CEANN III.
AN AISEIRIGH.
(Air a leantuin bho t-d., 394.)
“Na gabhaibh iongantas deth so; oir a ta ‘nuair a’ teachd, anns an cluinn iadsan uile a ta ‘sna h-uaghibh a ghuth-san: Agus théid iad a mach, iadsan a rinn maith, chum aiseirigh na beatha, agus iadsan a rinn ole, chum aiseirigh an damnaidh.”—Eoin v. 28, 29.
‘San dara àite, Bithidh iad ‘nan euirp ghlormhòr! chan e ‘mhàin sgiamhach, maiseach, agus air dèadh chumadh, ach bithidh iad làn glòir agus dealraidh! Chan fheudar an aghaidh as
maisiche, na ‘n corp as deise cumadh a ta nis anns an t-soaghal, a choimeas ri corp an naoimh as isle aig an aiseirigh; oir, “An sin dealraichidh na fireana mar a’ ghrian,” Mata xiii.. 43. Ma bha glòir dhealrach air aghaidh Mhaois, ‘nuair thainig e nuas o ‘n t-sliabh; agus ma bha aghaidh Stephain mar aghaidh aingil, ‘nuair a sheas e an làthair na comhairle; cia mò gu mór a bhios aghaidhean nan naoimh maiseach agus glòrmhor, làn de mhórachd aoibhneach thaitneach, ‘nuair a chuireas iad gach uile thruailldheachd dhiubh, agus a dhealraicheas iad mar a’ ghrian? Ach thugaibh fainear, nach ‘eil maisealachd so nan naoimh air an aghaidhean a mhàin, ach tha i ‘ga sgaoileadh féin air feadh an cuirp uile; oir tha ‘n corp uile air a thogail ann an glòir, agus bithidh e air a chumadh cosmhuil ri corp glòrmhor an Tighearna agus an t-Slànuighir; an ti ‘na chruth-atharrachadh, chan e ‘mhàin gu ‘n do dhealraich aghaidh mar a’ ghrian, ach bha mar an ceudna eudach geal mar sholus, Mata, xvii. 2. Ciod air bith uireasbhuidhean no mi-sgeimh a bha air cuirp nan naoimh, ‘nuair a bha iad air an eur ‘san uaigh, air an toirt orra le nithibh a thachair dhoibh ‘s a’ bheatha so, no a dh’ éiridh iad as an uaigh saor dhiubh sin uile. Ach ged mhaireadh comharran an Tighearn Iosa, na h-ailean no luirg nan lotan a fhuair cuid de na naoimh air a shonsan am feadh a bha iad air thalamh, air an cuirp, an déidh na h-aiseirigh; cosmhuil ris mar mhair long nan tairngean ann an corp an Tighearn Iosa; an déidh aiseirigh-san mheudaicheadh so an glòir, an àite a maise lùghdachadh. Ach ciod ‘sam bith mar bhios sin, gu einteach cha bhi sùilean Leah amhuinn, ‘s cha bhi Mephiboset bacach ‘na chasaibh. Oir mar a leaghas an t-òr-cheard an seann soitheach amhunn, agus a thilgeas e thairis ann an soitheach-cumadh nuadh e, ‘ga thoirt a mach le maise nuadh; mar sin bithidh an corp diblidh, a luidh a’ sgaoileadh as a chéile anns an uaigh, a’ teachd a mach aig an aiseirigh ann am maise iomlan, agus ann an cumadh sgiamhach.
‘San treas àite, Bithidh iad ‘nan cuirp neartmhor agus làidir. Feudar gu ceart a mheas gu bheil na daoiné as laidire air thalamh,
air dhoibh a bhi gearr-shaoghalach agus bàsmhor, lag agus amnhunn; a chionn gu bheil an neart, ciod sam bith cho mór as a ta e, gu h-ealamh air a chaitheamh air falbh agus air a chlaoichd. Tha mòran de na naoimh a nis aig am bheil cuirp na’s amhuinne na muintir eile; ach bithidh a’ mhuiintir lag ‘nam measg (gu coimeas ri Sech. xii. 8.) anns an là sin mar Dhaibhidh, agus tigh Dhaibhidh mar Dhia. Tha diadhair àraidh ag ràdh, gu ‘m bi aon na’s làidire aig an aiseirigh na ceud, seadh, na tha milte a nis: Gu cinnteach is mór, is anbhar mór, is éigin do neart nan corp ghloirmhor a bhi, do bhrigh gu ‘n giùlain iad trom-chud-throm glòire a ta na’s ro anabharrach agus sior-mhaireannach! Chan ‘eil an corp bàsmhor idir freagarrach d’ a leithid sin do staid. Am bheil aoibhneas os ceann tomhais a’ toirt bàs neach, cho maith ri doilghios os ceann tomhais; agus an urrain dà giùlan ri cudthrom glòire; an urrain dà mairsinn ann an coimh-cheangal ri anam a ta air a lionadh le mór-aoibhneas nèimh? Gu cinnteach chan urrain. Thuiteadh an corp bàsmhor sios fuidh’n uallaich sin, agus bheireadh a leithid sin de làn air an t-soitheadh chreadha briseadh ‘na’ mhioraibh. Dh’ innis an Sgriobtuir gu soilleir dhuiinn, nach fheud, “feòil agus fuil (sin ri ràdh, ‘nan staid amhuinn; ‘s a’ bheatha so ged b’ fheòil agus fuil famhar i) rioghachd Dhé a shealbhachadh,” I. Cor. xv. 50. Cia làidir is éigin do na sùilean corporra a bhi, a bhitheas, gu comhfhurt-achd shiorruidh an anama, ag amharc air glòir dhealrach agus greadhnachas an nuaidh Ierusalem, agus a bhios a’ geur-amharc air àrd-ghlòir agus dealradh an duine Criost, an t-Uan, ‘s e is solus do ‘n ehaithir sin, aig am bheil a luchd-àiteachaidh a’ dealradh mar a’ ghraín! Tha Tighearna nèimh a nis, ann an tròcair, a’ cumail air a h-ais aghaidh a chaitreach, agus a’ sgaiolesdh neòil orra, chum nach biodh daoine bàsmhor air an cur gu h-amhluadh le soillse na glòire, a ta dealradh a mach uaipe, Iob xxvi. 9. Ach an sin bithidh an sgàile air atharrachadh, agus iadsan air an dèanamh comasach air amharc orra, chum an aoibhneis do-labhairt. Cia làidir is éigin d’ an cuirp-san a bhi,
nach sguir a là no dh’ oidhehe, ach d’ an obair gun sgrur, gu bràth anns an teampull nèamhaidh, a bhi seinn agus a’ dèanamh iomraidh air moladh Dhé, gun sgios, nì a ta ‘na laigse d’ am bheil an corp anmhunn buailteach, ach a ta neo-fhreagarrach do ‘n chorp ghòrmhor!
‘San àite mu dheireadh, Bithidh iad ‘nan cuirp spioradail. Chan e gu ‘m bi iad air an atharrachadh gu spioradaibh, ach bithidh iad spioradail a thaobh am buaidhean agus an gnèithean spioradail. Bithidh an corp fuidh làn nachdranachd an anama, bithidh e ùmhal dhà, agus fuidh a chumachd; agus uime sin cha bhi e tuilleadh ‘na dheireadh d’ a bheòthalachd ‘s cha bhi mianna a’ chuirp na’s mò ‘nan ribeadh dhà. Cha bhi feum air a chumail fuidhe, no bhi air a tharruing gu seirbhis Dhé. Tha ‘n t-anam anns a’ bheatha so, cho mór fuidh chumachd a’ chuirp, a ‘s gu bheil e ann an cunntas Sgriobtuir, air a mheas feòlmhor: Ach an sin bithidh an corp spioradail, gu h-ealamh a’ seirbhiseachadh an anama ann an gnòthuch nèimh; agus anns an t-seirbhis sin a mhàin, mar nach biodh tuilleadh dàimh aige ris an talamh no th’ aig spiorad ris. Cha bhi feum na’s faide air na nithe sin a ta nis a’ cumail suas na beatha, eadhon, lòn agus éididh, agus an leithide sin: Cha bhi ocras orra tuilleadh, no tart na’s mò, Taisb. vii. 16. “Oir anns an aiseirigh cha phòs iad, ni mò bheirear am pòsadh iad, ach a ta iad mar na h-aingil a ta air nèamh.” An sin bithidh na naoimh laidir gun bhiadh no deoch, blàth gun eudach, gu bràth ann an slàinte iomlan gun chungaidh leigheis, agus a ghnàth ealamh agus beòthail, ged nach coidil iad gu bràth, ach a’ dèanamh seirbhis dhà a dh’ oidhehe agus a là ‘na theampull. Taisb. vii. 15. Cha bhi feum ac’ air aon de na nithibh sin na’s mò na th’ aig spioradaibh. Bithidh iad luath agus beòthail mar spioradaibh, agus do chàil fior-ghlan. Bithidh an corp a tha nis dumhail agus trom, an sin ro-bheòthail. Cha bhi ni dubhach ri fhaotairean an sin a ni an eridhe trom, agus na spioraid tìirseach agus tromintinneach. Far am bi a’ chairbh,
is ann an sin a bhios na naoimh, mar iomadh iolairean, air an cruinneachadh r’a chéile. Cha téid mi na’s doimhne sa’ ghnothuch so, nochdaidh an là e.
A thaobh gnéithean cuirp nan aingidh aig an aiseirigh, tha mi faicinn nach ‘eil an Sgriobtur a’ labhaitr ach beagan umpa. Ciod air bith air am bi feum aca, chan fhaigh iad boinne de uisge a dh’ fhuarachadh an teangaidh, Luc. xvi. 24, 25. Ciod ‘sam bith a dh’ fheudar a ràdh mu ‘n laigse, is nì cinnteach gu’m bi iad gu bràth air an cumail beò, chum gu bi iad gu storruidh a’ bàsachadh: Giùlainidh iad suas, ciod air bith eò neo-thoileach, fuidh eallach de fheirg Dhé, agus cha chaithe iad as fuidhpe; “Bithidh deatach am péine-san ag éirigh suas gu saoghal nan saoghal, agus chan ‘eil fois ‘sam bith a là no dh’ oidheche aca-san.” Gu cinnteach cha bhi comhpairt ‘sam bith de ghloir agus do mhaise nan naomh aca. Básaichidh an glòir uile maille riu, agus chan éirich iad gu bràth tuilleadh. Tha Daniel ag innseadh dhuiinn gu ‘n dùisg iad gu nàire agus masladh bith-bhuan, caib. xii. 2. Tha nàire leantuin a’ pheacaidh, mar a leanas a sgàile an corp; ach tha na h-aingidh anns an t-saoghal so ag siubhal ‘san dorchà, agus gu tric ann an riochd eile: gidheadh ‘nuair a thig am Breitheamh ann an teine lasaraich, aig an là dheireannach, bheirear gus an solus iad; Bheirear an sgàile brèige an sin diùbh, agus taisbeinear nàire an lomnochuidh gu soilleir doibh féin agus do mhuinntir eile, agus lionaidh i an aghaidhean le masladh. Bithidh an nàire tuilleadh is diomhain air son rughadh gruaidh; ach cruinnichidh an uile aghaidhean dubheadas aig an là sin ‘nuair a theid iad a mach as an uaighibh, mar mhuinntir fo bhinn bàis a mach as am priosain, gu bhi air an eur gu dith; oir is i an aiseirigh-san aiseirigh an damnaidh. Taisbeanar ann an sin a’ mhuinntir as maisiche, a ta nis a’ dèanamh uaill ‘nam maise cuirp, gun suim aca do mhi-mhaise an anama, le aghaidhean oillteil, agus le cruth-bàis uamhasach; Bithidh an seallaidhean eagallach, agus bithidh iad ‘nan seallaidhean uamhasach, a’ teachd a mach as an uaighibh cosmhuil ri spioradaibh ifrionnail a mach
as an t-slochd! Eiridh iad mar an ceudna gu masladh bith-bhuan! Bithidh iad an sin ‘nan creutairean anabharr suarach, air an lionadh le tarcuis o Dhia, mar shoithichean eas-urrain, ciod air bith na h-oibre urramach ris an robh iad air an cleachd-amh ‘san t-saoghail so, agus bithidh iad mar an ceudna air an lionadh le tarcuis o dhaoinibh. Bithidh iad anabarr tàireil ann an sùilibh nan naomh, eadhon na naoimh sin, a thug urram dhoibh an so, aon chuid air son an àrd-inbhe, tiodhlacadh Dhé annta, no a chionn gu ‘n robh iad de ‘n cheart nàdur dhaoine riu féin. Ach an sin bithidh an cuirp mar chomhlion de chlosaichean gràineil, a theid a mach agus air an amhaire iad le gràin: “Seadh bithidh iad ‘nan gràineileachd do na h-uile feòil,” Isa. lxxvi. 24. Is e am focal an so ris an abrar gràineil-eachd, an aon ni ris an abrar ‘sa’ bhonnteasgaig eile masladh; agus tha Isaiah agus Daniel ag amharc ris an nì cheudna, eadhon, gràineileachd nan aingidh air an eiseirigh. Bithidh iad fuathach ann an sùilibh aoin a cheile: Cha robh na truaighean neo-ghlan riamh cho gràineil an sin! Bithidh na companaich ghràdhach ‘sa’ pheacadh, an sin ‘nan gràin gach aon r’a chompanach; agus cha mhò bhios a mheas air na daoine mór aingidh le ‘n droch iochdarain, le ‘n seirbhisich, le ‘n tràillibh, na tha air inneir na sràide.
Ri leantuin.