CEANN III.
AN AISEIRIGH.
(Air a leantuinm bho t.-d., 352.)
“Na gabhaibh iongantas deth so; oir a ta ‘nuair a’ teachd, anns an
cluinn iadsan uile a ta ‘sna h-uighibh a ghuth-san: Agus théid iad
a mach, iadsan a rinn maith, chum aiseirigh na beatha, agus
iadsan a rinn olc, chum aiseirigh an damnaidh.”—EORN v. 28, 29.
Chan fheud na mairbh fùireach na’s fhaide ‘nan uaighibh, ach
is éiginn doibh an cead a ghabhail gu siorruidh d’ an dachaidh
fhada! Cluinnidh iad a ghuth, agus is éiginn doibh teachd a
mach a dh’fhaotainn am binne deireannaich!
A nis mar a tha eadar-dhealachadh mór eadar na naomh agus
na h-aingidh ‘nam beatha gus ‘nam bàs: mar sin bithidh mar
an ceudna ‘nan aiseirigh. Bithidh na daoine diadhaidh air an
togail a mach as an uaighibh tre eifeachd Spioraid Chriosd, bann
bheannaichte an aonaidh ris, Rom. viii. 11. “An ti a thog Criosd o na marbhaibh, beòthaichidh e mar an ceudna bhur cuirp bhàsmhor-sa, tre a Spiorad-san a ta chòmhnuidh annaibh.” Dh’éirich Iosa Criosd o na marbhaibh, mar cheud thoradh na muinn-tir a choidil, I Cor. xv. 20. Mar sin iadsan as le Criosd aig a theachd, rann 23. Air do ‘n Cheann dhìomhair faotainn os ceann uisgeachan a’ bhàis, chan fheud e gun na buill a thoirt a mach le aoibhneas do-labhairt; oir an sin bithidh an earrann sin de’n Scriobtur, aig an robh air tùs sùil ri braighdeanas Bhabíoin, gu h-iomlan air a choimhlionadh ‘na sheadh farsuinn spioradail, Isa. xxvi. 19. “Dùisgibh agus seinnibh, sibhse tha chòmhnuidh anns an duslaich!” Mar bhean-bainnse, air a h-uidheam air son a fir, a théid a mach as a seòmar-coidil chum a’ phòsachadhaidh; mar sin théid no naoimh a mach as an uaighibh, gu suipeir bainnse an Uain. Bha dol a mach aoibhneach aig Joseph as a’ phriosan; aig Daniel á garaidh nan leòmhaan, agus aig Ionah á broinn na muice-mara: Gidheadh chan ‘eil annta sin ach samhluachaidhean fann air dol a mach nan naomh as an uaigh aig an aiseirigh. An sin seinnidh iad laoidh Mhaois agus an Uain, leis an luathghair as mò, air do’n bhàs a bhi air a shlugadh suas le buaidh! Sheinn iad air uairibh am feadh a bha iad ‘s a’ bheatha so, le creidimh, an laoidh bhuaadhach os ceann a’ bhàis agus na h-uaighe, “O bhàis! e’ àit’ am bheil do ghath? O uaigh! e’ àit am bheil do bhuaidh?” I. Cor. xv. 55. ach ‘nuair a sheinneas iad an laoidh cheudna o shealladh agus a fhaireachdain, bithidh a’ chuideachd dhubh a dh’ amharusan agus a chuir doilghios air an inntinn, gu bràth air an cur a thaobh.
Nach feud sinn smuaineachadh gu’m bi anam agus corp gach naoimh, mar ann an glacaibh a chéile, a’ ðèanamh gairdeachais ann a chéile agus air an àrdachadh le buaidh ‘nan coinneachadh-san a ris? Agus nach feud aon smuaineachadh gu ‘n labhair an corp ris an anam mar so? O m’ anam! an d’fhuair sinn le chéile ris, an déidh dealachaidh cho fhada? An d’ thàinig thu air t’ ais do d’ sheann àite-còmhnuidh, gun dol air falbh gu bràth tuilleadh? O a chòdhail aoibhneach! cia neo-chosmhuil ‘sa ta ar staid an coimeas ris mar bha i ‘nuair a rinneadh dealachadh eadaruinn leis a’ bhàs? A nis tha ar bròn air a thionndadh gu h-aoibhneas! Tha ‘n solus agus an t-aoibhneas a bha uair-eigin air a chur mar phòr, a nis air fàs suas; agus tha fàs buan ann an tir Imanueil! Beannaichte gu ‘n robh an la ‘san robh mi air mo cheangal riutsa, d’ am b’ àrd chùram Criosd fhaotainn annainn dòchas na glòire, agus mise dhèanamh am theampull d’ a Spiorad Naomh. O anam bheannaichte! a rinn ann an àm ar cuairte, do shùil a chumail air an tir a bha aig an uair sinfad as, ach a ta nis dlùth do làimh; thug thu suas mi gu ionadaibh uaigneach, agus thug thu orm an sin na glùine so a lùbadh an làthair an Tighearn, a chum gu ‘n giùlaininn pàirt ann ar n-irioslaichadh ‘na làthair; agus is e nis an t-àm iomchuidh, agus tha mi air mo thogail suas. Ghnàthaich thu an teanga so ann an aidmheil, athchuinge, agus breith-buidheachais; a bhiteas a so a mach air a gnàthachadh ann am moladh gu siorruidh! Thug thu air na sùilibh so, na sùilibh so bha deurach air uairibh, a bhi eur siol nan deòir sin, a ta nis a’ fàs suas ann an aoibhneas air nach tig crìoch gu bràth! Bha mi gu sona air mo bhualadh sìos leat, agus air mo chumail ìosal, ‘nuair a bha dream eile a’ toileachadh na feòla, agus a’ dèanamh an dia d’ am brionn, chum an sgrios féin; agus a nis tha mi ag éirigh gu glòrmhor, a ghabhail m’ àite an ionada-còmhuidh na glòire, ‘nuair tha iadsan air an tarruing a mach as an uaighibh gu bhi air an tilgeadh chum nan lasraichean teinnteach! A nis m’ anam cha ghearain thu tuilleadh air corp tinn agus cràiteach; cha bhi thu tuilleadh air ra thromachadh le feòil lag agus sgìth: cumaidh mi nis ceum riut ann am moladh ar Dé gu bràth tuilleadh? Agus nach feud an t-anam a ràdh. “O là sona, anns am bheil mi pilleadh a ghabhail còmhuidh sa’ chorp bheannaichte sin, a bha, agus a ta, agus a bhiteas gu bràth, ‘na bhall do Chriosd, ‘na theampull do’n Spiorad Naomh! A nis bithidh mi gu siorruidh ceangailte riut! Cha bhi an còrd airgid air fhuasgladh tuilleadh gu bràth; cha dèan bàs tuille dealachadh eile eadaruinn. Eirich uime sin, a chuirp, agus thig air falbh; agus biodh na sùilean sin, a rinn gul os ceann mo pheacanna, a nis ag amharc, le h-aobhneas air aghaidh ar Fir-saoraidh ghlormhoir! Feuch, a ‘s e so ar Dia, agus dh’ fheith sinn ris! Thigeadh na cluasan, a dh’ éisd ri briathraibh na beatha, anns an teampull shios, agus cluinneadh iad a nis na h-alleluia anns an teampull shuas. Gabhadh na cosan sin, a ghiúlain mise do choimhthional nan naomh air thalamh, an àite am measg na muinntir a ta ‘nan seasamh a làthair. Agus ceangladh an teanga sin a dh’ aidich Criosd am fianuis dhaoine, agus le ‘m bu ghnàth a bhi labhairet ni-eigin chum a mholaidh i féin ri ceol an tighe as àirde ‘na mholadh gu bràth. Cha traig thu tuilleadh, ach cumaidh tu féisd shiorruidh: cha ghuil thu tuilleadh, ‘s cha mhò bhios nèul dorcha air do ghnùis; ach dealraidh tu gu bràth mar reult anns an eathar! Ghabh sinn pairt le chéile ‘sa’ chath, thig a nis rachamaid le chéile a shealbhachadh agus a chaitheadh a’ chrùin.”
Ach air an làmh eile, togar na h-aingidh suas le cumhachd Chriosd, mar Bhreitheamh ceart a bheir dioghaltas air a naimhdibh! Bheir dearbh-chumhachd Dhé a dhruid suas an anama ann an ifrinn, agus a ghleidh an cuirp ann an uaigh, mar ann am priosan, a mach iad, chum gu faigheadh an t-anam agus an corp le chéile a’ bhinn uamhasach an damnaidh shiorruidh, agus gu’m bitheadh iad le chéile air an druideadh suas ann am priosan ifrinn! Thig iad a mach as an uaighibh le h-uamhas do-labhairt agus le mór amhluadh! Bithidh iad air an tarruing mar chiontaich fo bhinn bàis a mach as a’ phriosan, gu bhi air an cur gu dìth, a’ glaothaich ris na sleibhtibh agus ris na creagaibh tuiteam orra, agus am folach o aghaidh an Uain! B’ eagalaich an éigh bha ‘san Eiphit, air an oidhche sin ‘san deachaidh an t-aingeal sgriosach troimpe, agus ‘san do mharbh e an ceud-ghin! B’ uamhasach na h-iolaich a bha ‘nuair a dh’ fhosgail an talamh a bheul, agus a shluig e suas Datan agus Abiram, agus gach uile buineadh dhoibh! Ciod an éigheach a bhios an sin ann, an uair, aig fuaim na trompaid deireannaich, a dh’ fhosglas an talamh agus an fhaigh am beòil, agus a thilgeas iad a mach asda an saoghal aingidh uile, ‘gan toirt suas do ‘n Bhreitheamh uamhasach!
Cia mar a dh’ éigheas, a bheucas agus a reubas iad iad féin! Cia mar ghuileas agus mar chaoideas, mar d’ a chéile, na companaich a bha aon uair subhaich! Cia mar a bhios an talamh air a lionadh le ‘n screadail agus le ‘n tuiridhean brónach, am feadh a ta iad air an spionadh a mach mar chaoraich air son a’ mharbhaidh! Bithidh iadsan a bha, am feadh a bha iad beò ‘san t-saoghail, ‘nan geocach mi-naomha, ‘nan daoine saoghailte sanntach, no ‘nan ealgairean riaghailteach, an sin, ann an cràdh intinn, a’ fàsgadh an làmh, a’ beucach a mach an gearain, agus a’ gairm dhiubh féin brùidean, amadain, agus daoine euthaich, a chionn gu ‘n robh iad cho mi-chiallach anns a’ bheatha so, agus nach do chreid iad na nithe a ta iad an sin a’ faicinn. Bha iad air am fuadachadh air falbh ‘nan aingidheachd aig a’ bhàs, agus a nis tha ‘m peacanna uile aig éiridh maille riu, agus cosmhuil ri nathraichean, tha iad ‘gan toinneadh féin mu ‘n cuairt d’an anamaibh truagh, agus mu ‘n cuairt d’ an cuirp mar an ceudna, aig am bheil a nis coinneach eagallaich, an déidh dealachaidh cho fhada!
An sinn feudaidh sinn a shaol sinn gu’n labhair an corp truagh ris an anam air an doigh so, “An d’ fhuair thu ris mi O mo nàmhaid, mo nàmhaid as miosa! anam bhuirb, na’s an-iodhdmhoire gu mór na mile de fhiadh-bheathaichibh! Malluichte bitheadh an là ‘san do choinnich sinn riamh! O nach do mhair mi am measg gun bheatha a’ lothadh ann am broinn mo mhàthar; agus nach robh mi gun tuigse, gun bheatha, no gun ghluasad fhaotainn riamh! O nach robh mi am chorpa do losgainn no nathair mu ‘n robh mi am chorpa dhuitse; oir an sin luidhinn sàmhach, agus chan fhaicinn an là uamhasach so! Na’m b’ éigin domh a bhi agadsa, O nach ann a bha mi am asail, no am mhadadh dhuit, mu ‘n robh mi am chorpa dhuit: oir an sin ghabhadh tu tuilleadh a dh’fhìor-churam dhiom na rinn thu! O caoimhneas an-iodhdmhor! on do chuairtich thu mar so gu bàs mi, an d’ àraich thu mar so chum a’ mharbhaidh mi? An e so toradh do chaomhalachd dhomh? An e so na bhuaighneas mi do d’ shaothair agus do d’ churam mu ‘m thimehioll? Ciod am feum a ta nis ann an saoibhreas agus toilintinn, ‘nuair a tha ‘n cunntas eagallach so air teachd, mu ‘n robh rabhadh iomchuidh air a thoirt duit! O uaigh an iochdmhor, e’ arson nach do dhruid thu do bheul gu bràth orm; e’ arson nach do chum thu greim teann do d’ phriosanach; e’ arson a chrath thu mach mi, ‘nuair a bha mi am luidhe sàmhach, agus a bha mi aig fois! Anam mhalluichte! e’ arson nach d’ fhuirich thu ann ad àite, air t’ fhilleadh suas ann an lasraichibh teine! C’ arson a thàinig thu air t’ ais g’am thabhairt-sa sios mar an ceudna do gheimhlichibh an t-sluic? Rinn thu mi am arm neo-fhìreantachd, agus a nis is éiginn domh bhi air mo thilgeadh do ‘n teine! Bha ‘n teanga so air a gnàthachadh, mionnachadh, ann am breugan, an cul-chàineadh, agus ann an uaill, agus a nis chan fheud i urrad agus boinne de uisge fhaotainn gu a fionnarachadh ‘s na lasraichibh; Chum thu mo chluasan o éisdeachd nan searmoinean a thug rabhadh mu ‘n là so; fhuair thu sligheannan agus rathaide gu ‘n cumail o fheitheamh air earailean, comhairlean, agus achnhasain thrathail; ach e’ arson nach do chum thu iad o éisdeachd na trompaid uamhasaich so? C’ arson nach ‘eil thu nis ag itealaich air falbh air sgiathaibh nan ana-mianna, mar gu b’ ann, ‘gam thoir am braighdeanas, leis na nithibh oillteil sin, mar bu ghnàth leat dhèanamh, ‘nuair a shuidh mi aig searmoinean, aig òrduighean, aig ùrnuighean, agus aig comhnadair dhiadhaidh; chum gu biodh a nis agam cho beag mothachaidh air an dara aon, as a bha roimhe agam air an aon eile? Ach, ah, is éiginn domh bhi losgadh gu siorruidh, air son do ghràidh do t’ana-miannaibh, do d’ mhi-naomhachd, do d’ fheòlmoireachd, do d’ ana-creidimh agus do d’ chealgaireachd.”
Ach nach feud an t-anam freagairt “A chloasaich thruaigh agus ghràineil, am bheil mi nis air m’ iomain air m’ ais a d’ ionnsuidh! O nach ann a bha thu ad luidhe gu bràth a’ lothadh ann ad uaigh! Nach robh pian gu leòr agam roimhe? An éigin domh a bhi air mo cheangal riut a rìs, chum air dhuinn a bhi air ceangal r’a chéile mar dhà mhaide thioram air son an teine, gu ‘m bi fearg Dhé ‘gar losgadh suas na’s deine? Is ann le cùram air do shonsa, a chaill mise mi féin. B’ e do dhruim agus do bhrù, agus sàsuchadh do mhianna a sgrios mi! Cia trie a bha mi air mo ribeadh le d’ chlusan; cia tric a bha mi air mo bhrath le d’ shùilean? B’ ann gu thusa chaomhnadh, a dhi-chuimhnic mi cothroma gu m’ shith a dhèanamh ri Dia, a chaith mi Sàbaide ann an leisg, a chaith mi mo bheatha ann an di-chuimh’ air ùrnuigh, a chaidh mi mo thigh an t-sùgraidh, roimh thigh a’ bhròin; agus gu ‘n do roghnaich mi Crìosd àicheadh, agus gu ‘n do thréig mi aobhar agus obair ‘san t-saoghal; agus mar sin tha mi air tuiteam am iobairt do d’ fhìos mhalluichte-sa. An uair aig àm ‘sam bith a thòisich mo choguis air dùsgadh, agus a bha mi ‘gam shuidheachadh féin gu smuaineachadh air mo pheacanna, agus air an truaighe a mhothaich mi o na dhealaich sinn r’a chéile agus a ta sinn a nis a’ mothachadh; is tusa thug a thaobh mi o na smuaintibh sin, agus a tharruing air falbh mi a dh’ ulluchadh lòin air do shonsa, O fheoil thruaigh! Le d’ chùird shioda do ana-mianna feòlmhor bha mise air mo tharruing gu sgrios, thar bròin mo sholuis agus mo choguis; ach a nis tha iad air an atharrachadh gu cuibhrichean iaruinn, le ‘m bheil mise gu bhi air mo chumail fuidh fheirg gu bràth! O buannachd thruagh! O toilinntinn mhalluichte air son an éiginn domh luidhe gu bràth ann an dorchadas iomallach!” Ach cha dèan gearainean feum an sin. “O gu’m biodh daoine glic, gu ‘n tuigeadh iad so, gu’n tugadh iad fàinear an crìoch dheireannach?” Do thaobh na buaidhean leis am bheil cuirp nan naomh ri bhi air an dèanamh suas aig an aiseirigh, tha ‘n t-Abstol ag innseadh dhuinn, gu ‘m bi iad air an togail neo-thruaillidh, glòirmhor, eumhachdach, agus spioradail, I.Cor. xv. 42-44. “Cuirear ann an truaillidheachd e, togar ann an neo-thruaillidheachd e. Cuirear e ann an eas-urram, togar ann an glòir e. Cuirear e ‘ na chorpa nàdurra,, éirigh e ‘na chorpa spioradail.”
Air tùs, Bithidh cuirp nan naomh air an togail neo-thruaillidh. Tha iad a nis, mar chuirp muinntir eile, ‘nam meall de thruaillidheachd, lân de shìol eu-gail agus bàis; agus an uair a tha iad marbh, tha iad a’ fàs cho mi-thaitneach, eadhon d’ an càirdean as dìlse, ‘s gur éiginn dhoibh a bhi air an adhlaeadh as an sealladh ann an uaigh, an sin gu lobhadh agus gu bhi air an caitheadh as; seadh, tha eug-euchdan gràineil agus euslaintean a’ dàanamh cuid dhiubh mi-dhreachail, eadhon an uair a tha iad beò. Ach aig an aiseirigh fàgaidh iad siol an truaillidheachd ‘nan reidh anns an uaigh, agus éiridh iad neo-thruaillidh, neo-chomsach air tinneas, air galar no air eu-slainte as lugha ghabhail, no bàsachadh na’s mò. Sguiridh ainneartan o’n taobh a mach agus aobhar pèin o ‘n taobh a steach gu bràth tuille; cha mhothuich iad na’s mò e: seadh, bithidh òige shiorruidh agus neart aca, air dhoibh gun a bhi na’s mò buailteach do ‘n laigse thug aois orra ‘s a’ bheatha so.
Ri leantuin.