LE UILLEAM GURNALL.
THA’N toradh os-ceann nàduir a tha na sgriobtuirean a toirt
a mach, a nochdadh gu’r ann bho Dhia a tha iad. Chan
urrain nì ‘sam bith toradh a thoirt a mach a tha na’s àirde na
e féin; uime sin, ma gheibh sinn gu bheil na sgriobtuirean a
toirt a mach toraidh a tha os ceann cumhachd creutair, bithidh
e soilleir gu bheil na sgriobtuirean os ceann nàduir—chan e
focal creutair ach focal Dhé fhéin. An nì a tha’n Salmadair
ag radh mu’n tàirneanach, an guth labhar sin bho na neoil,
faodaidh sinn a chàradh ri guth Dhé a labhairt bho nèamh anns
*Laurels.
na sgriobtuirean; is e guth cumhachdach a th’ann, agus lán mòralachd; brisdh e na seudair, righrean agus rioghachdan, sgoiltidh e lasraichean an teine. Le aon chuinneag de’n uisge spioradail so bhàth na martaraich naomh an lasair theinnteach sin anns an do thilg luchd na geur-leanmhainn iad: crathaidh e fàsach an t-saoghail aingidh, fhiadhaich, a toirt air cridheachan calm pheacach uaibhreach crathadh mar dhuilleagan nan craobh leis a’ ghaoith; agus a toirt pianntan na h-ath bhreith orra-san aig nach robh an cridheachan riamh roimhe so air an gluasad leis na cucoirean a bu mhòtha. Lomaidh e na coilltean agus sealgaidh e peacach a mach as na dideanan breige a dh’ ionnsaidh an do theich iad bho ghlaodh dioghaltais ceartais Dhé. Ach gu bhi labhairt na’s mionaidich tha focal Dhé na chumachd a tha rannsachadh a chridhe, théid e stigh do chogaisean dhaoine: amhaireidh e air na gnothaichean is diomhair a tha anns a’ chridhe, agus innsidh e dhuiinn eiod a ni sinn na’r seòmar-leapaich, coltach ri Elisa mu righ Shiria II. Rich. vi. 12. Thig e stigh far nach toir barrantas prionnsa ‘sam bith cumhachd dhà oifigeach gu bhi rannsachadh, eadhon do na chridhe. Tha sinn a leughadh gu’n d’ thàinig Criosd a dh’ ionnsaidh a dheiseiobuil agus na dorsan duinte agus sheas e na meadhon; Eoin xx. 19. Mar sin thig am focal (‘n uair a tha na dorsan uile duinte, agus nach eil fhios aig daoine eiod a tha dol air adhart ann am broillichean dhaoine) a stigh air pheacach, gun chead iarraidh, agus seasaidh e ann am meadhon nan cuilbhheartan agus nan comhairlean is diomhair a tha aig, ga chur fhéin na lathair agus ag radh ris mar a thubhairt Elisa ri Gehasi. Nach deachaidh mo shulsa leat ‘n uair a rinn thu siul na so? Cia minic a gheibh am peacach a chridhe air a leigeil ris leis an fhocal air a shearmonachadh, mar gu ‘m bitheadh am ministeir na sheasamh aig an uinneig aige, agus gu ‘m fae e nì rinn e, na mar gun do dh’ innis neach-éigin air dha na t-searmonaich. Mar sin b’aithne dhomh iad nach creideadh a chaochladh, ach gu’n do dh’ innseadh do’n mhinisteir na cleachdaidhean aca, agus gu’n robh e bualladh gu h-àraidh orra-san, ‘n uair a bha e cho aineolach air an
dèanadas ‘s a bha e air caithe-beath na bha chòmlnuidh ann an America, agus nach d’ rinn e ach eronachadh mar esan a bhuaill Ahab, tharruing e a bhogha air thuairimeas, gu’n a bhí cuimseachadh air neach air bith. Có bh’ uaith tha so a tighinn ach bho Dhia aig am bheil a’ bhuadh so nach toir e do neach eile? “Tha mise Icobbhah a’ rannsachadh a’ chridhe” Ieremiah, xvii. 10. Tha Dia anns an fhocal, agus, uime sin, gheibh e rathad gu dhol a stigh cadar uilt na luirich, ged a bhitheadh e air a chuir a mach air thuairmeas a bogha duine. Na’m bitheadh rathad aig creutair ‘sam bith a tigh de’n t-seòmar uaigneach so, be’n diabhol, air dhà bhi na spiorad, agus sùl cho geur aig, an aon a bu dòcha faotainn a stigh, ach tha eadhon esan air a ghlasadadh a mach as an t-seòmar so ged a gheibh e amharc a stigh anns an ath sheòmar. Nis, ma’s e Dia a mhain a rannsaicheas an eridhe, uime sin, chan urrainn am focal a tha deanamh an ni ceudna, tighinn bho neach eil ach bho Dhia féin. Có is urrainn iuchair a dhèanamh do’n ghlais so ach esan dhà ‘n aithne na cearnan aice uile? Na’n glasadadh tu suim airgid ann an ciste, agus nach bitheadh ach aon eil’ anns an t-saoghail a bhàr ort fhéin aig an robh fhios c’ait’ an do chuir thu ‘n iuchair, agus gu’m faigheadh tu air a toirt air falbh i, agus a chiste air spuinneadh, cho-dhunadh tu gu luath có rinn sin. Mar sin, ‘n uair a gheibh thu do chridhe air fhosgladh, agus a smuaintean diomhair air an rùsgadh dhuit anns an fhocal, faodaibh tu a cho-dhunadh gu’m bheil Dia ann an sin; is Esan a rinn an iuchair a rinn so, oir is E an aon neach a bhàr ort fhéin aig am bheil fhios air comhairlean do chridhe, agus a tha faicinn uile imeachd uaigneach an duine an leth a stigh. Có ach Esan is urrainn fear-rannsachaidh a chur cho dìreach gu t-ionad folach, far an do thaig thu suas ionmhasan an dorchadais a mach a sealladh an t-saoghail? Tha dà nì diomhair a dh’ fhoillsicheas am focal. An toiseach, an nì is aithne do chridhe an duine agus nach aithne do chreutair eile a bhàr air. Mar sin dh’ innis Criosd do bhean Shamaria an nì nach b’ urrainn a coimhearstnaich a chur as a leth, agus bh’ uaith so cho-
dhùin i gu’m b’ fhaidh e—duine bho Dhìà. Agus nach fhaod sinne a cho-dhunadh gu’r iad na sgriobtuirean focal Dhé do bhrigh gu bheil iad a dèanamh an nì ceudna? ‘San dara h-ait’, Na nithean sin nach aithne do chridhe an duine fhéin: Tha e air a radh gu’r “mò Dia na ar cridhe, agus is aithne Dhà na h-uile nithean” I. Eoin iii. 20. Is aithne dhà tuilleadh ma’r timchioll agus is aithne dhuinn fhéin: agus nach e am focal a tha dol sos gu grunn a chridhe, agus a toirt a nios an t-salchair as a sin, nach d’ thuair sùl na cogais sealladh riamh air, agus nach robh e comasach gu faigheadh, as eugmhais comhnadh an fhocail? Rom. vii. 7. “Cha bhitheadh eolas agam air sannt, mur abradh an lagh, na sanntaich.” Agus ma gheibh am focal a mach an nì sin a sheachnas sgrùdadh cridhe an duine fhéin, nach eil sin a dearbhadh gu bheil Dia anns an fhoical? Mar so tha an t-abstol a reusonachadh anns I. Cor. xiv. 25,ann a bhi labhairt air cumhaichd an fhocail air a shearmonachadh, gu bhi rùsgadh a chridhe, “Agus mar sin tha nithean folaichte a chridhe air am foillseachadh; agus mar sin, air dhà tuiteam air aghaidh, nì e aoradh do Dhìa, ag aithris gu bheil Dia gu firinneach annaibhse.”