh sin air a thogail air ball ‘nuair a fhuair e bàs; air do’n fhaidh Elisa a thog e bhi làthair aig a bhàs. An dara aon, an déidh dhà luidhe car uine; eadhon, am feadh a bha mhathair a’ siubhal o Shunem gu sliabh Charmeil, air a mheas mu’n cuairt do shé mile deug, gus an do phill i uaith sin d’a tigh le Elisa a thog e. Cha robh iad ‘ga adhlacadh, agus gus an robh an corp air a thilgeadh ann an uaigh an Fhaidh. Air an dòigh cheudna ‘san Tiomnadh Nuadh, bha nighean Iairuis, Marc, v. 41, agus Dorcas, Gníomh. ix. 40, araon air an togail gu beatha, goirid an déidh am bàs; mac bantraich Nain, ‘nuair a bha iad ga ghiùlan a mach chum adhlaicaidh, Luc, vii. 11, 15, agus Lasarus ‘nuair a bha e a lobhadh ann an uaigh, Eoin, xi. 39, 34.
An urrainn do dhaoine gloinneachan riomhach a dhèanamh á luaithre; luaithre a dhèanamh á lusan, an togail a rithist as an luaithre sin, ‘gan aiseag gu ‘n ceud mhaise; agus nach urrainn do’n Chruthhear mhór, a rinn na h-uile nithe de neo-ni, corp an duine thogail, an déidh dhà ruith ‘na dhuslaich? Ma dh’ fheoraichear, Cionnus a dh’ fheudas cuirp dhaoine bhi air an togail suas an déidh dhoibh bhi air an leaghadh gu h-ùir, agus an déidh dhoibh bhi iomadh ginealach bhi air an coimeasgadh le chéile. Bhoir Sgriobtuir agus chan e reusan am freagrath; do dhaoinibh a ta so eu-comasach, ach chan ‘eil e do Dhia. Is mi-reusanta do dhaoinibh bhi ag àicheadh gur urrainn Dia nì a dhèanamh, a chionn nach urrainn dhoibh-san fhaicinn cionnus a dh’ fheudas e bhi air a dhèanamh. Cia beag an earrann d’a shlighean air am bheil eòlas againn! Cia cho iomlan neo-chomasach a ta sinne air beachd soilleir a ghabhail air meud uile-chumhachd, agus gu mór nì’s neo-chomasaiche air tuigsinn an rathad air am bheil e ag oibreachadh, agus an t-òrdugh leis am bheil e dol air aghaidh! Chan ‘eil teagamh agam, nach ‘eil móran de dhaoine neo-fhòghluimte cho ana-creideach mu thimchioll iomadh nì anns an t-saoghal nàdurra, a tha daoine fòghluimte a’ faotainn a mach agus a’ tuigsinn, ‘sa tha cuid de dhaoine fòghluimte mu thimchioll fìrinn na h-aiseirigh: agus mar tha iadsan a’ fanoid air na daoine neo-fhoghluimte, mar sin ni an Tighearna fochaid orra-san.
Ri leantuin.