CEANN III.
AN AISEIRIGH.
(Air a leantuinn bho t.-d. 276.)
“Na gabhaibh iongantas deth so; oir a ta ‘nuair a’ teachd, anns an cluinn iadsan uile a ta ‘sna h-uaighibh a ghuth-san: Agus theid iad a mach, iadsan a rinn maith, chum aiseirigh na beatha, agus iadsan a rinn ole, chum aiseirigh an damnaidh.”—Eoin v. 28, 29.
Nach bu mhór an diomhaireachd do na h-Innsianaich, gu’m b’ urrainn do mhuiintir na Roinn-Eorpa le mir de phaipéir, comhradh re chéile, aig astar cheudna mle o chéile! Agus eia mò gu mór a bha dh’ iongantas orra a bhi g’am faicinn le’n gunnachan, a’ dèanamh mar gu’m bu tairneanach agus tein-aidheir ann air tiota, agus mar a b’ail leo a’ marbhadh dhaoine fada uatha? An dèan euid de dhaoine nithean mar so a ta nan iongantais an suilbh dhaoine eile, a chionn nach urrainn doibh an tuigsinn? Agus an dèan daoine cumhachd neo-chrìochnach Dhé a chumadh ri an comasan crìochnaichte féin, ann an gnothuch nach ‘eil ainhidhean a’ toirt fainear na gniomharan reùs ain a ta ‘g oibreachadh ann nn daoinibh; agus chan ‘eil aig daoine ach breathnachadh lag mu chumhachd aingle: Cia ialal agus neo-foirfe am beachd air an aobhar sin, is éiginn a bhi aig nàdur crìochnaichte air a’ chumhachd sin, a ta neo-chrìochnaichte! Ged nach urrain duinn tuigsinn cionnus a ta Dia ag oibreachadh, gidheadh bu chòir dhuinn a chreidsinn gur urrain da’ dèanamh os ceann na’s urrainn dhuinn a smuaineachadh no breithneachadh.
Uime sin, biodh cuirp dhaoine air an càradh ‘san uàigh; lothadh iad an sin, agus biodh iad air an eaitheadh as gus na smuirneanan a’s lugha; no biodh iad air an losgadh, agus an luathre air a tilgeadh ‘s na h-aimhnichibh, no air a thilgeadh suas ‘san aidhear, gu bhi air a sgaolleadh leis a’ ghaoith; biodh duslach mhlitean ginealach air an coimeasgadh, agus deatach nan corpa marbh air a h-iomain thuig agus naith ‘san aidhear; iteadh eoin no beathaiche fiathaich na cuirp mharbh, no sluigeadh eisg na mara suas iad, air chor as gu’n toid miora de chuirp dhaoine a ta mar so air an gearradh as, gu bhi ‘nam pùirt de eunlait, de bheathaichibh no de iasgaibh; no nì a’s mò na sin, slugadh luchd-itheadh dhaoine, d’ an éiginn bàsachadh agus éirigh a ris; agus an sin cuireadh ar Sadusaich ‘s na làithean so a’ cheist anns na nithibh sin, anns an do chuir na Sadusaich a shean i, ann an cùis na mna bha pòsda air seachdnar fhear an déidh a chéile (Mat. xxii. 28). Freagraidh sinn mar a rinn ar Tighearna agus Slannuighear, rann 29—A ta sibh air seacharan, gun eòlas agaibh air na sgrìobtuiribh, no air cumhachd Dhé. Tha sinn a creidsinn gu bheil Dia uile-fhìsraich, agus uile-chumachdach; neo-chrionaich ann an eòlas agus ann an cumhachd; agus uaithe sin, a réir soluis reusain féin, tha sinn a’ dearbhadh so-dhèantachd na h-aiseirigh, eadhon anns na nithibh, a thug sinn fainear.
Foudar cruth agus dealbh nithe corporra atharrachadh, agus an eur as a chéile air chor as gu’n toirear air an ais iad gu ‘n ceud ghnè; ach chan ‘eil iad air an eaitheamh as gu h-iomlan, no air an toirt gu neonidheachd ‘s cha mhò is urrain doibh, le cumhachd cruthaichte ‘sam bith. Tha Dia uile-fhiosrach, tha a thugse neo-chrìochnaich; uime sin is aithne dhà na h-uile nithean ciod a bha iad aig àm ‘sam bith, ciod a ta iad, agus c’ait’ am faighear iad. Ged nach faigh am tuathanach, a thig gu bùth an léigh, a mach a’ chungaidd-leighis a ta e ag iarraidh; gidheadh is aithne do’n léighiche féin ciod a th’ aige ‘na bhùth, cia as a thàinig e, agus c’ait’ am faighear e. Agus, am measg iomadh seòrsa sil, is urrainn do’n gharadair eòlach eader-dhealachadh a chur eader siol agus siol: cia uime, air an aobhar sin, nach feud uile-fhiosrach eader-dhealachadh a chur eader duslach agus duslach? Am feud Esan, aig am bheil iomlaineachd eòlais air gach uile nithibh a bhi buailteach do mhearachd ‘sam bith mu chreutairith féin? Có air bith a chreideas ann an tuigse neo-chrìochnaich, is éiginn dà aideachadh, nach feud torr duslaich a bhi cho mór air a choimeasgadh, is nach ‘eil Dia gu h-iomlan a tuigsinn, agus gu neo-mhearachdach ag aithneachd cionnus a chuirear an smuirnean a’s lugha agus gach aon diubh r’a chéile. Agus uime sin, is aithne dhà far am bheil miora gach aon chorp marbh; có dhiubh is ann ‘san talamh, ‘san fhairge, no ‘san aidhear, ciod air bith an troimh a chéile ‘sam bheil iad ‘san luidhe. Agus gu h-àraidh is aithne dhà c’ait’ am faighear ceud bhrigh an fhir-ithidh dhaoine; ciod ‘sam bith near a leagh e as, no mar a ta e air atharrachadh mar gu b’ ann gu gaoith no ceò, le fallas no le braona fallais; agus cionnus a dhealaichear miora a’ chuirp a bha air iteadh o chorp an fhir-ithidh, ciod ‘sam bith mar a chuireadh r’a chéile iad no air an dèanamh ‘nan aon chord leis; agus mar sin a’ tuigsinn chan e cionnus, ach cia uaithe a bheir e air ais ceud bhrigh an fhir-ithidh gu cheart staid féin agus mar an ceudna (‘s aithne dhà) ciod mar a dhealaicheas e o chorp an fhir-ithidh dhaoine, an earrann sin de’ n chorp a shlui geadh leis a ta dol gu bhrigh féin, agus nach ‘eil da rireadh ach ‘na earrann bheag dheth. Is nì cinnteach gu bheil cuirp dhaoine, mor chuirp gach ainmhidh no creutair beò eile, ann an staid gnàth-atharrachaidh; tha iad a’ fàs, agus air an cumail suas le lòn laitheil, d’ am bheil earrann cho beag ‘na bheathachadh as gu bheil a’ chuid a’s mò air a chur a mach a ris. Agus that e air a mheas gu bheil air a’ chuid a’s lugha, urrad de’n lòn air dol a mach ann am follas, ‘s a dol a mach gu faicsinneach air rathad ‘sam bith eile. Seadh, that cuid sin de’n lòn a ta beathachadh, ‘nuair a ta e air choimeasga, agus leis a sin a’ fàs ‘na chuid de’n chorp, air a chaitheadh air falbh le fallas a’ dol tre mhin-thuill a’ chreicinn agus a ris air a’ chumail suas le gnàthachadh an lòin; gidheadh ‘s e an corp do gnàth an aon chorp a bha e.
Uaith so feudaidd sinn fhaicinn, nach ‘eil feum, ann an aiseirigh a’ chuirp, gu’m biodh na h-uile smuirnein, a bha aig àm ‘sam bith ‘na earrann de chorp an duine, air aiseag a ris d’a ionnsuidh, ‘nuair tha e air a thogail o bhàs gr’ beatha. Nam biodh e mar sin, dh’ fhàsadh cuirp dhaoine gu meud cho mór, as nach biodh iad idir cosmhuil ri’m pearsa. Is leòir gu’m bi’n corp a thogail a ris; ma bhios an corp a ta air a thogail, air a chumadh anns a’ cheud mheudachd de’n cheart duslach, d’an robh e a dhèanamh suas aig àm ‘sam bith roimhe, ciod ‘sam bith cho finealta ‘sa bhitheas e; cosmuil, ris mar a mheasas sinn gur e’ cheart chorp a bha seargadh as le tinneas fada, a ta ris a fàs reamhar agus maiseach an déidh leighis.
A nis, ris an tuigse neo-chriðechnaichla so, ceangail eumhachd neo-chriðechnach, leis am bheil e comasach air na h-uile nithibh a chur fuidhe féin, agus chithear an obair ghloirmhor mhór so ro reusanta. Ma gheibh Uile-fhiòsrachd a mach na h-uile smuirnein beag de dhuslach, far am bheil e; agus cionnus a chuirear ri chéile e: nach urrainn Uile-chumhachd an toirt, agus an cuir ri chéile ‘nan òrdugh féin? An urrainn fear dèanamh an uaireadair miora fa leth an uaireadair a thosgail, a ta ‘nan luidhe ann am meall troimh chéile ma choinneamh, agus gach mír a chur ‘na cheart àite féin; agus nach urrainn do Dhia corp an duine chur an òrdugh, an déidh dhà bhi air a chur as a chéile? An do labhair e an saoghal so gu bith o neo ni; agus nach urrainn dhà corp an duine a dhealbh a mach as a’ cheud bhrigh. Ma ghaimeas e na nithe nach ‘eil mar gu biodh iad ann; gu ciunteach is urrainn dà na nithean a ta air ann eur as a chéile a ghairn gu bhi mar a bha iad mu’n robh an earrann ann agus an ceud bhrigh air an eur as a chéile. Uime sin, is urrainn do Dhia na mairbh a thosgail. Agus, “C’ar son a mheasar leibhse mar nì do-chreidsinn, gu’n duisgeadh Dia na mairbh?” (Ghniomh. xxvi. 8).
(Rì leantuin.)