THA toillteanas a’ pheacaidh a’ dealradh a mach gu soilleir ann an crann-ceusaidh Chriosd o dhà nì:—1. O’n tì a dh’fhuilg air a shon. 2. O na fulangais a ghiùlain e.
- An tì a dh’fhuilg air a shon. Tha na Sgriobtuirean a’ cumail so a mach gu tric ann an rathad ro eomharaichte, agus a’ leagadh mòrain cudthruim air: Eoin, ii. 16, “Ghràdhaich Dia an saoghal mar sin, gu’n d’ thug e ‘aon-ghin Mhic féin.” B’e ‘aon-ghin Mhic féin a chuir Dia do ‘n t-saoghal a dh’ fhulang air son peacaidh, Rom. viii. 32. “Cha do chaomhain e a Mhac féin, ach thug se thairis e air ar son-ne uile.” ‘N uair a chitheamaid tràill air a smachdachadh, bha e r’a thuigsinn gu’n robh coire air a gnìomhachadh leis; gidheadh theagamh nach robh a dhroch-thoillteanas ro mhór. Tha brosnachadh nì’s mò r’a thuigsinn ann an smachdachadh mic; ach aon-ghin mic a bhi air a smachdachadh tha so a’ nochdadh a’ bhrosnachaidh a’s ro àirde. Chan fhasas rìamh am peacadh ‘na ghràineileachdibh peacaidh agus ‘na lànachdaibh brosnachaidh cho mór, as an uair a leagadh a chudthrom air guailnibh Mhic Dhé. Air do Dhia a Mhac féin, Mae a ghràidh, ‘aon-ghin Mic, a bha làn gràis agus
fírinn, a dhéanamh ‘na pheacadh air ar son, chuir e làmh ann, agus cha do chaomhainn se e chum a bhi ‘taisbeanadh a chorruiich an aghaidh peacaidh, agus mar an ceudna cho iomlan mi-chomasach as a tha e gu’m bitheadh am peacadh a’s lugha air a leigeadh seachad gun pheanas. Ma’s e ‘s gu bheil am peachadh air a chur as leth Mie a ghràidh féin, mar a bha, air bhi dhà-san àite nan eiontaich gu toileach a ghabhail: oir thubhairt e ris an Athair, “Feuch tha mi a’ teachd, chum do thoil a dhéanamh,” agus choinnich ar n-aingidheachdan uile air,—ma’s e as nach caomhainn se e anns a’ chuid a’s lugha d’a thoillteanas, nach ‘eil e anabarrach soilleir uaithe sin, eadhon a fhuil a’chroinn-cheusaidh, gu bheil droch thoillteanas a’ pheacaidh de leithid a’ nàduir, as gu bheil e gu h-iomlan mi-chomasach gu’n leigeadh Dia, eadhon am peacadh a’s lugha as gun pheanas? Nan déanadh se e air son neach air bith, bitheadh e déanta leis a thaobh ‘aon-ghin Mie féin; ach cha do chaomhainn se e.
Os bárr, chan ‘eil tlachd idir aig Dia, agus chan ‘eil e air dhòigh ‘sam bith iarratach air fuil, agus deuraibh, agus glaothaibh, agus àmhgharaibh, agus fulangasaibh do-labhairt Mie a ghràidh—oir chan ‘eil tlachd aige ann an àmhgharaibh neach air bith,—“cha chlaoidh e d’a dheòin, nì mò ehràidheas e clann nan daoine.” Tuir. iii. 33, agus nì’s ro lugha na sin Mac a bhroillich féin;—ach a mhain gu feumadh a lagh a bhi air a choimhlionadh, a cheartas a bhi air a riarachadh, agus a chorruiich ‘an aghaidh peacaidh air a dioladh; agus cha déanadh nì bu lugha na so an’gnothach. Nam b’ urrainn na fiachan a bhi air an iocadh le éire ni bu lugha, cha bhitheadh fuil do-labhairt luachmhor Chriosd gu bràth air a dòrtadh air an son. Ann an so, ma seadh, anam, gabh beachd air toillteannas a’ pheacaidh; far am feud thu fhaicinn ann an solus nì’s dealraiche na ann an uile bhagraidhibh agus mhallaichdaibh an lagha. “Shaoil leam, gu cinnteach,” feudaidh tu a ràdh, “gu’n robh am peacadh toillteannach air bàs, air bhi dhà air ‘thaotainn air enuimh bhochd mar a tha mise; ach cha do smuainich mi rìamh gu’m batheadh an toradh so aige, ‘n uair a fhuaireadh e air a leagadh air aon-ghin Mie Dhé.”
- Beachdaich mar an ceudna, na fulangais a ghiùlain e. Ged a bha e ‘na neach cho oirdheire, gidheadh, theagamh nach robh na fulangais a ghiùlain e ach eutrom, gu sònraichte air dhà a bhi cho cumhachdach air son an giùlan. Ciod air bith na fulangais a bh’ann, bha “dlùth—chompanach so Tighearna nan sluagh,” “leòmhan so tréibh Iudah,” “an Tì cumhachdach so,” “gliocas agus cumhachd so Dhé,” fo uamhunn agus anabarra bròin annta, ann an gleachdaibh agus ‘am fallus, a’ briseadh nan glaoth, agus a’ dòrtadh nan aslach, agus sin le h-àrd-éighich agus le deuraibh. Feudaidh an cràbhaiche Papanach a bhi ‘g ràdh gu bheil nì’s leòir anns a’ bhoinne a’s lugha de fluil Chriosd gu bhi ‘saoradh an t-saoghail gu léir; ach tha iad ann an seacharan, gun aithne aca air toilteanas a’ pheacaidh, no air géiread ceartais Dé. Cha deachaidh am boinne a’s lugha a dhòrtadh nach fheumadh a bhi air a dhìoladh, no am buille a’s lugha a leagadh nach fheumadh a bhi air a ghiùlan. Cha b’ann gun aobhar a bha Dia a’ lotadh aon-ghràidh ‘anama féin. Ach tha tuilleadh na so uile ann:—
B’i toil an Tighearna a bhruthadh; chuir e fo àmhghar e, rinn e’ anam ‘na iobairt-réitich, agus dhòirteadh a mach ‘anam gu bàs, Isa. liii. 5, 6. Dh’ fholach Dia e féin uaith, bha e am fad o bhriathraibh a bhùiridh, gus an do glaoth e mach, “Mo Dhia, mo Dhia, c’ar son a thréig thu mi?” Salm, xxii. 1. Rinneadh e ‘na pheacadh agus ‘na mhallachadh air ar son, II. Cor. v. 21; Gal. iii. 13; chuir e binn an lagh’ ‘an gnìomh air; thug se e gu bhi ann an cruaidh-ghleachd anama, ionnus gu’n robh ‘fhallus mar bhraonaibh mòra fola a’ tuiteam sios air an talamh, agus ‘anam ro bhrònech eadhon ga bàs. Bha esan a b’e cumhachd Dhé agus gliocas Dhé air cromadh sios fo chudthrom an uallaich, gus an robh aitreabh mhór na cruinne-cé gu léir air eriothmachadh ‘an glacaibh an uamhais. A nis, mar a dh’ ainmich sinn a cheana gu’n robh so a’ taisbeanadh feirge Dhé an aghaidh peacaidh, is amhuil sin a tha e gu soilleir a’ nochdadh toilteanas a’ pheacaidh. Ma’s àill leat, ma seadh, droch thoilteanas a’ pheacaidh ‘fhaicinn ann am firinn, amhaire air
anns an réite a rinn Criosd, gu sönruichte anns ‘a’ chrann-cheusaiddh. Thug e esan a b’e Mac Dhé, coimh-ionnan ri Dia, Dia os ceann nan uile, beannaichte gu siorruiddh, gu bhi ann an cruth seirbhisich, aig nach robh ionad anns an cuireadh e a cheann fodha. Lean se gu geur e ré a bheatha gu léir le àmhgharaibh agus geur-leanmhuinnibh; agus fa dheòigh thug e steach e fo shlait Dhé féin, gus an robh Tighearna na beatha air a bhriseadh, air a bhruthadh, agus air a mharbhadh. Uaith so, ma seadh, is o iomchuidh dhuinne doimhneachd an irioslach-aidh, do bhrigh esan a rinn sinn a lotadh, Sech. xii. 10. Is e so, ma seadh, an ceud sealladh spioradail ‘a tha againn air a’ pheacadh ann an Criosd.—Dr. Omhain.