A chuireadh ri chéile le Domhnull Duff is e ‘smuaineachadh air àit-adhlaic ‘san robh cuid d’a chàirdean ‘nan laighe.
I.
Is mór tha thoradh na tuiteam fo na leacan mu’n cuairt;
‘S ann air a’ chladh aig Dunlichitidh tha mi ‘g amharc ‘san uair.
Gu’n do dh’ innseadh do dh’ Adhamh, le àrd-righ nan sluagh,
Thàinig thusa bho’n duslach is gu dus theid gu luath.
Gu bheil bochdain is beartaich anns na leapaichean fuar,
Daoine treun’ agus gaisgich fo smachd anns an ùir.
Ach, ‘se aobhar an acain na’m bu léir dhuiinn ar truaigh,
Gur toradh a’ pheacaidh chuir fo na leacan an sluagh.
Is iomadh trioblaid th’ air sgaoileadh air feadh an t’saoghail
mu’n cuairt,
‘S gu bheil leithsguel ri ‘fhaotainn, air son gach aon measg
an t-sluagh.
Ach gu’n dh’ innseadh le Pòl dhuinn is e air a sheòladh bho shuas,
Gur e’ m bàs duais a’ pheacaidh, a reir ceartais gach uair.
Is gu bheil trioblaidean cràiteach aig fior chàirdean an Uain
Bho na galairean gràineil tha ghnàth dhoibh an dual.
Corp peacaidh is bàs tha ‘gan sàrach gach uair,
Nì nach aithne do’n t-saoghail, is nach fhaod iad riu luaidh.
Is fear eile do’n àbhaist bhi sàrach an t-sluagh,
Leis an toil bhi fag orra cuir eagair ‘nan cluas;
Na’m biodh iadsan de’n àireamh tha ann am fàbhair an Uain,
Nach biodh cuisean mar tha iad ‘nan aobhar nàire gach uair.
Bha cuid d’ar càirdibh bha dileas anns an tìr so mu’n cuairt,
Bha cuid rinn gràs dhiubh ro fhìnealt anns an linn, chaidh
thoirt bhuainn.
Chunnaic mise le’m shùilean, is dh’ fhàg e ciùirt mi ‘san uair,
Maighistir Archie,* mo ghràidh, ‘ga chuir ‘san àite ‘san uagh.
B’e sud fear teasgasg na firinn bha dileas do’n t-sluagh;
Cha robh bàigh ann ri beartaich ach mar ri bochdain an t-sluagh.
Bhiodh an cealgair ‘ga rusgadh anns gach cuil mar bu dual;
Is gheibheadh bochdainn a’ chùmhnaint manna ùr tighinn a nuas.
*Reference is here made to the late Rev. Archibald Cook, Daviot.
Is ged is mór tha ri ‘fhaicinn measg nam peacach gach uair
De fhiar nàdur a’ pheacaidh, is gach ole a thàinig bhuaith,
Is ann tha ‘n t-ole sin ri leughadh an crann-ceusaidh an Uain,
Ged tha sinn gun léirsinn, mo chreach! léir sinn fo bhruais.
Ach mór bheannaicht’ gu siorruidh an gaol gun chrìoch is gun tùs,
Dh’fhosgail slighe cho àluinn gu thighinn bhàn oirinn le truas.
Is gheibhear toradh a làn ghaol sin measg gach aon a gheibh
bhuath;
Air an déanamh geal is dìleas le fuil rioghail an Uain.
‘Se sud an fhuil tha priseal, mar chaidh innseadh bho thùs,
Do na mheud ‘sa gheibh fasgadh bho cheartas do-lubte;
Mar chomharrach an t-àrd-righ tre an t-samhladh bha aig Maois:
Fuil an Uain air am postaibh a’ bhi ‘na fasgadh bho’n bhàs.
O, nach ro phrìseil an tobar a dh’ fhosgadh le a ghràs,
Tre’m bheil an gaol bh’ ann an Criosd do na mheud ‘sa gheibh
slàinte,
Air a thomhas le piantaibh, tre’n d ‘thug e dioladh ‘nan àite
Do chlaideamh ceartas na diadhachd air an t-sliabh anns a’
ghàradh.
O, m’ anam na dichuimhneich bhi fo fhiachaibh do’n gràdh
D’an do chost e cho daor chum thusa a shaoradh bho’n bhàs;
Is iarr Spiorad na naomhachd chum t-aonadh gun dàil
Ri pearsa an Fhir-shaoraidh; ‘s am bheil an gaol so a thamh.
Is ma bhios an t-aonadh sin fallainn ann am bannaibh a ghràidh,
Cha bhi thusa ‘nad chrionach ann am fion-lìos nan gràs.
Bithidh do ffreumhan a’ sgaoileadh ri taobh nan uisgeachan
sèimh,
Is bithidh do dhuilleach ‘ghnàth uaine g’e bi snuadh bhios air
càch.
Is leis an éididh as maisiche ‘san do sheas neach a riamh,
Bithidh gach lomnochd air ‘fholach th’ ann do phearsa agus
gniomh;
‘S ann measg aoidhean a phòsaidh bheir e còir dhuit suidh sìos
Ann an comunn t’fìr-posda, is bithidh do bhròn aig a crìoch.
Ach meud do shonais cha tuig thu gus an ruig thu an t-ait’,
Ach a’ blasd air tre chreidimh; ‘se sin do shochair an dràsd;
‘S a’ bhi beò air a ghealladh tre chomunn a ghràis,
Gus am faic thu an glòir e thall bho Iordan a’ bhàis.
‘S a’ mhiaunn a ghin e ‘nad anam an là a dh’ inntrig a ghràs
Bhi air ‘fhaotainn ‘na iomhaigh, bithidh e riarachte gu làn,
Is ag amhaire air a ghloir-san bithidh do shòlas a’ fàs
Tre linntean na siorruidheachd ‘s cha tig crìoch air gu bràth.
De chàirdean do ghaoil-sa dhe’n bha ‘san t-saoghal gu léir
Gus na dhealaich am bàs sibh ann am fàsach nan deur.
Chi thu an sin iad gu sgiamhach ann an iomhaigh Mhie Dhé,
‘S bith ‘nan comunn gu siorruidh is cha chuir bàs sibh tuille bho
chòmhla.